‘Saighdearachd’ le Iain MacMhuirich (An t-Samhain 1898)

Camshronaich anns an t-Sudàin mu àm Blàr Atbara, 8 Giblean 1898.
Tùs na deilbh an seo.

Seo tè dhe na h-òraidean anmoch aig Iain MacMhuirich ann an Gàidhlig. Sgrìobh e i ann an 1898 agus chaidh a lìbhrigeadh ann an Céilidh nan Gàidheal ann an Glaschu, 12 Samhain 1898. Cha robh e fhèin an làthair, air adhbhar air choireigin, agus chaidh a toirt seachad le cuideigin eile. ’S ann air ‘saighdearachd’ a bha an òraid agus ’s e càineadh làidir, dealasach a th’ innte air cogadh, armailteachd (militarism), agus ìmpireachd. Tha mi air mo dhòigh teacsa slàn na h-òraid a lorg anns an Highland News agus gu bheil i cho math!

Gheibhear nòtaichean agus co-theacsa às dèidh na h-òraid.

~~~

SAIGHDEARACHD*

Leis na bheil de shaighdearachd, do chogadh agus do fheachdan airm mun cuairt, agus sinn cho cleachdte ri bhi cur earbs a lamh laidir a chlaidheamh, agus daoine feuchainn ri iad fein a chumail beo le bhi marbhadh a cheile, cha ’n ’eil e furasda leinn fhoighneach co dhiu tha Saighdearachd dligheach no nach eil. Tha so nis doirbh leis nach eil dream ann is momha no ’s luaithe gheibh urrum agus duais mhor air son gniomh no air son saothair, no ard chearmardan [= cheannardan] an airm. Cha robh ni ann a Wellington no ann a Marlborough1 a choisneadh speis agus gradh dhaoine glan, firinneach; ge’ dheadh rinneadh Duic [= Diùc] do ghach fear diubh a chionn, gun robh iad cho comasach air feachdan a shaodachadh a mharbhadh daoine; agus tha Mac an Leigh2 a dh’ fhosgail Africa gun buille a bhualadh air fhagail mar nach b-airidh e air ainmachadh an lathair nam milldearan. Agus thugaibh fan’ear gur e an t-urrain [= urram] is airde gheibh mic na Banrighinn a bhi nan ard cheannardan air feachdan airf [= airm]. Agus tha minnistearan feachd air an cur a mach leis gach buidhinn a guidhe beannachadh Dhe air an ni a thoirmisg E anns a h-uile cuma anns an gabh briathran a chur.

Aig a cheart am tha h-uile duine ag aideachadh gun e ni uamhasach a h-anns a mharb[h]adh, agus an uair a tha ar luchd riaghlaidh a deanadh uaill as na chroisinneadh [= choisinneadh/choisneadh] do dh’urram agus do dh’ fhearann anns na blair, tha mildean do chuirp a grodadh fo na spulan aid eoin ghlutach an fhasaich3, agus banntraichean us dilleachdain, a fulang, a caoidh s a gul air son an call. [Ag]us chan’eil an so ach an leith is lugha de n olc. ’S dona do dhuine bhi air a mharbhaidh, ach s ’ro-dhona do n fhear a ni marbhadh. ’S e an cionta, agus a mi-run agus a bhruidealachd leis a bheil iadsan a tha marbhadh air an truailleadh ni is mìosa gu leir. Agus chan eil an truailliadh so tachairt a mhain do na daoine tha ’s na cogaidhean. Tha fhios aig daoine tuigseach gu bheil a h-uile cogadh mor tha dol air aghaidh cur an t-sil as am bheil gach drochbheus agus olc a cinntinn ann an anaman an t-sluaigh. Tha so tighinn an uachdar n ar measg fein. An uair a tha sinn a deanadh gairdeachus le cheile air na choisinneadh de chliu, e do chumhachd leis a mharbhadh anns an Soudan4 tha bàrr air leith aig crochadair Glasachadh5; air na muirt tha ga’n deanadh le daoine truadh air an truailleadh le spiorad a chogaidh agus spiorad neoghlan nan grudairean.

Agus ’s fhiach e ainfachadh [= aithneachadh] gun ann ri linn an smoglaidh mhor bhi na threise s a Ghaidhealtachd6 chaidh na h-urad de na Gaidheil do n arm; agus a nis air do ’n t-sluagh a ghrudaireach[d] fhagail aig daoine mor saibhir, s gann gum faigh luchd tarruinn shaighdearan duine cho faoin ’s gun eisd e riu.

N’ ar tha mise, diteadh a chogaidh ’s a cur dimeas air an t-saighdearach[d], tha fear eiginn agradh gun robh cogadh agus saighdearachd ann an Israel. Dh’fheudainn a radh gun robh sin fo ’n t-Sean Tiomnadh, a bha leigeil de dhuine suil agus cluas a thoirt a mach air son suil agus cluais; ach tha a solus an Tiomnadh Nuadh oirnne a toirmeasg dioghaltas, agus ag aithneadh “Ma bhitheas do namhaid ochdrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor thoir deoch dha mar so carnaidh tu eibhlean teine air a cheann[”].7

A bharrachd air an teagasg so a tha cho direach an aghaidh a h-uile dioghaltas, ged a bha eagadh [= cogadh] ann an Israel fein cha robh saighdearachd – s e sin feachdan airm air leith – ann, gus a do roghnaich iad righrean a bhi aca mar a bh’aig na rioghachdan mun cuairt – ’m [= a] thug iomadh droch bheart na chois, mar a dh’innis Samuel dhoibh.8 Ach roimhe sin, tha e soileir, gun robh an sluagh uile ri bhi deas uair sam bith bha blar ri chur. Agus leis nach robh feachdan airm aca cha robh dol ás aig an fhear a rinn iorguill air a chaornag a thainig as a mhi-chordadh. Cha robh aon dream a dheunadh mi-rùn agus dream eile a dhortadh fuil air tàilleamh an troid.

Bha ni sonraichte an taic Israel, agus an cogaidhean. Bha iad fo fhuir [?] stuiradh agus seoladh Dhe. Cha robh iad ri dol gu cath ach fo aithne Dhe; agus an aghaidh dhaoine bha air an diteadh gu bas ann an cuirt neo-mheurachdadh [= neo-mhearachdach] Neaimh; agus ge do tha mharbhadh dona, cha robh daoine neo-chiontach gu’m marbhadh, ach sluagh a chaidh cho fad mach ann am fasaichean an uilc ’s gun robh an talamh gan sgeith a mach mar chaidh innseadh do Abraham fada roimh laimh.9

