
Ìmpireachd agus frith-ìmpireileas bho sheann eachdraidh chun an latha an-diugh. Meòrachadh air tionndadh Gàidhlig de dh’Òraid Chalgacuis (AD 98) a rinn Pàdraig MacPhàrlain ann an 1813.
A rèir an eachdraiche Ròmanaich Tacitus (mu AD 56–mu 120), chuireadh blàr mòr eadar na Ròmanaich agus treubhan de Chailleanaich (Caledonii), mu AD 83, àiteigin ann an ceann a tuath na h-Alba. B’ e seo Blàr Mons Graupius. Ron chath fhèin, sgrìobh Tacitus ann an Agricola (mu 98) gun tug ceannard nan Cailleanach, Calgacus, òraid seachad do a chuid shaighdearan gam brosnachadh gus buaidh a thoirt air an luchd-ionnsaigh. Mura dèanadh iad a’ chùis, thuirt e, chailleadh iad an saorsa gu bràth cleas gach sluaigh eile a thachair ri Ìmpireachd na Ròimhe.
Tha criomag no dhà bhon òraid seo anabarrach ainmeil ann an litreachas na h-Alba, agus litreachas an t-saoghail. Ann am Beurla ’s aithne dhuinn uile, ‘They make a desert and call it peace’ (ubi solitudinem faciunt, pacem appellant). Agus, cuideachd, tha an abairt ud ann ‘the last of the free’ gus bruidhinn air na Cailleanaich, mar a gheibhear san tionndadh chumanta seo:1
We, the most distant dwellers upon earth, the last of the free, have been shielded till today by our very remoteness and by the obscurity in which it has shrouded our name.
Chùm Tacitus a-mach, ge-tà, gum b’ e call uabhasach a dh’fhulaing na treubhan fo stiùir Chalgacuis. Mharbhadh na mìltean, agus theich an còrr.
An duilgheadas a th’ ann, chan eil fianais againn gun do thachair am blàr idir.2 Cha deach làrach a lorg fhathast, ged a bhios àirc-eòlaichean a’ sìor-dhol an tòir oirre. Agus, ged as e Calgacus a’ chiad Chailleanach no ‘Albannach’ a tha a’ togail ceann ann an litreachas, agus a’ bruidhinn gu deas-bhriathrach fiù ’s, chan eil teagamh nach e faclan Tacitus a th’ ann an òraid Chalgacuis. Agus, bu chòir dhuinn a bhith amharasach mun a h-uile rud ann an ‘eachdraidh’ an Ròmanaich.
Chan eil sin gu diofar. ’S ann a tha ùidh agamsa ann an ‘Òraid Chalgacuis’ mar theacsa – sàr theacsa frith-ìmpireileach, ge b’ oil le Tacitus – agus mar a chaidh sin a mhìneachadh is a leughadh às ùr tro eachdraidh.
Gu h-ìseal, gheibhear eadar-theangachadh Gàidhlig dhen Òraid a rinn Pàdraig MacPhàrlain (1768–1832), maighstir-sgoile san Apainn,3 agus a chaidh fhoillseachadh ann an 1813. Cha robh fios ’am gun robh dreach Gàidhlig ann, agus nuair a leugh mi e bhuail e orm cho cumhachdach ’s a bha e mu chogadh, colonachadh agus ìmpireachd. Bheachdaich mi air dè thug air MacPhàrlain tionndadh Gàidhlig a dhèanamh, agus ciamar a thuig e fhèin an teacsa.
Tacitus
’S e a tha ann an Òraid Chalgacuis ann an Agricola le Tacitus4 eisimpleir neartmhor de reatoraig airson ‘saorsa’ agus an aghaidh ‘daorsa’, mu cho olc ’s a tha Ìmpireachd na Ròimhe, agus ìmpireachd san fharsaingeachd, agus mu cho ceart agus deatamach ’s a tha e do dhaoine saora – an seo, treubhan nan Cailleanach – a bhith ag aonachadh ri chèile gus sabaid airson an saorsa a ghlèidheadh.
Ciamar a b’ urrainn do dh’eachdraiche Ròmanach a leithid de chàineadh a sgrìobhadh?
Ann an da-rìribh, ’s ann a tha sinn a’ spìonadh faclan Chalgacuis a-mach às a’ cho-theacsa. Mar a tha Dylan Sailor a’ mìneachadh, tha Agricola ag amas air athair-cèile Tacitus, an seanailear Agricola (AD 40–93), riaghladair Ròmanach Bhreatainn, a mholadh agus a bhith a’ glèidheadh cuimhne air a chuid ‘virtues and exploits’.5 Tha Tacitus gu mòr a’ dìon na h-Ìmpireachd. Dìreach às dèidh òraid Chalgacuis tha òraid le Agricola fhèin ann a thug e seachad do na saighdearan aige ro Bhlàr Mons Graupius (Agricola 33–34). An sin, tha e a’ cumail a-mach gu bheil an t-arm Ròmanach ri euchdan glòrmhor, tha Breatann an ìre mhath cìosnaichte, choinnich iad ris na fìor ghaisgich Bhreatannach ann am blàran mar-thà mu dheas agus cha robh air fhàgail ach an fheadhainn a theich. ’S e ‘gealtairean gun smior’ a bha anns na Cailleanaich, mar bhèistean a dh’fhalaich iad fhèin anns a’ choille. Chan eil e a’ fìrinneachadh carson a tha riaghladh na h-ìmpireachd nas fheàrr ach tha e ri thuigsinn gur e ceannsachadh nan treubhan tuathach an cnap-starra mu dheireadh gus am bi na Ròmanaich rèidh de shìor-chogadh ann am Breatann agus gus an obraich an Ìmpireachd gu sìtheil bho sin a-mach.
