Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)

Eanraig MacIlleBhàin (‘Fionn’, 1852–1913) san deise Ghàidhealaich, mar a bhiodh air aig iomadh tachartas. Tùs na deilbh: The Celtic Review 9:36 (1914), 332.

Rinneadh iomradh air Eanraig ‘Fionn’ MacIlleBhàin san dol seachad anns a’ bhloga mu dheireadh agus sinn a’ coimhead air gnè ùr de radaigeachd a bha mar chuspair òraid am measg Gàidheil Ghlaschu. Bha Fionn air fear dhe na prìomh ‘Radical Romantics’, mar a ghabh Dòmhnall Meek orra, air a’ Ghalltachd mu dheireadh an 19mh linn. San alt seo, tha deagh eisimpleir againn air a chuid bheachdan poileataigeach measgaichte le tomhas math de romansachd.

Air 5 Màrt 1886, thug e seachad òraid mar chathraiche aig cèilidh bhliadhnail Gàidheil Bhaile Iain (na Johnstone Highlanders). Tha Baile Iain dìreach taobh a-muigh Phàislig agus gu math faisg air Glaschu. Tha e gu sònraichte laghach dhomhsa leughadh mun chuideachd seo oir ’s ann às an sgìre a tha mi fhìn bho thùs!

Nuair a bha e a’ bruidhinn ann an 1886, bha Aimhreit an Fhearainn a’ dol gu làidir. Chaidh Achd nan Croitearan a chur an lagh gu h-oifigeil beagan na b’ anmoiche air 25 Ògmhios 1886. Ach, an àite a bhith a’ sìoladh às, b’ ann a dh’fhàs an strì na bu dhèine buileach ann an àitichean leithid Thiriodh, an Eilein Sgitheanaich agus Leòdhais (MacPhail 1989: 173). Mar sin, anns an òraid aige – a tha againn gu h-iomlan a rèir coltais – tha e a’ dìon nan croitearan agus ag iarraidh air an luchd-èisteachd taic a chumail riutha.

Sa chiad earrann, tha e a’ dèanamh a’ mholaidh àbhaistich air a’ Ghàidhealtachd agus air na Gàidheil agus tha gu leòr dhe na gnàth-ìomhaighean againn – ’nach anns a’ bhothan bheag aig cois na beinne ’s ri taobh an uillt a rugadh ’s a thogadh sibh’. Ach, mar a bha sinn ag argamaid roimhe, tha an cuideam aige air aonachd nan Gàidheal agus cùl a chur ri diofaran eatarra. Tha e a’ toirt seachad criomag dhen eadar-theangachadh aige fhèin air dàn co-ionnanachdail ach caran bog le Robert Nicoll – tha mi an dùil – ‘Is Bràithrean Sinn Uile’.

Tha e an uair sin a’ tionndadh gu bhith a’ caoidh fàsachadh ‘Tìr nam Beann’ – rud, a-rithist, nach eil a’ cur iongnadh oirnn agus a bhiodh a’ sìor nochdadh ann am bàrdachd an ama. Tha earrannan san òraid fhèin bho na dàin ‘Fògradh nan Gàidheal’ le Aonghas MacEacharn, agus ‘Fios chun a’ Bhàird’ le Uilleam MacDhunlèibhe.

Sa chòrr dhen òraid, tha barrachd de chumhachd na argamaid. ‘S ann a tha e a’ deasbad dè dìreach a tha ann an gaisge nan Gàidheal: na saighdearan a’ marbhadh às leth Ìmpireachd Bhreatainn no an tuath bochd aig an taigh a’ strì airson beatha nas fheàrr do na h-uile? Gu dearbh, tha e, mar gum b’ eadh, a’ toirt dùbhlan do dhaoine ann an saoghal na Gàidhlig, ’s dòcha anns na cearcallan aige fhèin: ‘Tha cuid ann (’s tha iad Gaidhealach cuideachd) a tha meas nach gaisge idir so’ (.i. strì nan croitearan).

Coltach ri bàird leithid Iain Mhic a’ Ghobhainn, Iarsiadar, agus Iain MacIllEathain (Bàrd Bhaile Mhàrtainn), tha e a’ tarraing aire don duais mheallta a fhuair saighdearan Gàidhealach san 19mh linn (cf. Meek 1995). Fad ’s a bha iad a’ sabaid san arm Bhreatannach, bha an teaghlaichean is na daoine aca gan cur à seilbh gu borb. ‘S dòcha a’ tarraing air m.e. Gloomy Memories (1841) le Dòmhnall MacLeòid, a bha a-mach air fuadaichean Chataibh agus a rinn an aon phuing, tha Fionn ag ràdh:

’n uair a thilleadh dhachaidh ciod a bh’aca air a shon, tighean ruisgte ’s làraichean lom, mar a thachair ann an Cataobh ’n uair a thill na laoich a bha ann an cogadh fuilteach na Roinn-Eorpa.