Ni eile, air do Israel a bhi suidhichte ann an Canaan, cha do leig Dia leo dol a chogadh gus a robh iad fein an airidh air peanas cruaidh air son am peacan fein; a leigeil ris dhuinn nach robh cogadh aig an am sin fein ach airson lamhan a bha salach codhiu. Tha an teagasg so air a dhaingnachadh leis nach le[ig]eadh Dia do Dhaibhidh lamh a chur ris an teampul a chionn gun robh e na dhuine fuilteach.10 Bha iomadh riaghailt na’m measg a leigeil fhaicinn nach robh ann an cogadh ach an t-olc ge do bha e air a cheadochadh car uine. Ach againne, cha’n’eil ach an aona aithne anns a ghnothach. “Na dean dioghaltas,”11 agus cha[’n] eil sin gun dearbhadh gur fhearr eibhlean teine a charnaidh air ceann na namhaid fhathasd no claidheamh a tharruinn na aghaidh. ’S math is fheach e airis mar bha so air a dhearbhadh uair aig Gruid ann an Cathaobh [= Cataibh]. Chaidh feachd shaighdearan, leis an t-siorramh a chur theaghlaichean as an cuid fearainn. Nuair a rainig na gillean, san[n] thaini[g], nigheanan grinn far an robh iad le miasan bainne agus trinnsearan aruinn, agus bha feum ac air, oir bha iad leth, paiteach, agus sgith.12 An uair a dhith sa dhal [= a dh’ith ’s a dh’òl] iad sa dh’amhraic iad gu taingeal air na caileagan, thubhairt an t-oifigach ris an t-Siorramh nach bu mhath leis dol air aghaidh leis a ghnothach air an d’ thainig iad. Dh’aontaich an Siorramh leis; agus ’s e bh’ ann gun do thill am feachd air ais gu Daignneach Ardna Saor13, agus cha do charachadh an sluagh, ’s cha d’fhuair a Frisealach Gruid fhathasd.

Nach b’fhad a bha crioch a ghnothaich so o’ mar thachair anns a chuid eile do Chathaobh. Tha fios agaibh gun d’fhalbh na gillean foghuinteach do ’n arm fo ghealla[dh] o na daoine mora, nach rachadh na teaghlaichean a bha iad a fagail as an deigh a chur as an cuid fearainn fhad s a chinneadh fear [= ?feur] no ruitheadh uisge. Ach cha luaithe bha iadsan a sas ann an daoine nach d’ rinn cron riamh orra, bha maoir agus saighdearan uile cur an teaghlaichean fein a mach agus a [c]ur teine ris na taighean ac[a].

Ach ’s e an ni sonraichte a tha air m’ aire anns a phaipear, so suil no dha thoirt air a cheisd. Am bheil feachdan shaighdear dligheach no chum math na[ ]duthcha. Anns a cheud aite, tha e air a radh. “Nan robh aig righrean ris na bhlair a chur cha bhitheadh aobhar cogaidh ann; agus nam b’fheudar do n h-uile uasal agus iosal dol sios do gheadhail na fola, cha bhitheadh an sluagh cho ealamh gu aontachadh leis na h-uachdarain nuair a theireadh gun robh iad air son dol a chogadh. Ach fhad sa tha Salisbury agus Deuchd Dhrochaid-na-Caime14 [= Diùc Cambridge] far nach rui[g] peilear orra, agus gun ac ach daoine bochd a stuigeadh ann an daoine mar gun b[u] choin a bh’ annta, cha’n’eil iad a choir cho faicailleach sa bhitheadh iad nan robh aca fein ri bhi an lathair nan gunnaichean mora agus an teismeadhoin na streabaid. ’S e mar tha an drasd, gu bheil an fheadhainn a tha deanadh na h-iorguill ga ’m meas fein oscionn a bhi ga ’n salachadh fein sa bhlar. Tha fhios aca gur e ob[a]ir, dhona, obair ghrainneil a tha ri dheanadh, agus a fios aca gum bheil creutairean, bochd gun chliu, gun mheas orra fein, agus moran diu gun chosnadh a theid chum an donais air son paidheadh gle shuarach. A reir so chi sinn o’ am gu h-am mu dhaoine bha s a Chrimea agus a bh’aig fuasgladh Lucknow15 bhi ag iarraidh na deirc sa bha gu so gun gabhail ruithe. Tha so dearbhadh nach eil meas aig na h-uachdarainn air na daoine tha deanadh na h-oibre nach fhiach leo fein a dheanadh; ged is math a phaighear na h-ard oifigich. ’S ann mar so a theid an t-uachdar s an tim [= an t-ìm] gus an dream a ni an iorguill, agus ’s gann gu ’m faigh na h-illsean [= ?ìslean] am bainne goirt fein.

(RI LEANTUINN).

*A paper by Mr John Murdoch, which was read at Ceilidh nan Gaidheal, in Glasgow, 12th November, 1898.

Highland News (24 December, 1898)

SAIGHDEARACHD*

AN DARNA EARRAINN.

Tha doimhneachd fhathast air nach do rainig sinn. Ma theid dithis thar a cheile agus gun ruig iad air buillean feudaidh iad gabhail air a cheile gu math, no gu dona – ni is coslaiche – Tha so michluiteach nis leoir. Ach ’s gnothach measail e seach, nan do throid is an do mhionnaich iad, ach nuair a thainig am nam buillean gu n do chum iad air ais, agus a chuir gach aon diubh truaghan gun mheas na ait a mhilleadh a cheile. Tha so grainneal, an da chuid dhaibhsan a rinn am buaireas agus dhaibhsan a chaidh do ’n chaornag ris nach robh gnothach aca, agus dhaibhsan a thug paigheadh seachad air an aon laimh, agus dhaibhsan a ghabh e air an laimh eile. Agus so mar tha na h-uachdarain againne deanadh baoil [= ?bail],16 e a cumail an craicinn [a]gus an cnamhan slan an deigh mi-run a dhusgadh, agus a cur clann nan illsean a dh’ fhuileann doirinn, masladh agus mi mheas nan aite. Cha ruig mis a leas a radh co dha ac is momha mi-chliu[.] Feudar a radh gur e so am faileas dubh a tha leantail morch[ui]s nan uailsean [= uaislean] nan gealtachd fein agus a bhrath a tha iad a gabhail air daoine tha cho bochd s gun gabh iad ceannach.