Tha Sailor ag argamaid gun lorgar càinidhean làidir eile air Ìmpireachd na Ròimhe ann am beul choigreach ann an sgrìobhaidhean Ròmanach eile.6 Bha na sgrìobhadairean sin comasach air nuans ach chan ionnan sin agus a ràdh gun robh iad dha-rìribh ag aontachadh leis a’ chàineadh. An seo, tha e doirbh dhomh gun a bhith a’ smaointinn gun robh tomhas de cho-fhaireachdainn aig Tacitus ri muinntir Chaledonia fiù ’s ged a bha e a’ creidsinn gun robh e na b’ fheàrr agus do-sheachanta gun rachadh an claoidh.
B’ urrainn dhuinn seo a cheangal ri argamaid Sailor mu ‘shaorsa’ agus ‘daorsa’ anns an teacsa.7 Bha Tacitus a’ sgrìobhadh às dèidh riaghladh Ìmpire Domitian (AD 51–96) a mheas e na aintighearna agus a tha air a dhìomoladh tro Agricola. Tha e coltach gun robh Tacitus mothachail gun robh olcas, sannt, agus anaceartas anns an Ìmpireachd agus dh’fhaodadh i bhith air a droch stiùireadh. Ach, ann am beachd Tacitus, dh’fhaodadh i bhith air a deagh riaghladh (cleas Agricola fhèin), chan eil saorsa nan Cailleanach cho math sin, agus tha an saoghal nas fheàrr dheth le rian agus òrdugh na h-Ìmpireachd. Tha Sailor a’ togail eisimpleir nan Usipi(i).8 Tha iad sin a’ nochdadh mar eisimpleir de reubaltaich ann an òraid Chalgacuis ach sgrìobh Tacitus mun deidhinn na bu tràithe san teacsa gus sealltainn cho uabhasach ’s a bha am beatha às dèidh a bhith a’ cur an aghaidh nan Ròmanach. ’S e a choisinn iad, ann am faclan Sailor, ‘the freedom to take your chances in a den of wolves’.9 Cha chreid mi gun coimheadadh na Cailleanaich air anns an dòigh sin.

Calgacus ann an Litreachas na h-Alba
Tha Robert Crawford feumail ann a bhith a’ cnuasachadh air dìleab Chalgacuis ann an litreachas na h-Alba. Aig toiseach Scotland’s Books (2009), tha e a’ dèanamh a dhìcheall gnàth-ìomhaigh a sheachnadh a bhios a’ sìor-thogail ceann ann an eachdraidh agus litreachas gu bheil Albannaich ‘wild, barbaric and macho’10:
Some Scots can even feel nostalgic for this lazy perception, as if Scotland meant only loud past glories and doomed-to-fail aboriginal virtue. It is easy to construct, through nostalgic mists, a vaguely noble, distant Scottish hero, pure, aboriginal, uncorrupted, male and barbarian, a subject for lament in the north.
For much of this Tacitus is to blame.
Tha Crawford a’ sealltainn mar a tha mac-talla air choireigin de Chalgacus, mar a chruthaich Tacitus e, anns na chaidh a sgrìobhadh le Albannaich air Uilleam Uallas, Oisean, agus gaisgich (agus frith-ghaisgeach) na dùthcha sìos chun an latha an-diugh. Bha iomadach sgrìobhadair leithid Sheòrais Bhochanain agus Sir Walter Scott eòlach air Calgacus, agus moiteil às na bha e a’ riochdachadh. Chaidh an sgeulachd aige ath-innse. B’ e cuideachd eisimpleir tràth a bha ann dhen ‘fhiadh-dhuine uasal’ (noble savage) san fharsaingeachd. Agus, tha Crawford a’ cur cuideam air ròl na fireannachd (masculinity) anns an aithris air Albannachd a tha a’ putadh bhoireannach a-mach às an deilbh gu lèir.11
Tionndadh Gàidhlig 1813
Carson a chuireadh MacPhàrlain Gàidhlig air an Òraid?
