Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)

Gandhi a’ gabhail pàirt ann an ‘Caismeachd an t-Salainn’ (1930) – iomairt eas-ùmhlachd chatharra na b’ anmoiche na an gluasad fo phrosbaig san alt seo. Tùs na deilbh an seo.

A’ leughadh mun strì airson neo-eisimileachd Èireannach bho 1919 air adhart, bhuail e orm cho tric ’s a bha èiginnean eile ann an Ìmpireachd Bhreatainn a’ togail ceann, gu sònraichte sna h-Ìnnseachan. [1] Bha ceanglaichean inntinneach eadar na gluasdan neo-eisimeileachd, agus dh’fhaodadh tachartas ann an aon cheàrnaidh san t-saoghal daoine a phiobrachadh ann an ceàrnaidh eile.

Bha seo fìor gu h-ìre ann an Alba cuideachd. Sgrìobh Iain MacGillEathain mòran mu na bha a’ dol san Ìmpireachd, a’ sealltainn dlùth-chomann don a h-uile sluagh a bha a’ fulang ‘Britain’s brutalities’, chan e a-mhàin ann an Èirinn ach ann an ‘India, Egypt, and the West Indies, too’. San leabhran The Irish Tragedy: Scotland’s Disgrace, a dh’fhoillsich e ann an 1920, rinn e ceangal dìreach eadar na h-eucoirean a bha an stàit Bhreatannach a’ dèanamh ann an Èirinn agus Murt Amritsar. [2] Thachair siud air 13 Giblean 1919 nuair a thug Seanalair-bràgaid an Gnìomh Reginald Dyer an t-òrdugh don arm Bhreatannach losgadh air gràisg Ìnnseanach, a’ marbhadh co-dhiù 379 duine.

Bha ùidh aig sgrìobhadairean Alba, is Guth na Bliadhna, anns na bha a’ tachairt sna h-Ìnnseachan agus anns an iomairt thall an sin airson saorsa fhaighinn bho Bhreatann.

San alt bheag gu h-ìseal tha an sgrìobhadair gun ainm a’ bruidhinn mun ghluasad ùr airson ‘Neo-cho-obrachadh’ (Non-cooperation) san dùthaich, fo stiùir Mohandas K. Gandhi (am ‘Mahatma’, 1869–1948). Mhair am mòr-ghluasad seo bho 1920 gu 1922. Gu dearbh, bha Murt Amritsar air fear dhe na h-adhbharan a thug air daoine tòiseachadh air, a bharrachd air taic a chur ri iomairt Mhuslamach an aghaidh mar a bha Breatann is an Fhraing a’ toirt na h-Ìmpireachd Otomanaich às a chèile. Bha an gluasad ag amas air boycott a dhèanamh air institiùdan Breatannach sna h-Ìnnseachan – sgoiltean aig an Raj, na cùirtean Breatannach, an t-seirbheis chatharra is eile. Cho math ri a bhith a’ lagachadh cumhachd phoileataigeach Bhreatainn san dùthaich, bha còir aig Ìnnseanaich a bhith ga lagachadh gu h-eacanomach le a bhith a’ seachnadh stuthan Breatannach a cheannach is mar sin air adhart.

Nach eil tòrr ann an cumantas an seo ris na dh’fheuch Sinn Féin ri bhith a’ dèanamh bho chaidh a’ chiad Dáil a stèidheachadh san Fhaoilleach 1919 – mar eisimpleir a bhith a’ seachnadh chùirtean Breatannach? Ach, tha fios gun robh còir aig gluasad Gandhi a bhith neo-ainneartach (nonviolent) fad ’s a bha am mòr-bhoycott de chumhachd Bhreatainn ann an Èirinn a’ dol còmhla ri beag-chogadh air an dùthaich.

Chaidh an t-alt seo a sgrìobhadh nuair a bha an iomairt eas-ùmhlachd sna h-Ìnnseachan a’ soirbheachadh an aghaidh nan ùghdarrasan – ag aonachadh Hionduthaich agus Mhuslamach. Mar a chithear san teacsa, bha cliù Gandhi air sgaoileadh air feadh an t-saoghail.

Tha an t-ùghdar a’ bruidhinn gu reusanta taiceil mun ghluasad, agus mun dùbhlan a bha ro ‘riaghladh nan Sasunnach thairis air an dùthaich’. ’S e a’ phuing as motha a tha e a’ dèanamh, ge-tà, gu bheil an iomairt Ìnnseanach a’ comharrachadh dòigh eile air sabaid airson saorsa – dòigh gun fhòirneart. Chunnacas mar-thà air a’ bhloga seo mar a chuir Alba an cèill gum b’ fheàrr leotha gun seachnadh na h-Èireannaich fòirneart ’nan cogadh cho fad ’s a b’ urrainn dhaibh. Na àite, ann an ‘An Cogadh an Éirinn’ (10mh de’n Iuchar, 1920) mhol iad ìmpidh a chur air Breatann tro innleachdan eaconamach:

[M]ar is mò a bhios Iain Buidhe air a riasladh is air a chur chuige gu goirt mu’n sporan aige is ann is ealaimhe thig e gu reuson agus deagh-bheus a thaobh còir na h-Eireann air neo-eisimileachd. B’fheàrr sin mìle uair na bhi cur aobhar na h-Eireann an earbsa ris an làimh làidir.

Bha an cuideam aig Gandhi air ‘airm neo-fhaicsinneach an anma’ cuideachd a’ tighinn ris an fheallsanachd ìdealaich a bha aig sgrìobhadairean Alba air spioradalachd nan Ceilteach seach adhbharachas nan Gall.