Ach, chan e duais nas fheàrr a tha e a’ sireadh do na saighdearan Gàidhealach. Tha e a’ ceasnachadh armailteachd (militarism) agus amasan na h-ìmpireachd san fharsaingeachd. Tha an t-arm a’ tarraing dhaoine is beatha air falbh bho choimhearsnachdan Gàidhlig, agus tha na bhios iad a’ dèanamh gu tur ceàrr. ‘S e ‘[m]ort an comh-chreutairean aig sé sgilinn ’san latha’ a tha iad ris. An taca ris na fìor ghaisgich, na croitearan is coitearan a’ strì ris na h-uachdarain, ’s ann a tha iadsan ‘a’ tarruing a mach le còta dearg ’s le gunn’ air dheadh ghleus a ruagadh ’s a mhort Eiphitich bhochda nach do rinn lochd riamh orra’. Agus, a-rithist, air cùlaibh ìomhaigh na gaisge aig cuid – agus ann am propaganda ìmpireileach – ’s e a tha ann ann an da-rìribh:

daoine borb fuilteach nach iarr ni’s feàrr na bhi criathradh an comh-chreutairean leis na pailearan [=peilearan], no a deanamh stobadh-na-maraig air Eiphitich bhochda.

Carson a tha e ag ainmeachadh Èiphitich? Bhon Chogadh Angla-Èiphiteach, agus Blàr Tel El Kebir, ann an 1882, bha smachd aig Ìmpireachd Bhreatainn air an Èiphit ged a bha i ann an ainm fo ùghdarras nan Otomanach. Bha ceannas aig arm Bhreatainn san dùthaich gu 1936, agus gu dearbh cha do dh’fhàg iad gu às dèidh Èiginn Shuais (Suez) ann an 1956. Tha e coltach gun robh MacIlleBhàin a-mach air Cogadh nam Màdaidheach (Mahdist), a bha na aramach Muslamach an aghaidh cumhachd Otomanach na h-Èiphit agus Ìmpireachd Bhreatainn, gu sònraichte san t-Sudàin agus san Èiphit eadar 1881 agus 1899. Ann an 1885, chaidh an Seanalair Teàrlach Gòrdan cliùiteach a mharbhadh sa chogadh ann an Chartùm.

Chan eil na h-Èiphitich ach mar luchd-fulaing an seo, ach tha gu soilleir co-fhaireachdainn aig MacIlleBhàin dhaibh, do na daoine a bha air am brùthadh fo rothan na h-ìmpireachd. ‘S gann gun lorgar sin ann an sgrìobhadh Gàidhlig an ama. Ann an 1850, sgrìobh Uilleam MacDhunlèibhe ann am Beurla mu chur à seilbh agus fòirneart Bhreatainn air feadh an t-saoghail (Whyte 1991: 104–105).

Tha e a’ dol an aghaidh ideòlas gaisgeil nan Gàidheal, dlùth-cheangailte ’s gu bheil e ri cogadh agus, às dèidh Blàr Chùil Lodair, ri cogaidhean às leth Bhreatainn. Tha e inntinneach, ma-thà, gu bheil rann bho ‘An Gaisgeach’ leis a’ bhàrd shoisgeulach Dùghall Bochanan air a chur gu feum san argamaid – fear eile a chuir an aghaidh gnàth-bheachdan na gaisge aig àm agus air adhbharan gu math eadar-dhealaichte.

Ann am beagan fhaclan, nach eil MacIlleBhàin ag ràdh ruinn ’diùltamaid a h-uile cogadh ach cogadh nan clasaichean’! Tha an fhìor nàmhaid aig an taigh, na h-uachdarain agus an siostam air an taobh: ’nàmhaid a chum [na daoine] fo chuing na daorsa fad iomadh linn, agus a tha deònach an cumail ré am beatha ’nan tràillean diblidh bochd’. (Seo agad an coimeas ri tràilleachd a-rithist.) Agus, ’s iad na fìor ghaisgich na croitearan agus an cuid choimhearsnachdan aig an àm sin fhèin ‘a cathachadh an aghaidh laghanan cruaidh eucorrach’ agus ‘a seasadh gualainn ri gualainn air taobh a’ Cheartais agus na còrach’.

