Tolstoy ann an Gàidhlig (1902, 1904)

‘Portraid de Lev Nikolayevich Tolstoy’ (1887), ola air canabhas le Ilya Repin. Tùs na deilbh an seo.

’S aithne dhomh gun deach Gàidhlig a chur air co-dhiù dà sgeulachd ghoirid leis an sgrìobhadair Ruiseanach Leo Tolstoy (1828–1910). Ann an 1924, dh’fhoillsicheadh Far am bi Gràdh, Bidh Dia, eadar-theangachadh le Eòin G. MacFhionghain. Cha d’ fhuair mi cothrom air siud a leughadh fhathast. Agus, na b’ anmoiche ann an 1978, nochd ‘Mar a Rinn an Deamhain-bheag Suas airson Iomrall na Creamaig Arain’ ann an Gairm 102 fo pheann Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealboist. Tha siud math dha-rìribh.

Tha mi anabarrach measail air ficsean Tolstoy — ’s iomadh turas a dh’fheuch mi ri Cogadh is Sìth (1869) a leughadh! Ach tha ùidh a cheart cho mòr agam na chuid poileataigs. Anns a’ bhloga seo bheir mi sùil air dà thùs eile mu phoileataigs Tolstoy ann an Gàidhlig. ’S e eadar-theangachadh eile a th’ anns a’ chiad phìos air litir a sgrìobh Tolstoy mu Chogadh Afraga, a’ mìneachadh an t-seasaimh a bha aige an aghaidh cogadh. Nochd siud ann an Tìm an Òbain ann an 1902. An uair sin, san aon phàipear-naidheachd ann an 1904, bha cunntas air beachdan Tolstoy air a’ Chogadh Ruiseanach-Iapanach. Tha mi a’ cnuasachadh air na puingean a tha gan togail, agus air na h-adhbharan a bhiodh sgrìobhadairean Gàidhealach air an tarraing gu poileataigs frith-chogaidh dhen t-seòrsa seo. Tha beagan ann cuideachd mu Rèabhlaid 1905 a dh’èirich a-mach às a’ Chogadh Ruiseanach-Iapanach.

~~~

(1)

LITIR BHO THOLSTOI AIR COGADH AN TRANSVAAL.
AIR A H-EADAR-THEANGACHADH GU GAIDHLIG LE I. C.

Tha mi a’ cur fios-freagairt h-ugaibh le mhòr-thaitneas, oir tha na sgriobhaidhean agaibh, seach an treas, a’ fiachainn snasmhorachd agus treibhdhiris. Tha ’n treas fuasgailt, cha-n ann ’n a phoncalachd, ach gu’m bu chòir da fhiachainn le na’s mò shoillearachd na buaidhean tàmailteach aig aon de na riochdairean-chumhachd a’s uamhasaich agus aig an aon àm a’s àbhachdaich a th’ ann, an dara Uilleam. Ach eadhon ged thà na sgrìobhaidhean math, anns a’ bhonn cha-n ’eil mo bheachdan ann an còrdadh riutha; cha-n ’eil, cha-n ’eil mi ann an còrdadh riutha agus cha-n urrainn domh an ni sin a choireachadh a tha sibhse a’ coireachadh.

Ma thòisicheas dithis dhaoine air sabaid thairis air na cairtean an déigh dhaibh an daorach a ghabhail anns an taigh-òsda, cha ghabh mise orm fhéin fear aca a dhìteadh cia b’ e air bith cho math ’s a bhitheas na h-argamaidean aig an fhear eile. Cha-n ’eil aobhar an dol-air-aghairt mhaslaich ri fhaotainn anns a’ chùis gu’m bheil fear aca ceart, ach an àite iad bhi ag oibre gu sìobhalta no a’ leagail an anail gu’n do smaoinich iad iomchaidh fìon òla [?òl] agus cluich air chairtean ann an taigh-òsda. Air a’ cheart dòigh ’n uair a theirear rium gu’m bheil ann an cogadh ’sam bith na coirean uile air an aon taobh, cha téid orm [?agam air] a chreidsinn. Faodar aontachadh gu’m bheil aon taobh ’g a ghiùlan fhéin na’s miosa na ’n taobh eile, ach cha chuir rannsachadh ’sam bith air cò ’n taobh ’is miosa a tha ’g a ghiùlan fhéin solus dhuinn air an t-aobhar a thug air aghairt ni cho uamhasach, cho cruaidh-chridheach agus cho mì-nàdarrach ri cogadh.

Tha na h-aobhairean seo so-fhaicsinneach do h-uile duine nach ’eil a’ dùnadh a shùilean, agus an dràsda, ’s ann dhaibh a bhuineas cogadh an Transvaal, cho math ri gach cogadh eile a ghabh àite bho cheann ùine seo.