An toiseach, chan eil e soilleir am b’ ann bho Laideann Tacitus fhèin a rinneadh an t-eadar-theangachadh no an robh e stèidhichte air dreach Beurla. Ach, mar mhaighstir-sgoile, tha mi an dùil gum biodh Laideann aig MacPhàrlain agus tha eadar-theangachadh eile leis san aon chruinneachadh air ‘Pyrrhus agus Fabritius’ (tdd 214–216).
’S cinnteach gum biodh ùidh aig MacPhàrlain san teacsa mar thùs cudromach tràth ann an eachdraidh ceann a tuath na h-Alba, teacsa a tha fhathast drùidhteach ri leughadh, agus a bhiodh na adhbhar moit do leughadairean Gàidhealach. Tha corra cho-dhùnadh eadar-theangachaidh is eile a rinn e gu math inntinneach. Chì sinn gu bheil tuairisgeul air Calgacus (no ‘Galgac[us]’) mar ‘Ceann-feadhna nan Gaidheal’ (mo chuideam). San òraid fhèin, tha e a’ bruidhinn air ‘muinntir na Gaëltachd’ agus ag ràdh gu làidir ‘Tha Ghaeld’achd fhathast saor.’ Tha fios gur e às-aimsireachd (anachronism) a tha ann a bhith a’ sgrìobhadh mu Ghàidheil agus mun Ghàidhealtachd ann an AD 83.
’S e fear dhe na Cailleanaich (Caledonii), sinnsirean nan Cruithneach, a bha ann an Calgacus agus e a’ sabaid airson Caledonia shaor, a’ cheàrnaidh sin tuath air Linne Foirthe. Chan eil iomradh air na Scoti (.i. na Gàidheil) gu nas anmoiche sa 4mh linn mar Èireannaich, agus mar reudairean air Britannia nan Ròmanach. A rèir Ptolemy, mu AD 150, ’s e na h-Epidii a bha ann an Cinn-Tìre agus Èarra-Ghàidheal – ainm air a bheil coltas Breatannach seach Gàidhealach leis an fhuaim ‘p’, agus a-mach air dia eich. Air an làimh eile, tha deasbad inntinneach eadar àirc-eòlaichean agus eachdraichean mu thùsan nan ‘Gàidheal’ ann an Earra-Ghàidheal. Dh’fhaodadh gun robh conaltradh cultarach is cànanach eadar ceann a tuath na h-Èireann agus Earra-Ghàidheal fada mus deach Dál Riata a stèidheachadh sa 5mh linn. Dh’fhaodadh gun robh ‘Gàidheil Bhreatannach’ no ‘Breatannaich Ghàidhealach’ – a’ leantainn argamaid Alex Woolfe – eadar gach taobh de Shruth na Maoile fad ’s a bha na Ròmanaich fhathast ann an Alba (dh’fhàg iad mu AD 210).12
Ach, tha sinn a’ dol air seachran. ’S ann a tha MacPhàrlain a’ comharrachadh gur e an aon sluagh a bha anns na treubhan Cailleanach agus Gàidheil an ama aige fhèin,13 agus ann an cuid de dhòighean bha e ceart – ged a b’ urrainn dhuinn sin a cheasnachadh. A bheil e, ma-thà, a’ cur an cèill gnè de mhothachadh nàiseanta Gàidhealach? A bheil e a’ cleachdadh fionn-sgeul Chalgacuis gus Gàidheil a mhisneachadh na latha fhèin seasamh ris na bagraidhean a bha rompha. Tha mi a’ smaointinn gum biodh e doirbh do leughadair Gàidhlig gun a bhith a’ faireachdainn rudeigin dhen t-seòrsa sin anns na bliadhnaichean às dèidh Chùil Lodair.
Dh’fheumamaid a chothromachadh, ge-tà, le bhith a’ beachdachadh air na h-iomraidhean air Breatannaich. Bha iad sin ann bho thùs ach dh’atharraicheadh ciall an ainm sin tro eachdraidh. Tha e brìgheil mar a tha Gàidheil agus Breatannaich a’ dol an ceann a chèile ann an tionndadh MhicPhàrlain. Tha ìomhaigh againn dhen ‘Ghàidheal’ shaor chathach a’ cur an aghaidh nan Ròmanach ann an ceann a tuath na h-Alba, agus tha ìomhaigh againn de Bhreatannaich ‘air am breith le fior ghràdh air saorsadh’. Bha na Gàidheil seo nam Breatannaich. An diofar a bha eatarra ’s e nach robh iad fo chuing nan Ròmanach fhathast, agus ’s dòcha gum brosnaicheadh iad Breatannaich eile èirigh an aghaidh an daorsa.
A’ smaointinn air mar a bhithear a’ dèanamh feum de litreachas, saoilidh mi gum faigheadh leughadairean teachdaireachd phoileataigeach don latha aca fhèin anns an sgeulachd: an dà chuid mothachadh nàiseanta Gàidhealach agus Breatannach.14 Bhiodh sin a’ dèanamh ciall a thaobh an ama a chaidh seo fhoillseachadh: 1813, ri linn Cogaidhean Napoleon nuair a bha Breatann na boil an aghaidh cunnart de dh’ionnsaigh bho aintighearna eadar-dhealaichte agus bha gràdh-dùthcha Breatannach gu làidir a’ cuartachadh. Tha e cuideachd air a dhaingneachadh, mar eisimpleir, le còmhradh poileataigeach a dh’fhoillsich MacPhàrlain ann an 1815. Bruidhnidh mi mu dheidhinn sin ann am brath-bloga eile.
