’Eòin agus Féidh’ (1920)

Edwin Landseer, ‘Deer-stalking in the Highlands’ (mu 1828). Tùs na deilbh an seo.

Tha na cunntasan-bheachd a’ sealltainn mòr-chuid leantainneach airson neo-eisimeileachd Albannach agus an ceudad mean air mhean a’ fàs. Aig an ìre-sa, tha 55% de dhaoine deònach cùl a chur ris an Aonadh, agus ’s dòcha an ceann mhìosan gun ruig e 60%.

Ceud bliadhna air ais bha daoine ‘adhartach’ ann an Alba – fo sgàil thachartasan ann an Èirinn – cuideachd a’ deasbad cheistean poileataigeach lethid deamocrasaidh, bochdainn, fearann, agus seilbh phrìobhaideach ann an co-cheangal ri neo-eisimeileachd no ‘fèin-riaghladh’.

San alt bheag seo, tha an t-ùghdar – Aonghas MacEanraig, tha mi an dùil – a’ toirt cunntas air neo-ionannachd fharsaing air a’ Ghàidhealtachd, agus an droch bhuaidh a bha aig oighreachdan nan urracha mòra air gnàth-mhuinntir an àite. Tha e a’ dèanamh ceangal, caran sìnte ceart gu leòr, eadar tuath na Gàidhealtachd na latha agus tuath na Frainge ron Rèabhlaid. Fo chìs – gu litireil – agus fo chois aig na h-uaislean, dh’èirich an tuath Frangach nan aghaidh gu sònraichte san Eagal Mhòr (La Grande Peur, mu 22 Iuchar gu 6 Lùnasal 1789) a’ sgrios an cuid chaistealan agus sgrìobhainnean a’ buntainn ri càintean fiùdalach, agus a’ fògradh cuid dhe na tighearnan.

Bha an sgrìobhadair dhen bharail gun robh làn adhbhair aig an tuath Ghàidhealach air aramach a dhèanamh. Bha iadsan cuideachd a’ fulang ri linn droch laghan fearainn agus ceannsal nan uachdaran. Tha e a’ cur cuideam air gearan àraid an seo, ge-tà. Bhiodh na beathaichean air na h-oighreachdan-seilge – easagan is fèidh – air a’ Ghàidhealtachd buailteach dol thar an crìochan gus cron a dhèanamh air bàrr is sìol nan daoine. Thachair an aon rud, a rèir coltais, ris an tuath san Fhraing.

Tha mi a’ làn-chreidsinn gun dèanadh siud milleadh mòr air a’ bheagan a bha aig daoine bochda – mar a tha an t-ùghdar a’ sealltainn anns an eisimpleir dhen bhanntaich. Ach, tha e annasach dhomh nach eil e ag ràdh nas fhollaisiche gur e an cron as motha gu bheil na h-oighreachdan ann idir: a’ cumail smachd air fearann, stòras agus beartas a bu chòir a bhith ann an làmhan nan coimhearsnachdan. Chithear an seasamh seo nas fheàrr ann an altan eile.

An rud a tha gu sònraichte inntinneach ’s e an co-dhùnadh sgiobalta. Tha adhbhar nan Gàidheal bochda ga fhaicinn ann an adhbhar saorsa nàiseanta na h-Alba. Cuideachd, tha an t-aramach ri thuigsinn ann an dòigh Phàrlamaideach, tro Phàrlamaid ùr Albannach.

Tha Pàrlamaid na h-Alba air a bhith againn a-nis fad còrr is 20 bliadhna. Tha i air leasachaidhean a dhèanamh a thaobh an fhearainn, agus air taic a chur ri coimhearsnachdan a tha ag iarraidh fearann a cheannach. San fharsaingeachd, ge-tà, chan eil cùisean air atharrachadh mòran. Tha fhathast a’ mhòr-chuid de dh’fhearann dùthchail ann an làmhan prìobhaideach, mu 57%, agus an dàrna leth de dh’fhearann dùthchail fo sheilbh dìreach 432 uachdaran (faic an seo).