Tha na h-aobhairean seo trì-fìllte: (1) An droch roinn a th’ air maoin, sin ri ràdh, aona phàirt dhaoine ’bhi ’creach a’ phàirt eile. (2) Làthaireachd an òrdaigh armailtich, sin ri ràdh, daoine a th’ air an teagasg agus air an cur air leth air son mhoirt. (3) An teagasg Dhiadhachd mearachdach, agus a’ chuid ’is mò, mealltach, anns am bheil na ginealachdan òga le cumhachd an lagha air am foghlum. Air an aobhar seo ’s i mo bheachd gu’m bheil e cha-n e a mhàin mì-fheumail, ach cronail aobhairean nan cogadh a chur ás-leth an t-Seambarlanaich, an dara Uilleam agus an leithid, oir air an dòigh sin thàtar a’ folach nan dearbh-aobhairean a tha mòran na’s dlùithe oirnne agus anns am bheil sin[n] fhéin a’ gabhail pàirt. Faodaidh fearg a bhi oirnn ris na Seambarlanaich agus ris na h-Uilleaman, agus faodaidh sinn an cronachadh, ach cha dean ar corruich agus ar càineadh ach an fhuil againn fhéin a phuinseanadh gun atharrachadh ’sam bith a dheanamh air cùrsa nan nithe a tha ’tachairt. Cha-n ’eil na Seambarlanaich agus na h-Uilleaman ach ’n an innealan dalla aig feartan a tha fad air an cùl; tha iad ag oibreachadh mar a tha iad air an co-éigneachadh, agus cha-n urrainn daibh oibreachadh air a’ chaochladh. Tha eachdraidh uile ’n a sreud [= sreath (Ros an Iar)] ghnìomhairean air thaobh an luchd-riaghlaidh co-shamhail ris na gnìomhairean air an do lean cogadh an Transvaal. Air an aobhar sin tha e gu tur gun fheum diomb a ghabhail an aghaidh nan daoine sin agus an dìteadh, tha e eadhon eu-comasach ’n uair a bheachdaichear air dearbh-aobhairean an deanadasan agus ’n uair a dh’ fhainicheas neach gu’m bheil e fhéin ciontach, ann an cuid de ghnìomhairean, a réir a’ phàirt a tha e a’ gabhail anns na prìomh-aobhairean a dh’ ainmich mi.

Fhad ’s a tha sinn a’ mealtainn beartais còir-dhlighich, fhad ’s a tha mòr-chuid an t-sluaigh air an claoidh fo shaothair, bithidh daonnan cogaidhean ann air sgàth nam féilltean, nam poll òir agus rudan eile air am bheil sinn a’ cur feuma air son ar beartais còir-dhlighich a chumail a suas. Bithidh cogaidhean do-sheachnach fhad ’s a chumas sinn suas an t-òrdagh armailteach, fhad ’s a tha sinn ag aontachadh e bhi ann, fhad ’s nach ’eil sinn a’ strì ’n a aghaidh a réir meud ar cumhachd. Tha sinn-fhéin a’ deanamh suas an airm, no tha sinn a’ coimhead aire [?air] mar ni a tha[,] cha-n e a mhàin feumail, ach cliùiteach; agus a rithist ’n uair a bhriseas cogadh a-mach, tha sinn a’ cur nan coirean air Seambarlan seach a chéile. Agus os ceann na h-uile bithidh cogadh ann, cha-n e a-mhàin a réir meud ’s a ghabhas sinn-fhéin pàirt ann, ach fhad ’s a cheadaicheas sinn gun fhearg agus tàmailt am fiaradh Chrìosdachd sin ris an abrar an Eaglais Chrìosdaidh agus ann an co-chòrdadh ris am bheil leithid de nithean air an ceadachadh ri armailt Chrìosd-gràdhachaidh, beannachadh ghunnaichean agus aideachadh gu’m bheil cogadh ’sa[m] bith Crìosdaidh agus ceart. Tha sinn a’ teagasg an Diadhachd seo do ar cloinne, tha sinn ’g a h-aideachadh sinn-fhéin, agus a rithist tha sinn ag ràdh—cuid againn—gu’m bheil na coirean aig Seambarlan, cuid eile gu’m bheil Crùgar r’a choireachadh air son a’ mhoirt a tha daoine a’ deanamh air a’ chéile.

Air an aobhar seo cha-n ’eil mi ann an aonta leibh, agus cha-n urrainn domh innealan dalla an aineolais agus an uilc a chronachadh. Ach tha mi a’ faicinn aobhair an uilc ann an ceàrn eile anns am bheil mise mi-fhéin a’ co-chuideachadh ri a lughdachadh no a mheudachadh.

