(Deas) Ceithir de na deich riaghailtean a bha aig Céilidh nan Gàidheal. A’ sealltainn an àite-coinneachaidh aca ann an Talla na h-Àithne, agus cho cudromach ’s a bha labhairt na Gàidhlig sna coinneamhan. Bho Mac-Talla VI:VII (September 9, 1898).
Bho na 1860an air adhart, bha Glaschu a’ cur thairis le comainn Ghàidhealach a’ riochdachadh diofar eileanan agus sgìrean air a’ Ghàidhealtachd. Bhiodh leithid Comann an Eilein Sgitheanaich (1865) a’ measgachadh amasan sòisealta, cultarach agus carthannach: a’ cur air dòigh chèilidhean ach cuideachd a’ feuchainn ri cobhair a dhèanamh air luchd-imrich bhon àite dhùthchasach. Ann an 1878, chruthaicheadh Caidreachas nan Comann Ceilteach (Federation of Celtic Societies), stèidhichte ann an Glaschu, mar oidhirp air guth aonaichte poileataigeach a thoirt do Ghàidheil agus cor beatha nan daoine a leasachadh air a’ Ghàidhealtachd.1
Ri linn Aimhreit an Fhearainn (mu 1881–1888), bha Gàidheil Ghlaschu anabarrach buadhach ann a bhith a’ coiteachadh às leth nan croitearan nan strì an aghaidh nan uachdaran. Ach, cha robh e an-còmhnaidh furasta Gàidheil bhailteil, measgaichte ’s gun robh iad eadar clasaichean, a chumail air an aon ràmh agus, airson a bith èifeachdach, dh’fheumte buidhnean ùra a chur air chois leithid an Skye Vigilance Committee (1881).2
Às deidh bhliadhnaichean fiabhrasach nan 1880an, thòisich caibideil ùr ann am beatha Gàidheil a’ bhaile-mhòir. ‘In the cities on the mainland’, sgrìobh I.M.M. MacPhail, ‘the Highland societies became non-political again’.3 Gu dearbh, nach b’ ann anns na 1890an a stèichicheadh An Comunn Gàidhealach a rinn a sheachd dìcheall poileataigs a sheachnadh? Bhiomaid an dùil, ma-thà, gur e cèilidhean agus cianalas gu h-ìre mhòr a bhiodh fa-near dhaibh.
Saoilidh mi a-nis gu bheil e rudeigin nas inntinniche na sin. Ann an 1895, chuireadh Comunn Gàidhlig Àrd-Sgoil Ghlascho (no Céilidh na h-Àrd-Sgoile) air bhonn. Bha a‘ bhuidheann a’ cur roimhe dleastanasan a’ Chomuinn Oiseanaich a ghabhail os làimh a thaobh òraidean agus dheasbadan cunbhalach leis gun robh e fhèin a’ taobhadh barrachd ri dibhearsan seach gnothaichean trom-chùiseach ann an Gàidhlig. A’ bhliadhna às dèidh sin, bhris cuid dhe na daoine air falbh airson Céilidh nan Gàidheal a chur air a casan. Carson? B’ ann a bha iad iarraidh gum biodh a h-uile rud sna coinneamhan aca ann an Gàidhlig fad ’s a bha an còrr deònach beagan de Bheurla a cheadachadh bho àm gu àm. Ruith Céilidh nan Gàidheal bho 1896 chun an 1950an gun am prionnsapal seo atharrachadh.4 An taca ri buidhnean Gàidhealach/Gàidhlig eile aig an àm – agus chun an latha an-diugh! – ’s e seasamh annasach agus cudromach a bha seo.5 Ach, ged nach do thoirmisg iad a’ Bheurla, tha e coltach gun do chuir Comunn Gàidhlig Àrd-Sgoil Ghlascho cuideam air a’ Ghàidhlig nan coinneamhan cuideachd.6
B’ ann air nòsan, eachdraidh, òrain agus litreachas nan Gàidheal a bha aire nan òraidichean aig na coinneamhan seo gu bitheanta. Mar eisimpleir, aig deireadh 1896 agus toiseach 1897, b’ iad cuspairean nam prìomh òraidean ann an Céilidh nan Gàidheal: ‘Seann Chleachdaidhean Gàidhealach’; ‘Turus a dh’Uidhist’; ‘An Dòigh a’s fhearr air son cumail suas na Gaidhlig’; agus ann an Comunn Gàidhlig Àrd-Sgoil Ghlascho: ‘Géiread agus gliocas nan Seanfhacal’, ‘An Gàidheal a Chànain agus a Litreachas’.7 Ach, bha cothrom ann cuideachd bruidhinn mu chuspairean eadar-dhealaichte. Mar eisimpleir, b’ ann air ‘”Dante”, am bard Eadailteach’ a bha òraid aon oidhche aig Céilidh na h-Àrd-Sgoile.8
Air 26mh Dùbhlachd 1896, b’ ann air ceann àraid dha-rìribh a bha òraid Céilidh nan Gàidheal. Agus dh’fhaodadh gun robh seo a’ comharrachadh nach robh beatha shòisealta nan Gàidheal bailteil agus poileataigs – poileataigs radaigeach – uile gu lèir sgaraichte bho chèile.
