

Bliadhna mhath ùr! Buaidh is piseach leis a’ chlas-obrach air feadh an t-saoghail!
’S e leabhar tùsaireach ann an eachdraidh clas-obrach agus eachdraidh shòisealach na h-Alba a bh’ ann an The History of the Working Classes in Scotland [HWCS] le Thomas Johnston. Leis gun tàinig e a-mach ceud bliadhna air ais ann an 1920 bha mi ag iarraidh corra rud a ràdh mu dheidhinn – fad ’s a tha an ceann-bliadhna fhathast ann!
Tha cuimhne bhlàth aig daoine chun an latha an-diugh air Tom Johnston (1881–1965) mar Rùnaire Stàite na h-Alba rè an Dàrna Cogaidh agus am fear a thòisich na sgeamaichean mòra dealain-uisge ann an glinn na Gàidhealtachd. Cudromach agus gun robh siud, tha barrachd ùidh agamsa na chuid ghnìomhan agus sgrìobhaidhean na bu tràithe, mus robh e fiù ’s na Bhall-Pàrlamaid, a’ deasachadh a’ phàipeir shòisealaich Forward ann an Glaschu agus a’ sgrìobhadh na h-uiread airson an adhbhair. Bha e tòrr na bu radaigiche an uair sin, agus bha pailteas de cheanglaichean aige ris a’ Ghàidhealtachd.
Susbaint an leabhair
Nuair a leugh mi HWCS am-bliadhna dhrùidh e orm gu mòr. B’ fhada bho chuala mi agus a leugh mi mu dheidhinn. Ach chan ionnan sin agus a bhith ga leughadh bho thùs gu h-èis. Bha Johnston ag amas air leabhar a dh’oidicheadh agus a phiobraicheadh leughadairean a’ chlas-obrach fhèin. ’S e gnè de phropaganda a bh’ ann – coltach ri nithean eile a dh’fhoillsich e – ach bha e cuideachd cùramach agus sgoilearach a thaobh an fhiosrachaidh a bha e a’ toirt seachad. [1]
Leabhar fada gu leòr aig cha mhòr 400 taobhan-duilleige, tha e a’ tòiseachadh air ais anns na Meadhan-aoisean agus a’ leantainn air gu mu thoiseach an 20mh linn. (Cha robh Johnston ag iarraidh cus breithneachaidh a dhèanamh air a’ ghluasad eaconomach agus phoileataigeach san robh e fhèin an sàs, gu sònraichte bho mu 1900-1920, air sgàth ’s gum biodh e air a bhith doirbh dha a bhith neo-phàirteach.) Tha an teacsa loma-làn mion-fhiosrachaidh mu mar a dh’fhulaing na mithean tro na linntean – is iad air an spùinneadh, air an dubh-chosnadh, air am bleith sìos anns a’ gheàrr-ùine a bh’ aca air thalamh fo dhiofar dhòighean-riaghlaidh. Gu dearbh, ’s e daorsa cuspair a tha gu follaiseach a’ ruith tron leabhar air fad. Tha Johnston a’ sgrùdadh nan cruthan a bh’ air tro na linntean – ‘tràilleachd’ agus seirfeachd (serfdom) sna Meadhan-aoisean; eisimpleirean àraid de sheirfeachd a mhair suas chun an 18mh linn, leithid mèinneadaireachd is eile ann an Alba; an tar-mhùthadh gu obair-thuarastail, an toiseach nach robh idir ‘saor’ ach air a sparradh air buidhnean leithid shiùbhlaichean (vagrants) a chaidh fhuadach bhon tuath, gu ‘saothair shaor’ agus fo cho-èigneachadh neo-phearsanta a’ mhargaidh rè na Rèabhlaid Ghnìomhachail.