Co-chuideachadh ri co-ionannachd bràthaireil mhaoine, cothram a ghabhail cho beag ’s a’s urrainnear dhe na còirean-dligheach a thàinig ’n ar car; gun phàirt a ghabhail air chor ’sam bith ann an obair airm; sgrios a chur air an drùidheachd sin a tha ’deanamh mhortairean fo thuarasdail de d[h]aoine agus a’ tabhairt orra a chreidsinn gu’m bheil iad a’ coimhlionadh deagh oibre ann a bhi a’ deanamh seirbhis anns an arm; agus os ceann na h-uile teagasg math Chrìosd aideachadh le bhi ’deanamh oidheirp le ’r n-uile neart sgrios a chur air a’ chéilg cruaidh-chridhich sin, a’ Chrìosdachd feallsa anns am bheil na ginealachdan òga fo cheangal air am foghlum; mar is léir dhomhsa, ’s ann anns an obair trì-fìllte seo a tha dleasdnas gach neach aig am bheil iarrtas feum a dheanamh anns an ni a tha ceart, agus a tha le ceartas a’ gabhail fuatha ris a’ chogadh uamhasach an aghaidh am bheil sibhse a’ togail bhur gutha.

Tùs: ‘Litir bho Tholstoi air Cogadh an Transvaal’, Oban Times (10 Cèitean, 1902).

Airson coimeas a dhèanamh, seo dreach Beurla dhen mhòr-chuid dhen teacsa gu h-àrd:

Na Boerich a’ sabaid bho thrainnse ann am Mafeking, 1899. Tùs na deilbh-chamara an seo.

’S e a th’ anns a’ chiad tùs eadar-theangachadh gu Gàidhlig air litir le Leo Tolstoy mu Dhàrna Cogadh Afraga (1899–1902). Nochd e ann an Tìm an Òbain sa Chèitean 1902. Chaidh dreach Beurla dhen litir fhoillseachadh na bu tràithe ann an 1900 san leabhran Letters on War, le The Free Age Press, agus, mar eisimpleir, ann an Clarion (24 Gearran 1900).

Carson a bhodraigeadh duine sam bith Gàidhlig a chur air an litir seo agus fhoillseachadh ann am pàipear-naidheachd air a’ Ghàidhealtachd?

’S e as coltaiche dhomhsa gun robh an t-eadar-theangair taiceil ri argamaidean radaigeach Tolstoy agus ag iarraidh an sgaoileadh. Gu teicnigeach, bha an cogadh fhathast a’ dol nuair a chuireadh seo ann an clò air 10 Cèitean 1902. Ach, thàinig e gu crìch goirid às dèidh sin nuair a ghèill na Boerich agus ghabh iad ri Cùmhnant Vereeniging air 31 Cèitean 1902. 

Dh’fhaodadh gun robh eadar-theangachadh dhen t-seòrsa seo na dhòigh air càineadh leth-fhalaichte a dhèanamh air a’ chogadh agus a dhìleab nuair a bha e soilleir nach maireadh e mòran na b’ fhaide. Bhiodh e na bu chunnartaiche bruidhinn a-mach gu fosgailte an aghaidh a’ chogaidh nuair a bha jingoism aig àirde. Ach, b’ fhiach e sgrùdadh an robh eisimpleirean de dh’eas-aonta ri Cogadh Afraga, ann an Gàidhlig no Beurla, ann am pàipearan-naidheachd Gàidhealach.

Chan eil fhios agam cò bh’ ann an ‘I. C.’, a rinn an tionndadh Gàidhlig seo. Iain Caimbeul/Camshron? An do rinn e no i eadar-theangachaidhean eile?

Mar shìochantair (pacifist), dhiùlt Tolstoy taobh seach taobh a ghabhail ann an Cogadh Afraga, agus chàin e cogadh san fharsaingeachd – ‘ni cho uamhasach, cho cruaidh-chridheach agus cho mì-nàdarrach’. Tha e ag aithneachadh gur dòcha gun giùlaineadh aon arm e fhèin na b’ fheàrr na arm eile, ach bha an gnothach air fad loibhte. Bidh daoine a’ cur às an corp mun ròl aig luchd-poileataigs fa leth – an seo ‘na Seambarlanaich agus na h-Uilleaman’, .i. Joseph Chamberlain (1836–1914), a bha gu mòr os cionn iomairt a’ chogaidh ann an Riaghaltas Bhreatainn; agus Cèasar Wilhelm II (1859–1941), sa Ghearmailt, a chuir Tealagram Chrùidseir agus a bha gu seòlta a’ cur taic ris na Boerich. Ach, a rèir Tolstoy, chan eil anns na ceannardan seo ach ‘’n an innealan dalla aig feartan a tha fad air an cùl’.