CEILIDH NAN GAIDHEAL
Chruinnich a’ Chéilidh, mar is gnàth, ann an Talla na h-Aithne, aig leth uair an déigh seachd air feasgar Dhi-sathuirne seo ’chaidh – Murchadh Màrtuinn, an ceann-suidhe, anns a’ chathair.
Leugh Iain Caimbeul, Cléireach-Iomraidh na Céilidh, òraid air “Comaidheachd shaor.”
Thug an òraidiche fa ’near mar dh-éirich Uachdaranachd agus Ughdarras bho ’n Ordagh teaghlaich gu ruig Ard-rìoghachadh, agus a nis ag oibreachadh air aghairt gu Poibleachd.
Thubhairt e, ged a bha cuid a’ riaghladh le ceartas a réir an comuis breithneachaidh gur ann air fòirneart agus aineolais a bha cumhachd riaghlaidh air a stéidheadh: nach robh aingidheachd mhór ann an eachdraidh bho dhaorsa nan Israeleach anns an Eiphit gu casgradh nan Armeniach anns an Tuirc nach robh air iarrtais, agus le ùghdarras an àrd luchdriaghlaidh; gun d’ fheach na h-uachdarain, a ghnàth ri smuain a mhùchadh agus fìrinn a bhacadh. Gun tug na sealbhadairean saorsa do na tràillean ’us do na gabhaltaich ’n uair bhreithnich iad gum b’ e luchd-tuarasdail a bu shaoire ri chumail suas nà tràillean, agus tuath màil n’ a bu bhuannachdail dhoibh nà tuath seirbhis – nach robh co-fhaireachdain gu mór suim ann an cleachdadh-beatha nan uachdaran. Chaidh e air aghairt gu beachdachadh gun robh a nis sluagh a’ tuiteam a’ staigh gu mòr ri bhi a’ sealbhachadh maoin gu coitchionn, ach an àite riaghladh a bhi ’daingneachadh fodh’ n suidheachadh seo, gur ann a bhitheadh sluagh n’ a bu shaoire agus n’ a bu shaorsail nà bha iad a riamh, or an uair a bhitheadh an talamh agus a toradh cho saor ris an deò a tha sinn ag analachadh nach bitheadh aobhar aig daoine lochd a dheanamh air a chéile; agus air an dòigh sin nach bitheadh feum dhe luchd lagha na luchd riaghlaidh.
Lean deasbaireachd dhìon air cuid de na puingean a thug an t-òraidiche air aghaidh. Thug a’ chuideachd taing do’n òraidiche. Air sin thilgeadh a’ chéilidh fosgailt’ chum còmhraidh. An déigh sin fhuaras òrain agus ceòlraidh. Dh’-ainmicheadh nach bitheadh coinneamh aig a’ chéilidh air Di-sathuirne seo ’tighinn, agus gun coinnichear air an ath Dhi-sathuirne.
Highland News (Saturday, January 2, 1897).