’S e sealladh Albannach a th’ aig Johnston. Bha sin àraid, cumhachdach aig àm an fhoillseachaidh, agus e ga cheangal ri sealladh bhon bhonn suas. B’ urrainnear coimeas a dhèanamh ri leabhraichean eile mun aon àm: The History of British Trade Unionism (1894; agus eagran ùr ann an 1920) le Beatrice agus Sidney Webb aig a bheil sealladh Breatannach, agus cuimsichte air Sasainn; no air an leabhran aig James Connolly, Labour in Irish History (1910), a tha cuideachd a’ coimeasgadh clas agus nàisean ach tha e fada nas nàiseantaiche, agus a’ buntainn ri saorsa nàiseanta na h-Èireann. Bha Johnston a’ cur taic ri Fèin-riaghladh (Home Rule) na h-Alba, ach chan eil cuimhne agam gun robh cus cuideim air san leabhar. Gu h-inntinneach, gheibhear deagh earrannan a’ toirt miotasan eachdraidheil nan nàiseantach às a’ chèile: cha robh Raibeart Brus agus na baranan Albannach ann an Cogaidhean na Neo-eisimileachd dha-rìribh air taobh nan daoine cumanta; agus a dh’aindeoin an cuid cruadail an aghaidh geur-leanmhainn creideimh, chan urrainnear coimhead air na Cùmhnantaich (Covenanters) mar shinnsirean deamocratach a’ chlas-obrach. [2] Bha na cunntasan air prìobhaideachadh fearann is goireasan coitcheann nam borghan le bùirdeasaich Albannach nan sùileachan dhomh. Agus, làimhsich e murt is geur-leanmhainn nam ban le ùghdarrasan Albannach rè sealgan nam ‘bana-bhuidseach’ gu dòigheil airson an ama. Tha boireannaich gam faicinn gu reusanta minig, ged a b’ urrainn dha seo a bhith na b’ fheàrr.
Mar a bhite an dùil, tha aire ga toirt don Ghàidhealtachd gu mòr ann an Caibideil VIII air na fuadaichean. An sin, tha e a’ tarraing air obair Alexander MacKenzie (1838–1898) – a fhuair deagh mhàbadh le eachdraichean na b’ anmoiche san 20mh linn – a bharrachd air tùsan eile, agus tha clàr ann le eisimpleirean de dh’fhuadaichean air a’ Ghàidhealtachd. Ach, air dòigh a chuir nam chuimhne air The Scottish Clearances (2018) le T.M. Devine, tha e a’ dèiligeadh chan e a-mhàin ri fuadaichean air a’ Ghàidhealtachd ach cuideachd air a’ Ghalltachd – gu h-àraid ann an Gall-Ghàidhealaibh, agus àitichean eile. Gheibhear cnuasachadh co-fhaireachail air seann dòighean co-obrachaidh ann an àiteachas, a chaidh à bith ri linn nan atharrachaidhean bho gu h-àrd. Agus tha siud stèidhichte air fianais Alasdair MhicGilleMhìcheil (1832–1912), taobh Celtic Scotland (1876) le William Forbes Skene. Ach, tha Gàidheil agus a’ Ghàidhealtachd – gun tighinn air Èireannaich – a’ togail ceann an siud ’s an seo tron teacsa. Tha stuth feumail ann, mar eisimpleir, a thaobh slàinte, slàinteachas, taigheadas, agus iomraidhean air Gàidheil ann an diofar sheòrsaichean de dh’obair. ’S dòcha gur e an t-eisimpleir a b’ fheàrr a chòrd rium criomag bheag mu Thiristich ann am mèinnean na Galltachd! [3]
An Seonstanach, na Làbaraich, agus na Gàidheil
Fada mus do theann e ris na damaichean a thogail anns na glinn, bha meas mòr aig Tom Johnston air a’ Ghàidhealtachd agus air sgìrean dùthchail san fharsaingeachd. [3] Sgrìobh e tòrr mu ainbheartan nan uachdaran anns na Garbh-chrìochan anns an leabhran mòr-chòrdte aige Our Scots Noble Families (1909). Bha e ag iarraidh gun tilleadh daoine a dh’fhuireach air a’ Ghàidhealtachd, agus dh’obraich e airson ’s gum faigheadh daoine cumanta smachd air an fhearann – am prìomh amas a bha aig an Highland Land League (HLL) ùr a stèidhich e fhèin agus daoine eile ann an 1909 cuideachd.