Tha againne mar Ghaidheil ri amharc a stigh nis dluthe air so. S e am feum is momha chi na h-uailsean [= uaislean] anns a Gha[e]ilteachd gum beathaich i feidh, caoraich, agus beagan theaghlaichean as an faidhtear saighdearan. Tha na feidh as cionn nan caorach, na caoraich as cionn nan daoine. Nam biodh measg aig na h-uailsean air an stochd as an d-fhuair iad na saighdearan, cha ann air chul nan caorach s nam fi[a]dh a chuireadh iad na teaghlaichean a bha ris na saighdearan arach. Tha a chuis nis miosa na sin. Tha fhios aig an t-saoghal nach eil aig na croitearan ach criomagan beaga do dhroch fhearann, agus gum bheil miltean de choiteirean aig nach eil mìr idir. Agus ged tha Achd nan Croitearan17 ag aiteachadh [= ag aideachadh] gu bheil fearann ann a dh’faodadh iad fheutainn, sgann gun d-fhuair iad mir dh[e]th. Tha an eucoir, nis momha ’n ar suilean nuair a ghabhas sinn a stigh gum bheil, a reir a chunntais a fhuair sin[n] mu na Fridhean18 agus feurach nan caorach, gu robh dluth air da fhichead ceud mile acair fhearainn a dh fheudadh a bhi aig croitearan agus coitearan gun chall do dhuine sam bith. Ach a mach o chriomagan beag ann, a Solas agus an am Bearnaraidh, cha deachaidh mir a thoirt as na miltean ud. Sin agaibh a meas – oir neo [= air neo] gu firinneach a mi-mheas a th’ ac air na Gaidheil – cungaidh nan Saighde[a]r. Agus chan’ e sin uile e. Ged nach d’ fhuair siol nan saighdear fearunn agus nis leoir ann deth, chaidh moran mhiltean acair a thoirt o na caoraich agus an cur fo na feidh. So smior na tamailt.

Thugaibh an aire na thaice so, nach rachadh na h-uailsean iad fein gus a mharbhadh anns na blair. Gu soileir cha ann gun robh dortadh fola mi thaitneach le[o]. Tha iad deigheil air marbhadh agus milleadh, nuair a tha iad a measg fhiadh agus eoin nach urrainn tilleadh a chur orra. Agus cha n ann air son biadh tha iad a marbhadh an t-ithinn nis momha. Tha iad ag radh gu bheil iad os cionn sin; ach gu bheil iad a marabhadh direach a chionn gu bheil tlachd ac anns a mharbhadh.

Am b’ urrainn ni bhi nis soileire na an tamuilt leis a bheil iad ag amharc sios air por nan Saighdear, a tha math nis leoir a dhol eadar tighearn agus peilear namhaid ach a dhol eadar fiadh is fireadh [= fireach] na bitheadh a chridhe ac! Ach thainig beannachadh mor air a rioghachd anns gun do thoisich na Gaidheil air cul a chur ris a ni uamhasach a tha againn anns a chogadh, agus ’s coir dhuinn na Gaidheil a neartachadh anns an t-sheasamh a [r]inn iad an aghaidh na saighdearachd agus gach ni tha nar cumhachd a dheanadh a chum Gaill is Sasunnaich agus Eirionnaich a thairuinn gus a chrioch cheudna. Tha gnothach mor an so. Nis thugaibh suil air tir mor a Roinn Eoirp cha robh sluagh riamh a chur urad earbs a saighdearachd sa rinn luchd riaghlaidh na Fraing. Shaoil iad gu sonraichte, o chionn grain a bhliadhnachan, gun robh iad dol a chosnadh fearainn, cumhachd, agus fuathus urraim, ann an cogadh [le] Prussia. Ach tha fhios aig, an t-shaoghal gur ann a chaill iad anns a h-uile doigh.19 Agus amhairceadh a nis orra. Na ceannabhardan nach b-urrainn buaidh a thoirt a mach ann am blar le [Pr]ussia, tha iad anns na ceart laithean so an sas anns na, h-uachdarain na leithid a dhoigh, is nach urrainn luchd breith binn a thoirt a mach a reir na firinn, leis an eagal a th’ orra roimhe na saighdearan! Se so is aobhar air Dreyfus a bhi am priosan agus air cho doirbh sa tha e an gnothach a reiteachadh.20 Tha na h-oifigich air son nach ruig an solus air na cleasan aca; agus tha eagal air moran gum faidh luchd airm an lamh an uachdar gu leir. Tha moran nithean cudthromach an taic a nis o, air am bu choir cuimhne chumail – h-aon diu, mar bhi gum bheil na h-urad de shluagh na Fraing [ann] seilbh an fhearainn ’s fhad o’n chaidh a rioghachd bun oscionn. Ach tha mi deanadh air son na Gearmailt. Fhuair Prussia buaidh mhor air an Fhraing[.] Fhuair e maoin, fhuair e fearuinn, agus fhuair i urram ann an suilean shaighdearan agus righrean. Se bh’ ann gun do dh’at i gu bhi na Iompaireachd.21 Fhuair iad so leis [a’] chlaidheamh. Agus chan urrainn do dhuine amharc air an staid anns am bheil an duthaich sin gun cuimhneachadh air mar thubhairt Righ na Sith ri Peadar, “Cuir suas do chl[ai]dheamh na ionad fein, oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh tuitidh iad leis a chlaidheamh.”22 Tha mise ag amharc air na feachdan airm agus na h-oifigich so mur gum be seor[s]a do nathair a bhiodh annta. Ghabh uachdarainn na Fraing an droch bheathach a stigh nam broilleach far an d fhas i suas gu bhi na h-uile bheist. Tha i nis mu amhaich na duthcha, a deoghal na fola as a cridhe ’s gu [= ga] claoidh.

Thachair a cheart ni an Prussia. Fhuair i buaidh air an Fhraing, leis a chlaidheamh – leis na Saighdearan – agus tha an claidheamh aig sgornan na h-Iompireachd ris an abair sinn a Ghearmailt; agus an uair a tha an uile-bheist ag òl na Fraing tha fuil na Gearmailt a sruthadh air feadh sraidean ach beag a h-uile baile mor air da thaobh an Atlantic. Se sin, tha n sluagh a teicheadh as a Ghearmailt, mar gum bitheadh radainn a fagail luinge a bhitheadh a dol fodha. Air chor is gu bheil gach neach agus gach rioghachd a toirt fianuis ann an gniomh agus ann fuileangas, as leith a ni sin a thoisich leis na Gaidhe[i]l – stad a chur ris an t-saighdearachd.

Na m biodh uin air bu mhath leam ni no dha chomharrachadh anns an da dhuthaich a tha ga n cumail gun dol fodha dh aona phlub; agus, cuideachd, a leigeil ris mar tha an da dhuthaich fad air thoiseach air an duthaich so a thaobh a ghreum a tha aig an t-shluadh air an fhearann.

Aon ni eile. Nach [eil] an duthaich so a dian ruith le saighdearachd anns an aon slighe ris an da dhuthaich eile, mar gun robh a mhiann air na h-uachdarain againne Breatann a bhi an sas aig an arm agus aig na maraichean cogaidh.

Ach chi sibh nach eil uin no paipear nis leoir air son dol a stigh gu h-iomalan anns a h-uile raoinn de n cheisd a dh fhosgail mi.

Tha mi ag iarraidh mathanas air son na h-urad a chur ribh.

*A paper by Mr John Murdoch, which was read at Ceilidh nan Gaidheal, in Glasgow, 12th November, 1898.

Highland News (December 31, 1898)

