‘Litir o Chroitear’ (1883)

Sa bhrath-bhloga seo, tha litir le croitear, foillsichte ann an 1883, a tha a’ deasbad ’s a’ soilleireachadh nan amasan a bu chòir a bhith aig croitearan gus ‘galar na Gaidhealtachd a leigheas’ agus gus nach biodh iad nan ‘tràillean bochd mar tha sinn an diugh’. Gheibhear nòtaichean gu h-ìseal.

LITIR O CHROITEAR.
A’ chroit bhig, Latha Fhéill-brighde, 1883.

A DHUINE GHASDA,—Air an t-seachd-là-fichead deth ’n mhìos a dh’fhalbh, sgriobh a’ ministear MacCascill ’an Grianaig litir n’ur paipeir air cor na Gaidhealtachd; litir anns an do nochd e deagh dhùrachd dhuinne, agus air-son a bheil mise tairgse dha mo mhòr thaing. Tha mi dol leis anns gach puinc ach i so, tha easan, an duine maith, dheth ’n bheachd na ’n robh againne aonta air na croitean gu’n bidh gach cùis ceart, ach gabhadh e mo leisgeul, nuair their mi ris, nach dean aonta galar na Gaidhealtachd a leigheas a chaoidh. Chumadh aonta sinne ann a meinn an Uachdarain gu deireadh an[ ]t-saoghail, na’r tràillean bochd mar tha sinn an diugh. Ged robh againn coir air a’ ghrunnd fad deich-bliadhna-fichead le aonta, chlipeadh iad bhuainn le cumhnantan sgriobhte, a bhuannachd bu choir a bhi againn air-son ar saoithreach. Amhairc so, Fear-lagha, Uachdaran, Bàillidh agus maor-gruinnd air aon taobh, agus mise air an taobh eile, Co’n taobh an saoil thu, bu treise? “Taobh an uachdarain” ars thusa. ’S e gu cinnteach, agus bhiodh cuid fir-an-iochdair agamsa. Gad dh’fhàgadh mid’ [= dh’fhàgamaid] an grunnd fheobhas eile agus a bha e ’nuair a dhinntrich sinn air, bhuineadh sin don mhaighistir, agus bha ar saothairne caillte, mar a bha i riabh. Seo agaibhse an ni ’tha dhith na Gaidhealtachd, lagh ùr air bhonn lagh na h-Eirionn; ’s e sin, am màl bhi air a shuidheachadh le luchd meas, agus nach gabh an tuath gluasad gu’n chead o’n chúirt, agus gun làn dhioladh air son na rinn iad de leasachadh air a ghrunnd. Tha ’n lagh ud a toirt do’n [u]achdaran sàr fhioch airson a ghruinnd, agus don tuathanach tha e toirt toradh a shaoithreach. Fhuair an[ ]t-Eirionnach so, do bhrigh ’s gun dh’iar e e, cha d’fhuair an Gaidheal e, do bhrigh ’s nach d’iar e e, ach feumaidh e iaraidh agus feumaidh e fhaotainn. Tha dà ni dh’fheumar a dheanadh, ’s e aon diubh iartas, no Petition, a chur gu Pàrlamaid gun dàil, iad a rannsachadh a stigh do chor na’n croitearan. ’S e’n ath ni, agus cha ’n fheumar a dhi-chuimhnecheadh, nach toir sinn ar vote seachad don uachdaran, no do’n fhear a raonaicheas e, ach a mhain dhàsan a gheallas ar pairt a ghabhail am Parlamaid. Tha nàir’ orm ’nuair chuimhnicheas mi, cha liughad uair ’s a lean mi fear-ionaid an Uachdarain air latha an roghnaichidh, ach dh’fhalbh sud, agus sorraidh leis. Ged tha ’n lagh cearr oirnn ’san uair, cha’n e ceannairc na aghaidh, ni leasachadh, ach ar cùisean a chur ’an làthair Pàrlamaid gu pongail, agus theid an droch lagh atharachadh le mór mhaithean na rioghachd. Tha comhrag ri chur, gad nach ann le luaidhe agus fùdar, ach ’s ann leinne theid, oir “s treise tuath na tighearna,” tha na daoine ’s fhearr agus is cumhachdaidh leinn, agus sluagh gach dùcha, agus baile. Cuireadh mata, gach ceàrna do’n Ghaidhealtachd air falbh an iartas gu Pàrlamaid. ’S an[n] ainmig chluinnear guth ministear a tagradh air son math[ ]t-sluaigh, ’s cha chluinnear ’s a chómhrag so iad, agus bidh a bhuil ’s a bhlàth, caillidh iadsan meas agus gràdh an t-sluaigh ’s cha ’n ioghnadh leam sin. Saoghal fada, do ’n phaipear agaibhse agus don na ministearan tha ’s an aon bhàta ri Maighistir MacCascill.—Is mise, le deagh dhurachd,

DOMHNULL BAN.