For Johnston […] it was also to be the means of linking the Labour movement with the rural population: an alliance of crofters and cottars with industrial urban workers in a new radically-conscious Scotland.
Graham Walker, Thomas Johnston (1988), td. 10.
Tha eachdraidh an HLL caran toinnte. [4] Tha e coltach nach do mhair e fada – a’ dol gu co-dhiù 1910 – an uair sin, chaidh ath-stèidheachadh a-rithist ann an 1913, agus fhuair e spionnadh na b’ anmoiche anns a’ Chogadh Mhòr nuair a theinnich ceist an fhearainn ann an eileanan agus taobh an iar na Gàidhealtachd. Rinneadh ceangal na b’ fhollaisiche eadar an HLL agus am Pàrtaidh Làbarach, agus sheas ceathrar thagraichean dhe a chuid ann an taghadh 1918 – cha do dhearg orra ach an treas àite a ghleidheadh. Tha fianais agam air an HLL a’ coinneachadh gu co-dhiù 1921, [5] ach ron uair sin bha buidheann de Làbaraich ag eagrachadh fo ainm an Highland Labour Party. Tha criomagan inntinneach, làn dòchais, de a chuid ghnìomhan, choinneamhan, iomairtean taghaidh eile – m.e. ann an 1920 – rim faotainn ann am Forward. Saoilidh mi gun robh Johnston a’ cur taic ris na leasachaidhean seo, ach b’ iad Gàidheil fhèin stèidhichte ann an Glaschu a bha air cùl ghnothaichean. Nuair a thug coitearan a-mach am fearann ann an Col agus Griais, ann an Leòdhas, an 1920, shiubhail Johnston don eilean airson coinneachadh riutha agus sgrìobh e alt math dha-rìribh mun deidhinn na phàipear-naidheachd. [6]
Chaidh an HLL agus an Highland Labour Party à bith anns na 1920an. Mar a sgrìobh James Hunter, bha an riaghaltas na bu dheònaiche agus na bu chomasaiche fearann a thoirt seachad anns na sgìrean a bu motha iarrtas às dèidh Achd an Fhearainn 1919. [7] Thug siud a’ ghaoth à siùil radaigeachd na Gàidhealtachd a dh’aindeoin nan duilgheadasan leantainneach a thaobh bochdainn agus fàsachadh na roinne. Thog dhe na bha an sàs anns an dà bhuidhinn orra gu bhith a’ gabhail pàirt anns an Scots National League, no chailleadh iad ann an inneal a’ phàrtaidh Làbaraich – cleas Johnston fhèin, a chaidh gu Westminster ann an 1924.
Leughadairean an leabhair
Bha fèill mhòr air The History of the Working Classes in Scotland – ged nach b’ urrainn dha farpais a dhèanamh ri Our Scots Noble Families a reic 100,000 lethbhreac. [8] Chùm Forward sùil air sgaoileadh an leabhair mar iomairt eagraichte propaganda. Sa Mhàrt 1920, tha nithean ùidheil aca ri ràdh mu na bha ga cheannach, Gàidheil nam measg:
Several things stand proved by the amazing success which has attended the Book Club Scheme for the distribution of Thomas Johnston’s “History of the Working Class [sic] in Scotland.” First, it is proved that in the pursuit of knowledge the common people are more fleet of foot and more intense in spirit than any other section of the community – that the toilers of the field and the mine, the mill and the factory: the men-folk amid the clangour and struggle of industry, and the women-folk in the quieter but no less keen struggle of the home […seadh!], are seeking knowledge with a great desire. Second, it is proved that the Independent Labour Party, and the other Socialist units in Scotland, make up the most effective book-selling agency in the country, for, at the time of writing, over 4000 copies have actually been sold before printing – an unapproachable record, I do not hesitate to say, in heavy book production.