~~~

Bha Iain MacMhuirich (John Murdoch, 1818–1903) 80 bliadhna a dh’aois nuair a chaidh an òraid seo a sgrìobhadh. Thug e seachad òraidean eile air a’ bhliadhna sin – m.e., air ‘Céilidh ann an Coinisbidh, ’an Ile, bho chionn còrr ’us tri-fichead bliadhna’ san Fhaoilleach (Highland News, 29 Faoilleach 1898), san robh e an làthair, agus air ‘Some Highland Surnames’ san t-Samhain a-rithist, nuair nach b’ urrainn dha a bhith ann a-rithist (Highland News, 12 Samhain 1898). Chùm e air a’ sgrìobhadh altan Beurla air diofar chuspairean anns an Ardrossan and Saltcoats Herald gus an do bhris air a shlàinte san t-Sultain 1900.

Tha an òraid gu h-àrd inntinneach air sgàth ’s gu bheil MacMhuirich a-mach air ceistean poileataigeach nas fharsainge na an àbhaist, ged a tha ceist an fhearainn a’ togail ceann a-rithist, agus air gnothaichean eadar-nàiseanta cho math ris a’ Ghàidhealtachd agus Alba. ’S e càineadh làidir a tha ann air an dà chuid cogadh agus saighdearachd no armailteachd (militarism) a tha a’ toirt rabhadh – fìrinnichte – air mar a bha cùrsa na h-eachdraidh a’ dol. Tha e a’ daingneachadh ar measaidh air MacMhuirich mar shàr radaigeach agus cuideachd mar phrìomh riochdaire an traidisein radaigich Ghàidhealaich a cheasnaich armailteachd. Traidisean a bha a’ gabhail a-steach Eanraig MacIlleBhàin agus, na b’ anmoiche, Aonghas MacEanraig.

Tha e coltach nach robh MacMhuirich comasach air an òraid a lìbhrigeadh air sgàth a shlàinte. Ann an iomradh eile air an tachartas, chaidh innse gun do ‘leugh an t-uasal òg Mr Iain Mac-na-brataich an oraid na àite’ (‘Ceilidh nan Gaidheal’, Highland News, 19 Samhain 1898). ’S dòcha gum b’ e Iain Ruairidh Mac na Brataich (John Roderick Bannerman, 1865–1938) a bha seo. B’ esan a rinn an t-òran ainmeil ‘Màiri Bhàn’ agus bha e gu mòr an sàs ann an tachartasan Gàidhlig ann an Glaschu. Fhuair a mhac Iain Mac na Brataich (John MacDonald Bannerman, 1901–1969) cliù mar sheinneadair agus craoladair Gàidhlig am measg rudan eile.

Chithear san aon chunntas gun robh deasbad am measg luchd-èisteachd Céilidh nan Gàidheal às dèidh làimh – rud nach eil na iongnadh agus MacMhuirich ag argamaid an aghaidh bheachdan bunaiteach ann am fèin-aithne nan Gàidheal.

Labhair cuid do na bha lathair air an oraid gle thapaidh. Bha dealachadh eadar am beachdan air a cheist so, cuid ag ràitinn gu bheil cogadh feumail agus cuid nach ‘eil.

Highland News (19 Samhain 1898).

Mar a leughar san òraid, tha MacMhuirich a’ dèanamh phuingean mun chron a tha cogadh san fharsaingeachd a’ dèanamh orrasan a tha a’ bàsachadh agus air an cuid theaghlaichean – na ‘banntraichean us dilleachdain, a fulang, a caoidh s a gul air son an call’. Tha cogadh cuideachd a’ dèanamh cron air an fheadhainn a bhios a’ marbhadh, agus iad ‘air an truailleadh’ le ‘mi-run’ agus ‘[b]ruidealachd]. Tha an truailleadh seo a’ greimeachadh air an t-sòisealtas a tha an sàs ann an cogadh agus a’ cur taic ris – tha ‘a h-uile cogadh mor tha dol air aghaidh cur an t-sil as am bheil gach drochbheus agus olc a cinntinn ann an anaman an t-sluaigh’.