A dh’aindeoin sin, ’s ann a tha an ceartas gu bhith air a chur an gnìomh mu thuath a-mhàin. Chan eil iomradh air strì choitcheann a bhith eadar a’ Ghàidhealtachd agus a’ Ghalltachd – far an robh na mìltean de Ghàidheil a’ tàmh. ‘S iad ‘casan sglùirich’ a tha aig Goill – nan slumaichean? – agus, san arm, a bharrachd air na Gàidheil stalcanta, chan eil ann ach ’sgriobadh ’us fuigheal nam bailtean-mora’. Dh’fhaodadh gun robh barrachd de cho-fhaireachdainn aig MacIlleBhàin dhaibhsan aig amannan eile.

Ann a bhith a’ càineadh ‘an airm dheirg’ agus na pàirt a bha aig Gàidheil ann bha Fionn a’ toirt ionnsaigh air creud bunaiteach aig mòran. Cliùiteach agus gun robh e, ciamar a b’ urrainn dha faighinn às le a leithid air an àrd-ùrlar? An robh e cho dàna aig amannan eile, can, ri linn Cogadh Afraga?

~~~

JOHNSTONE HIGHLANDERS.
ANNUAL SOIREE.

As briefly reported in our last issue, the Highlanders of Johnstone and neighbourhood held their annual gathering in the Templars’ Hall on the evening of Friday week. There was a large attendance, and all the proceedings were conducted in Gaelic. Mr. Henry Whyte, Glasgow, author of “Celtic Garland,” “Celtic Lyre,” &c., occupied the chair, and was accompanied to the platform by Rev. Messrs. MacNeill and Johnstone, Paisley; Dr. MacRaild, Greenock; Mr. John MacDonald, Glasgow; Mr. S. Nicolson, Greenock; Mr. M. MacFarlane, secretary, &c., &c. After tea,

The CHAIRMAN, who was well received, spoke in Gaelic as follows:– A chairdean ’s a luchd-duthcha. Cha’n e so a chiad uair a bha mi ’n ar measg ach air a shon sin feumaidh mi taing a thoirt do’n Chomunn air son an onair mhōr a chuir iad orm aig an ām so le m’ thaghadh mar cheann-suidhe air cuideachd cho eireachdail ’s a tha so : seann daoine calma, mnathan còire, nigheanagan bòidheach, agus og-ghillean grinn. Fàilte agus furan oirbh uile ! Tha sibh an so as gach ceàrna de’n Ghaidhealtachd, cuid as na h-eileanan, ’s cuid o thir-mor, agus tha e toirt toilinntinn nach beag dhomh a bhi faicinn gu bheil sibh dileas d’a cheile agus cho uaileil as a’Ghaidhlig ’s nach ’eil nàir’ oirbh aideachadh do na Goill gur Gaidheil sibh, ach gur ann a tha sibh a leigeil ris gu bheil sibh a meas na Gàidhlig mar an iteag a’s airde ’n ar boineid, agus ’ga cumail a suas a dh’aindeoin co theireadh e. Leis gu ’m buin sibh do gach ceàrna cha ’n fhaod mi aon aite a mholadh ’s àite eile a chaineadh, gu dearbh cha b’e so mo mhiann riamh, ach a bhi a feuchainn ris na Gaidheil a tharraing ni’s dlùithe air a chéile, agus an ceangal r’a chéile le dualan gràidh.

“Nach brònach an sgeul e
Gu ’m feum sinn bhi stri
’Nuair dh’fhaodadhmid còrdadh
’S tigh’n beò ann an sìth,
Le fàilte ’s le furan
Gur duineil bhi ’g ràdh,–
Is bràithrean sinn uile,
Fàir dhòmhsa do làmh.”

Tha mi ’n dochus gu ’m bi sibhse a ghnàth a còrdadh, – agus mar éibhleagan air leac-an teinteana theid glan as ma dh’ fhàgar leò fhein iad, ach a dh fhàsas nan griosach dheirg ’n uair théid an tarruing r’a chéile, gu cum sibhse dluth air a cheile – a seasamh “gualainn ri gualainn” – mar bu dual do chlann nan-Gaidheal, agus ma ni sibh so, cha ’n eil cùram nach bi sibh seasmhach agus buan. Nis le so a ràdh dh-fhaotainn suidhe sios ach tha eagal orm gu ’m bitheadh cuid agaibh ag ràdh nach d’fhuair sibh luach ar peiginn asam, mar a bha ’m fear a dhi-chuimhnich gu ’n robh e aig banais a charaid “leis cho bochd ’sa bha ’chuirm.” Tha toil agam