Mus toir sinn sùil air susbaint na h-òraid, chìthear gum b’ ann ann an Talla na h-Àithne (An t-Athenaeum) a bha coinneamhan Céilidh nan Gàidheal aig an àm seo. ’S e institiùd air leth a bha anns an Athenaeum. A’ dol air ais gu 1847, nuair a chaidh fhosgladh le Charles Dickens air Sràid Ingram, ghluais e gu togalach ùr far Sràid Bhochanain ann an 1888 (faic gu h-àrd). An toiseach, bha e a’ cur air dòigh chùrsaichean de gach seòrsa, bho chànanan gu matamataig, bha leabharlann agus goireasan sòisealta aca agus bha e comasach do bhoireannaich a bhith a’ gabhail làn phàirt ann.9 Bha e freagarrach gum biodh tachartasan Céilidh nan Gàidheal an sin agus iad cuideachd ag iarraidh ghnìomhan ‘fèin-leasachachaidh’ a thabhann, a rèir coltas a’ gabhail a-steach chlasaichean, a bha fosgailte do bhoireannaich cho math ri fir, agus daoine bhon luchd-obrach.10 Bha ceangal fada aig Gàidheil ri Talla na h-Àithne, agus b’ ann ann an taigh-cluiche an Athenaeum a chuireadh a’ chiad dhealbh-chluich Ghàidhlig air an àrd-ùrlar gu ceart.11
Gabhaidh sinn ris gur e geàrr-chunntas earbsach a tha seo agus gun do chleachd an òraidiche, Iain Caimbeul, an aon bhriathrachas. Tha a h-uile coltas air, cuideachd, gum b’ ann a’ tagradh na cùise, seach a’ breithneachadh oirre gu dealaichte. Tha criomagan na h-argamaid tòrr nas radaigiche na sìon eile a chaidh fhoillseachadh ann an Gàidhlig gu ruige seo – mar eisimpleir, tha e a’ dol gu math nas fhaide na argamaidean Henry George a thug buaidh air cuid de Ghàidheil. Agus tha e a’ tarraing air deasbadan poileataigeach a bha a’ dol aig an àm gu nàiseanta, agus gu h-eadar-nàiseanta. Tha e gu follaiseach commanach (communist): tha ‘a nis sluagh a’ tuiteam a’ staigh gu mòr ri bhi a’ sealbhachadh maoin gu coitchionn‘. ’S e sin a th’ ann an ‘comaidheachd’, mar a tha air a dhearbhadh ann an geàrr-chunntas Beurla air a’ choinneimh (gu h-ìseal) foillsichte na b’ anmoiche. Facal sgoinneil dùthchasach a tha seo air a’ bhun-bheachd, a’ cur nar cuimhne air an t-sean-fhacal ‘is sona gach cuid an comaidh’.
Bho thoiseach gu deireadh, ge-tà, tha e a’ dèanamh argamaid a tha cuideachd anargach. Mhìnich Caimbeul, a rèir a’ chunntais, mar a dh’èirich – mar a dh’fhàs agus a dh’atharraich – ‘ùghdarras’ agus ‘uachdaranachd’ (domination, ’s dòcha, san t-seagh seo?) bhon òrdugh teaghlaich, .i. tùsan an teaghlaich phatrargaich, gu ‘Ard-rìoghachadh’ – an e làn-mhonarcachd (absolute monarchy) as ciall dha seo? – air an rathad gu poblachd chalpach. Aig bun-stèidh an riaghlaidh, tha e ag innse, tha fòirneart. Na h-eisimpleirean as motha de dh’olcas a tha anns an t-saoghal, agus tha e ag ainmeachadh sgrios-cinnidh nan Airmeineach fo làimh Ìmpireachd nan Otomach a bha a’ tachairt aig an dearbh àm, thachradh a leithid ‘air iarrtais, agus le ùghdarras an àrd luchdriaghlaidh’. Ann am faclan eile, air sgàth ùidhean agus uidheam cumhachd na stàite. Dh’fheuch na h-uachdarain, an luchd-riaghlaidh, tha e a’ leantainn air, ‘a ghnàth ri smuain a mhùchadh agus fìrinn a bhacadh’. Tha iad a’ cumail srian air adhartas agus air tuigse dhaoine gus an leas fhèin a dhìon.
Dh’fhaodadh gu bheil a’ phuing a tha Caimbeul a’ dèanamh mu shaoradh nan tràillean agus nan ‘gabhalt[ach]’ a-mach air crìoch fhoirmeil na tràilleachd ann an ceann a deas nan Stàitean Aonaichte ann an 1865, agus cur às do sheirfeachas san Ìmpireachd Ruisich ann an 1861. Anns an dà eisimpleir, dh’atharraicheadh an caidreamh sòisealta bho fhoireigin phearsanta gu foireigin mì-phearsanta, stèidhichte air airgead is air a’ mhargadh (.i. tràillean > luchd-tuarastail; ‘tuath seirbhis’ > ‘tuath màil’). Cha b’ e iochd nan sealbhadairean a dh’adhbhraich an cruth-atharrachadh seo, da rèir, ach measadh air am fèin-bhuannachd fhèin – agus sin, gu dearbh, fo bhuaidh suidheachadh eaconamach-poileataigeach an ama. Bha a leithid co-cheangailte ri argamaid mu thràilleachd-thuarastail (wage slavery), a bha bitheanta air an làimh-chlì mu dheireadh an 19mh linn agus toiseach an 20mh linn. Aig a’ char a bu mhiosa, rachadh siud a thogail air dòigh a chuireadh tràilleachd-earraidh (chattel slavery) agus obair-thuarastail (wage labour) an ceann a chèile, a’ lùghdachadh mar gum b’ eadh cron eachdraidheil na tràilleachd. Aig a’ char a b’ fheàrr, bha an argamaid a’ tarraing aire do leantainneachd agus èabhlaid an aintighearnais ann an obair-thuarastail, agus mar sin ag ùrachadh dìtheachas (abolitionism) ann an suidheachadh eadar-dhealaichte.