’S e argamaid mhoralta agus Chrìostaidh a tha MacMhuirich a’ dèanamh an aghaidh cogadh. A’ cur nar cuimhne air na sgrìobh e mun Bhìoball agus ceist an fhearainn – gu sònraichte Iubile nan Gaidheal: Fuasgladh an Fhearainn a reir a Bhiobuill (1883), tha e a’ lorg ùghdarras bhon Leabhar airson an t-seasaimh a bu chòir a bhith againn air cogadh san latha an-diugh. Tha e cuideachd a’ freagairt dhaoine a dh’fheuchadh ri am Bìoball agus Crìostaidheachd a chleachdadh airson cogadh fhìrinneachadh – m.e. na ‘minnistearan feachd [a tha] air an cur a mach leis gach buidhinn a guidhe beannachadh Dhe air an ni a thoirmisg E’. Ann am beagan fhaclan, tha teachdaireachd an Tiomnaidh Nuaidh stèidhichte air sìth agus ag àicheadh dìoghaltas. Ach, fiùs ’s anns an t-Seann Tiomnadh cha robh cogaidhean ceadaichte ach a-mhàin ‘fo aithne Dhe; agus an aghaidh dhaoine bha air an diteadh gu bas ann an cuirt [neo-mhearachdach] Neaimh’. Cha robh feachdan airm fa leth – saighdearachd fhèin – ann an Israel gus an do dh’fhàs i coirbte fo cheannas nan rìghrean. Agus, bha cathan gan cur an-còmhnaidh le ‘làmhan a bha salach codhiu’ – ’s e peanas a bha ann an cogadh.

Tha MacMhuirich gu math soilleir nach eil bunait mhoralta no fìrinneachadh airson cogadh san latha an-diugh: ‘againne, cha’n’eil ach an aona aithne anns a ghnothach. “Na dean dioghaltas”‘. An e sìochantair (pacifist) a bha ann, ma-thà? Tha na puingean a tha e a’ dèanamh san òraid uile a’ cur taic ri a leithid de bheachd. Chan eil e ge-tà a’ cnuasachadh air eisimpleirean de dh’fhòirneart ann am fèin-dìon no, gu dearbh, luchd-obrach is daoine eile a’ sabaid ri aintighearnas. Tha e ag innse sgeulachd mu bhoireannaich anns na Grùidean, Cataibh, a’ nochdadh coibhneas do shaighdearan a bha gus cuideachadh ann a bhith a’ fuadach an t-sluaigh. Air sgàth an cuid carthannachd thuig na saighdearan gur e daoine còire a bha seo agus cha robh iad deònach cron a dhèanamh orra. Dh’iompaich an tuath an nàimhdean tro ghràdh – agus ’s e argamaid shìochanta (pacifist) a tha seo cleas na dhèanadh Mohandas K. Gandhi san 20mh linn. Ach, dè am beachd a bhiodh aig MacMhuirich air an tuath a’ cleachdadh fòirneart, mar eisimpleir anns na Grùidean fhèin – faic nòta 12 gu h-ìseal – airson cur an aghaidh nam fuadaichean? Rè Aimhreit an Fhearainn, bhiodh MacMhuirich a’ comhairleachadh chroitearan a bhith a’ seachnadh fòirneart (I.M.M. MacPhail 1989: 60), ach càite an robh an loidhne ga tarraing? Dè cho fada an aghaidh bacadh is bagradh fòirneartach nan croitearan a bha e ann an da-rìribh?

Gheibhear deagh thuairisgeulan agus càineadh air sgaradh nan clasaichean air a bheil cogaidhean calpach stèidhichte. Tha feachdan an airm co-dhèanta de mhìltean de shaighdearan bhon chlas-obrach, a bhios a’ gabhail anns an arm mar thoradh air bochdainn, agus a bhios air an cleachdadh agus air an ìobairt le comanndairean is luchd-riaghlaidh airson an leas fhèin. Tha uaislean ann agus ìslean. Bidh na beartaich a’ gabhail brath ‘air daoine tha cho bochd s gun gabh iad ceannach’. An fheadhainn a bhios a’ dèanamh nan co-dhùnaidhean chan iadsan a bhios ‘ga ’n salachadh fein sa bhlar’. ‘Tha fhios aca’, tha e ag innse, ‘gur e ob[a]ir, dhona, obair ghrainneil a tha ri dheanadh, agus a fios aca gum bheil creutairean, bochd gun chliu, gun mheas orra fein, agus moran diu gun chosnadh a theid chum an donais air son paidheadh gle shuarach’. Mar eisimpleir orra sin, bha na ‘gillean foghuinteach’ à Cataibh a chaidh a mhealladh agus a thugadh ionnsaigh air an teaghlaichean nuair a bha iad thall a’ sabaid airson na h-ìmpireachd.

Anns an dàrna pàirt den òraid, tha MacMhuirich a’ cnuasachadh air armailteachd (militarism) san fharsaingeachd agus gu h-eadar-nàiseanta. ’S e sin sìor-neartachadh nam feachdan armaichte, fàs ann an cumhachd nan comanndairean ann am poileataigs na stàite, agus poileasaidhean a bhios a’ putadh airson cogadh.

Gu h-inntinneach, tha e a’ toirt iomradh air suidheachadh na Frainge agus na Gearmailt. An àite a bhith a’ lagachadh às dèidh a’ Chogaidh Fhrangaich-Phruisich (1870–1871), bha armailteachd agus luchd an airm fhathast cumhachdach san Fhraing agus, gu dearbh, ‘[b]ha eagal air moran gum faidh[eadh] luchd airm an lamh an uachdar gu leir’. Bha seo air a thaisbeanadh anns an dòigh a bha an t-arm a’ claonadh siostam a’ cheartais ann an Cùis Dreyfus (1896–1906) – faic nòta 20. Chan ‘urrainn luchd breith binn a thoirt a mach a reir na firinn, leis an eagal a th’ orra roimhe na saighdearan!’. Agus, aig an àm seo, bha ìmpireachd na Gearmailt aonaichte a’ sìor fhàs mar chumhachd san t-saoghal agus a’ bagairt dhùthchannan eile. Bha MacMhuirich a’ rabhadh gun creanadh an dùthaich air a cur armailteachd: ‘Fhuair i buaidh air an Fhraing, leis a chlaidheamh – leis na Saighdearan – agus tha an claidheamh aig sgornan na h-Iompireachd ris an abair sinn a Ghearmailt’. Bha seo ro-fhiosrach 16 bliadhna ron Chogadh Mhòr, ach chan eil a’ phuing aige mu dhaoine a’ teicheadh bhon dùthaich cho làidir.