Tha MacEanraig, nam b’ esan a sgrìobh seo, a’ cur dòchas anabarrach mòr air pàrlamaid mar fhuasgladh. (Rud a tha ùidheil thoradh bha Alba is Guth na Bliadhna a’ toirt an aire do na deasbadan eadar-nàiseanta aig an àm mu ath-leasachadh seach rèabhlaid, agus mun àite a bhios aig pàrlamaidean anns a’ ghluasad shòisealach.) Air an làimh eile, a’ coimhead air altan eile sa phàipear, tha e solleir gun iarradh e pàrlamaid neo-eisimeileach – tè anns am faigheadh ‘na mithean’ smachd air riaghladh na dùthcha airson an leas fhèin. [*]

~~~

EOIN AGUS FEIDH.

Bh[o] cheann còrr agus da cheud bliadhna air ais, dh’éirich ar-a-mach anabarrach a’ measg sluagh na Fraing ’an aghaidh nan cumhachdan a bh’ann – ’an aghaidh nan triathan agus an luchd-riaghlaidh, araon aimsireil agus spioradail. B’e aobhar na h-uirghill gu’n robh an sluagh a’ toirt fa’near gu’n robh ainneart agus fòirneart air a dheanamh orra ann an iomadh dòigh leosan a bha ann an inbhe àrd anns an rìoghachd. M’a leughar eachdraidh an àma sin gu cùramach, chithear gu’n robh droch laghanna fearainn na chuid de na h-aobharan a chuidich gus an sluagh a dhùsgadh gu uachdranachd na dùthcha a thilgeadh bun-os-ceann, gu iomadh gniomh uamhasach a dheanamh, agus, fa dheireadh, gus an [sic] na cinn a thoirt thar an rìgh agus na bànrighinn. Iadsan a bha ag àiteach an fhearainn cha robh iad a’ mealtuinn toradh an saothair. Na h-ainmhidhean agus na h-eoin a bha na h-uaislean a’ gleidheadh agus ag àrach air son spòrs agus cluich – bha na creutairean sin ag itheadh suas gach pòr prìseil a bha na daoine bochda a’ cur. Agus cha robh a chridhe aig na tuathanaich a ràdh gu’m b’olc. Ach, an uair a’s tinne ’n gad a’s ann a’s docha e briseadh. Bha an sluaigh [sic] air an sàruchadh cho mór agus gu’n do chuir iad rompa fa dheireadh éiridh ’nan neart agus cuing nan uaislean a chur dhiubh. Mar sin rùnaich iad agus mar sin rinn iad. B’eagalach an dùsgadh a fhuair an Fhraing!

Tha laghanna an fhearainn anns a’ Ghàidhealtachd air an latha diugh feumach air a bhi air an leasachadh. Tha féidh, coineinich, eoin-ruadha agus easagan (pheasants) a’ sgrios gach pòr a chuireas an tuathanach anns an talamh, a cheart cho dona agus a rinn iad riamh anns an Fhraing. Air son gach spùinneadh a tha féidh agus eoin a’ deanamh, cha toir na uachdarain uiread agus taing seachad.

’S aithne dhuin[n] oighreachd mhór, fharsuing ann an Tìr nam Beann. Chaidh a ceannach bho cheann beagan bhliadhnachan le fear a’s fhiach iomadh million punnd Sasunnach. Lìon e i de fhéidh de easagan agus de eoin ruadha. Tha sgainneart oillteil air a’ dheanamh gach foghair air pòr chroitearan agus thuathanach, ach cha toir e taing seachad air a shon sin. Tha’n lagh air a thaobh.

Anns a fhoghar so ’chaidh, bha gach fear buntàta agus gach dias arbhair a bhuineadh do bhantraich àraidh air an itheadh gu buileach. Tha i ’gleidheadh dà mhart agus air son an toirt troimh’n gheamhradh, chan eil aice ach sabhal falamh. Sgrìobh i ’dh’ionnsuidh an uachdrain ag ìnnseadh an suidheachadh brònach anns an robh i, agus a’ guidhe air gu’m pàigheadh e a bheag no mhòr dh’i m’a choinnimh na chaidh itheadh orra. Dh’ainmich i, mar ceudna, nach robh an t-aon bu shine de’n teaghlach aice ach cóig bhliadhna dh’aois, agus nach robh cuideachadh ’sam bith aice ach a tapadh fhéin. Fhreagair e i gu’n robh e ra [sic] dhuilich air a son, ach nach robh e ’n a chomas còmhnadh a dheanamh leatha.

“M’a phàigheas mi dhuitse ’m bliadhna,” ars’ esan, “na mhill na féidh ’s na h-eoin ort, cha bhi neach ’s an dùthaich nach bi a’ tagradh pàighidh orm an ath bhliadhna.”

Tha an latha ’tighinn, agus chan eil e fad ás, anns nach bi sluagh na Gàidhealtachd balbh ’am fianuis a leithid so de eucoir. ’Nuair a rinn na Frangaich ar-a-mach, b’e na h-airm a ghlac iad claidheamhan agus musgaidean. An uair a ni na h-Albannaich ar-am-mach [sic] is e an seol a ghabhas iad Pàrlamaid a chur air chois an Dun-éidinn chum an cùisean féin a riaghladh. Mar is luaithe a ni iad so is ann is fearr.