Since Friday of last week, orders have been flowing in at the rate of between 200 and 300 per day – from North and South and East and West: from glen and forge: from Colleges of Theology and of Labour, Church and Economic Discussion Societies, and from groups and individuals in most unlikely circumstances and places. As a sample, take this from a Book Club in a Clyde Shipyard:– “Keep me fourteen: two are foremen, three are anti-Bolsh., two are Organgemen…” The Highlands have done well, but there, of course, two copies to a parish means a fine spread of the rebel tidings: and seven for Ballachulish is a big thing. Several towns have done remarkably well: Clydebank has nine Book Clubs with a total of 113 subscribers: Greenock has four Clubs with 49 subscribers […]
Bho: Tom Dickson, ‘The Flood Tide! Orders for “The History” Flowing In’, Forward (13 March, 1920), 4. Mo chuideam (TM).
Tha an t-alt a’ leantainn air gu bhith ag innse mun àireimh de lethbhreacan a cheannaicheadh ann am bailtean fa leth air a’ Ghalltachd – cuid dhiubh, leithid Bhaile a’ Ghobhainn, no Ghrianaig (gu h-àrd) far an robh làthaireachd mhath de Ghàidheil ann. Tha e togarrach faicinn gun robh an leabhar a’ sgapadh gu h-ìre air a’ Ghàidhealtachd, agus bhiodh e a’ tighinn a rèir poileasaidh an ILP, Forward agus Johnston fhèin, siud a bhrosnachadh. Chan eil e na iongnadh gun deach Baile a’ Chaolais ainmeachadh gu sònraichte. Tha fios gum b’ ann ann an sin a bha cuaraidh sglèata agus coimhearsnachd àraid de chreagadairean (quarriers) mìleantach agus Gàidhealach. Beagan na b’ anmoiche, rachadh meur dhen Phàrtaidh Chomannach a stèidheachadh sa bhaile.
Chrìochnaich an t-ùghdar le a bhith ag ràdh gun robh sgeama a’ Chlub Leabhraichean aca na ‘unqualified success’, agus ‘a tribute to hundreds of Socialist workers in all parts of the country. In the years to come, I believe, their labour will bear abundant fruit – fruit bitter to the taste of some’. A bharrachd air na leabhraichean fhèin, mar sin, bha lìonra de sheòrsa air choireigin de shòisealaich is eile, agus ceanglaichean pearsanta is eagrachaidh. Shaoilte gum biodh buaidh aig beachdan-smuain air am mòr-sgaoileadh, nach bitheadh?
Dè bha leughadairean Gàidhealach, ann an Tìr nam Beann no anns a’ bhaile-mhòr, a’ smaoineachadh mu na ‘rebel tidings’ seo? Chan aithne dhomh ach aon ghuth a thug freagairt don seo.
Lèirmheas Gàidhlig bhon àm
Tha mi a’ dèanamh dheth gur e Ruaraidh Arascainn is Mhàirr a sgrìobh an lèirmheas seo air HWCS anns a’ phàipear-naidheachd Alba, Dàmhair 1920. Tha eisimpleirean eile agam dhen cholbh ‘O M’ Leabharlann’ agus ainm Arascainn aig a’ bhonn. Tha beachdan is stoidhle a’ phìos cuideachd a’ tighinn a rèir a chuid sgrìobhaidhean.
Mar a tha soilleir san lèirmheas, bha Ruaraidh Arascainn agus Tom Johnston eòlach air a chèile fad bhliadhnaichean. Chuir Arascainn taic ris an Highland Land League, agus gu sònraichte mar a dh’fhàs e fhèin na bu mheasaile air sòisealachd, bhon Chogadh Mhòr air adhart, bha an dithis aca a’ gluasad gu h-ìre san aon mhilieu poileataigeach a thaobh radaigeachd agus a thaobh taic airson fèin-riaghladh, aig a’ char as lugha, ann an Alba. Ach, bha iad eadar-dhealaichte ann an tòrr dhòighean cuideachd mar a chìthear anns an lèirmheas.