ma ta facal no dhà a ràdh air an tir ainmeil sinn [sic] d’am buin sinn uile, – “Tìr nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach.” Cha ruig mi les a bhi cur seachad uine ann a bhi feuchainn ri innseadh dhuibhse cho eireachdail ’s a tha beanntaibh na Gaidhealtachd,–na stùcan corrach cas a folach an cinn aosda anns a’ cheò, na glinn uaine bhòidheach anns an cluinnear torman an uillt a tha ruith gu mear ’s a h-uisge fior-ghlan a’ deàrsadh ann an gathan na gréine. Tha sibh uile làn eòlach air a so–nach anns a’ bhothan bheag aig cois na beinne ’s ri taobh an uillt a rugadh ’s a thogadh sibh, nach ’eil fhios agaibh gur e bhi direadh a’ mhonaidh ’s sibh gu ruig na gluinean ann am fraoch, a thug dhuibh slàinte ’s fallaineachd, a chuir spéiread anns na Gaidheil agus a thug dhaibh na calpan cruinn cumachdail sin a sheallas cho eireachdail anns an deise-ghoirid,–cha ’n ionann idir ’s na casan sglùirich sin a chi sinn cho tric aig Goill ’s aig Sasunnaich. Ged tha na beanntan àrda corrach mar a bha iad riamh, na stucan cas, ’s na lagain bhoidheach uaine a cadal ann am broilleach nan gleann, –dh’fhalbh na daoine! Tha

“Gach sruthan ’us allt ’s a cheann le bruthach,
Gach tulach gach meall ’s gach gleann a’ tuireadh,
Tha còisir nan crann gun ran gun luinneag
O’n chaill iad buidhean nan òran.”

Có b’fheàrr a b’aithne innseadh mar a tha cùisean na’m Bàrd Ileach ’s ciod a tha esan ag ràdh? Tha [e] ’g ràdh mu Ileath [sic] ni a tha fior mu iomadh àite eile–

“Ged a roinneas gathan gréine
Tlus nan speur ri blàth nan lon,
’S ged a chithear spreidh air àiridh
’S buailtean làn de dh’àlach bhò,
Tha Ile ’n diugh gun daoine
Chuir a’ chaora ’bailtean fàs
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.

Cha ’n fhaigh an deirceach fasgadh
No ’m fear-astair fois o sgìos,
No saoisgeulach [sic] luchd-éisdeachd
Bhuadhaich eucoir, goill ’us cìs,
Tha ’n nathair bhreac na lùban
Air na h-ùrlair far an d’fhàs
Na fir mhor a chunnaic mise
Thoir am fios so thun a’ Bhaird.”

Carragh-chuimhne do na saighdearan a bhàsaich a’ sabaid anns an Èiphit agus san t-Sudàin (1882–1889), taobh a-muigh stèisean-trèana Inbhir Nis. ‘S e ìomhaigh de Chamshronach a tha air a’ mhullach. Tùs na deilbh an seo.

Tha na daoine,–na “gaisgich”– air am fuadach thar sàile mar bhàrlach gun fheum, a dheanamh àite do chaoirich ’s do dh’ fhéidh. Nis cha ’n ’eil duine nach ’eil a faicinn gur ni narach agus maslach a bha so, agus tha iad a nis a faicinn a h-uile air a seo [sic] nach robh am fuadachadh ’s an sgapadh a chaidh a dheanamh air na Gaidheil chum math na dùthcha. Tha am fearunn a bh’aig na craoitearan [sic], ’s a chaidh a chur fo chaoirich a nis a’ tighinn thairis le còinnich, agus a fas fiadhaich a rithist. Tha moran de na tighearnan-fearuinn a bheireadh an cluais dheas a dh’fhaotainn am fearann àiteach leis craoitearan aon uair eile. Ged a tha moran de shluagh miseal, foghainteach na Gaidhealtachd a nis ann an tir chéin cha ’n ’eil “Tir nam Beann” idir gun ghaisgich. ’S ann tha mise ’m beachd gu bheil tuille de fhior Ghaidheil–gaisgich, anns a’ Ghaidhealtachd aig an am so na bh’ innte riamh. Ged nach ’eil na laoich so a’ tarruing a mach le còta dearg ’s le gunn’ air dheadh ghleus a ruagadh ’s a mhort Eiphitich bhochda nach do rinn lochd riamh orra, ach a tha ’n geall air cuing na daorsa a thilgeadh dhiu,–tha iad mar bu dual do na Gaidheil a’ seasamh gualainn ri gualainn ’s a cathachadh