Gàsa
Nuair a leughas mise an teacsa àrsaidh seo air Calgacus chan urrainn dhomh gun ceangal a dhèanamh ris na tha a’ tachairt ann an Gàsa an-dràsta fhèin.
Anns an Òraid, leughar mu chumhachd mhòr, leis an armachd as adhartaiche, ga cur an aghaidh sluagh bochd, so-leòinte. Ìmpireachd an aghaidh dhaoine saora. Tùsanaich air am brùthadh chun an iomaill, a’ sabaid gus maireachdainn beò. Luchd-colonaidh a’ cur crìoch air obair a’ cheannsachaidh.
Chithear na daoine colonaichte ag èirigh le fòirneart an aghaidh aintighearnas. ‘Cia dlù a bha na Brigantich air a chuing a chrathadh dhiubh—fo stiùradh boirionnaich!’15 An caidreachas a dh’fheumas a bhith eadar daoine brùite ma tha teansa sam bith gu bhith aca.
Tha diofar dhòighean aig ìmpireachdan air daoine a chìosnachadh. Mar a leughar Calgacus, b’ ann a bha an Ròimh ag iarraidh a bhith a’ sìor-ghabhail a-steach shluaghan eile, an cuid fearainn a spùinneadh, gan dubh-shaothrachadh fhèin agus na fir a chur san arm ìmpireil. Chan e sin a tha fa-near do dh’Israel – agus cha b’ e bho thoiseach eachdraidh na Sionachd. Tha iad ag iarraidh cuidhteas na Palastainich gu lèir, gach mac-màthar. Chan eil iad airson lorg sam bith a bhith air fhàgail dhiubh.
Ach, a’ leughadh eachdraidh mu na Ròmanaich tha e soilleir gun robh sgrios-cinnidh am measg nam ball-airm aca. Nuair nach b’ urrainn dhaibh na Cailleanaich a cheannsachadh, thill na Ròmanaich do cheann a tuath na h-Alba aon uair eile ann an AD 209. B’ e òrduighean an Ìmpire Septimius Severus (AD 145–211), a rèir Cassius Dio (mu AD 165–mu 235):16
Let no one escape sheer destruction,
No one our hands, not even the babe in the womb of the mother,
If it be male; let it nevertheless not escape sheer destruction.
Chan ionnan idir seann eachdraidh air dhìochuimhne agus eucoirean do-fhulang ar latha-ne. Aig a’ char as fheàrr, dh’fhaodadh litreachas is eachdraidh a bhith gar cuideachadh gus meòrachadh air ìmpireachd, colonachadh, is sgrios-cinnidh agus a bhith a’ cuimhneachadh air na daoine a chuir nan aghaidh.
Tharraing an sàr sgoilear Palastaineach Edward Said fhèin air teacsa Tacitus anns an aiste ‘A Desolation, and They Called It Peace’ a chaidh fhoillseachadh ann an 1998. Seo mar a thòisich i, agus e a-mach air Aonta Sìth Oslo (1993):17
NOW THAT OSLO has clearly been proven the deeply flawed and unworkable “peace” process that it really was from the outset, Arabs, Israelis, and their various and sundry supporters need to think a great deal more, rather than less, clearly. A number of preliminary points seem to suggest themselves at the outset. “Peace” is now a discredited and fraudulent word, and is no guarantee that further harm and devastation will not ensue to the Palestinian people. How, after all the land confiscations, arrests, demolitions, prohibitions, killings that occurred unilaterally because of Israel’s arrogance and power in the very context of the “peace process,” can one continue to use the word “peace” without hesitation? It is impossible. The Roman historian Tacitus says of the Roman conquest of Britain that “they [the Roman army] created a desolation, and called it peace.” The very same thing happened to us as a people, with the willing collaboration of the Palestinian Authority, the Arab states (with a few significant exceptions), Israel, and the United States.
Mo chreach, ma bha na faclan sin fìor 26 bliadhna air ais! Tha sinn a-nis air còrr is bliadhna shlàn de mhurt fhaicinn an aghaidh muinntir Ghàsa agus na Palastaine. Thathas a’ meas gu bheil feachdan Israel air co-dhiù 75,000 tunna de stuth-spreidhidh a leigeil air teaghlaichean, sìobhaltaich agus naoidheanan ann an Gàsa. An t-seachdain seo, tha àrd-oifigeach anns na Nàiseanan Aonaichte a’ rabhadh gum faodadh a h-uile duine ann an ceann a tuath Ghàsa bàsachadh. Agus, tha Israel air an dearbh chasgradh a sgaoileadh gu ceann a deas Leabanoin.