Dè dha-rìribh a tha e a’ ciallachadh gu bheil an sluagh ‘a’ tuiteam a’ staigh gu mòr ri bhi a’ sealbhachadh maoin gu coitchionn’? Tha gleusan a’ chinneasachaidh (means of production) gu bhith air an gabhail thairis leis na daoine, leis a’ chlas-obrach, ach an e rud do-sheachanta a tha seo a thachras gu h-ìre mhòr gu meacanaigeach no a bheil beachdan comannach a’ faighinn làmh an uachdair ann an gluasad an luchd-obrach? Tha an calc Beurla ‘a’ tuiteam a’ staigh’ a’ cur air shùilean dhomh gur e pròiseas mothachail seach dha-rìribh meacanaigeach a tha ann.
Tha an còrr dhen pharagraf seo (agus cuideachd fìor thoiseach a’ pharagraf) a’ cur nam chuimhne air Friedrich Engels ann an Tùs an Teaghlaich, na Seilbh Phrìobhaidich agus na Stàite (1884). Tha an geàrr-chunntas air òraid Chaimbeil a’ dèanamh argamaid adhbharach (materialist) gum bi toradh co-obrachadh nan daoine, agus smachd aca fhèin air gach inneal agus goireas cruthachaidh, cho pailt nach bi feum air riaghladh – no stàit – agus nach bi adhbhar ann tuilleadh airson còmhstri eadar daoine – no bunait ann airson chlasaichean. Dèanamaid coimeas eadar sin agus an earrann ainmeil a leanas le Engels12:
Ní raibh an stát ann riamh anall, mar sin. Bhí sochaithe ann a rinne dá uireasa, nach raibh leid ar bith acu faoi stát ná cumhacht stáit. Aig céim áirithe den fhorbairt eacnamaíochta, ar bhain scoilt an tsaoil ina aicmí léi de riachtanas, d’éirigh an stát riachtanach de bharr na scoilte seo. Tá muid ag druidim de chéimeanna sciobtha anois le céim forbartha sa táirgeadh, agus ní amháin nach riachtanas a bheidh ann a thuilleadh na haicmí seo a bheith ann, ach bac ceart ar an táirgeadh. Titfidh siad chomh cinnte is a tháinig siad níos luaithe. Ní féidir nach dtitfidh an stát in éindí leo. Cuirfidh an saol, agus é ag eagrú an táirgthe as an nua ar bhonn shaorchomhar comionann na dtáirgeoirí, an t-innealra stáit ar fad san áit cheart dó ansin: i músaem na seaniarsmaí, le hais an roth sníomhacháin is an tua cré-umha.
Bho: Friedrich Engels, Bunús an Teaghlaigh, an tSealúchais Phríobháidigh agus an Stáit. Eadar-theangachadh ùr ann an Gàidhlig na h-Èireann le Aindrias Ó Cathasaigh, Friedrich Engels: Rogha Saothair (Baile Átha Cliath: Coiscéim, 2020), td, 148.
Tillidh sinn chun an t-seasaimh phoileataigich. Tha an geàrr-chunntas againn a’ crìochnachadh le a bhith ag innse às dèidh làimh gun robh ‘deasbaireachd dhìon air cuid de na puingean a thug an t-òraidiche air aghaidh’. Agus, gu dearbh, bha òrain agus còmhradh ann mar as àbhaist. Tha e annasach a bhith a’ smaoineachadh air an luchd-èisteachd Gàidhealach a’ meòrachadh air na ceistean seo agus a’ toirt seachad bheachdan. Dè thuirt iad? Mar a tha geàrr-chunntas eile air a’ choinneimh ag innse, gun aibheiseachadh sam bith, ‘the subject […] was rarely, if ever, treated by a Society such as theirs’.
