9 Lùnastal 1921 – Reudairean Bhaile Raghnaill a’ dol don Phrìosan

#AirAnLathaSeo 9 Lùnastal 1921, ràinig sianar de reudairean Bhaile Raghnaill, ann an Uibhist a Tuath, Inbhir Nis airson dol gu prìosan sa Chaisteal fad 60 latha. Bha dithis Uibhisteach eile air an cur an grèim na b’ anmoiche agus iad sna Territorials. Bhris dusan am fearann ann am Baile Raghnaill agus Paiblesgearraidh – fo sheilbh Raghnaill Mhòir – san Dùbhlachd 1920.

Chuireadh pàipearan-lagha nan aghaidh, a loisg iad, agus bha aca ri dol gu cùirt Loch nam Madadh san earrach 1921. Fhuair iad 60 latha sa phrìosan an uair ud, ach bha aca ri sin a dhèanamh ann an Inbhir Nis. Mar sin, chaidh na reudairean uile dhachaigh agus chùm iad orra ag àiteach agus ag obair air an fhearann a ghabh iad. A rèir an Scotsman (10 Lùnastal 1921), chuireadh an sianar an grèim mu dheireadh thall air 8 Lùnastal 1921, agus dh’fhalbh iad a dh’Inbhir Nis an ath latha.

Fhuair iad fàilte mhòr nuair a ràinig iad, mar a leughar sa chunntas aig an Dundee Courier (11 Lùnastal 1921) – gu h-ìseal. B’ iad Aonghas Ailig MacAmhlaigh (Mac Ailig ‘ic Alasdair Shaoir, 1895–1988) agus a charaid Dòmhnall Dhòmhnaill Eòghainn a bh’ anns na Territorials aig an àm, agus chaidh an cur an grèim beagan às dèidh làimh.

Thug Aonghas Ailig seachad fiosrachadh sgoinneil mu thoirt a-mach an fhearainn agus mu a bhith anns a’ phrìosan ann an clàraidhean a tha a-nis air Tobar an Dualchais.

Dh’innis e gun robh stand-off ann am measg nan saighdearan nuair a thàinig am poileas airson an cur an grèim. Bha mu dhà cheud Sgitheanach ann agus nuair a chuala iad na bha a’ tachairt bha iad ‘fon chuthaich’ agus bhac iad am poileas. Ach, rinneadh rèite le ceannard an airm agus bha e air a thuigsinn gum faigheadh na h-Uibhist deagh chuideachadh lagha.

Chaidh an dithis eile don phrìosan agus bha aca ri ’deise-phrìosain’ a chur orra. Bha na h-Uibhistich eile a’ cosg aodach àbhaisteach agus nuair a chunnaic iad an dithis eile sa ghàrradh a-muigh cha do dh’aithnich iad iad. Gu dearbh, b’ ann a smaoinich iad gum b’ e ‘Sinn Féiners’ a bh’ annta – oir bha iadsan sa phrìosan aig an aon àm!

Chan eil coltas ro dhona air an ùine a chuir iad seachad sa phrìosan. A rèir Uilleim MhicDhòmhnaill (ann am MacAmhlaigh 1980: 61), thuig iad gum biodh aire a’ phobail orra agus iad sa phrìosan na chuideachadh dhaibh. Agus, bha tòrr gàireachdaich aca ann!

Ann an Domhnall MacAmhlaigh, deas., Oighreachd is Gabhaltas (1980), td. 61.

Fhuair iad a-mach, ma-thà, ann an 16 làithean – an dithis a bha san arm ann an 14 làithean (a rèir Aonghais Ailig). Nuair a thàinig iad dhachaigh a-rithist, cheannaich Bòrd an Fhearainn an oighreachd agus ghlèidh na reudairean am fearann!

Agus seo an t-òran, ‘O, ‘S ann a tha na Diùlnaich Thall’ le Fionnlagh Cìobair, à Solas, mu thoirt a-mach Bhaile Raghnaill. Tha e air a ghabhail le Aonghas Ailig agus Ailig MacAmhlaigh aig deireadh a’ chlàraidh air Tobar an Dualchais ainmichte shuas.

Sèist:

O ’s ann tha na diùlnaich thall
Air an taobh ud dhen a’ bheinn,
Fhuair iad fearann ann gun taing
Dhan luchd aingidh rinn am mealladh.
O ’s ann tha na diùlnaich thall.

‘S chan eil neach san linn seo beò
Chuala cainnteanàs Lloyd George;
Gheall e fearann do na seòid
‘S na thill beò dhiubh ’s mòr an gearain.
O ’s ann tha na diùlnaich thall.

‘S nuair a thuig na gillean còir
Gun robh ’n government fo sgleò,
‘S nach robh gealltanas Lloyd George
Ach mar cheò a’ falbh à sealladh.
O ’s ann tha na diùlnaich thall.

Chruinnich iad is fhuair iad pìob
Am port a chluich iad Morair Sìm;
‘S cha robh gille bha san sgìr’
Nach robh cruinn aig roinn an fhearainn.
O ’s ann tha na diùlnaich thall.

Thàinig Raghnall le mòr uaill
Le each ’s le ghunna dol mun cuairt;
‘S gann gum bruidhneadh e le gruaim
Thug e an dualchas ud o sheanair.
O ’s ann tha na diùlnaich thall.

O mo bheannachd aig na seòid
Choisinn cliù am blàr na h-Eòrp’;
Fearann aca nis le còir
Fhuair iad e a dheòin neo dh’aindeoin.
O ’s ann tha na diùlnaich thall.

Sguiridh mise nis dhem dhàn
‘S e mo dhùrachd sibh bhith slàn,
Agus sabhail mhòra làn
Leis a’ ghràn gu àrd nan sparan.
O ’s ann tha na diùlnaich thall.

Taing mhòr don làraich-lìn ‘Bliadhna nan Òran’ airson nam faclan. NB. tha e coltach gun robh rann a bharrachd aig Aonghas Ailig anns a’ chlàradh a bha a-mach air an Dr Murray, am ball-pàrlamaid a thug brosnachadh do na reudairean bho thùs.

Summary: #OTD 9 August 1921, the Balranald raiders arrived in Inverness to serve their time in prison. They had been sentenced in Lochmaddy in the spring to 60 days in prison, without the option of paying a fine, for raiding and occupying the Balranald estate in North Uist. Twelve men had originally carried out the raid in December 1920, marching with a piper at their head and then digging the ground to plant potatoes. Only eight men had to serve time in prison. In the end they had generated enough publicity and support they were released after only 16 days. The Board of Agriculture bought out the estate and the men all got the land they had raided.

Sgrìobh beachd