gu buadhmhor ’an aghaidh nàmhaid na dùthcha,–nàmhaid a’s miosa na thachair riamh air na laoich o’n tainig iad aig Cuilodair no’n Eaglais-bhric,–nàmhaid a chum iad fo chuing na daorsa fad iomadh linn, agus a tha deònach an cumail ré am beatha ’nan tràillean diblidh bochd. Tha iad a cathachadh an aghaidh laghanan cruaidh eucorrach a chaidh a dheanamh gun an cead no an comhairle. A bharrachd air a so nach ’eil iad air an ruagadh mar na sionnaich le abhagan an lagh a tha air an stiugadh leis na h-uachdrain, agus air an tarruing air beulaobh bhritheanan a th[a] gu tur aineolach air cànain ’us cleachda na dùthcha. Có ’their nach gaisgich iadsan a tha deanamh so, agus ’g an cur féin ann an cunnart a’s miosa na ged bhiodh iad a’ dol an aghaidh fras de luaidh Fhrangach. Tha cuid ann (’s tha iad Gaidhealach cuideachd) a tha meas nach gaisge idir so. ’Se ’m beachd-san air gaisge,daoine borb fuilteach nach iarr ni’s feàrr na bhi criathradh an comh-chreutairean leis na pailearan [=peilearan], no a deanamh stobadh-na-maraig air Eiphitich bhochda. Ach ciod a tha Dughall Buchanan beannaichte ag ràdh:–

“Cha ghaisge ’ni bhi liotairt dhaoin’
Cha chliu bhi ann an caonaig tric,
Cha’n uaisle inntinn ardan borb,
’S cha treabhantas ’bhi garbh gun iochd.”

’Se mo bheachd fhein gu ’n robh na Gaidheil tuilleas toigheach air a’ chòta dhearg. Dh’fhalbhadh iad leis an fhear ud ’s leis an fhear ud eile a ghleachd ri daoine nach do rinn cron riamh orra, agus ’n uair a thilleadh dhachaidh ciod a bh’aca air a shon, tighean ruisgte ’s làraichean lom, mar a thachair ann an Cataobh ’n uair a thill na laoich a bha ann an cogadh fuilteach na Roinn-Eorpa. Cluinnear daoine gu tric ag ràdh gum bu choir a’ Ghaidhealtach[d] a bhi air a h-àiteach ’s air a deanamh na h-àite-altrum laoich a rachadh do na Reiseimeadan Ghaidhealach agus a chumadh suas cliu na dùthcha anns na blaraibh, ach ’s e mo bheachd-sa mar ’eil iad a meas nan Gaidheal airidh air dreuchd a’s airde no ceaird a’s urramaiche na’n t-saighdearachd–dol a mhort an comh-chreutairean aig sé sgilinn ’san latha,–gur ann mar a’s luaidhe a theid an sliochd a chur as aitne [=aithne] a’s feàrr. Cluinnidh sinn tric mu mhoraltachd ’us cràbhadh nan Gaidheal ach an e an t-arm,–sgriobadh ’us fuigheal nam bailtean-mora–an t-àite a’s fearr airson nam buadhan ard agus nam beusan eireachdail so altrum no àrach? Cha ’n e idir! Ma tha na Gaidheil glic seachnaidh iad an t-arm dearg. Ma’s miann leo an gaisge a nochdadh tha gu leòir a chothrom aca air cliù a bhuidhinn aig an tigh, ann a bhi dileas d’an cànain ’us dileas d’a chéile, agus a seasadh gualainn ri gualainn air taobh a’ Cheartais agus na còrach, agus ma ni iad so chi sinn fhathast a’ Ghaidhealtachd ’na dachaidh ghreadhnach aig na Gaidheil agus iad uile gu seasgair sonadh ag àiteach “Tir nam Beann nan Gleann ’s nan Gaisgeach.”

Gaelic addresses were aferwards delivered by Dr. MACRAILD, Greenock, and Mr. JOHN MACDONALD, Glasgow.

A varied and interesting Gaelic programme was gone through, the varioud items being loudly applauded. Mr. S. Nicolson, Greenock, gave a Gaelic reading, while Mr. F. MacRae executed the usual Highland dances to the pipe-playing of Mr. MacBain. The usual votes of thanks brought a most enjoyable meeting to a close.

Tùs: Paisley & Renfrewshire Gazette (Saturday 13 March, 1886)

3 thoughts on “Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)

Sgrìobh beachd