CEILIDH-NAN-GAIDHEAL
At the weekly meeting of Ceilidh-nan-Gaidheal, held on Saturday, 26th ulto., [i]n the Athenaeum, the President, Mr Murdoch Martin, when introducing the essayist for the evening, remarked that, while the subject “Comaidheachd Shaor” was rarely, if ever, treated by a Society such as theirs, he thought it should not be ignored by them, seeing it was receiving special attention from many of the great thinkers of this age. Mr John Campbell, minute secretary, read an interesting essay on “Free Communism.[”] His chief points were “Capitalism versus Labour” and the “condition of all classes” under a “Socialistic State.” The essay was admirably arranged, and showed that the essayist had a thorough knowledge of his subject. The careful criticism which followed was listened to with wrapt attention. Mr Campbell was afterwards accorded a hearty vote of thanks for his excellent essay. The remainder of the evening was taken up with friendly conversation, interspersed with vocal and instrumental music. The next meeting is to be held this evening [at] 7.30 p.m. The meetings of the Ceilidh-nan-Gaidheal are conducted in Gaelic. To-night Mr Henry Whyte, [“]Fionn,” lectures on “Modern Gaelic Bards,” with musical [illus]trations.
Highland News (Saturday, January 9, 1897)
Dh’fhaodamaid rud no dhà a dhìoghlam bhon earrainn-sa. Tha an t-iomsgaradh ann eadar cuspair òraid Iain Chaimbeil agus an ath thè aig Eanraig MacIlleBhàin air bàrdachd Ghàidhlig – cuspair a bha gu math na b’ àbhaistiche airson Céilidh nan Gàidheal. Tha deagh theans ann cuideachd gun robh MacIlleBhàin/Fionn – an Gàidheal a b’ ainmeile ann an Glaschu – san èisteachd airson oidhche ‘Comaidheachd shaor’. Nas smaoineachaile buileach, dh’fhaodadh gum biodh co-fhaireachdainn aig an t-seann radaigeach, cleas dhaoine eile sa chuideachd, do phuingean a’ Chaimbeulaich gu h-ìre bheag co-dhiù.13
An taca ris a’ gheàrr-chunntas nas fhaide ann an Gàidhlig, tha ’prìomh phuingean’ na h-òraid mar a chaidh an clàradh anns an earrainn Bheurla faoin, troimh-chèile mar ’s nach robh an sgrìobhadair seo dha-rìribh a’ tuigsinn a’ ghnothaich. An robh Caimbeul a’ bruidhinn mu ‘Socialistic State’? Nach robh e a-mach air crìoch siostam nan clasaichean, agus a bhith a’ cur cùl ri riaghladh agus stàitean?
Seo an seantans as inntinniche gu h-àrd: ‘the subject “Comaidheachd Shaor” was rarely, if ever, treated by a Society such as theirs, he [an Ceann-suidhe] thought it should not be ignored by them, seeing it was receiving special attention from many of the great thinkers of this age’ (mo chuideam). Cò air a tha e a-mach?
Anns na 1880an agus na b’ anmoiche, b’ iad na h-anargaich, na comannaich-anargach (anarchist communists) a chuireadh an abairt ’free communism’ gu feum. Gu seachd àraid, Peadar Kropotkin (1842–1921), a fhuair cliù dha fhèin mar sgoilear, cruinn-eòlaiche agus rèabhlaideach, agus a sgrìobh ann an 1887:
We are communists. But our communism is not that of the authoritarian school: it is anarchist communism, communism without government, free communism.
Peter Kropotkin, Anarchist Communism: Its Basis and Principles (1887)
Agus:
We maintain, moreover, not only that communism is a desirable state of society, but that the growing tendency of modern society is precisely towards communism—free communism
Ibid.
Bha e cuideachd air a chleachdadh le sgrìobhadairean eile a’ phàipeir Freedom (stèidhichte ann an Lunnainn ann an 1886), agus uaireigin le Errico Malatesta (1853–1932) agus Emma Goldman (1869–1940).14 Chan e abairt nam Marxach a bha ann – ged a sgrìobh Marx mun ‘chomann de dhaoine saora, ag obair le gleusan a’ chinneasachaidh aca gu coitchionn’ (An Calpa, Leabhar I). Bha e air a chur gu feum an aghaidh cuid mhòr de Mharxaich. Agus, cha chreid mi gur e an seòrsa rud a sgrìobhadh Uilleam Morris (1834–1896) agus an Socialist League tràth, anns na 1880an, ged a bha iad cuideachd nan saor-shòisealaich agus ag aontachadh ris na comannaich-anargach air grunn rudan.