Agus, às dèidh a h-uile rud a rinneadh, bruidhnidh luchd-poileataigs agus na meadhanan fhathast mu bhith ag obair a dh’ionnsaigh ‘sìth’ agus ‘fuasgladh na dà stàite’.
Dè tha nas cudromaiche an-diugh na bhith a’ seasamh nam Palastaineach an aghaidh am fàsachaidh le aintighearnan Israel, Aimeireaga, na Gearmailt agus Bhreatainn?
***
PROSNUCHADH GHALGACUIS, Ceann-feadhna nan Gaidheal, ’n uair a bha iad a’ dol a chuir Cath ri Feachd na Ròimhe. Air a chuir an Gaelic.
Le P. MACPHARLAIN.
A mhuinntir mo dhùcha agus mo cho’-shaighd’eara!
’N uair a tha mi toirt fainear an aobhair m’an do tharruing sinn ar claidheannan, agus am feum a th’ againn air buille tarbhach a bhualadh, m’an cuir sinn a rìs san truaill iad; tha mi mothachadh dòchas aoibhneach ag èiridh suas ’am inntinn, gum bi air an là ’n diugh slighe air a fosgladh chum saorsadh Bhreatuinn a thoirt air a h-ais, ’s a chum cuing sgreitidh tràillealachd na Ròimhe a chrathadh dhinn. Tha Ghaeld’achd fhathast saor. Cha b’ urrainn uile-chumhachd ghramail na Ròimhe ar saorsadh a ghlacadh. Ach ’s ann a mhàin le treubhantas a choimhdear i. Cha’n ion duibh fiuthair a bhi agaibh, gun d’thèid sibh as o luchd-creachaidh a chinne-daoine trid bàighealachd. ’N uair a cheannsuichear na dùchanna air am fasa ruigheachd, thèid iad an sin air an aghaidh dan ionnsuidh-san air an deacaire buaidh a thoirt. Agus ma bheir iad buaidh air an talamh uile, bheir iad a rithist oirp air am feachd a chuir gu taobh thall a chuain mhòir, a shealltuin nach ’eil fhathast rioghachdan neo-aithnicht’ ann, air an d’thoir iad ionnsuidh, ’s an tabhairt fo chìs do dh’iompaireachd na Ròimhe. Oir tha sinn a’ faicinn, ma mheasar tìr cumhachdach, gun tabhair na Ròimhich ionnsuidh orra, chionn gu bheil a cìosnachadh cliuiteach; ma tha i neo ainmeil an gaisge, a chionn gu’m bi a bhuaidh so-fhaotuinn: ma tha i saibhir, tha iad a’ teachd le fiuthair ri cobhartach; ma tha i bochd, le dèigh air alladh. Tha’n àirde n-ear agus an iar, an àirde deas agus tuadh, aghaidh na cruinne gu h-iomlan, air an sàruchadh le’n cogadh; tha ’n saoghal m’an iath ghrian ro-bheag airson an gionaich agus an sainnt. ’S iad fein an t-aon sluagh a chualas riamh a bha co dèigheil air rioghachd bhochd ri rioghachd shaibhir a cheannsuchadh. ’S coltach gur e ’m prìomh-shonas bhi creachadh, a’ cogadh, ’s a dortadh fola; ’s an uair a dh’fhàsaicheas iad dùthaich, ’s nach fàgar duine beo innte is urrainn airm a thogail nan aghaidh, an sin their iad, gun d’ thug iad sìth do’n tir sin.
Dh’ orduich nàdur fein do na h-uile dhaoinibh, gu’m biodh am mnài agus an clann ro-ionmhuinn leo. Ach tha dearbh-chinnt aguibhse, a mhuinntir mo Dhùcha, gu bheil na fleasgaich air an d’ thugadh buaidh air an tarruing air falbh, a dheanamh suas feachd na Ròimhe. Tha mnathan, pearaichean, agus nigheana nan daoine a ghèill doibh, an darna cuid air an èigneachadh, no air an truailleadh le seoltachd nan creachadairean an-iochdmhor sin. Tha toradh an dìchill air a shlad, a dheanamh suas na cìs a leagadh orra le gionach fòirneartach. Tha na Breatunnaich a’ cur am machraichean; ach tha na Ròimhich chìocrach gam buain. Tha ar cuirp air an sàruchadh a’ deanamh oibre dhoibh; agus ’s è buillean agus tàir am buidheachas a th’aguinn an co’lorg ar saoithreach. Tha iadsan a ruga nan tràillibh, air an ceannach agus air an cumail suas le ’n sealbhadoiribh: ach tha’n tìr neo shonadh so a’ toirt duais arson i bhi fo dhaorsadh, agus a’ beathachadh na h-aitim a tha ga toirt ann. Agus ’s e ar cuidne de ’n mhi-chliu is fior chràitiche, a chionn gur iad muinntir an eilein so is deireannaich a thainig fo’n cuing thruaillidh. ’S e am fuath a th’ aguinn air an-tighearnas, a choireadh is mò a tha brosnuchadh nan an-tighearnan, fòirneartach sin ’n ar n-aghaidh. Tha sinn a bhi co fada o bhaile mòr ar rioghachd, agus air ar dìon a thaobh nàduir leis a chuan chuisleach uaibhreach a tha gar cuairteachadh, gar fàgail buailteach d’ an an-amharuis; oir tha fios aca, gu bheil Breatunnaich air am breith le fior ghràdh air saorsadh; agus tha iadsan a’ meas, gur dù dhuinn bhi smaoineach air a chothrom a ghabhail, uair no uair-eigin, air sinn fein a shaoradh o’n cuibhrichibh.
