San Èiphit (1888)

Blàr Omdurman, 1898. ‘The Charge of the 21st Lancers at the Battle of Omdurman, 2 September 1898’, dealbh-ola le Richard Caton Woodville. Tùs na h-ìomhaigh an seo.

Seo pìos naidheachd goirid a dh’fhoillsicheadh ann an 1888 san Òbanach a tha a’ sealltainn taic is co-fhaireachdainn – nach robh idir cumanta – ris na h-Arabaich anns an Èiphit (no san t-Sudàin) fad ’s a bha Gàidheil is eile san arm Bhreatannach a’ sabaid riutha. Tha an aithris ghoirid seo gu follaiseach an aghaidh a’ chogaidh agus an aghaidh ìmpireileas.

Mar as àbhaist, gheibhear tòrr nòtaichean gu h-ìseal. Tha mi cuideachd a’ beachdachadh air ùghdar na h-aithris seo.

~~~

SAN EIPHIT.—Tha an t-arm againn air dol do’n Eiphit a deas uair eile agus tha eagal mòr gu’m bi marbhadh thar tomhas is sgrios air a dheanamh air na h-Arabaich bhochda nach ’eil ach a’ gleidheadh dion air an dùthaich féin. Tha e ’na mhearachd agus ’na pheacadh mòr do luchd-riagh[l]aidh na dùthcha so a bhi sgathadh sìos nan nàistnich threun so, agus sin air son droch riaghladh shlaoightirean a tha sgiùrrsadh nan Eiphiteach ás an seann dùthaich féin. Thòisich am marbhadh cheana làimh ri Suakin; agus gu dearbh féin cha bhi mòran do bheannachd ’na dhéigh[,] treun agus mar a ni na saighdirean againn an dleasnas. Tha Goill is Gàidheil, Eirionnaich agus Sasunnaich an sud a’ strì ri agus a’ sgrios dhaoine dubha bochda nach d’ rinn coire riamh dhaibh féin no do’n dùthaich. Tha dòchas nach téid an troimhe-chéile ni’s fhaide; ach tha e ro dhuilich aon uair agus gu’n leigear an taod mu’n amhaich stad a chur air [o]ifigich a tha dian air mòr ghlòir fhaotainn daibh féin.

Tùs: Oban Times (15 Dùbhlachd, 1888).

~~~

Nòtaichean

  • air dol do’n Eiphit a deas uair eile – 

Tha e coltach gu bheil seo a-mach air an t-Sudàin, deas air an Èiphit fhèin. Ri linn Cogadh nam Màdaidheach (Mahdist) (1881–1899), chuir Breatainn taic ris an riaghaltas Otomanach anns an Èiphit, a’ Cheadaibheit (Khedivate), an aghaidh aramach Muslamach nam Màdaidheach anns an t-Sudàin. 

Bheireadh arm Bhreatainn buaidh air na Màdaidhich na b’ anmoiche ann an 1899, a’ gabhail smachd air an t-Sudàin gu lèir. Ach, aig an àm seo, tha e coltach nach robh ann ach feachdan Breatannach a’ cur taic ri arm na h-Èiphit sa chiad dhol a-mach airson port Shuacain (Suakin) a dhìon (e.g. Glasgow Herald, 3 Dùbhlachd 1888).

  • na h-Arabaich bhochda nach ’eil ach a’ gleidheadh dion air an dùthaich féin – 

A’ gabhail ris gur e na Màdaidhich a tha seo, b’ urrainnear a ràdh gun robh iad a’ dìon an dùthcha san t-Sudàin an aghaidh nan Otomanach, agus nam Breatannach, a bha a’ sìneadh an cumhachd a-rithist bhon Èiphit. Ach, chan e Èiphitich fhèin a bha a’ riaghladh na h-Èiphit na bu mhotha.