Bhiodh cothroman gu leòr aig leithid Iain Chaimbeil beachdan poileataigeach den t-seòrsa seo a chluinntinn. Thàinig Uilleam Morris a bhruidhinn ann an Glaschu ann an 1884 agus bha meur gnìomhach den Socialist League anns a’ bhaile bho 1885 gu mu 1892. Nuair a thug Peadar Kropotkin òraid seachad ann an Glaschu ann an 1886, thug e buaidh mhòr air meur Ghlaschu an Socialist League – mar a sgrìobh Morris fhèin, a bha na charaid do Kropotkin. Fhuair seasamh anargach no comannach-anargach làmh an uachdair san League h-ionadail agus gu nàiseanta, agus nuair a thuit a’ bhuidheann às a chèile, dh’eagraich anargaich gu neo-eisimeileach ann an Glaschu co-dhiù bho 1893.15 Bhruidhinn Kropotkin a-rithist ann an Glaschu, mar eisimpleir ann an 1889 agus 1897.16 Thàinig Emma Goldman don bhaile airson òraid a thoirt seachad ann an 1895. Agus, thadhail anargach ainmeil eile (nach robh buileach na comannach), Voltairine de Cleyre, air a’ bhaile ann an 1897.17 Bha co-dhiù Uilleam Morris agus Kropotkin air am meas mar ‘great thinkers of [the] age’ airidh air iomraidhean ann am pàipear-naidheachd neo-radadaigeach leithid The Glasgow Herald.18
Ach, nach eil buaidh air choireigin aig Friedrich Engels air argamaid Iain Chaimbeil? ’S e an rud a bh’ ann nach deach Tùs an Teaghlaich, na Seilbh Phrìobhaidich agus na Stàite fhoillseachadh ann am Beurla gu 1902. Chan eil e coltach gum biodh an Caimbeulach air a bhith comasach air an teacsa ann an Gearmailtis a leughadh, ged a bha beachdan den aon seòrsa gan sgapadh ann an litreachas sòisealach roimhe. Aig an dearbh àm, bha comannaich-anargach leithid Kropotkin agus Élisée Reclus cuideachd a’ sgrìobhadh mu antraipeòlas a’ tarraing air rannsachadh Lewis Morgan.19 Leughar a leithid, maille ri argamaid mu thràilleachd-thuarastail agus fiù ’s naidheachdan mu mhurt nan Armeiniach, ann am Freedom anns na 1890an.20
’S dòcha gum faighear fhathast tuairisg nas slàine de dh’òraid Iain Chaimbeil. Bhon bheagan a th’ againn, tha an argamaid aige gun teagamh a’ tighinn a rèir seasamh comannach-anargach, iongantach ’s gu bheil sin, air sgàth nan abairtean a tha e a’ cleachdadh – gu h-àraid ’Comaidheachd Shaor’ – nam prìomh phuingean aige, agus a’ chuideim a tha e, a rèir coltais, a’ cur air ’ùghdarras’, ’saorsa’ agus air an lèirsinn de shaoghal anns nach biodh ‘feum dhe luchd lagha na luchd riaghlaidh’. Dh’fhaodadh gun robh an Caimbeulach fo bhuaidh diofar luchd-smaoin agus bhuidhnean mar a bha cumanta am measg shòisealach aig an àm sin.
An robh Iain Caimbeul ann am buidheann phoileataigeach cho math ri bhith mar ‘Chléireach Iomraidh’, .i. sgrìobhadair geàrr-chunntasan, Céilidh nan Gàidheal – dreuchd chudromach don eagrachadh? Am biodh e a’ leughadh Freedom cho math ri The Celtic Monthly? ’S e eisimpleir àraid a tha anns an òraid seo air an dòigh a dh’fhaodadh saoghal romansach nan Gàidheal suathadh ris an t-saoghal radadaigeach. ’S dòcha gun tèid againn air ceanglaichean eile a lorg.
Tha earball beag inntinneach againn don sgeulachd. Faisg air deireadh 1898, tha iomradh eile ann air Iain Caimbeul:
Tha muinntir a’ Cheilidh anabarrach duilich gun do dhealaich riu Mr. Iain Caimbeul a bha na chleireach iomraidh aca. Bha an gille tapaidh so fuasach dleasannach do’n Cheilidh, na sgoilear sònruichte Gàidhlig agus mar fhear labhairt agus deasboid, is ainneamh iad a thigeadh suas ris. Mar shamhla beag air a mheas a bha aca air, thug muinntir a Cheilidh dha maileid-sheòmair (“dressing-case”) agus gloin amhairc; agus ’s e ar dùrachd agus ar dòchas gum bi mòr shoirbheachadh agus beannachd aige anns an tir dhionnsuidh a bheil e ris a triall – Patagonia, ceann deas America.