’S dòchas gu bheil na leanas ag innse dhuinn barrachd mu shealladh Ruaraidh Arascainn no tha e g innse mu leabhar Johnston! Bha e a’ dol gu mòr leis na bha an Seonstanach a’ feuchainn ri dhèanamh, a thaobh an fhiosrachaidh eachdraidheil a tha e a’ toirt seachad mun nua-linn, agus a thaobh poileataigs shòisealach, ann am prionnsapal co-dhiù. Ach, chìthear gu bheil a’ mhòr-chuid dhen lèirmheas a’ càineadh an leabhair.
Dè eile a tha aig Ruaraidh Arascainn ri ràdh ach nach eil Johnston a’ bruidhinn mun ‘Rian Cheilteach’ agus a’ cur cuideam air na sgrùdadh. Rinn mi beagan cnuasachaidh air a leithid de sheasamh mar a chaidh a chur an cèill le Iain MacGillEathain agus cha bu mhath leam leudachadh air mòran an seo. ’S e a chanainn gun robh an fheallsanachd seo anabarrach romansach agus tuairmeasach (speculative) na mhìneachadh air eachdraidh. Rinn Arascainn sgaradh ro mhòr eadar Fiùdalachd agus dòighean-eagrachaidh nan cinnidhean. Le a bhith a’ dol air ais ceudan de bhliadhnaichean airson modail a lorg do cheistean nua-aimsireil a’ buntainn ri calpachas, tha e a’ sparradh seòrsa de shàr-bheachdas (idealism) poileataigeach agus cultarach air an t-saoghal ann an da-rìribh. Ged a dh’fheumar tòrr leasachaidhean a dhèanamh air sgrùdadh Johnston, tha e math nach robh e fo bhuaidh beachdan Arascainn ach fhathast comasach air fiosrachadh inntinneach a thoirt seachad mu Ghàidheil is mun Ghàidhealtachd.
Tha puing chudromach eile ri dèanamh. Chaidh an lèirmheas seo fhoillseachadh san Dàmhair, 1920. Na b’ anmoiche air a’ bhliadhna, dh’fhoillsich Iain MacGillEathain (John Maclean) an lèirmheas aige fhèin ann a’ Vanguard, san t-Samhainn. Chan eil e ach goirid ach ’s fhiach e sùil a thoirt air.
[…] The early history of labour in Scotland is not sufficiently detailed, and in one respect at least the author’s knowledge of the history of this country would appear to be defective; or at all events considerably wanting in perspective. Johnston has a good deal to say about feudal serfdom, and the shocking social conditions under which labour was carried on under the feudal magnates. He admits, too, that these disgraceful and degrading conditions did not obtain in the Highlands under the clan system; but he signally fails to draw the moral of that surprising fact. The moral he should have drawn, but has failed to point, is this, that in feudalised Scotland the abominations of serfdom obtained because of feudalism, whereas in those parts of the country that escaped feudalism and remained under the Celtic or communistic system these abominations were non-existent. I am not aware that this point has ever been made by any of the writers who have dealt with the history of Scotland, and Johnston’s failure to draw the matter out and make the most of it is disappointing, even though, considering the limitations of historical equipment, it should be inevitable.
John Maclean, ‘Literary Note’, Vanguard (November, 1920).
Tha a’ phrìomh argamaid aig an Leathanach an seo cho faisg ’s a ghabhas air na sgrìobh Ruaraidh Arascainn na bu tràithe. Cho faisg gu dearbh cha mhòr nach eilear a’ cluinntinn Arascainn a’ cabadaich ris mun leabhar agus a’ dearbhadh air gum b’ e seo am mìneachadh a b’ fheàrr bho shealladh sòisealach Albannach. Agus, tha mi a’ creidsinn gun do thachair sin, oir bha iad ann an conaltradh aig an àm.
Tha e iongantach cho dlùth ’s a tha an dithis aca. Tha e cuideachd annasach gum b’ e seo a bha aig prìomh Mharxach na h-Alba ri ràdh mun chiad eachdraidh shusbainteach air clas-obrach na dùthcha. (An àite, mar eisimpleir, a bhith a’ deasbad a’ mhìneachaidh a bh’ aig Johnston air eaconamaidh-phoileataigeach, agus a’ ceasnachadh nan co-dhùnaidhean a th’ aige mu strìthean àraid no mu mar a dh’fhàs sòisealachd ann an Alba, no buaidh na h-ìmpireachd/ìmpirealais air a’ chlas-obrach – nach eil air a ghabhail a-steach mar bu chòir – agus mar sin air adhart.)
