Gluasad an Luchd-obrach san Eadailt (1920)

‘Am Freiceadan Dearg’ (Le Guardie Rosse), a bhiodh a’ dìon nam factaraidhean glacte, gan sealltainn fhèin airson dealbh, 1920. Tùs na deilbh-chamara an seo.

Bha ceist orm, sa bhratha-bhloga mu dheireadh, an rachadh agam air rudeigin co-aimsireil a lorg ann an Gàidhlig mun Bhiennio Rosso (An Dà Bhliadhna Dhearg) – 1919-1920 – san Eadailt. Lorg, gu dearbh fhèin! Agus tha mi an dùil gu bheil tuilleadh iomraidhean air tachartasan Eadailteach ann an tùsan eile air nach fhaigh mi cothrom an ceartuair.

Nochd an earrann gu h-ìseal an lùib uilt air an robh ‘Dé tha ceàrr air Saothair?’ ann an Guth na Bliadhna, an Geamhradh 1920. Nì mi tar-sgrìobhadh air an alt ùidheil seo, le ùghdar(an) gun ainm, uaireigin eile ach ’s fhiach e an earrann seo fhèin a thogail às an alt airson nam puingean a tha e a’ dèanamh.

Nuair a shùilichte gum biodh làn-aire ga toirt air an t-suidheachadh èiginneach anns an Eadailt, ann an àireamh an Fhoghair de Ghuth na Bliadhna, 1920, chan eil sìon sam bith aca ri ràdh mu dheidhinn. Gu dearbh, ’s ann a tha iad ag innse:

A réir coltais, is ann a dh’ionnsaigh na Rùise a dh’ fheumas sinn ar sùilean a thogail, ma’s maith leinn sealladh fhaighinn air an t-Saoghal Nodha a chaidh a ghealltuinn duinn. Anns a’ chòrr de ’n Eorpa, chan eil uiread agus aiteal dheth fathast ri fhaicinn ged is iomadh là an nis o’n deachaidh ar biathadh gu fialaidh le gealladh ceutach an déidh geallaidh m’a dhéidhinn.

‘Analaidhean nan Ràithean’, Guth na Bliadhna, Leabhar XVII; Àireamh 3 (Am Foghar, 1920), 255. Mo chuideam (TM).

Chìthear an seo sgìths agus briseadh-dùil an ùghdair a thaobh an dòchais rèabhlaidich a bha ann às dèidh a’ Chogaidh Mhòir – dòchas nach robh e air a dhearbhadh gu ruige sin an Alba, Breatann, no san Roinn Eòrpa. Chìthear cuideachd dearg-aineolas mu na bha dha-rìribh a’ tachairt fo an sròin, mar gum b’ eadh, anns an Eadailt.

Fad dà bhliadhna, bha còrr is aiteal dhen t-saoghal ùr ri fhaicinn ann an strì luchd-obrach agus tuath na h-Eadailte. Chunnacas san ùine sin: cruthachadh comhairlean nam factaraidhean – gucagan, ma gum b’ eadh, an deamocrasaidh eaconamaich – bho 1919; stailcean coitcheann – mar a thachair ann an Torino agus sgìre Phiedmont sa Ghiblean 1920; fàs aonaidhean is bhuidhnean rèabhlaideach leithid an USI agus an UAI, agus L’Ordine Nuovo; litreachas agus sgrùdadh practaigeach a’ freagairt an t-suidheachaidh chaochlach le Antonio Gramsci, Errico Malatesta, Armando Borghi agus iomadh gnàth-sgrìobhadair bhon chlas-obrach; agus fìor phrobadh (experimenting) ann a bhith a’ cruthachadh saoghal ùr nuair a thug luchd-obrach a-mach na factaraidhean, agus nuair a thug an tuath a-mach am fearann aig an aon àm, san t-Sultain 1920.

Tha am Biennio Rosso air fear de bhinneanan mòra eachdraidh eadar-nàiseanta a’ chlas-obrach, eachdraidh an fhrith-chalpachais. Tha e annasach, mar sin, nach robh ùidh na bu mhotha aig Guth na Bliadhna anns na bha a’ dol aig an àm. [1]

Mar chlach às an adhar, tha an ràitheachan a’ mothachadh san ath àireamh – an Geamhradh 1920 – gu bheil rudeigin a’ tachairt san dùthaich. Tha e a’ tuigsinn gu bheil, air an dàrna làimh, suidheachadh trom-chùiseach ann agus gum feum atharrachadh mòr air choiregin tighinn air gnothaichean. Air an làimh eile, tha e a’ cur an cèill cho dùbhlannach ’s a tha e air a bhith do ghluasad an luchd-obrach an rèabhlaid a chur an gnìomh.