Highland news (Saturday, November 5, 1898)
’S e cunntas laghach a tha seo an dà chuid air Caimbeul mar dhuine agus air buill Céilidh nan Gàidheal – agus ’s cinnteach gun aontaicheadh glè bheag dhiubh ris an t-seòrsa poileataigs a chuir e an cèill na òraid. Dè dh’èirich dha? Cha robh an Argantain aig àm sin gann de radaigeachd co-dhiù.21
~~~
1 Donald E. Meek, ‘Radical Romantics: Glasgow Gaels and the Highland Land Agitation, 1870–1890’, ann an Sheila M. Kidd, Glasgow: Baile Mòr nan Gàidheal (Glaschu, Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, 2007), tdd 170–171; I.M.M. MacPhail, The Crofters’ War (Steòrnabhagh: Acair Ltd., 1989), tdd 9–10, 88–90.
2 Meek, ibid., td 176; MacPhail, ibid., tdd 88–90.
3 MacPhail, ibid., td. 223.
4 Donald John MacLeod, ‘Twentieth Century Gaelic literature: a description, comprising critical study and a comprehensive bibliography’ (Oilthigh Ghlaschu: Tràchdas PhD neo-fhoillsichte, 1969), tdd 13–14; Wilson McLeod, Gaelic in Scotland: Policies, Movements, Ideologies (Dùn Èideann: Edinburgh University Press, 2020), Chapter 3 – Foundations, 1872–1918 [gun td.].
5 Tha Wilson McLeod ag innse, ‘This strong Gaelic policy was very much an outlier among Gaelic organisations, however’, ibid. San fharsaingeachd, sgrìobh Donald John MacLeod: ‘The contribution of these two societies in their heyday to the developement of Gaelic literature was very significant: both, indirectly, in their contribution to the general Gaelic intellectual climate and, directly, in their sponsorship of the short story and drama’, ‘Twentieth Century’, td. 10.
6 Mar eisimpleir, ann an aon chunntas air Céilidh Comunn Gàidhlig Àrd-Sgoil Ghlascho, agus ‘a cheilidh a nis aig meadhon a seisean’, chaidh a ràdh gun robh 13 òraidean Gàidhlig air a bhith ann gu ruige sin agus ceithir ann am Beurla. Highland News (January 9, 1897).
7 Bho gheàrr-chunntasan ann am Mac-Talla, Leabhar V (1896–1897).
8 ‘Thug aon duin’ uasal òraid Ghaidhlig air “Dante” am bard Eadailteach. A nis bha an cuspair so na ni ùr do luchd-na’-Céilidh, agus thug e misneach do na daoine òga gu bhi ’rannsachadh litireachais [sic] dhuthchannan céin air an son fhein. Thug “Fionn” bàrr orra uile le oraid air “Bàird na linn so.”’ Highland News, ibid.
9 Airson fiosrachadh mu Thalla na h-Àithne, faic mar eisimpleir: ‘Tha Athenaeum, St George’s Place’, <http://www.arthurlloyd.co.uk/Glasgow/AthenaeumGlasgow.htm> [air a leughadh 21.7.21]. Tha fianais ann gun robh e cudromach airson foghlam cuid dhen chlas-obrach. Mar eisimpleir, rachadh an sòisealach ainmeil John Wheatley (1869–1930) gu clasaichean-oidhche anns an Athenaeum nuair a bha e na mhèinneadair – ‘which meant a round trip on foot of ten miles from Bailieston’. ‘For Wheatley, the Ahtenaeum signaled a way out of the Baillieston pits, though he was never to break faith with the miners as a community.’ Ian S. Wood, John Wheatley (Manchester: Manchester University Press, 1990), td. 8.
10 ‘Cèilidh nan Gàidheal (1896) had a multi-purpose agenda, including language classes,
lectures and social activity and was unusual in its determination to have Gaelic as the
language of participation in all its activities’. Priscilla Scott, ‘“With heart and voice ever devoted to the cause”: Women in the Gaelic Movement, 1886–1914’, (Oilthigh Dhùn Èideann: Tràchdas PhD neo-fhoillsichte, 2013), td. 110. Bhiodh boireannaich a’ toirt seachad òraidean aig Céilidh nan Gàidheal, ach chan eil sin ri ràdh nach robh fhathast bacaidhean sòisealta agus foghlaim romhpa. Ibid., tdd 60, 110.
11 Ann am bàrdachd Uilleim MhicPhàil, tha e ag innse mu cho buannachdail ‘s a bha Talla na h-Àithne, agus na tachartasan Gàidhealach ann, airson Gàidhlig a chumail suas am measg luchd-imrich: ‘cha bhiodh aca ach “[dhol] leinn don Athenèum, / ’S labhraidh iad gun strìth mar b’ àbhaist“’. Ann am Michel Byrne, ‘“Chan e chleachd bhith an cabhsair chlach“: Am Bàrd Gàidhlig ’s am Baile Mòr bhon 17mh Linn chun an 20mh’, ann an Sheila M. Kidd, deas., ibid., td. 58.