Ma bha iomraidhean air Forward ann am foillseachaidhean Ruaraidh Arascainn, bhiodh luaidh cuideachd ga dèanamh airsan agus air a chuid fhoillseachaidhean an-dràsta ’s a-rithist ann am Forward. Am measg grunn lèirmheasan beaga ann am Forward air HWCS, le ùghdaran aithnichte agus le pàipearan-naidheachd, gheibhear seo (8 Faoilleach 1921):

Chan eil seo ceàrr, ach mar a leughar gu h-ìseal, chan e an tul-fhìrinn a th’ ann!
~~~
O M’ LEABHAR-LANN.
Leabhar air a ùr-fhoillseachadh, a thàinig gu mo làimh an là roimhe, agus a leugh mi le móran toil-inntinn, se sin A History of the Working Classes of Scotland, le Thomas Johnston. Is maith a b’fhiach an obair so a dèanamh. Chan fhaodar a ràdh an nis an rud a bha fìor gus o cheann ghoirid, gu’n robh an luchd-oibre an Albainn gun sgeul gun eachdraidh daibh féin. Tha sin aca an nis, is, mar a thuirt mi, is nì gu ro-mhaith gu bheil. Aig an là-an-diugh, tha an luchd-oibre anns gach ceàrn a’ tarruing mòran aire chuga féin, agus, mar sin, cha chubhaidh an nì gu’m maireadh sgeul nan saothraichean an Albainn gun aithris, gu sònruichte o’n a ta móran ceangailte rithe ris am maith a ghabhar buntainn.
Is fear-eagair do “Forward” Mgr. Thomas Johnston. Air an aobhar sin, faodar a ràdh gu bheil aige-san buadhan somalta is cothroman air leth foghainteach air son a bhi a’ buntainn gu h-ealanta ris a’ chùis-sgrìobhaidh a thagh e. Tha am paipear-naidheachd a dh’ainmich mi a’ tighinn a mach a h-uile seachduin; agus is ann air son leas na luchd-oibre a chaidh a stéidheachadh. Dh’fhoillsich Mgr. Johnston leabhar no dhà mar tha mu ghnothaichean na muinntir a ta a’ laidh cho dlùth d’a chridhe; agus tha fìor dheagh-chliù aig móran air pàirt nach beag de na sgriobh e. A dh’aon fhocal, bha eachdraidh air na saothraichibh an Albainn a dhìth oirnn, agus, gus a’ bheàrn sin a lionadh mar is ceart, is e Johnston neach á fichead.
Ach, gu bhi tighinn gu fìor ghrunnd a’ ghnothaich, ciamar a chaidh an leabhar so a ta mi a’ moladh a dhealbhadh? Mata, faicear an tùs gu bheil e air a roinn suas ’na dhà phàirt air leth. Tha cuid de’n eachdraidh sean, agus an roinn eile tha i a’ buntainn ri cùisibh an là-an-diugh. Tha an darna cuid gu mór na’s pailte na an roinn eile; agus ar leam féin gur feàrr gu mór an t-eolas a ta aig Johnston air ùr-eachdraidh na luchd-oibre na tha aige de aithne air seann-sgeul na muinntir cheudna. Ach, biodh sin mar a bhios e, chan eil teagamh nach i an ùr-phàirt de’n cheann-sgrìobhaidh is roghainniche le Johnston. San roinn ud, tha e, mar gu’m b’eadh, a’ gabhail a sheasamh air a dhùthaich féin, agus, ann a bhi a’ cur dheth mar eachdraiche, a’ nochdadh sgil agus a’ cur an céill tuigse agus ceart-bhreithneachadh, air dhòigh gu ro-fhoghainteach. Ach, a dh’aindeoin sin, tha e fàillneachadh ’na cheum rud beag an uair is e is stéidh-sgrìobhaidh dha, chan i idir sean-eachdraidh ach ùr-eachdraidh, na luchd-oibre. Chan eil an greim a th’aige air a’ phàirt so d’a chùis-sgrìobhaidh a leth cho teann làidir sa tha e air an roinn eile dh’ainmich mi; agus mo thruaighe! tha bhlàth ’sa bhuil.