  • air son droch riaghladh shlaoightirean a tha sgiùrrsadh nan Eiphiteach ás an seann dùthaich féin – 

Seo a’ Cheadaibheit (Khedivate) a bha na stàit chàineach (tributary state) aig Ìmpireachd nan Otomanach, air a riaghladh aig an àm seo le Mohamed Tewfik Pasha (1852–1892). Bha iad air am meas mar choigrich agus bha Breatainn gan cuideachadh. Dh’fhaodadh gu bheil an t-ùghdar a-mach air mar a rinn iad sabaid an aghaidh nam Màdaidheach – ged a b’ e Sudànaich a bh’ anntasan ann an da-rìribh – ach cuideachd mar a cheannsaich a’ Cheadaibheit, le taic mhòr bho na Breatannaich, Èiphitich nàiseantach, mar eisimpleir ri linn Aramach Urabaidh (1879–1882).

  • Thòisich am marbhadh cheana làimh ri Suakin – 

’S e seann phort a th’ ann an Suacain (Suakin, uaireannan Suakim) ann an ceann a tuath na Sudàin, san latha an-diugh, air còsta na Mara Ruaidh. Bha na Breatannaich air cogadh an aghaidh nam Màdaidheach ann an Suacain roimhe, eadar 1884 agus 1885. Tha e coltach gun do ghlèidh na h-Otomanaich smachd air agus gun do chuir na Màdaidhich sèist rithe ann an 1888. Chuidich feachd beag Breatannach gus am port a shàbhaladh. Seo aithris air na thuirt am Ball-Pàrlamaid Libearalach, John Morley (1838–1923), mu na thachair ann an deasbad ann an Taigh nan Cumantan:

MR JOHN MORLEY referred to the enormous massacre of Arabs which had followed the employment of British troops in and around Suakim, and said that all the shedding of blood and waste of treasure had produced absolutely no good result to any human being or to any object of public policy. (Glasgow Herald, 3 Dùbhlachd 1888.).

Bha an deasbad eadar an luchd-poileataigs a’ beachdachadh air am bu chòir do Bhreatainn cumail oirre a’ dìon port Shuacain, agus fios aca nach sguireadh na Màdaidhich a thoirt ionnsaigh oirre a-rithist, am bu chòir dhaibh moladh don Cheadaibheit tarraing air ais bhuaipe, no am feum iad dol tòrr nas fhaide agus ionnsaigh mhòr a thoirt air an t-Sudàin gua an dùthaich a cheannsachadh a-rithist. Ged a bha taic ann airson tarraing air ais, b’ e an roghainn mu dheireadh a thachair aig a’ cheann thall ann an eachdraidh. Bha ùghdar a’ phìos bhig Ghàidhlig ceart gum biodh ‘marbhadh thar tomhas is sgrios air a dheanamh air na h-Arabaich’. 

Gu h-inntinneach, rudeigin a chaidh a thogail san deasbad ’s e gun robh na Màdaidhich ri malairt thràillean. Dh’fhaodadh ceannsachadh nam Màdaidheach a bhith air fhìrinneachadh, ma-thà, mar rudeigin adhartach. Gu dearbh, thog Morley ‘whether they [Her Majesty’s Government] would not, together with the Egyptian Government, make a more serious attempt to suppress the slave trade by introducing a civilising policy into the Soudan’ (mo chuideam). Cha robh Morley a’ cur taic ri seo oir bha e a’ creidsinn nach obraicheadh e, ach chithear mar a tha ìmpireachd agus ‘sìobhaltachadh’ air an cur còmhla.

Air an làimh eile, ged a dh’aontaicheamaid, gun teagamh, le argamaid a’ chunntais Ghàidhlig an aghaidh ìmpireileas, b’ fhiach e cuimhneachadh gun a bhith a’ romansachadh nam Màdaidheach a bha cuideachd nan dealasairean cràbhach aintighearnail, cleas an Taliban tòrr na b’ anmoiche, agus a rinn geur-leanmhainn air buidhnean eile leithid nan Coptach.

  • aon uair agus gu’n leigear an taod mu’n amhaich

Tha mi a’ leughadh seo mar ‘let off the lead’, a dhèanadh ciall sa cho-theacsa, no ‘let out the lead about their necks’. 