‘“Mairead“ [an dealbh-cluich] was produced in the Athenaeum Theatre, Glasgow on September 29,1921– to the claim that this was the first Gaelic play to be produced in a fully-equipped theatre.’ Donald John MacLeod, ‘Twentieth Century’, ibid., td. 196. Agus, chaidh a’ chiad dhealbh-chluich nach robh na chomadaidh a chur air an àrd-ùrlar san aon àite ann an 1947. Ibid., td. 203.
12 Seo eadar-theangachadh Beurla dhen earrainn aig Engels:
The state, therefore, has not existed from all eternity. There have been societies which have managed without it, which had no notion of the state or state power. At a definite stage of economic development, which necessarily involved the cleavage of society into classes, the state became a necessity because of this cleavage. We are now rapidly approaching a stage in the development of production at which the existence of these classes has not only ceased to be a necessity, but becomes a positive hindrance to production. They will fall as inevitably as they once arose. The state inevitably falls with them. The society which organizes production anew on the basis of free and equal association of the producers will put the whole state machinery where it will then belong – into the museum of antiquities, next to the spinning wheel and the bronze ax.
Frederick Engels, Origins of the Family, Private Property, and the State (Eadar-theangachadh 1942, le atharrachaidhean nas anmoiche), Chapter IX. Barbarism and Civilization. An teacsa ri fhaighinn an seo: <https://www.marxists.org/archive/marx/works/1884/origin-family/ch09.htm> (air a leughadh 21.7.21).
13 Airson radaigeachd Eanraig MhicIlleBhàin, faic an cunntas sgoinneil ann an Donald E. Meek, ‘Radical Romantics’, ibid., tdd 161–166.
14 Gu dearbh, ’s co-fhacal a tha ann am ‘free communism‘ air ‘anarchist communism’ no ‘libertarian communism’. Tha an abairt fhèin a‘ nochdadh gu tric ann am Freedom sna 1890an, m.e. 1 September 1891, 1 August 1894, 1 July 1895, msaa. Chleachd Errico Malatesta agus Emma Goldman an abairt gun teagamh na b’ anmoiche, ach tha e nas dorra eisimpleirean a lorg bho na 1890an. M.e. Malatesta ann an At the Café (1922, a thòisich e ann an 1897): ‘We want free communism, anarchism, if the word doesn’t offend you. In other words, we want a communism which is freely organised, from bottom to top’. (Ach ‘s e eadar-theangachadh a tha seo bho Eadailtis). Goldman ann an ‘Anarchism: What It Really Stands For‘ (1917): ‘That being the ideal of Anarchism, its economic arrangements must consist of voluntary productive and distributive associations, gradually developing into free communism […]‘.
15 John Quail, The Slow Burning Fuse: The Lost History of the British Anarchists (1978), Chapter 10, The Movement in 1894. Máirtín Ó Catháin, ‘The Birth of Glasgow’s Anarchism’ [gun bhliadhna], <https://libcom.org/history/birth-glasgows-anarchism> [Air a leughadh 21.7.21].
16 Glasgow Herald (25 March 1889) agus (3 March 1897).
17 Ó Catháin, ibid.
18 M.e. ‘Readings by Mr William Morris’, Glasgow Herald (25 April 1885); ‘Lecture by Prince Kropotkin’, Glasgow Herald (5 March 1897).
19 Matthew Thomas, ‘Anarcho-Feminism in late Victorian and Edwardian Britain, 1880–1914’, IRSH 47 (2002), 18.
20 M.e., iomraidhean air ‘wage slavery’ agus ’chattel slavery‘: Freedom (1 May 1894), (1 July 1898), (1 December 1898); agus beachdan air murt nan Armeiniach: Freedom (1 February 1896), (1 December 1896).
21 Bha Errico Malatesta fhèin anns an Argantain eadar 1885 agus 1889. Bha na commanaich-anargach gu mòr an sàs ann an eagrachadh san àite-obrach, gu sònraichte san aonadh àraid am FORA bho 1905. Na b’ anmoiche, ann an 1920, bha aramach aig an tuath ann am Patagòinia fo bhuaidh anargachd. Tuilleadh fiosrachaidh an seo.



Tapadh leibh airson seo a sgrìobhadh – air leth inntinneach.
'S toil'S toil