Mar so mo Chairdean, le sinn a bhi air cuir an duileachd, agus air ar fuathachadh, mar is eigin duinn a bhi, leis na Ròimhich, cha’n ion duinn fiuthair a bhi aguinn ri daorsa chuimsich fein a mhealtuinn fòdhpa. Cuireamaid ma ta, ann an ainm gach ni tha naomha, agus chum gach ni is caomh leinn a dhìon, romhainn, oirp fhoghainteach a thoirt, mar an[n a] dh’fhaighinn cliu, air a chuid is lugha gu bhi tearuinte; mar ann a chumail suas meas Bhreatunn, mar is lugha chum ar beatha a dhìon. Cia dlù a bha na Brigantich air a chuing a chrathadh dhiubh—fo stiùradh boirionnaich! Loisg iad ionad-còmhnuidh Ròimheach: thug iad ionnsuidh air na Legionaibh Ròimheach nan campa. Mar d- thugadh mar shoirbhich leo orra a bhi tuille ’s earbsach asda fein, bha’n gnothach criochnaichte. Agus nach dean sinne, muinntir na Gaëltachd, aig a’ bheil ar criochan fhathast saor, ’s aig a’ bheil an neart gun lughdachadh; nach d’thoir sinn oirp, mo Cho’-shaighdearaibh, air caileigin a dheanamh, a nochdas do na creachadairibh coimheach sin, gu bheil aca tuille ri dheanamh na bha iad ’am barail, m’an d’thoir iad buaidh air an eilean uile?
Ach, an diaigh so uile, co iad na Ròimhich chumhachdach so? Co dhiubh a th’ annta dee, no daoine bàsmhor mor sinn fein? Nach ’eil sinn a’ faicinn iad [sic] ciontach ann am mearachd agus ann an laigsinn mar daoin eile? Nach ’eil sìth gam fàgail meath-chridheach? Nach ’eil saibhreas gan truailleadh? Nach ’eil iad a’ dol gu ana-bharra anns na dubhailcibh is duaichnidh? Agus am faod sibh a shaoilsinn gu bheil iadsan a tha comharraichte ann an dubhailc, sònruichte ann an cruadal cuideachd? Ciod, ma ta, roi bheil eagal oirn?– An innis mi dhuibh an fhirinn, mo Chàirde? ’S ann a thaobh ar n-eas-aonachd eadaruinn fein, a fhuair na Ròimhich na h-urrad cheannais oirn. Tha iad a’ gabhail cliu dhoibh fein o dhroch ghiulan an naimhdean. Tha iad a’ deanamh uaill as na rinn iad fein, agus nan tosd mu na dh’ fhaodamaid a dheanamh nan aghaidh, nam biomaid a dh’aon rùn. Co e am feachd ainmeil Ròimheach so? Nach ’eil e air a dheanamh suas le slaugh o ioma dùthaich; cuid is teomadh air cogadh no dream eile; cuid ni ’s murraiche na chèile air cruaidh-chas fhulang! Tha iad a’ fuireach co’-lath am feadh a tha chùis a’ soirbheachadh leo. Thugaibh ionnsuidh ghramail orra: sàraichibh iad: ’s chi sibh gum bi an sin am barrachd eas-aonachd nam measg-san, na tha san àm so ’nar measg-ne. Am faod aon neach a shaoilsinn, gum bi daoine o Ghaul, o’n Gearmailt, agus le nàire canam è, muinntir Bhreatuinn fein, a[ ]tha gu nàr mi-chiatach a’ co’-aontachadh le luchd-spùinnidh an Dùcha; tha mi ràdh, am faod aon neach a bharaluchadh gu bheil iad sin air an cumail ri chèile le dìllseachd agus carthannachd? Cha’n’eil, se eagal, ceangal na sìth nam measg-san. Agus an tra sguireas geilt a dh’ oibreachadh air inntinn a chumasg mhòr shluaigh sin, bheir iadsan a tha ’n dràsta fo eagal, fuath d’an an-tighearnan an-iochdmhor.