Dé tha fàgail a’ cheud roinn de’n leabhar so cho lag neo-choimhlionta làimh ris an darna cuid? So aobhar na laigse th’ann: nach eil na’s leor de aithne aig Johnston air an Rian Cheilteach. Bho thùs gu deireadh an leabhair, chan eil aige, cho fad agus is fiosrach leam, uiread agus aon ghuth air an rian sin. Nach goirt agus iongantach an easbhuidh so de am bheil ar caraid ciontach? Eachdraidh nan saothraichean an Albainn ma’s fìor, is fathast gun ghuth aice air an rian-riaghlaidh sin fo an robh a’ chuid bu lìonmhoire dhiubh a’ tighinn beo, chan ann idir ré là no dhà, ach fad linntibh? Gu dearbh, chan fhaodar lethsgeul Johnston a ghabhail: thuit e an trom pheacadh, agus, sa’ chùis so, ta mi gu tur neo-earbsach ás.
Thuirt mi nach soirbh an nì lethsgeul ar caraid a ghabhail, agus feuchaidh mi an nis carson a ta sin mar sin. Tha e toirt seachad cunntais mhionaideach air gach dosgainn agus sàrachadh bha ’n luchd-oibre a’ fulaing fo’n Rian Fhiudalach, agus faicear e ag aideachadh gu saor soilleir nach robh a’ chùis idir mar so air Gàidhealtachd na h-Albann. Ach carson a bha so mar so, no dé thug air Gàidhealtachd na h-Albann fantuinn air taobh-a-mach de’n Rian Fhiudalach – mu dhéidhinn so, is iomadh rud gu ro-chudthromach a bha ’na luib, chan eil aig Johnston uiread agus aon fhocal de mhìneachadh! Nach mithich do Johnston, agus d’a leithid de dhaoine, a bhi bogadh nan gad a thaobh sean eachdraidh an dùthcha?
Seadh, chan eil teagamh nach do leig Johnston seachad cothrom ro-fhoghainteach air coimeas brìgheil a tharruing eadar cor na pàirte sin de Albainn a thuit fo fhocal an Rian Fhiudalach, agus càramh na roinne sin dith a dh’fhan fo bhuaidh an Riain Cheiltich; agus is mór is eagal leam nach e ach cion-eolais agus cion-tuigsinn air a thaobhsan a b’aobhar do’n dearmad a rinn e. Is mór am beud, gun teagamh, gu bheil a’ chùis mar so. Is mór am feum a th’ann air soilleireachadh ann an cùisibh de’n t-seorsa so. Anns gach ceàrn, tha an luchd-oibre a’ teannadh ri ceistibh tuigseach agus domhainn chur mu cheud-thòiseachaidh duthcha an gaoil, agus ris a’ chàil chubhaidh so a chaidh a thogail annta, bu chòir biadh-inntinne a chumail a shàsaicheas agus a thoilicheas anns gach car. Bhiodh e iomchuidh a nochdadh an geal ’s an dubh do’n phobull mar a rinn, anns na làithibh a dh’aom, an Rian Fiudalach [air] gach fear-oibre bha cho tur mi-shealbhach agus tuiteam fo a smachd; mar a rinn e tràill gun ainm de gach Albannach a bha ceangailte ris an fhearann; mar a thug na h-uaislean a ghéill do’n rian choimheach ud tàir do’n phobull, agus mar a chleachd iad thairis orra gach gnè gnè fhòirneirt agus anaceartais a bu déistinniche na chéile. Air an làimh eile, cha bhiodh e aon dad na bu mhì-iomchuidh a nochdadh gu soilleir mar a rinn an Rian Ceilteach air an fheadhainn a sheas gu dìleas ris, agus nach do ghéill riamh do’n fhear eile bha cho tur eucoslach ris maraon an cruth agus an spiorad. Mur a robh tràillean ri am faotainn air Gàidhealtachd na h-Albann, is e a b’aobhar dha sin an Rian Ceilteach. Fòs, taing do’n rian-riaghlaidh chaoimhneil cheuda [sic], agus do’n fhaireachdainn chomunnaireach a bha aig a bhun, cha