Tha e inntinneach a bhith a’ leughadh breithneachadh air neo-inbheachd (immaturity) a’ chlas-obrach airson gnìomhachasan a ruith dhaibh fhèin. Bha ceistean mu inbheachd, foghlam, sgilean teicnigeach is eagrachaidh a’ chlas-obrach uile air an deasbad ’s air an cnuasachadh mun àm seo – gu seachd àraid le Gramsci. Bha ‘ionnsachadh a thaobh gach eolais agus sgeol a bhuineas do obair-gnìomhachais’ cudromach, gun teagamh – ach nach robh an luchd-obrach dìreach air dearbhadh gum b’ urrainn dhaibh na factaraidhean a ghlacadh ’s a ruith dhaibh fhèin san t-Sultain? A’ cur a-mach gu tric barrachd stuthan na dhèanadh iad fo na seann mhanaidsearan? Eu-coltach ris an sgrìobhadair-sa, do Ghramsci is do chàch b’ e an dùbhlan a bu mhotha ciamar a bhiodh an clas-obrach ga ullachadh fhèin, ga fhoghlam fhèin, airson cumhachd.

Bho dheireadh 1920, chuir Gramsci barrachd cuideim air a’ phàrtaidh rèabhlaideach airson cumhachd a’ chlas-obrach a thoirt a-mach.

Bha freagairt eile aig Errico Malatesta, an sàr smaointear anargach. Dhasan, cha b’ e fuasgladh a bhiodh ann am pàrtaidh rèabhlaideach – nam b’ e a bha ann an sin buidheann a bha a’ gabhail air fhèin an dleastanas gus cùisean a stiùireadh às leth nan daoine cumanta. B’ e fìor chunnart a bhiodh ann an sin don rèabhlaid. Dh’fheumadh an t-eòlas, na sgilean, an fhèin-mhisneachd, agus comasan eagrachaidh a bhith tòrr na bu sgaoilte am measg nan daoine cumanta na bha iad fiù ’s gu ruige sin.

A’ bruidhinn ri luchd-obrach ann am factaraidh ann am Milano, san Dàmhair 1920 – dìreach nuair a bha gluasad nam factaraidhean a’ gèilleadh – thuirt e na leanas:

Never in Italy revolution was nearer with so many chances of success. The bourgeoisie trembled, the government was powerless to face the situation. Force and violence were not used because you understood to oppose a superior force to that of the government, because by conquering the factories, by garnishing them with the means for attack and defense which war has taught you, you have demonstrated that you would have replied to violence by violence, and that not you but your enemies were this time in a state of inferiority.

To speak of victory when the Roman agreement throws you back under bourgeois exploitation which you could have got rid of is a lie. If you give up the factories, do this with the conviction to have lost a great battle and with the firm intention to resume the struggle on the first occasion and to carry it on in a thorough way. You will expel the employers from the factories and you will only let them come back as workers, your equals, ready to work for themselves and all others. Nothing is lost if you have no illusion on the deceiving character of the victory. The famous decree on the control of factories is a mockery, because it tends to create a new host of officials, coming from your ranks, who will no longer defend your interests but their new situation, and because it tends to harmonize your interests and those of the bourgeois which is like harmonizing the interests of the wolf and the sheep. Don’t believe those of your leaders who make fools of you by adjourning the revolution from day to day. You yourselves must make the revolution when an occasion will offer itself, without waiting for orders which never come, or which come only to enjoin you to abandon action. Have confidence in yourselves, have faith in your future and you will win.

Bho Max Nettlau, Errico Malatesta — The Biography of an Anarchist (1924). Ri fhaotainn an seo. Mo chuideam (TM).