~~~

Gun urra, ‘Eòin agus Féidh’, Alba (Di-Sathuirne, 31 de’n Fhaoilteach, 1920). Tar-sgrìobhte le T. MacAilpein.

Thathas a’ dèanamh dheth gum b’ e Aonghas MacEanraig, deasaiche Alba, a b’ ùghdar don alt seo.
#PròiseactAonghaisMhicEanraig #Alba1920

[*] Mar eisimpleir, tha agam ri làimh alt gun ùghdar ainmichte, ‘Riaghladh na h-Alba’ (8mh de’n Cheitein, 1920). Tha siud a’ toirt cunntas beag air coinneamh a bha ann bho chionn ghoirid ‘a chum brosnuchadh a thoirt do cheist nàiseanta na h-Alba’. Bha diofar bheachdan agus daoine bho dhiofar phàrtaidhean an làthair. Dh’innis an t-alt, ge-tà, gun robh taic mhòr airson na thuirt an t-Urr. Calum MacCaluim: ‘nach biodh Albainn toilichte le dad goirid air na gheall Mgr. Lloyd George air toiseach a[’] chogaidh do chinnich bheaga anns gach àite – cead breth [sic] a thoirt air an son féin a thaobh a’ mhodail riaghlaidh leis am bi iad toilichte’. Agus, tha e a’ crìochnachadh le bhith ag innse gun robh iadsan a bha taiceil ri ‘fèin-riaghladh’ a’ gluasad a dh’ionnsaidh beachd gum biodh Alba a’ seasamh air a casan fhèin, gun a bhith air a cuingealachadh a thaobh chumhachdan:

Bha an cruinneachadh ’na mheadhoin air aon nì a nochdadh gu soillear. Leig e ris gu’m bheil beachd nan Albannach is solusaiche an déidh atharrachadh a thaobh “féin-riaghladh.” Cha bhi iad na faide toilichte le cead agus cumhachd gu amharc an déidh rathaidean-iaruinn, oibrichean-uisge, tinneasan-gabhaltach agus ghnothaichean eile de’n t-seorsa sin. Tha an latha air dol seachad sam biodh an sluagh toilichte le a leithid sin de “shochairean.”

Nas radadaigiche, ann an alt san aon àireimh (8mh de’n Cheitein, td. 2) – ged nach eil an tiotal agam – tha an sgaradh bho phàrlamaid Westminster air a chur an cèill mar a leanas:

Chan eil feum ann a bhi a’ frithealadh air a’ phàrlamaid Shasunnaich, agus, barrachd air an sin, is beag urraim agus meas a ta an cois a leithid sin de ghiulan. Is ann de na mithean a ta chuid is pailte de mhuinntir Alba air a dèanamh suas, agus is ann acasan a ta gach cumhachd agus tarruing politiceach. Mar sin, ma’s miann leo pàrlamaid no inneal-riaghlaidh a thaobh-éigin eile chur air bonn an Albann, chan eil aca ach dol agus glacadh le an làmhan féin na tha làn chomas aca air a bhi a’ toirt a mach.

One thought on “’Eòin agus Féidh’ (1920)

Sgrìobh beachd