
B’ ann deich bliadhna air ais bhon latha an-diugh, 18 Sultain 2014, a bha an referendum airson neo-eisimeileachd Albannach.
Bha mise a’ fuireach an uair sin ann an Dùn Èideann, far Rathad an Ear. Anns na làithean agus seachdainean ron bhòt mhòr, bha daoine nam boil. Tha cuimhne ’am, turas, a bhith a’ gabhail sgrìob sìos Ceum Lìte agus chunnaic mi chan e a-mhàin gun robh tòrr dhaoine ag iomairt airson Bu Chòir, postairean is brataichean nan crochadh ann an iomadach uinneag, ach gun robh grunn stàlaichean ann aig diofar àitichean a’ dol sìos fad an rathaid gu lèir.
Air latha grianach foghair, choisich mi seachad air an Yes Shop agus a-steach gu talla na h-eaglaise. Bhòt mi airson neo-eisimeileachd.
Mar shòisealach, cha robh – agus chan eil – neo-eisimeileachd Albannach na ceann-uidhe dhomh. B’ ann a thuig mise gum faodadh i a bhith na ceum a dh’ionnsaigh barrachd cumhachd is beairteas a chur ann an làmhan a’ chlas-obrach – nan robh sinn eagraichte agus dha-rìribh còmhragach. Dh’fhaodadh cur an gnìomh na neo-eisimeileachd a bhith ag adhbhrachadh uiread de bhuaireadh don status quo gun rachadh aig gnàth-dhaoine ann an Alba a bhith a’ dol nas fhaide gus dùbhlan a thoirt do luchd-poileataigs nàiseantach fhèin, fiù ’s don tuigse is lèirsinn a bha aig nàiseantaich na làimh chlì gu ruige sin.
Tha mi a’ faireachdainn a-nis gu bheil an ceum ud – a bhith a’ briseadh na stàit Bhreatannaich – nas deatamaiche na bha e riamh. Anns na deich bliadhna a lean toradh an referendum an aghaidh na neo-eisimeileachd tha sinn air buille às dèidh buille fhulang bho Riaghaltas Westminster: gearraidhean gun abhsadh, ionnsaighean air còirichean, poileasaidhean gràin-chinnidheach, nua-ìmpireileas agus cogadh. Cà bheil sinn a-nis? Fo stiùir nan Làbarach, ’s e a tha romhainn fiù ’s tuilleadh teanntachd (austerity) agus eu-dòchas.
Tha Breatann mar structar a’ sìor-bhacadh atharrachadh sòisealta agus deamocrasaidh. Tha e de dhleastanas oirnn, dhuinn fhìn agus do dhaoine bochda, brùite air feadh an t-saoghail, an stàit sin agus na tha i a’ riochdachadh a dhiùltadh a-muigh ’s a-mach.
A dh’aindeoin nan grunn laigsean aig nàiseantachd Albannach – gun luaidh air an SNP – bha mòr-ghluasad na neo-eisimeileachd gun samhail ann an eachdraidh na h-Alba airson daoine, gu sònraichte an clas-obrach, a phiobrachadh gus pàirt a ghabhail ann am poileataigs.1 Rinn na h-urracha mòra, agus na meadhanan, an dìcheall cur an aghaidh siud agus ar putadh air ais sa bhogsa.
’S e an dùbhlan a tha againn a-nise gun a bhith a’ gabhail ris an dubhachas a tha iad a’ sparradh oirnn. Tha èiginn na gnàth-shìde agus èiginn shòisealta ann ris am feum sinn gleac gun dàil.
Mar sin, feumaidh gluasadan ann an Alba eagrachadh airson atharrachaidhean mòra anns an t-suidheachadh a tha againn – a’ strì, ma dh’fheumar, ri luchd-poileataigs ann an Holyrood: cìsean air beairteas/fearann, dì-mheadhanachadh cumhachd, ath-leasachadh fearainn, taigheadas do na h-uile, dìon air seirbheisean poblach saor an-asgaidh, agus an t-eadar-ghluasad cothromach (just transition). Bu mhath leam gum faic sinn eas-ùmhlachd chatharra an aghaidh an riaghaltais Bhreatannaich uair sam bith a bhacas e cumhachdan is adhartas ann an Alba, agus uair sam bith a sgapas e fòirneart gu h-eadar-nàiseanta.
Thèid ceum na neo-eisimeileachd a ghabhail ann an Alba, tha mi cinnteach. Dè an seòrsa neo-eisimeileachd, ge-tà, agus cò dha a bhiodh i ann? Dhòmhsa dheth, ’s e poileataigs shòisealach, èic-eòlach, eadar-nàiseantach air am bu chòir dhuinn a bhith ag amas. Chan fheum agus cha bu chòir dhuinn feitheamh airson a’ phoileataigs sin a chur air adhart. Thèid againn air barrachd smachd a ghabhail air ar co-chomann an-dràsta fhèin.
Tòmas MacAilpein (18.9.24)
- Rinn Neil Davidson nach maireann sgrùdadh feumail dha-rìribh air seo ann an Caibideil 3, ‘The Emergence of a Movement for Scottish Independence, 2012–2014’ ann an James Foley agus Ben Wray, còmhla ri Neil Davidson, Scotland After Britain: The Two Souls of Scottish Independence (Lunnainn: Verso, 2022). ↩︎

One thought on “Deich Bliadhna Air Ais (2024)”