Tùs: Dòmhnull Bàn, ‘Litir o Chroitear’, Oban Times (10 Màrt 1883).

~~~

Nòtaichean

’S e deagh thùs Gàidhlig a tha seo: litir le croitear a’ sgrìobhadh chun an Òbanaich, ri linn Aimhreit an Fhearainn, gus a bheachdan a thoirt seachad gu tuigseach, pongail air na bu chòir tachairt gus taic a chur ri croitearan. Gu dearbh, tha an argamaid cho soilleir thàinig e a-steach orm gum bu dòcha nach b’ e fìor chroitear a bha air a cùlaibh idir, ach gum b’ e litir propaganda a bh’ innte airson nan croitearan. Ach, saoilidh mi gu bheil i fìrinneach. Cha ghabh ainm – ‘DOMHNULL BAN’ – agus a sheòladh – ‘A’ chroit bhig’ – aithneachadh. Ach, cha bhiodh croitear buailteach am fiosrachadh sin a thoirt seachadh agus e fo bhagairt leis na bàillidhean.

Chaidh an litir a sgrìobhadh ‘Latha Fhéill-brighde, 1883’, .i. a’ chiad latha dhen Ghearran, mar fhreagairt do rudeigin a sgrìobh ‘a’ ministear MacCascill’ air an t-seachdamh latha deug dhen mhìos roimhe. Tha e a-mach air ‘The Condition of Our Highland Crofters, &c.’ le Murdoch MacAskill, a nochd anns an Òbanach, 27 Faoilleach 1883. 

Bha an t-Urr. Murchadh MacAsgaill (1838–1903), à Pabail ann an Leòdhas.  Bha e na mhinistear anns an Eaglais Shaoir Ghàidhlig ann an Grianaig nuair a sgrìobh chun an Òbanaich air 19 Faoilleach, 1883. Bha e gu mòr air taobh nan croitearan, rinn e suirbhidh air cor na Gàidhealtachd, agus thug e seachad tòrr fianais do Choimisean Napier air 20 Dàmhair 1883, ann an Glaschu. (Tha an fhianais sin ri faotainn an seo, agus tha dealbh ann dheth an seo).

Tha an litir fhada aig an Urr. MacAsgaill inntinneach thoradh ged a tha e gu làidir ag iarraidh gun seas na croitearan an còirichean, mar a thuigeamaid, bha e dubh an aghaidh mì-laghalachd, aimhreit agus fòirneart. Tha e a’ cur an cèill a ghràdh-dùthcha Breatannach, agus gu dearbh tha earrann àraid ann far a bheil e ag àireamh na thug an t-Eilean Sgitheanach don arm agus don ìmpireachd! (Mar sin, tha gu leòr ann an cumantas eadar e fhèin agus an Siorram Alasdair MacNeacail ach gu bheil am ministear gu soilleir a’ seasamh an aghaidh nan uachdaran.) Tha e cuideachd a’ cur an aghaidh argamaid sam bith mu eilthireachd, agus ag innse mun chron a rinn agus a dhèanadh às-imrich do choimhearsnachdan Gàidhealach. Tha a’ phuing sa cudromach. Bha seann duan na h-eilthireachd fhathast a’ togail ceann – mar a chunnaic sinn roimhe anns an litir aig Ailein Ruadh.

An lùib a’ chunntais air cor nan croitearan, tha MacAsgaill ag argamaid:

For the crofters we demand – First, That they be given a lease of their holdings under a fair rent as an encouragement for the improvement of their holdings and habitations. […] 

We demand secondly that none of these men be forced from their native soil while there is plenty of land to be portioned out among them which they are willing to cultivate, and for which they are willing to pay the market rent. […]

We therefore demand the extension of the croft system where there is a population needing the extension [mar a bha ann an Leòdhas, tha e ag innse], and were there is land that can be so utilized, with as much benefit to the proprietor as to the people.

Tha Dòmhnall Bàn a’ freagairt nach obraicheadh e earbsa a chur anns na h-uachdarain a thaobh aontaidhean, no màl cothromach a stèidheachadh. Dh’fheumadh ùghdarras neo-eisimeileach a bhith ann airson dèiligeadh ri seo leithid Chùirt an Fhearainn. Tha an litir a’ sealltainn gu follaiseach mar a thug Achd Lagh Fearainn na h-Èireann 1881 (Faic an Loidhne-ama) eisimpleir do chroitearan na Gàidhealtachd:

Seo agaibhse an ni ’tha dhith na Gaidhealtachd, lagh ùr air bhonn lagh na h-Eirionn; ’s e sin, am màl bhi air a shuidheachadh le luchd meas, agus nach gabh an tuath gluasad gu’n chead o’n chúirt, agus gun làn dhioladh air son na rinn iad de leasachadh air a ghrunnd.

Tha fios gun rachadh seo uile a choileanadh ann an Achd an Fhearainn 1886. Ach, chan eil iomradh aig Dòmhnall Bàn air barrachd fearainn fhaighinn do chroitearan, gun luaidh air coitearan, mar a tha MacAsgaill a’ togail. ’S e laigse mhòr a bha seo anns an Achd, agus na adhbhar sgaraidh ann an coimhearsnachdan Gàidhealach.

Ged a tha sinn gu tric a’ gabhail ris gun robh croitearan ag iarraidh rudeigin coltach ri Achd Lagh Fearainn na h-Èireann, ann an gluasad nan croitearan san fharsaingeachd bha deasbad ann. Mar a tha Andrew G. Newby ag ràdh, b’ e seo am moladh as measarra (moderate), an taca ri làn-sheilbh a bhith aig an tuath (peasant proprietorship), agus as radaigiche buileach, nàiseantachadh fearainn. Newby, Ireland, Radicalism and the Scottish Highlands, c. 1870–1912 (Dùn Èideann: Edinburgh University Press), tdd 2–4.

Chithear gu bheil Dòmhnall Bàn air an aon ràmh ris a’ mhinistear ann an Grianaig, agus an aghaidh ‘ceannairc’ airson cùisean a leasachadh. ‘Tha comhrag ri chur’, tha e a’ leantainn air ‘gad nach ann le luaidhe agus fùdar’. ’S ann a tha a’ moladh na leanas:

Tha dà ni dh’fheumar a dheanadh, ’s e aon diubh iartas, no Petition, a chur gu Pàrlamaid gun dàil, iad a rannsachadh a stigh do chor na’n croitearan. ’S e’n ath ni, agus cha ’n fheumar a dhi-chuimhnecheadh, nach toir sinn ar vote seachad don uachdaran, no do’n fhear a raonaicheas e, ach a mhain dhàsan a gheallas ar pairt a ghabhail am Parlamaid.

Mar sin, ’s e eagrachadh poileataigeach sìtheil a tha bhuaithe. B’ urrainn dhuinn ceasnachadh, ge-tà, dè bh’ ann an ‘ceannairc’? A’ cur stoc air ionaltradh toirmisgte? A’ losgadh bàirlinn agus a’ diùltadh feart a thoirt air bagraidhean an lagha? Càite a bheilear a’ tarraing na loidhne?

Cuideachd, tha ceist orm ciamar a b’ urrainn nàire a bhith air Dòmhnall Bàn bhòtadh airson fear an uachdarain nuair nach robh croitearan san fharsaingeachd comasach air bhòtadh gus an do leudaicheadh a’ chòir-bhòtaidh ann an 1884–1885? ’S dòcha gu bheil e a-mach air taghaidhean ionadail agus airson, leithid, a’ bhùird-sgoile? Dh’fheumamaid rannsachadh beagan a bharrachd.

Bha Dòmhnall Bàn ag iarraidh, tro athchuinge, gun rannsaicheadh an riaghaltas cor nan croitearan. Às dèidh coiteachadh le Buill-Phàrlamaid Albannach, agus Teàrlach Friseal Mac an Tòisich air an ceann, dh’aontaich an riaghaltas ri Coimisean Napier a stèidheachadh beagan nas anmoiche na an litir air 19 Màrt 1883 (MacPhail, TCW, td. 67). Cha robh feum air athchuinge mhòr agus bhiomaid an dùil gun robh Dòmhnall Bàn gu math riaraichte leis a’ Choimisean.

Mu dheireadh, tha puing aig an ùghdar an aghaidh nam ministearan nach robh a’ seasamh leis na daoine:

’S an[n] ainmig chluinnear guth ministear a tagradh air son math[ ]t-sluaigh, ’s cha chluinnear ’s a chómhrag so iad, agus bidh a bhuil ’s a bhlàth, caillidh iadsan meas agus gràdh an t-sluaigh ’s cha ’n ioghnadh leam sin.

Rinneadh an gearan seo reusanta tric, ach mar a tha Dòmhnall Bàn ag aithneachadh bha corra mhinistear ann, leithid an Urr. Murchadh MacAsgaill, a bhruidhinn a-mach airson còirichean nan croitearan. Tha gu leòr aig Allan W. MacColl air MacAsgaill fhèin ann an Land, Faith and the Crofting Community (Dùn Èideann: Edinburgh University Press, 2006), m.e. 73, 105, 114–115 etc.

Sgrìobh beachd