Tha Tolstoy, ma-thà, a’ coireachadh trì rudan bunaiteach airson cogaidhean a thòiseachadh: siostam eaconomach stèidhichte air beartas na mion-chuid agus dubh-shaothrachadh na mòr-chuid; armailteachd (militarism); agus creideamh breugach a tha a’ brosnachadh agus a’ beannachadh sabaid às leth na dùthcha. (Dh’aontaicheadh Tolstoy gu bheil foghlam agus na mòr-mheadhanan ciontach san fharsaingeachd anns an iomairt.)

A rèir na tuigse seo, ’s e leasan moralta a th’ aig Tolstoy: tha làmh aig leughadairean na litreach, againn uile, ann a bhith a’ cur an aghaidh freumhaichean a’ chogaidh nar co-chomann no a bhith gam biathadh ’s gan neartachadh.

Chuir mi an dreach Beurla ann às dèidh na Gàidhlig – dh’fhàillig orm an cur ri taobh a chèile ann an clàr! – oir bha ùidh agam ann a bhith coimhead air mar a chaidh briathrachas is abairtean àraid eadar-theangachadh. Mar eisimpleir:

Fhad ’s a tha sinn a’ mealtainn beartais còir-dhlighich [profit by privileged wealth], fhad ’s a tha mòr-chuid an t-sluaigh air an claoidh fo shaothair [whilst the masses of the people are crushed with labour], bithidh daonnan cogaidhean ann air sgàth nam féilltean [markets], nam poll òir [gold mines] agus rudan eile air am bheil sinn a’ cur feuma air son ar beartais còir-dhlighich a chumail a suas.

Tha an teacsa air fad dàna na phoileataigs, gu sònraichte am paragraf mu dheireadh. Smaoinicheamaid air na Gàidheil a leughadh seo am measg rudan eile sa phàipear-naidheachd! Tha fios againn gum biodh e air còrdadh ris na Gàidheil radaigeach1 leithid Iain MhicMhuirich, a bha coltach ri Leo Tolstoy na shìochaintear, na Chrìostaidh neo-ghnàthach, agus na Dheòrsach (Georgite). Bhiodh sin fìor cuideachd mu Eanraig MacGilleBhàin (Fionn), agus chuirinn geall gun do sgrìobh esan an dàrna tùs againn gu h-ìseal.

Dealbh de dh’ionnsaigh Iapanach air na Ruiseanaich aig Blàr Mhukden, Am Màrt 1905. Tùs na deilbh an seo.

(2)

TOLSTOI.—Bidh ioma am measg nan Gàidheal nach cuala mòran mu’n Ruisianach ainmeil so, Tolstoi, morair, tighearn fearainn is ùghdar, a thionndaidh o cheann mòran bhliadhnachan gu buileach an aghaidh cogaidh eadar slòigh a’ chinne-dhaonna. Chuir e mach beachdan ùra air creideamh, diadhachd, is ioma cuspair eile; ach ’se a bheachd mu chogadh a tha fa chomhair an t-saoghail an dràsd. Chuir e dh’ ionnsuidh prìomh phaipeir naidheachd Lunnuinn a bheachdan mu’n chogadh eadar Ruisia agus Iapan. Ann an so tha e togail a ghuth gu h-eudmhor an aghaidh nan toraidhean cianail a tha a ghnàth a’ leantuinn ann an lorg cogaidh. Tha e cur f’ar comhair cho eucorach ’s a tha e bhi toirt a mach ás a dhùthaich an duine bochd ud a tha faotainn gairm ’s air a chur fo éigin gu dol a mach a mharbhadh fir eile nach fhacaig e riamh. Tha naimhdeas mar so air a chruthachadh eadar daoine a bhiodh gu nàdurra, na’m biodh iad air am fàgail dhaibh féin, glé shìtheil ’nan dàimhean ri càch a chéile. Tha a pheann a’ cur f’ ar comhair deilbh chianail air na bantraich agus air na dìleachdain a tha air am fàgail gun chùl-taice troimh àr is mort cogaidh. Bha Tolstoi e féin anns an arm ’nuair a bha e ’na dhuine òg. Chathaich e air taobh Ruisia ann an seann làithean a’ Chrimea. Ach chunnaic e sealladh eile air luach anma dhaoine o’n àm ud. Agus sgrìobh e mòran leabhraichean anns am bheil e cumail a mach cho aingidh ’s a tha [e] do dhaoine bochda a bhi air an toirt o’n obair-latha ’s air an cur a mach a mharbhadh a chéile, ’s gun fhios aig aon diubh c’arson.

Tùs: ‘Tolstoi’, Oban Times (2 Iuchar, 1904)