robh an dàimh eadar clann is ceann ach daonnan teann is gu ro-chaoimhneil tlàth; agus nan rachadh riamh oidhirp a thoirt leis na cinn air an t-sluagh a shàrachadh, is ann aig a’ phobull a bha de mhiann fios fhaighinn carson a bhiodh sin mar sin; oir, “bu treasa tuath na tighearna.” Ach air gach nì dheth so (amhuil mar air iomadh rud brìgheil eile de ’n t-seorsa) rinn Johnston ’na leabhar dearmad air a bheag idir de luaidh a dheanamh. San tomhas anns an d’rinn e dearmad orra, tha an leabhar aige lag, is gu bhi air amharc air mar obair anacuimseach neo-ch[oi]mhlionta. Gidheadh, chan fhaod mi am beagan bhriathran so a thoirt gu crìch gun bhi ag ràdh, gun ag no sòradh sam bith, gur e deagh leabhar air iomadh dòigh, am bheachdsa, a th’anns an fhear so a dh’fhoillsich ar caraid.
Tùs: [Ruaraidh Arascainn is Mhàirr], Alba (Di-Sathuirne, 9mh de’n Damhar, 1920).
~~~
T. MacAilpein (2020)
[1] Graham Walker, Thomas Johnston (Manchester: Manchester University Press, 1988), td. 47. An sin, tha Walker ag ràdh na leanas:
Johnston’s most substantial single contribution to this propaganda task appeared in 1920. The History of the Working Classes in Scotland was a formidable piece of historical endeavour involving prodigious research and meticulous attention to detail. Johnston prided himself on having the skills of a historian, and expressed his desire frequently to take up the activity on a full time basis. First and foremost however, the book was a propaganda tool. As such the grim facts of the poor’s historical lot took the form of a relentless indictment of a rather faceless parade of exploiters. However, a few cherished myths of Scottish history were also debunked on the way, including the romantic folk memory of the covenanters. This was curious given Johnston’s recourse, at various times in his career, to the self-same myth.
Graham Walker, Ibid.
[2] Cf. Ibid.
[3] Seo an earrann bheag:
[…] again in 1847 the [mine] owners systematically organised immigration to the coal-fields, the firm of Merry-Cunninghame, for instance, importing some 70 destitute crofters from Tiree and setting them to work at 10s. per week. Only one week did they work ere they struck for an increase of 4s., which, being refused, they marched away, led by a piper, and the press complained of their “base ingratitude.”
Thomas Johnston, The History of the Working Classes in Scotland (Glaschu: Forward Press, 1920), td. 335.
[4] Tha am fiosrachadh san earrainn seo stèidhichte air: Walker, ibid., tdd 10–12; James Hunter, ‘The Gaelic Connection: The Highlands, Ireland and Nationalism, 1873–1922’, The Scottish Historical Review 54: 158 (1975), 195–196, 201–204 ; Michael Keating agus David Bleiman, Labour and Scottish Nationalism (Lunnainn: The MacMillan Press, 1979), tdd 57–58, 70–73.
[5] M.e. Forward (3 Sultain 1921).
[6] Forward (15 Cèitean 1920). Tha lethbhreac agam dhen alt, ach gu mì-fhortanach tha e cho mì-shoilleir bidh agam ri copaidh nas fheàrr fhaighinn uaireigin mus tèid agam air tar-sgrìobhadh a dhèanamh air. Faic cuideachd: ‘Iain Mòr MacGillEathain ann an Leòdhas (1920)’.
[7] Hunter, ibid., 202.
[8] Walker, ibid., td. 10.