An robh iad gam mealladh fhèin, ge-tà, mu fhìrinnean mì-thlachdmhor strì na saorsa – biodh sin na strì fhrith-cholonach no strì eadar clasaichean?

~~~

Gandhi.

Có e nach cuala air Gandhi? A réir coltais, is duine lag beag a th’anns an fhleasgach ud; ach ma’s beag a cholunn is mór a inntinn; agus air sin is mór a fheumsan aig an àm oir tha e dol an seilbh oibre cho mór deacair sa thug duine de’n linn so riamh os làimh, se sin riaghladh nan Sasunnach thairis air an dùthaich aige thoirt gu neo-nì, agus am muinntir sin fhuadach as na h-Innseachan shìos. Agus dé an t-inneal leis am bràth le Gandhi so a dhèanamh? Mata, tha e cur ’uile neart is earbsa á innleachd àraid d’an goirear “Neo-cho-oibreachadh.” Chan eil feum air an fhocal so a mhineachadh. Sin rud a ta e dèanamh air a shon féin. Nì is motha stà duinn fhaighinn a mach, se sin ciamar a ghabhas Neo-cho-oibreachadh cur an gnìomh? Do’n cheist sin freagamaid [sic] air ball gu’n toir e cur an gnìomh ceart gu leòir ma bhios a’ mhór-chuid de’n t-sluagh cho tur dìleas do’n t-soisgeal aig Gandhi, is cho tur earbsach as, sa tha am fàidh foghainteach sin e féin. Is e fréumh agus is bun do’n t-soisgeal aig Gandhi Ahimsa, se sin Féin-fad-fhulangas, nì a ta e a’ searmonachadh air an t-sluagh gu’m feum iad uile chur an cleachdadh gun sgàth gun eagal, ma’s maith leo dùthaich an gràidh a shaoradh. Mar sin, mur téid aig Gandhi air a’ mhòr-chuid d’a cho-luchd-dùthcha tharruing air an aon chomhairle ri féin a thaobh Ahimsa, théid an oidhirp aige a dhìth: air an làimh eile, ma dh’eireas dha soirbheachadh anns an oidhirp a ta e dèanamh air Ahimsa sparradh air t-sluagh [sic], tha a h-uile coltas gur ann aige féin, is aig an t-soisgeil aige, a bhios a’ bhuaidh air an là is fhaide mach.

An nis, is còir gu’m biodh an oidhirp, cho maith ris an t-soisgeil aig Gandhi, ’nan aobhar toil-inntinn nach beag do na Ceiltich, do bhrìgh nach eil aig Gandhi de airm no innealan leis an comasach dha riaghladh nan Sasunnach thairis air an dùthaich aige thilgeil bonn os cionn ach an aon inneal neo-chorporra ris an can e féin “Neart-anama.” [3] Tha “Neart-anama” dol a thoirt an impireachd aig Sasunn san àird-an-ear gu dùbhlan; agus san t-strì a ta ri teachd b’annsa leinn mar Cheiltich a bhi air taobh na feadhnach a chuireas comhrag le airm neo-fhaicsinneach an anma seach an fheadhainn sin do nach aithne cath a chur ach leis an làimh làidir.

~~~

Tùs: Alba, Uimh. 30 (An Dudlachd, 1921), 2.

Tar-sgrìobhte le T. MacAilpein. Tha ro-bheachd agam gum b’ e Ruaraidh Arascainn a b’ ùghdar don alt seo, agus gu dearbh don mhòr-chuid de na h-altan ann an Alba 1921 – leis gum bu dòcha gun do ghabh e thairis air a’ phàipear sa 1921. Ach, tha tuilleadh rannsachaidh a dhìth.

[1] Cf. Diarmaid Ferriter, A Nation and Not a Rabble: The Irish Revolution 1913-1923 (Lunnainn: Profile Book, 2015), tdd 200-201; 239.

‘Throughout 1919, 1920 and 1921 the gloomy quartet of Ireland, Egypt, Mesopotamia and India appeared with monotonous regularity on the cabinet agenda. The fear of a domino effect in each theatre of imperial unrest gripped British ministers as they thrashed around for a solution.’

Deirdre McMahon, ‘Ireland and the Empire-Commonwealth, 1886–1972,’ ann an Kevin Kenny, deas., Ireland and the British Empire (Oxford, 2004). Luaidhte ann am Ferriter (2015), td. 278 (a rèir an leabhair-d).

San dol seachad, bha altan mun Èiphit, cho math ri àitichean eile san Ìmpireachd, cuideachd a’ nochdadh ann an Alba. Bu mhath leam iad seo a thrusadh.

[2] Mar eisimpleir eile, sgrìobh MacGillEathain na ghairm-taghaidh san t-Samhain 1922:

The Amritsar massacre and forced belly-crawling in 1919, the imprisonment of Gandhi and thousands of other splendid champions of Indian independence, and Britain’s defeat by the Franco-Turkish alliance are conspiring towards not only the political loss of India but the commercial loss of India, too.

[…] If we can break up John’s [John Bull’s] blood-soaked empire by separation we shall probably avert a war with America. If not, John must do his own bloody work himself. We must refuse to murder our fellows of this planet at his autocratic bidding.

[3] Tha mi an dùil gur e tionndadh Gàidhlig a th’ ann an ‘Neart-anama’ air satyagraha – uaireannan bhiodh Gandhi a’ bruidhinn mu dheidhinn mar ‘soul force’ cho math ri ‘truth force’. ’S e bun-bheachd feallsanachail a bha seo aig Gandhi a bha a-mach air eas-ùmhlachd chatharra neo-ainneartach (non-violent civil disobedience). Tha e co-cheangailte ri ahimsa a tha a-mach air neo-chron (non-harm) do bheatha san fharsaingeachd.

Sgrìobh beachd