~~~

Dà bhliadhna nas anmoiche, san Iuchar 1904, nochd an dàrna tùs againn ann an Tìm an Òbain mar aithris naidheachd. ’S ann a-mach air cogadh eile a tha i: An Cogadh Ruiseanach-Iapanach, a mhair eadar 8 Gearran 1904 agus 5 Sultain 1905.

Thòisich an cogadh seo ri linn còmhstri eadar Ìmpireachd na Ruise agus Ìmpireachd Iapain agus a dhà dhiubh ag iarraidh làmh an uachdair fhaighinn air Manchuria is Coiria. Bha Port Artair (旅顺港; 旅順港; Lǚshùn Gǎng) gu sònraichte cudromach don Ruis thoradh cha robh port eile aca an cois a’ Chuain Shèimh a ghabhadh cleachdadh tron gheamhradh. Fhuair iad sin le aonta bho Shìona ann an 1898, agus thog iad rèile tro Mhanchuria dha ionnsaigh. Mean air mhean, shìn iad an cumhachd eaconamach is phoileataigeach a-steach gu Coiria cuideachd. Ach, bha Iapan ag iarraidh Coiria fo a spòg fhèin. Nuair nach robh an Ruis deònach tighinn gu rèite le Iapan, agus a’ cheàrnaidh a roinn eatarra, ghairm Iapan cogadh nan aghaidh agus thug iad ionnsaigh air a’ Chabhlach Ruiseanach aig Port Artair.

Anns a’ chogadh a lean, mharbhadh suas ri 71,000 Ruiseanach agus 86,000 Iapanach. Ach, b’ e Ìmpireachd Iapain a choisinn a’ bhuaidh. B’ fheudar don Ruis gèilleadh às dèidh dhaibh sreath de bhlàran agus grunn long-chogaidh a chall. Chaidh a dhearbhadh gun robh Iapan tòrr na b’ adhartaiche ann an teicneòlas, armachd agus ro-innleachd. Bha an Ruis air a maslachadh air àrd-ùrlar an t-saoghail – cha robh dùil idir gun cailleadh ìmpireachd mhòr de dhaoine geala an aghaidh dùthaich bheag Àisianach. Dh’fhàs Ìmpireachd Iapain mar chumhachd chruinneil, ionnsaigheach agus, anns an Ruis, mheudaich mì-thoileachas nan gnàth-Ruiseanach air grunn adhbharan chun na h-ìre gun do sgaoil cuid de na stailcean is ceannaircean a bu mhotha a chunnacas a-riamh ann an Rèabhlaid na Ruise 1905.

An àite a bhith na eadar-theangachadh, ’s ann a tha an aithris ghoirid gu h-àrd a’ dèanamh luaidh air pìos eile a sgrìobh Tolstoy: ‘Chuir e dh’ ionnsuidh prìomh phaipeir naidheachd Lunnuinn a bheachdan mu’n chogadh eadar Ruisia agus Iapan’. Tha an t-ùghdar a-mach air an aiste fhada ‘Bethink Yourselves!’ – mar a thugadh oirre ann am Beurla le Vladimir Chertkov – a nochd fon cheann ‘Count Tolstoy on the War’ ann an The Times (27 Ògmhios, 1904), 4–5. Tha an teacsa gu lèir air-loidhne an seo.

Anns an teacsa ud, as fhiach a leughadh fhathast, tha Tolstoy mar gum b’ eadh a’ leudachadh gu mòr air cuid de na puingean a nochd anns a’ chiad tùs againn. A’ sgrìobhadh mu cheithir mìosan às dèidh toiseach a’ chogaidh, tha Tolstoy ga chàineadh gu dubh cho math ris an luchd-poileataigs, ceannardan, uaislean, seanailearan, sagartan, luchd-naidheachd agus a h-uile duine eile a tha an sàs ann a bhith a’ piobrachadh gràin is miann-fala. Tha e a’ sgrùdadh na th’ ann de chaitheamh aig cogadh, cogadh sam bith, a thaobh beatha agus ghoireasan. Agus tha e a’ toirt dealbh air obair a’ chogaidh agus a dìleab: 

Thousands of unfortunates groan and writhe in cruel sufferings and die in agony in Japanese and Russian field hospitals, asking themselves in bewilderment why this fearful thing was done with them, while other thousands are already rotting in the earth or on the earth, or floating in the sea, in swollen decomposition. And scores of thousands of wives, fathers, mothers, children, are bemoaning their bread-winners; uselessly destroyed. Yet all this is still too little; new and newer victims are being prepared.

Tha an aithris Ghàidhlig ag innse mar a bha Tolstoy ‘cur f’ar comhair cho eucorach ’s a tha e bhi toirt a mach ás a dhùthaich an duine bochd ud a tha faotainn gairm ’s air a chur fo éigin gu dol a mach a mharbhadh fir eile nach fhacaig e riamh’. Agus, a-rithist, ‘[…] sgrìobh e mòran leabhraichean anns am bheil e cumail a mach cho aingidh ’s a tha [e] do dhaoine bochda a bhi air an toirt o’n obair-latha ’s air an cur a mach a mharbhadh a chéile, ’s gun fhios aig aon diubh c’arson’.