  • [o]ifigich a tha dian air mòr ghlòir fhaotainn daibh féin

Oifigich leithid Eachann nan Cath, .i. Eachann MacDhòmhnaill (1853–1903)? Tha e coltach gum b’ e caiptean a bh’ anns an Dòmhnallach nuair a chaidh a chur gu bhith còmhla ri arm na h-Èiphit ann an 1888, fo Kitchener. 

To Macdonald fell the duty of commanding the 11th Sudanese battalion and they met their baptism of fire in the debatable lands of the Sudanese border, pitted in action against the army of Osman Digna, first at Gemaizeh in December 1888 and again in the following year at Toski, a battle that thwarted Sudanese ambitions in Egypt. For his part in the campaign Macdonald was mentioned in dispatches and awarded the Khedive’s Star, a handsome medal that he was to wear with pride […]. 

(Trevor Royle, Fighting Mac: The Downfall of Major-General Sir Hector Macdonald (Dùn Èideann agus Lunnainn: Mainstream Publishing, 2003 [1982]), Caib. 8 [gun td.]).

N.B. ’S e Blàr Shuacain ainm eile air Blàr Ghemaizah, ach chuireadh siud air 20 Dùbhlachd 1888, beagan às dèidh a’ phìos-naidheachd Ghàidhlig.

Mar sin, bha Eachann MacDhòmhnaill gu follaiseach nam measg-san a bhiodh, a rèir an ùghdair, ‘a’ strì ri agus a’ sgrios dhaoine dubha bochda’, agus a bha ‘dian air mòr ghlòir fhaotainn daibh féin’. Agus, b’ esan a fhuair mòr-ghlòir. B’ ann às dèidh nam Màdaidheach a choisinn MacDhòmhnaill cliù shònraichte ann an diofar bhlàran, ach gu sònraichte ann am Blàr Omdurman ann an 1898.

Anns a’ ghleadhraich choganta a gheibhear ann an tùsan Gàidhlig san 19mh linn, tha tùsan mar seo a tha a’ dol an aghaidh an t-srutha dha-rìribh a’ seasamh a-mach. Cha robh a h-uile Gàidheal a’ dol leis a’ chasgairt. 

An robh an t-ùghdar fiù ’s a’ smaoineachadh air Eachann nan Cath nuair a thug e iomradh air oifigich a tha ‘dian air mòr ghlòir fhaotainn daibh féin’? Bha an Dòmhnallach air fàs cuimseach ainmeil mar-thà – m.e., ‘A Brave Military Officer’, Edinburgh Evening News (24 Faoilleach 1880), a’ toirt iomradh air na bha e ris anns an Dàrna Cogadh Afghanach. Ach, mar a thuirt mi, b’ ann na b’ anmoiche aig Omdurman a sgaoil ainm gu craicte anns na meadhanan Breatannach. Mar sin, ’s dòcha nach robh e a’ riochdachadh nan oifigeach ann an inntinn an sgrìobhadair. Ach, ’s e càineadh neo-dhìreach a tha seo air Eachann, agus tha seasamh an ùghdair a’ dol an aghaidh nan iomadh òran a rinneadh dha.

Tha pròiseact luachmhor ann an-dràsta a’ rannsachadh beatha a’ Ghàidheil chudromaich seo ann an tùsan Gàidhlig – faic: ‘Moit is dìon: beachd nan Gàidheal air “Eachann nan Cath”’ (BBC Naidheachd, 18 Ògmhios 2024).

Cò a sgrìobh an cunntas seo?

Tha sinn air sgrìobhadh mu na Màdaidhich na bu tràithe air a’ bhloga seo, co-cheangailte ri òraid a thug Eanraig MacGilleBhàin (‘Fionn’) seachad ann am Baile Iain (Johnstone), Siorrachd Rinn Friù, air 5 Màrt 1886. Rinn e coimeas eadar Gàidheil a bha a’ sabaid airson an còirichean air a’ Ghàidhealtachd, ri linn Aimhreit an Fhearainn, agus Gàidheil a bha a’ sabaid ann an arm Bhreatainn, mar a bha iad san Èiphit agus san t-Sudàin na bu tràithe ann an Cogadh nam Màdaidheach. Bha e a’ cur sìos air gaisge ìmpireileach agus ag àrd-mholadh gaisge nan daoine cumanta.