Tha corra argamaid eile san òraid a tha rudeigin amharasach. Mar eisimpleir, faisg air an toiseach tha e a’ ceangal deoch-làidir is stailigeadh mì-laghail ri saighdearachd. Bha droch bhuaidh na dibhe a’ toirt air Gàidheil gabhail san arm, na bheachd-san, ach às dèidh atharrachadh san lagh san lagh a chìosnaich stailigeadh mì-laghail ‘[’]s gann gum faigh luchd tarruinn shaighdearan duine cho faoin ’s gun eisd e riu’. B’ ann a bha MacMhuirich, a bha a’ seachnadh alcol, a’ cur truailleadh na dibhe is truailleadh a’ chogaidh an ceann a chèile na thuigse mhoralta. Ach, chan eil seo a’ mìneachadh na thachair. Mar a sgrìobh an t-eachdraiche armailteach, Edward M. Spiers:

Even in the early nineteenth century, when Scottish recruitment was relatively buoyant […] Highland regiments, though overwhelmingly Scots in composition, struggled to find recruits from Highland counties as migration within Scotland compounded the effects of emigration from the Highlands.

Edward M. Spiers, ‘Scots and the Wars of Empire, 1815–1914’, ann an Spiers et al, deasaichean, A Military History of Scotland (Dùn Èideann: Edinburgh University Press, 1914), td. 459.

Bhiodh trusadh don arm eadar-dhealaichte ann an diofar rèiseamaidean, agus bhiodh e ag atharrachadh ri ùine – mar eisimpleir, ann an Alba air fad, dh’àrdaich an àireamh de dhaoine a bha a’ gabhail anns an arm anns na 1850an agus 1860an (ibid.). A dh’aindeoin sin, aig ceann an 19mh linn, bha na rèiseamaidean Gàidhealach an eisimeil gu h-ìre mhòr air daoine bhon chlas-obrach anns na bailtean (ibid., td. 460). ’S e fàsachadh an t-sluaigh, eilthireachd agus cothroman cosnaidh eile a thug buaidh air àireamhan a bha a’ gabhail anns an arm air a’ Ghàidhealtachd, chan e droch bhuaidh na dibhe.

Agus, co-cheangailte ri seo, tha puing eile ann a tha MacMhuirich a’ dèanamh faisg air an deireadh: ‘thainig beannachadh mor air a rioghachd anns gun do thoisich na Gaidheil air cul a chur ris a ni uamhasach a tha againn anns a chogadh’. Mar a tha sinn ga thuigsinn, bha Gàidheil a’ tòiseachadh a bhith a’ diùltadh gabhail anns an arm. Dh’fhaodadh gu bheil sin cuideachd a’ ciallachadh nach robh daoine san fharsaingeachd cho fàbharach ris an arm, cho taiceil ri cogaidhean thall thairis. B’ fhiach e rannsachadh cò air a bha e a-mach. Ach, tha dà phuing an aghaidh seo: chan fheumadh lùghdachadh ann an àireamhan de Ghàidheil a’ gabhail san arm a bhith a’ ciallachadh gun robh daoine ga dhiùltadh seach adhbharan stuthach (material) eile, mar chrìonadh-sluaigh; agus, gu mì-fhortanach, tha fios againn gun do ghabh Gàidheil pàirt mhòr ann an Cogadh Afraga agus sa Chogadh Mhòr.

Tha e ùidheil, ge-tà, gu bheil MacMhuirich a’ moladh na leanas:

’s coir dhuinn na Gaidheil a neartachadh anns an t-sheasamh a [r]inn iad an aghaidh na saighdearachd agus gach ni tha nar cumhachd a dheanadh a chum Gaill is Sasunnaich agus Eirionnaich a thairuinn gus a chrioch cheudna.

Seo mar a bhios sinn a’ cur an aghaidh cogadh agus armailteachd, a’ brosnachadh dhaoine gun a bhith a’ gabhail san arm – agus, ’s cinnteach, ag argamaid an aghaidh chogaidhean agus miotas na h-ìmpireachd, mar a bha MacMhuirich a’ dèanamh. Chan e Gàidheil a-mhàin a dh’fheumas seo a dhèanamh ach Goill, Sasannaich agus Èireannaich. ’S e rud eadar-nàiseanta a th’ ann am frith-armailteachd (anti-militarism), mar gum b’ eadh.

Aig an fhìor dheireadh, tha MacMhuirich a’ rabhadh gu sgiobalta gu bheil Breatann ann an cunnart a bhith a’ leantainn na Frainge agus Ìmpireachd na Gearmailte ann a bhith a’ toirt barrachd is barrachd cumhachd do na feachdan armaichte. Gum biodh armailteachd agus grìosachadh cogaidh a’ gabhail thairis air an dùthaich. ’S e deagh rabhadh a th ann, mar a tha fios againn air na thachair ann an eachdraidh.

Tha MacMhuirich a’ dèanamh luaidh san dol seachad air aon àite san robh saighdearan Breatannach is Gàidhealach a’ sabaid: an t-Sudàin – faic nòta 4. Chan eil guth aige an seo air Cogadh Afraga, no nas mionaidiche Dàrna Cogadh Afraga a Deas (1899–1902), air sgàth ’s nach robh e air briseadh a-mach fhathast. A’ leantainn air argamaid làidir na h-òraid, an tuirt e sìon mun chogadh?

Chaidh mi an tòir air beachdachadh sam bith, agus gu dearbh, ann am fear dhe na h-altan mu dheireadh a sgrìobh e – an e am fear mu dheireadh? – tha rudan cumhachdach aige ri ràdh mu dheidhinn.