Gu dearbh, tha loidhnichean caran coltach ri seo ann an teacsa Tolstoy anns a bheil e a’ sgrìobhadh mu ‘the unfortunate working people torn from useful labor and from their families’ agus ‘those unfortunate men drawn from all parts of Russia, who, by the help of religious fraud, and under fear of punishment, have been torn from an honest, reasonable, useful, laborious family life, driven to the other end of the world, placed on a cruel, senseless machine for slaughter’.

Tha sinn a’ faighinn a-mach mun imcheist uabhasaich a bha aig an luchd-tuath (peasants) san Ruis, agus tha cothrom againn fiù ’s cluinntinn bhuapa tro litrichean is còmhraidhean. Ged nach tuigeadh iad carson no ged nach aontaicheadh iad ris idir, mura rachadh iad a shabaid (ann am briathran Tolstoy): ‘[…] we should be certainly sent to prison, starved, beaten, exiled to the province of Yakoutsk, perhaps even killed immediately.” So with despair in their hearts, leaving behind a good rational life, leaving their wives and their children,—they go’. Dè an roghainn a bha aca?

Do Tholstoy, bidh cogadh a’ fosgladh bogsa de dh’olcas air nach eil smachd againn. Bidh e a’ ceadachadh nan rudan as miosa as urrainn don chinne-daonna a dhèanamh, agus air am b’ urrainn dhaibh smaoineachadh. Agus, leis gu bheil buill-airm a’ sìor-fhàs nas cunnartaiche, agus stàitean a’ sìor-fharpais an aghaidh a chèile, ’s e an toradh a bhios ann gum bi cogaidhean a’ fàs nas milltiche. Bliadhnaichean ron Chogadh Mhòr, agus fada ro chruthachadh a’ bhoma atamaich, thuirt Tolstoy:

The precipice which we approach is already becoming apparent to us, and the most simple, non-philosophizing, and uneducated men cannot but see that, by arming ourselves more and more against each other and slaughtering each other in war, we, like spiders in a jar, can come to nothing else but the destruction of each other.

Tha e follaiseach dhòmhsa gu bheil ùghdar na h-aithris Ghàidhlig air an aon ràmh ri Tolstoy agus ag iarraidh an fheallsanachd aige a chuairteachadh. Dhèanadh e ciall nam b’ e Eanraig MacGilleBhàin (Fionn) a b’ ùghdar dha – fear a bhruidhinn a-mach an aghaidh chogaidhean ìmpireil agus a bha ag iarraidh an ceangal eadar Gàidheil agus cogadh a bhriseadh. Shiubhail MacGilleBhàin ann an 1913, ach nam biodh e fhathast beò nuair a thòisich an Cogadh Mòr, ciamar a b’ urrainn dha a bhith air taic a chur ris? (Agus, nach eil siud ìoranta: fear cho Gàidhealach ri Fionn a’ diùltadh rudeigin cho bunaiteach ri fèin-aithne nan Gàidheal ’s a bha ann an glòir armailteach?)

San aithris, tha sgaradh ga dhèanamh gu sgiobalta eadar beachdan Tolstoy air creideamh/diadhachd agus cogadh. Ach, ma leughas sinn ‘Bethink Yourselves!’, chì sinn gur e argamaid creideimh a th’ ann. Tha e a’ cur creideamh an aghaidh cogadh, gaol an aghaidh fòirneart. Cha robh earbsa sam bith aig Tolstoy gun cuireadh eagrachaidhean no laghan eadar-nàiseanta stad air brùidealachd cogaidh – agus, cò chanadh gun robh e ceàrr nan toirte grad-shealladh air eachdraidh no air mar a bhios laghan is còirichean eadar-nàiseanta air am briseadh a h-uile latha le stàit Israel ann an Gàsa? Rinn Tolstoy coimeas eadar ar fàs aibheiseach ann an eòlas teicnigeach agus saidheans air an dàrna làimh agus, air an làimh eile, ar cion-tuigse air moraltachd is spioradalachd:

Bereft of religion, men possessing enormous power over the forces of nature are like children to whom powder or explosive gas has been given as a plaything.

Gheibhear fìor bhrìgh na h-argamaid air creideamh ann an earrannan VI agus VIII, agus an uair sin tha e a’ beachdachadh air cur an gnìomh nam prionnspalan. An rud a tha inntinneach mu chreideamh Leo Tolstoy, ’s e cho eu-coltach ’s a tha e ri creideamh mar a bhruidhneas daoine mu dheidhinn mar as àbhaist. ’S e Crìostaidh a bh’ ann ach bu lugha air an Eaglais agus air gnàth-Chrìostaidheachd agus a cuid dhogmathan, dheas-ghnàthan, is shaobh-chràbhaidhean. Bha e cuideachd comasach air a bhith fialaidh do chreideamhan/fheallsanachdan eile, leithid Bùdachas (Buddhism), mar a tha e anns an aiste seo. Cha robh an creideamh aige ag amas air Pàrras às dèidh bàs ach air beatha a dhèanamh nas fheàrr anns an t-saoghal seo fhèin. Mar a sgrìobh Ruiseanach eile, Peadar Kropotkin, bha reusan aig bunait a’ chreideimh seo, agus bha e dlùth-cheangailte ri ceartas sòisealta. 2 Tha ‘Bethink Yourselves!’ a’ mìneachadh gur e ‘an Riaghailt Òir’ –  a tha ri lorg ann an diofar chreideamhan agus feallsanachdan, Dia ann no às3 – an rud as cudromaiche ann an creideamh Tolstoy:

[…] the rule of acting toward others as one would wish others to act toward oneself is not merely one of the prescriptions of the Christian religion, but is the whole of practical religion, as indeed is stated in the Gospels.

Bha Tolstoy a’ creidsinn nach tigeadh fìor atharrachadh sòisealta an aghaidh cogadh, agus anaceartas san fharsaingeachd, gus an gabhadh barrachd is barrachd dhaoine ri ‘creideamh’, mar a bha esan ga thuigsinn, nam beatha. Fiù ’s ged a rachadh na daoine ud a a dhroch pheanasachadh, mar eisimpleir airson diùltadh a dhol a shabaid, bhiodh iad air buaidh a thoirt a-mach airson daonnachd, agus bhiodh iad mar eisimpleir agus brosnachadh do chàch airson beatha bheusail a leantainn. 4

***

Cha robh nàdar a’ chogaidh, a rèir coltais, gu diofar do Tholstoy. Chuireadh e an aghaidh fòirneart sam bith. Dè mu dheidhinn a bhith a’ sabaid gus stad a chur air faisisteachd? Dè mu dheidhinn fòirneart nan daoine brùite an aghaidh antighearnas? Dùthchannan colonaichte an aghaidh ìmpireachd?5 Rèabhlaid shòisealta? 

Chan fheum sinn beachdachadh dè chanadh Tolstoy ri cuid dhe na ceistean seo, san fharsaingeachd, oir bha e fhèin beò tron Rèabhlaid Ruiseanaich eadar 1905 agus 1907. Sgrìobh e an t-uabhas mu deidhinn, agus b’ ann a rinn e an argamaid, mar eisimpleir ann an ‘An Appeal to Russians’ (1906), gum bu chòir don luchd-tuath a bhith a’ diùltadh taobh seach taobh a ghabhail – riaghaltas an Tsàr no iomairtean nan rèabhlaideach – leis gun robh gach taobh ri eucoirean fòirneartach agus ag iarraidh an aon chuid cumhachd a ghlèidheadh no cumhachd ùr a stèidheachadh:

Not to take part in the doings of Revolutionists means: not to form meetings or unions, or take part in strikes ; not to burn or wreck other people’s houses, and not to join any armed rebellion.

Air an adhbhar sin, chaidh Tolstoy a chàineadh, an lùib a bhith air a mholadh mar shàr sgrìobhadair, le Lenin ann an ‘Leo Tolstoy as the Mirror of the Russian Revolution’ (1908), agus a-rithist ann an iomradh-bàis ann an 1910. Da rèir-san, bha Tolstoy a’ riochdachadh seasamh an luchd-tuath an aghaidh nan uaislean, na stàite, agus an t-siostaim eaconomaich a bha gan dubh-chosnadh air an fhearann. Bha e a’ cur an cèill an cuid creideimh bhunaitich agus am bruadaran airson teicheadh bho ainneart agus gus beatha mhath chomannach a chruthachadh dhaibh fhèin air an dùthaich. Bha mòran de dh’fhìrinn anns na bha aig Tolstoy ri ràdh. Ach, cha robh an seòrsa feallsanachd a bha aige, ann am beachd Lenin, comasach air ceum nas fhaide a ghabhail ann a bhith a’ togail saoghal ùr le cumhachd nan daoine brùite. Le bhith a’ tagradh comhaireachd neo-ainneartach (non-violent resistance), b’ ann a bha buaidh Tholstoy cunnartach agus am measg nan adhbharan airson strì an luchd-tuath a lagachadh is a chur troimh-chèile. B’ urrainnear argamaid gun robh tuigse, ge-tà, aig Tolstoy air a’ chron a dhèanadh meadhanachadh cumhachd agus sgaoileadh fòirneirt sa cho-chomann nach robh aig Lenin – agus bha a bhlàth ’s a bhuil ann.