Seo dà earrann inntinneach às an òraid:

’S ann tha mise ’m beachd gu bheil tuille de fhior Ghaidheil–gaisgich, anns a’ Ghaidhealtachd aig an am so na bh’ innte riamh. Ged nach ’eil na laoich so a’ tarruing a mach le còta dearg ’s le gunn’ air dheadh ghleus a ruagadh ’s a mhort Eiphitich bhochda nach do rinn lochd riamh orra, ach a tha ’n geall air cuing na daorsa a thilgeadh dhiu,–tha iad mar bu dual do na Gaidheil a’ seasamh gualainn ri gualainn ’s a cathachadh gu buadhmhor ’an aghaidh nàmhaid na dùthcha […]

Agus cuideachd:

Tha cuid ann (’s tha iad Gaidhealach cuideachd) a tha meas nach gaisge idir so [a bhith ‘a cathachadh an aghaidh laghanan cruaidh eucorrach’.] ’Se ’m beachd-san air gaisge,daoine borb fuilteach nach iarr ni’s feàrr na bhi criathradh an comh-chreutairean leis na pailearan [=peilearan], no a deanamh stobadh-na-maraig air Eiphitich bhochda.

Dhòmhsa, tha an argamaid an seo cho garbh fhèin faisg air seasamh frith-chogaidh, frith-ìmpireileach a’ phìos naidheachd san Òbanach. Agus, chan ann idir tric a lorgar a leithid de bheachd ga chur an cèill ann an Gàidhlig anns na 1880an. A bharrachd air sin, thoir fa-near na h-abairtean a tha a’ nochdadh san dà thùs: 

1886: ‘a ruagadh ’s a mhort Eiphitich bhochda nach do rinn lochd riamh orra’;

 ‘daoine borb fuilteach nach iarr ni’s feàrr na bhi criathradh an comh-chreutairean leis na pailearan [=peilearan], no a deanamh stobadh-na-maraig air Eiphitich bhochda’

1888: ‘a’ sgrios dhaoine dubha bochda nach d’ rinn coire riamh dhaibh féin no do’n dùthaich’ 

‘tha eagal mòr gu’m bi marbhadh thar tomhas is sgrios air a dheanamh air na h-Arabaich bhochda nach ’eil ach a’ gleidheadh dion air an dùthaich féin’

Chan e idir gu bheil na h-aon fhaclan gan cur gu feum anns na h-eisimpleirean seo, ach tha an aon seòrsa briathrachais agus tòna làidir, moralta ann.

Tha fios againn gun robh Eanraig MacGilleBhàin a’ sgrìobhadh colbh seachdaineil ann am Beurla airson an Òbanaich, ‘Our Glasgow Letter’, aig an dearbh àm a bha seo, anns na 1880an. Am b’ esan, ma-thà, a sgrìobh an cunntas beag seo, ‘SAN EIPHIT’, don aon phàipear? Am biodh e a’ sgrìobhadh a h-uile eisimpleir de naidheachd Ghàidhlig don Òbanach anns na bliadhnaichean seo? (Mar as àbhaist, bhiodh pìos naidheachd dhen aon mheud a’ nochdadh ann an àite reusanta follaiseach air taobh-duilleig 4, am measg naidheachdan ann am Beurla. Bhruidhneadh air eisimpleirean eile an seo, agus tha tòrr a bharrachd ri thighinn.)

Chan eil mi comasach air seo a dhearbhadh. Ach, saoilidh mi gu bheil deagh theans ann gun robh ar caraid Fionn air a chùlaibh.

T. MacAilpein (An t-Ògmhios 2024)

One thought on “San Èiphit (1888)

Sgrìobh beachd