No doubt Lord Salisbury [am Prìomh-mhinistear] has said he did not want lands, or gold, or diamonds; but these tempting objects were in South Africa, and the Uitlanders showed a different state of feeling and desire from that of the pliable Prime Minister. Not only so, but there was the Majuba Hill business [ann an Ciad Chogadh Afraga, sa Ghearran 1881] still rankling in British flesh; and what easier than to make up for many losses in trade and agriculture with the spoils taken in crushing a few hundreds of untrained farmers [.i. na Boers]! Of course, these were not the objects of the war, nor the purposes of the diplomacy. Our Christian rulers had winked at the slaughter of Christian men and women in Armenia, because the murders were sanctioned by a powerful nation; but the enfranchisement of the gold diggers in the Transvaal was so sacred in the eyes of our politicians that they must be accorded the whole ten points in the proposed charter, let whatever happen in the course of obtaining them. Of course, no serious consequences could follow; a handful of our “absent-minded beggars” would soon crush any rising among the Boers, and instead of losses, we should reap not only gains, but honours and promotion for featherbed officers in favour with London “society.” So the war must be provoked; and the negotiations were conducted with a certain air of contempt for the Transvaal President, to a point at which a despatch was sent to Pretoria which needed an explanation; but although the explanation was acknowledged to be necessary, it could not be said exactly that the declaration of war came from the Colonial Office, but it was forced on Kruger from the Colonial Office. And now at the end of nine months there could hardly be a more despicable spectacle presented to the world than ours is seen at this moment to be! That little war is not ended yet, although we have more armed and trained men in the field than there were of Boers to subjugate, and that we have lost in sick, wounded, and killed a greater number of men than were deemed at first sufficient for the whole enterprise. Not only so, but every fresh bit of information which reaches us sheds fresh light on our unpreparedness, after years of time and many millions of money had been devoted to making sure of an early and a glorious triumph of British troops over foes which the English dictionaries cannot afford terms bad enough to convey the contempt in which they are held by “the noble Anglo-Saxon.”

John Murdoch, ‘An Indictment’, Ardrossan and Saltcoats Herald (24 Lùnastal 1900). Mo chuideam.

Tha an càineadh seo ga dhèanamh ann an alt a tha a’ toirt ionnsaigh air an riaghaltas Tòraidheach san fharsaingeachd agus air na bha e a’ dèanamh, no gun a bhith a’ dèanamh taobh a-saigh na dùthcha. Seo riaghaltas nach robh air sìon a choileanadh agus aig nach robh sgath ri shealltainn ach ‘the record of its achievements with a military force of trained and equipped men equal in number to the whole population to be subdued! [.i. na Boers]’ (ibid.).

A rèir an t-seasaimh aige anns an òraid a thug e seachad ann an 1898, a rèir a chuid phrionnsabalan leantainneach, bha Iain MacMhuirich an aghaidh Cogadh Afraga mar a bha e an aghaidh cogadh sam bith eile. Chan eil ceist oirnn gum biodh e dubh an aghaidh a’ Chogaidh Mhòir, eu-coltach ri iomadh Gàidheal eile. Tha e smaoineachail a bhith a’ beachdachadh air na chanadh MacMhuirich nam biodh e fhathast beò – agus ’s dòcha beagan na b’ òige! – ann an 1914. Am biodh e air bruidhinn a-mach na aghaidh, cleas Iain Mhòir MhicGillEathain is càch, agus air an aon tàmailt fhulang?

Ach, bhuin MacMhuirich do linn eile. Bha, agus tha, e an urra ri ginealaichean eile cur an aghaidh cogadh agus saighdearachd.

***

1 Diùc Wellington (1769–1852) a bha am measg nan ceannardan Breatannach ann an Cogaidhean Napoleon a fhuair buaidh air aig Blàr Waterloo (1815). Bha iomadach Marlborough an sàs ann an arm Bhreatainn, dh’fhaodadh gu bheil MacMhuirich a-mach air Diùc Marlborough, (‘Corporal John’, 1650-1722), a tha am measg nan seanailearan a b’ àirde cliù ann an eachdraidh arm Bhreatainn.

2 Daibhidh Mac an Lèigh (David Livingstone, 1813–1873), an lighiche, miseanaraidh agus taisgealaiche (explorer) Afraganach ainmeil à Blantaidhr, Alba. Cha robh ginealaichean na b’ anmoiche leth cho cofhurtail mu na rinn gaisgeach seo na h-Ìmpireachd ’s a bha MacMhuirich.

3 ’S dòcha: ‘fo na spuirean aig eòin ghlutach an fhàsaich’.

4 Nuair a bha MacMhuirich a’ sgrìobhadh ann an 1898, bha Breatann an sàs ann a bhith ag ath-cheannsachadh na Sudàin fo chomannd an t-Seanaileir Herbert Kitchener (1850–1916) – a dh’fhàs cho ainmeil mu thoiseach a’ Chogaidh Mhòir. Bha arm Bhreatainn a’ sabaid, ma b’ fhìor còmhla ris an Èiphit, an aghaidh nam Màdaidheach (Mahdists) – anns an robh 60,000 saighdear. Thug na Breatannaich, a’ gabhail a-steach shaighdearan Gàidhealach sna Sìophortaich is Camshronaich, buaidhean mòra orra aig Blàr Atbara sa Ghiblean agus mu dheireadh aig Blàr Omdurman san t-Sultain. Bhon àm sin gu 1956, bha an t-Sudàn mar phàirt de dh’ìmpireachd Bhreatainn. Bhruidhinn Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) air toiseach a’ chogaidh san Èiphit agus san t-Sudàin.

5 ’S dòcha: chan eil daoine ach a’ dèanamh subhachas ri bàs mar a dhèanadh crochadair Ghlaschu a tha nas fheàrr buileach air a leithid. (Tha mi air mothachadh gur e ’Glasachadh’ a sgrìobh cuid de Ghàidheil agus iad a’ dèanamh ciall dhen ainm-àite.)

6 Bha stailigeadh mì-laghail an uisge-bheatha anabarrach cumanta air a’ Ghàidhealtachd mus tug an riaghaltas reachdas ùr gu buil ann an 1823. Lùghdaich siud a’ chàin air taighean-staile laghail agus neartaich e am peanasachadh an aghaidh luchd-stailigidh mì-laghail agus smgulairean. Faic T.M. Devine, ’The Rise and Fall of Illicit Whisky-Making in Northern Scotland, c. 1780–1840’, Scottish Historical Review 54:158 (October 1975), 155–177.

7 ‘Uime sin, ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor, thoir deoch dha: oir le seo a dhèanamh càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann.’ Ròmanaich 12:20

8 Mar eisimpleir, ann an 1 Samuel 8:10–22. ‘Agus glaodhaidh sibh a‑mach anns an là sin o làthair ur rìgh a thagh sibh dhuibh fhèin; agus chan èisd an Tighearna ribh anns an là sin.’ 1 Samuel 8:18.

9 Cf. ‘A‑chum nach sgeith am fearann sibhse a‑mach mar an ceudna, nuair a thruailleas sibh e, mar a sgeith e a‑mach na cinnich a bha romhaibh.’ Lebhiticus 18:28. Dh’fhaodadh gu bheil MacMhuirich a-mach air breithneachadh Dhè air Sòdom agus Gomorrah ann an Genesis 18–19.