Mar a thachair, tha co-dhiù aon chriomag ghoirid ri lorg ann an Gàidhlig air naidheachd Rèabhlaid 1905, tha e coltach leis an aon sgrìobhadair. Dh’fhaodadh briseadh-dùil a bhith oirnn nach eil mòran ann – a bheil tuilleadh ann an àiteigin eile? – agus nach eil ann ach iomradh air fòirneart. ’S dòcha gun aontaicheadh an t-ùghdar ri seasamh Tholstoy nach bu chòir do dhaoine fòirneart a chur gu feum ann an gluasadan poileataigeach. Ach, tha e doirbh a chreidsinn nach biodh fìor cho-fhaireachdainn aige ris na seòladairean, luchd-tuath, agus luchd-obrach a bha an sàs san aramach nam biodh barrachd fiosrachaidh air a bhith aige mu an gearanan agus iarrtasan.

O cheann seachdain mar an ceudna bhris àr-a-mach fiadhaich ann an cabhlach Ruisia anns a’ Chuan Dubh; agus tha e cianail ri ràdh gu’m bheil mort agus marbhadh a’ dol air aghaidh anns gach ceàrn do Ruisia.

‘COSLAS NA SITH’, Oban Times (15 Iuchar 1905).

Dealbh dhen luing-chogaidh Potemkin. Rinn na seòladairean Ruiseanach ceannairc ainmeil air an luing san Ògmhios 1905, ri linn na Rèabhlaid, a’ gabhail thairis oirre gu lèir. (Tha film clasaigeach drùidhteach ann mun cheannairc le Sergei Eisenstein a rinneadh ann an 1925.) Dh’fhaodadh gum b’ ann a-mach air a’ cheannairc seo fhèin a bha am pìos naidheachd gu h-àrd. Tùs na deilbh an seo.

T. MacAilpein (2024)

  1. Bhiodh daoine eile ann an gluasad nan croitearan air taobh nam Boereach, ge-tà, an aghaidh Ìmpireachd Bhreatainn. ’S e an t-eisimpleir as ainmeile, an Dr Gavin B. Clark a bha na Bhall-Pàrlamaid ann an Gallaibh agus a bhruidhinn às leth nam poblachdan Boereach ann an Lunnainn mar àrd-chonsal airson greis. B’ ann gu h-ìre mhòr air sgàth an t-seasaimh sin a chaill e a shuidheachan ann an taghadh coitcheann 1900. Bhithinn an dùil gum biodh cuid de Ghàidheal radaigeach air an aon ràmh ri Clark, os ìseal co-dhiù, mar a bha fìor air an làimh chlì air feadh Bhreatainn. (Faic S. Brown, ‘‘“Echoes of Midlothian”: Scottish Liberalism and the South African War, 1899-1902’’, The Scottish Historical Review, 71 (1992), 156-83).

    Dh’fhairich fiù ’s Tolstoy fhèin, a dh’aindeoin na sgrìobh e gu poblach, co-fhaireachdainn mhòr ris na Boerich nan sabaid ri arm ìmpireil Bhreatainn. Tha Colm McKeogh a-mach air sin agus mar a ghleac e ri diofar fhaireachdainnean de ghràdh-dhùthcha agus de chall ri linn a’ Chogaidh Ruisich-Iapanaich, mum bruidhinn sinn gu h-ìseal. Tolstoy’s Pacifism (Cambria Press, 2009), td. 166 ↩︎
  2. Faic: D. Novak, ‘An Unpublished Essay on Leo Tolstoy by Peter Kropotkin’, Canadian Slavonic Papers / Revue Canadienne Des Slavistes 3 (1958): 7–26. ↩︎
  3. Tha an ‘Riaghailt Òir’ (Golden Rule) mar bhunait na beusalachd (ethics) air a mìneachadh gu fìor mhath anns na caibideilean mu dheireadh aig Karen Armstrong, The Great Transformation: The Beginning of Our Religious Traditions (Anchor Books, 2007). ↩︎
  4. Ann an dà leabhar, gu sònraichte, chuir Tolstoy an cèill a chuid creideimh neo-ghnàthaich, radaigich: The Kingdom of God Is Within You (1894), agus The Gospel in Brief (1892). Bha am feallsanaiche Ludwig Wittgenstein air a bheò-ghlacadh cho mòr leis an leabhar mu dheireadh gum biodh e ga ghiùlan mun cuairt gu tric, ga shìor-mholadh do dhaoine. Thug e leis e mar shaighdear don Chogadh Mhòr. ↩︎
  5. Tha Frantz Fanon ainmeil airson susbaint cnuasachaidh a thoirt dhuinn air ceist an fhòirneirt ann an co-theacsa strì fhrith-cholonach ann an The Wretched of the Earth (1961), gu sònraichte sa chiad chaibideil ‘On Violence’. Mholainn do dhuine sam bith an leabhar a leughadh agus an uair sin a bhith a’ leughadh beachdan Peter Hudis air buannachdan is laigsean na h-argamaid aige air fòirneart ann am Frantz Fanon: Philosopher of the Barricades (Pluto Press, 2015). ↩︎

Sgrìobh beachd