—Tha air ar taobh-ne, gach ni is urrainn ar brosnachadh gu cruadal. Cha’n’eil misneach nan Ròimheach, mar ar misneach-ne, air a dùsgadh suas le eagal gun tuit ar mnathan agus ar clann ’an lamhaibh ar naimhdean. Cha’n’eil athair no màthair ’an so aca mar th’ aguinne, gu masladh a thoirt doibh ma thrèigeas siad iad nan sean aois. Cha’n’eil tìr ac’ an so gu cogadh as a leth. Cha’n’eil annt’ ach co’-chruinneachadh suarrach de choigrich, ann an dùthaich, air a bheil iad aineolach; air an gearradh a mach o’n tìr fein, air an ioma-dhruideadh a stigh leis a chuan; agus tha dòchas agam, air an toirt thairis dhuinne mar chobhartach, gun seol sam bith aca gu dol as. Na cuireadh fuaim ainm Ròimheach faitchios oirbh; ni mò a chuireas dealradh lonnrach an òir no an airgid air an armachd sgleo air ar sùilibh. Cha’n ann le òr, no le airgiod, a lotar no a dhìonar daoine; ge d’ is ann le’n samhuil sin a bhios iad nan cobhartach ni’s tarbhaiche dhoibh-san a bheir buaidh. Thugamaid gu misneachail an aghaidh air a phrasgan neo-aontachail so. Gheibh sinn am barrachd neart uapa fein. Fàgaidh na Breatunnaich thruaillidh, a tha nam measg, a chuir cùl ri leas an dùthcha iad, agus thig iad d’ar n-ionnsuidhne. ’Nuair a chuimhnicheas na Gauls air an t-saors’ a bh’aca romhe so, ’s gur iad na Ròimhich a chuir gan dì i, trèigidh iad na h-ann-dlighich sin, agus cuiridh iad le luchd chothachadh na saorsadh. Leanaidh na Gearmailtich eisimpleir muinntir an dùthcha, na Usipii, a dh’fhàg o cheann ghoirid iad. Agus co roimh ’n sin a bhios eagal oirbh? Beagan de dhaighnichibh air an leth riaruchadh le freiceadan; beagan bhailtean, air an àiteachadh le daoin’ air an sàruchadh agus air an claoidh: tha aimhreit a’buadhachadh nam measg, a’g èiridh o stràichd an uachdarain, agus o cheann-laidiread nan ìochdaran. Tha air ar taobh-ne, armailt a dh’aon rùn ann an aobhar an dùthcha, am mnathan, an clann, am pàrantan aosda, an saorsainn, agus am beatha. Air cheann an fheachd so, tha dòchas agam nach ’eil mi mi-mhodhail, ’n uair a their mi gu bheil, Ceann-feadhna, a tha ullamh chum gach comas a[ ]th’aige ghnàthachadh, a rèir mar tha iad, agus gu bheatha a chuir an cunnart gar treòruchadh gu buaidh làraich agus gu saorsadh.
Cuiream a nis crioch air an earail so, a mhuinntir mo Dhùthcha, agus mo Cho’-luchd-saoithreachaidh, le chuir nar cuimhne, gur h-ann ri’r gìulan air an latha an diugh a tha ar sìth agus ar saorsadh ann an earbsa, no sibh a strìochda do nàmhuid stràiceil uaibhreach, leis gach dosguinn a bhios na cho’-lorg. ’Nuair ma ta, a thèid sibh an sàs annta cuimhnichibh air na daoinibh o’n d’thainig sibh.—Agus smaoinichibh air ’ur sliochd fein.
Tùs: P. MacPharlain [deas.], Co’Chruinneachadh de dh’Orain agus de Luinneagaibh Thaghta Ghae’lach (Dun-Eudainn: T. Stiubhart, 1813), tdd 209–214.
Tha an cruinneachadh air fad air-loidhne an seo.
Tar-sgrìobhte le T. MacAilpein (2024).