10 2 Samuel 7:1–13

11 ‘A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh.’ Ròmanaich 12:19

12 Na Grùidean (Gruids) ann an Cataibh. Tha sgeulachd gu math eadar-dhealaichte ann mu na Grùidean anns na Fuadaichean a tha, ’s dòcha, a’ dol an aghaidh teachdaireachd MhicMhuirich. Thugadh ionnsaigh mhòr air oifigich-siorraim – Donald Bannerman, Alexander Ross agus Alexander MacKenzie – a bha a’ feuchainn ri muinntir nan Grùidean a bhàirligeadh air 15 Ògmhior 1820. Chruinnich mu 100 duine, boireannaich airson na mòr-chuid, ‘“armed with sticks and cudgels”’. Chaidh Bannerman a ghlacadh, a rùsgadh agus a thogail os cionn lasraichean! Fhuair e fhèin agus a cho-obraichean air teicheadh às dèidh tuilleadh maslachadh. Faic James Hunter, Set Adrift Upon the World: The Sutherland Clearances (Dùn Èideann: Birlinn, 2015), tdd 467—468 [dreach didseatach].

13 .i. Dùn Deòrsa (Fort George).

14 Marcas Salisbury (1830—1903), a bha na phrìomh-mhinistear eadar 1895 agus 1902, agus Am Prionnsa Deòrsa, Diùc Cambridge (1819—1904), a bha na cho-ogha aig Bànrigh Bhictoria agus na àrd-chomanndair air arm Bhreatainn bho 1856 gu 1895.

15 B’ ann eadar 1853 agus 1856 a bha Cogadh Chrimea nuair a rinn Breatann, an Fhraing agus dùthchannan sabaid an aghaidh na Ruise. Bha Fuasgladh Lucknow na thachartas ann an Aramach nan Ìnnseachan (1857–1858). Ri linn Sèist Lucknow bha na ceudan de shaighdearan Breatannach agus de shaoranaich an sàs anns a’ phrìomh-àras Bhreatannach fo ionnsaigh nan reubaltach Ìnnseanach. Thug e dà oidhirp air an toirt gu sàbhailteachd – an dàrna tè fo chomannd Shir Chailein Chaimbeil agus feachdan a’ gabhail a-steach na 93mh Rèiseamaid (Cataibh), a shoirbhich air uabairt (evacuation) a dhèanamh air 19mh Samhain 1857. Stèidhichte air a leithid, chruthaicheadh sgeulachdan is miotasan a chuir ri cliù gaisgeil nan saighdearan Albannach is Breatannach agus ri ìomhaigh uasal na h-ìmpireachd.

16 Mì-shoilleir – ‘dèanadh bail’, .i. a’ caomhnadh, a’ sàbhaladh? Agus na h-uachdarain ‘a cumail an craicinn [a]gus an cnamhan slan’.

17 Chuireadh Achd nan Croitearan ann an lagh às dèidh strì mhòr ann an 25 Ògmhios 1886.

18 Bha Coimisean Rìoghail eile anns na 1890an, caran coltach ri Coimisean Napier ann an 1883, a’ coimhead air ceist nam frìthean air a’ Ghàidhealtachd air an uimhir de dh’fhearann a ghabhadh cleachdadh mar lotaichean ùra do chroitearan. Dh’fhoillsicheadh Aithisg nam Frìthean ann an 1892.

19 Chaill an Fhraing gu dona anns a’ Chogadh Fhrangach-Phruiseach (1870–1871) an aghaidh Co-chaidreachas na Gearmailt a Tuath fo cheannas Rìoghachd Phruisia. Ghairm an Fhraing fhèin an cogadh is iad an dà chuid fo bhagairt fàs Phruisia agus, mar a tha MacMhuirich ag argamaid, gus ‘fearainn, cumhachd, agus fuathus urraim’ a chosnadh a tharraingeadh aire air falbh bho thrioblaidean poileataigeach taobh a-staigh na dùthcha. Bha Seansailear Bismarck, ann an Rìoghachd Phruisia, ge-tà a’ miannachadh cogadh agus ag obrachadh dha ionnsaigh gus aonachadh nan stàitean Gearmailteach a bhrosnachadh. Chaill an Fhraing a’ mhòr-chuid de dh’Alsace agus cuid de Lorraine às dèidh a’ chogaidh agus bha aice ri barantas-dìona (indemnity) mòr de chòig billean franc a phàigheadh. Às dèidh a’ chogaidh anns a’ Mhàrt 1871, ghlac rèabhlaideach baile Pharis a’ cruthachadh Coimiùn Pharis a mhair dà mhìos. Saoil, dè smaoinich MacMhuirich mun tachartas chudromach seo ann an eachdraidh shòisealach?

20 Bha Cùis Dreyfus (l’affaire Dreyfus, 1896–1906) gu mòr anns na naidheachdan nuair a bha MacMhuirich a’ sgrìobhadh ann an 1898. Bha Émile Zola air an litir fhosgailte ainmeil aige, ‘J’Accuse…!’, fhoillseachadh na bu tràithe air a’ bhliadhna air 13 Faoilleach 1898. ’S e a thuirt e gun deach an t-oifigeach airm Alfred Dreyfus a dhìteadh gu ceàrr gu binn-bheatha sa phrìosan airson brathadh, gun robh na seanailearan a’ cleith na thachair agus a’ cleith fianais an aghaidh fear eile, gun robh iad gu tur coirbte agus ciontach de dh’fhrith-sheimiteachas.

21 Thàinig stàitean Gearmailteach còmhla a’ cruthachadh na h-Ìmpireachd Ghearmailtich gu h-oifigeil, agus Ceusair Wilhem I Phruisia mar Ìmpire, air 18 Faoilleach 1871 ann an Talla nan Sgàthanan, Lùchairt Versaille, faisg air Paris.

22 ‘An uair sin thuirt Ìosa ris, “Cuir do chlaidheamh air ais na àite fhèin. Oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh.’ Mata 26:52.

An tras-sgrìobhadh agus nòtaichean le T. MacAilpein (2021).

One thought on “‘Saighdearachd’ le Iain MacMhuirich (An t-Samhain 1898)

Sgrìobh beachd