Mar a thachair, cha d’ fhuair ‘Earras’ – an calpa, no calpachas – bàs anns an Eadailt idir. Airson beatha às ùr a thoirt dha, air stèidh phoileataigeach a shàsaicheadh na bosaichean is an clas-riaghlaidh, dh’fheumte gluasad an luchd-obrach a mharbhadh. Agus b’ e siud a rinn iad.

~~~

[Cor Saothrach anns an Eadailt]

A thaobh cor Saothrach anns an Eadailt aig an àm, faodar a ràdh gu’n d’éirich triobhlaid [sic] no dhà gu maith cunnartach agus ciogailteach o’n a thàinig ar n-àireamh mu dheireadh a mach. A réir coltais, tha Earras [2] anns an dùthaich ud ri uchd bàis an nis; ach, gu tubaisteach, tha cunnart gu’m faigh an luchd-oibre bàs mar an ceudna, mur deoin leo barrachd faicilleachd agus spionnadh chleachdadh ’nan uile dhòigh na nochd iad riamh chuige so. Is e an laigse is mò bho am bheil Saothair anns an Eadailt a’ fulaing aig an àm nach eil an luchd-oibre am bitheantas ach air bheag ionnsachadh a thaobh gach eolais agus sgeol a bhuineas do obair-gnìomhachais, is tha sin gam fàgail gu tur fo smachd is fo fhocal nam maighstir. Gun teagamh, is gasda an nì a bhi cantuinn gu’m feum gach cèird agus gnìomhachas san dùthaich a bhi gan toirt air falbh o na maighstiribh is gam buileachadh air an luchd-oibre, o’n is i Saothair ceann-aobhair agus fuaran gach gnè shaoibhreis a ta dol. Tha so fìor, ach an déidh so is gu lèir, is beag feuma ni cainnt dhàna fhuaisgealtach de ’n t-seorsa so mur bi air a cùl na cungaidhean is na meadhonan sin a ta do-sheachdnaidh feumail gus bladh agus brìgh a thoirt dith. Gun teagamh, so laigse a ghabhas leigheas le siubhal nam bliadhna; agus so rud a ta a’ cheart cho fìor a thaobh na h-Eadailte sa tha e mar sin a thaobh gach dùthcha eile dh’ fhaodadh sinn ainmeachadh; ach san eadar-àm is ann mar gu’m b’eadh le seorsa de cheum gu leth a dh’fheumas Saothair éaladh mu’n cuairt anns an Eadailt. Os bàrr so uile, tha sùrd mhór air Moscou aig an àm: daonnan tha am baile smachdail sin a strì gu làidir ri deisciobuil a tharruing dha féin o’n Eadailt, agus, mar is furasda thuigsinn, tha so ’na aobhar nach beag air eas-aontachd is mi-chòrdadh a bhi am measg nam Pàirteach. [3]

~~~

An tùs: Gun Urra, ‘DE THA CEARR AIR SAOTHAIR?’, Guth na Bliadhna, Leabhar XVII; Àireamh 4 (An Geamhradh, 1920), 288-289.

[1] Tha seo a’ toirt orm smaoineachadh mun uimhir de dh’fhiosrachadh a gheibheadh daoine a-bhos an seo mu ghnothaichean thall san Eadailt. Ma bheirear sùil air prìomh phàipear-naidheachd sòisealach na h-Alba, Forward, sna bliadhnaichean seo leughar cunntasan mun Eadailt bho àm gu àm ach gu mòr air taobh a’ cheannaird fhrith-rèabhlaideach sa Phàrtaidh Shòisealach, Filippo Turati (1857-1932).

Sgrìobh Ramsay MacDonald colbh cunbhalach sa phàipear – ‘Going South’ agus ann an cuid dhiubh bheireadh e seachad beachdan air cor poileataigeach na h-Eadailte – dùthaich don rachadh e, a rèir coltais, le cuireadh nan sòisealach Eadailteach. Air 18 Sultain 1920, mar eisimpleir, sgrìobh e gun robh Turati ‘the ablest of the Parliament men’ aig an robh an aon seasamh ris an ILP – pàrtaidh an Dòmhnallaich – mu Bhoilseabhachd. Tha e coltach, tha e ag innse, gum bi sgaradh sa Phàrtaidh Shòisealach Eadailteach (PSI) ach ‘Turati will not go much further on the road to Socialist destruction [.i. an rathad rèabhlaideach]. He will leave the Party, of which he is the unchallenged leader, so far as brains and service are concerned’.

Stèidhichte air a leithid seo, chan eil e idir coltach gun robh cothrom aig sòisealaich is leughadairean sa chlas-obrach ann an Alba air fiosrachadh earbsach air gluasad nan gnàth-bhall (rank-and-file) sna factaraidhean Eadailteach. Ghabhadh sàmhchas mu dheidhinn ann an iris bheag Ghàidhlig tuigsinn.

[2] Earras = ‘calpa’, no sa cho-theacsa seo ‘calpachas’.

[3] Pàirteach = Sòisealach.

Sgrìobh beachd