- ’S ann bhon eadar-theangachadh aig H. Mattingly a tha seo ann an Tacitus: The Agricola and the Germania (Penguin Books, 1970 [1948]), td. 80. Faodar a leughadh an seo. ↩︎
- ’S dòcha gu bheil an tagairt sin ro làidir. Bha sreath de dhùin aig na Ròmanaich a’ dol suas loidhne nan Garbh-chrìochan/na Gàidhealtachd air a bheil Druim Ghasg (The Gask Ridge). Bhitheadh iad a’ sabaid ris na treubhan sa cheàrnaidh sin agus nan do thachair Blàr Mons Graupius tha e coltach gun deach a chur àiteigin san ear-thuath faisg air Siorrachd Pheairt no Siorrachd Obar Dheathain. Faic Duncan B. Campbell, Mons Graupius AD 83 (Oxford: Osprey Publishing, 2010). ↩︎
- Tha cunntas air Pàdraig MacPhàrlain/Patrick MacFarlane le James Ramsay MacDonald (!) ann an Sidney Lee, deas., Dictionary of National Biography, 1885-1900, Vol. 35 (Lunnainn: Elder Smith & Co., 1893), td. 76. Tha siud ri fhaighinn air-loidhne an seo. Cuideachd, tha cunntas nas giorra air ann an Derick S. Thomson, deas., The Companion to Gaelic Scotland (Glaschu: Gairm Publications, 1994), td. 189. ↩︎
- Gabhaidh Agricola a leughadh ann am Beurla an seo agus, faodar coimeas a dhèanamh ris an Laideann an seo. ↩︎
- Dylan Sailor, ‘The Agricola‘ ann am Victoria Emma Pagán, deas., A Companion to Tacitus (West Sussex: Wiley-Blackwell, 2012), td. 26. ↩︎
- Ibid., td. 32. ↩︎
- Ibid., tdd 32–37. ↩︎
- Ibid., td. 33. ↩︎
- Ibid. ↩︎
- Robert Crawford, Scotland’s Books: A History of Scottish Literature (Oxford: Oxford University Press, 2009), td. 17. ↩︎
- Ibid., tdd 17–19. ↩︎
- Faic: Ewen Campbell, ‘Were the Scots Irish?’, Antiquity 75 (2001), 285-92; A. Wolfe, (2012) ‘Ancient Kindred? Dál Riata and the Cruthin’ (2012) ri fhaotainn an seo. ↩︎
- 58 bliadhna na b’ anmoiche, ann an 1871, bhruidhinn an t-Urr. Donnchadh Blàrach (1815–1893) mu sgeulachd Chalgacuis anns an t-sreath aige ‘MU NA SEANN GHAIDHEIL’ ann an An Gaidheal (Dara Mìos an t-Samhraidh, 1871), 2:
“Chaidh na Romanaich air an adhart gu tuath a’ creach’ na tire anns gach aite, agus an sin chruinnich feachd Chaledonia uile gu cath ’nan aghaidh fo iul an Righ no a’ cheannaird chliutich sin d’ am b’ ainm Calgacus no Colgach. Tha ainm a’ chinn-fheadhna so a’ dearbhadh gum bu Ghaidheal gaisgeil a bha ann, oir co an Gael nach tuig ciod a tha air a chiallachadh le “colgach” no “colgarra,” agus tha e cosmhuil gum bu duine colgach, foghainteach an gaisgeach treun ud a reir an iomraidh a sgriobh Tacitus mu thimchioll.”
Bha esan deimhinnte às gum b’ e an aon sluagh a bha anns na Cailleanaich agus Gàidheil an 19mh linn:
“Gum bu Ghaidhil iad tha sinn a lan-chreidsinn agus gun do labhair iad Gailig mar a labhrar air an là an diugh le ’n sliochd ann an tir nam beann tha sinn ’a cumail a mach gu dana, agus bheir sinn oidhirp air a’ phuing so a dhearbhadh leis na hargumaidibh agus na comhdaichean a lheanas.” (2–3) ↩︎ - Gu bhith mionaideach, tha mi a’ dèanamh diofar eadar mothachadh nàiseanta (national consciousness) agus nàiseantachd, cleas Neil Davidson, The Origins of Scottish Nationhood (Pluto Press, 2000). Chan eil mi dhen bheachd gun rachadh againn air bruidhinn buileach mu nàiseantachd Ghàidhealach aig an àm seo, ach bha nàiseantachd Bhreatannach ga cur ri chèile bho anmoch san 18mh linn air adhart. ↩︎
- Chan ann a-mach air Boudica (a shiubhail mu AD 60/61) a tha an t-iomradh seo. Bha ise na bànrigh air an treubh Bhreatannach na h-Iceni ann an ear-dheas Shasainn san latha an-diugh. Bha na Brigantich no Brigantes, ge-tà, ann an ceann a tuath Shasainn. Chan eil fhios agam a bheil sinn cinnteach cò a bha Tacitus a’ ciallachadh. ↩︎
- A-rithist, cha bu chòir dhuinn gabhail ri seo mar fhìor fhaclan an Ìmpire. Fhuaireadh seo bho Cassius Dio, Roman History Vol. IX (Dreach Loeb Classical Library, 1927), 15 (td. 271). Ri leughadh air-loidhne an seo.
Seo mar a sgrìobh Alistair Moffat mu na Ròmanaich ann an Alba ann am Before Scotland: The Story of Scotland Before History (Lunnainn: Thames & Hudson, 2005), td. 226:
“The reality is that the Romans came to what is now Scotland, they saw, burned, killed, stole and occasionally conquered, and then they left a tremendous mess behind them, clearing away native settlements and covering good farmland with the remains of ditches, banks, roads, and other sorts of ancient military debris. Like most imperialists, they arrived to make money, gain political advantage and exploit the resources of their colonies at virtually any price to the conquered. And remarkably, in Britain, in Scotland, we continue to admire them for it.”
↩︎ - Edward Said, ‘A Desolation, and They Called It Peace’, Al-ahram, (June 25–July, 1998, Issue 383). Fhuair mise an teacsa ann an Ron Rosenbaum, deas., Those Who Forget the Past: The Question of Anti-Semitism (New York: Random House, 2004), td. 538. ↩︎

One thought on “Òraid Chalgacuis (1813)”