Toirt a-Mach Chol is Ghriais (1920)

Land_Raiders_Memorial
Cuimhneachan air Gabhail an Fhearainn ann an Griais. Tùs na deilbh an seo.

Tha sgeulachd a’ Mhorair Leverhulme mar uachdaran air Leòdhas (bhon Chèitean 1918) agus air na Hearadh (bho anmoch san 1919), agus an strì a bha aige ri coitearan Leòdhasach, ainmeil agus air a deagh chnuasachadh ann an corra leabhar.

An seo, tha dà alt againn bhon phàipear-naidheachd Alba tràth ann an 1920 air an oidhirp a bu chonnspaidiche a bha aig na daoine seilbh a ghabhail air an fhearann: ann an Col agus Griais, faisg air Steòrnabhagh. Le a bhith a’ dèanamh seo, bha na coitearan a’ dol dubh an aghaidh planaichean Leverhulme, a’ tarraing càineadh is bagairtean orra fhèin cha b’ ann a-mhàin bhuaithe-san is a chuid urracha-cuideachaidh, ach cuideachd bho thòrr mòr den phoball Leòdhasach. Bha an riaghaltas agus Rùnaire Stàite na h-Alba – Cléireach na h-Alba, gu h-ìseal – Robert Munro, anns an eadraiginn san aimhreit thoinnte seo.

Co-theacsa

San Fhaoilleach 1920 bha na rèidearan air ùr-thilleadh do na tuathanachasan ann an Col is Griais. [1] Thug iad a-mach am fearann an sin an toiseach as t-earrach 1919, a’ cur buntàta is eile agus an uair sin a’ falbh a-rithist as t-fhoghar. An turas-sa, ge-tà, cha robh iad am beachd falbh. Ghabhadh ceum mòr cudromach ceud bliadhna air ais nuair a thòisich iad air taighean a thogail – mar a tha a’ nochdadh anns na h-altan. Mar dhìoghaltas, thug Leverhulme a’ bhròg do dhuine sam bith a bha ag obair dha ann an Sgìre a’ Bhac, fiù ’s ged nach robh iad air pàirt a ghabhail ann an glacadh an fhearainn. An uair sin, sguir e dhen obair-thogail air fad aige ann an Leòdhas, agus thug sin droch bhuaidh air luchd-obrach an eilein. Gus tuilleadh uallaich a chur air na rèidearan, dh’eagraich e coinneamhan air feadh an eilein airson taic a chuir ris agus ri a chuid bheachdan air leasachadh an eilein, agus an aghaidh coitearan Chol is Ghriais.

Bha an riaghaltas ann an staing. Cha robh iad ag iarraidh gum falbhadh Leverhulme agus a chuid airgid, ach bha dleastanas aca a rèir Achd ùr an Fhearainn – a thugadh a-steach san Dùbhlachd 1919 – gum feuchadh iad ri sgeamaichean fearainn a chur air dòigh air a’ Ghàidhealtachd nuair a bha an dà chuid iarrtais ann agus am fearann ri làimh a ghabhadh cleachdadh, fiù ’s nam feumadh an stàit a cheannach an aghaidh toil an uachdarain. Bha sin fìor gun teagamh mu Leòdhas, far an robh na ceudan de dhaoine ag iarraidh fearann. Cha do thòisich iad air siud a choileanadh air sgàth Leverhulme, agus na b’ anmoiche ann an 1920 thug iad cothrom dha na planaichean aige a dhèanamh mar a thogradh e fad dheich bliadhna, ge b’ oil leis na coitearan.

Bha eisimpleirean eile de shealbh-ghlacadh ann an Leòdhas aig toiseach 1920, [2] air an taobh siar – agus, gu dearbh, bha grunn rèidean air feadh nan Eilean Siar agus na Gàidhealtachd ann an 1920 agus 1921 (ann an Uibhist a Tuath, san Eilean Sgiathanach, Ratharsair, agus Cataibh). Bha tuathanachasan Chol is Ghriais cudromach do Leverhulme, ge-tà, air sgàth ’s gun robh e airson ’s gum biodh iad a’ solarachadh bainne do bhaile Steòrnabhaigh, a bha gu bhith air a leudachadh mar phort-iasgaich agus baile-gnìomhachais. Sin, agus gun robh na coitearan an sin a’ seasamh a-mach airson a bhith a’ diùltadh co-obrachadh le Leverhulme.

San Dàmhair 1920, ghabh na coitearan an ratreut ri linn nan ionnsaighean a bha orra anns na meadhanan agus ann am beachd a’ phobaill. Dh’fhàg iad am fearann gu sealach is iad an dòchas gun toireadh an riaghaltas cobhair dhaibh san àm ri teachd. Ach nuair a cheadaich Leverhulme croitean ùra a bhith air an stèidheachadh ann an iar-dheas Leòdhais, gun chuideachadh sam bith dhaibhsan san ear-thuath, ghabh na daoine am fearann a-rithist as t-earrach 1921. A-rithist, sguir Leverhulme na h-obraichean aige ann an Leòdhas – ach bha e cuideachd a’ fulang mun àm-sa le trioblaidean ionmhais. Chuir e an cèill san Lùnastal nach biodh e a’ maoineachadh ach leasachadh anns na Hearadh. Cha robh adhbhar ann an uair sin nach cruthaicheadh an riaghaltas croitean ùra ann an Col is Griais, agus anns a’ chòrr de Leòdhas. B’ e siud a thachair mu dheireadh 1921 agus 1922, agus tha na croitean ann chun an latha an-diugh mar bhunait do na coimhearsnachdan.

Na h-Altan

Chaidh an dà alt an seo fhoillseachadh air 31 Faoilleach agus 14 Gearran 1920. Tha iad gu mòr air taobh nan coitearan agus a’ toirt seachad am beachdan fhèin. Tha a’ chiad alt a’ cur an cèill argamaidean cumanta mu na geallaidhean a fhuair eileanaich gum faigheadh iad fearann ron chogadh, an ìobairt a rinn iad sa chasgairt, agus mun fhaireachdainn de bhrathadh a bha aaca às dèidh sin nuair nach robh adhartas ri fhaicinn. Gu dearbh, tha an ceangal eadar seirbheis-chogaidh ann an Leòdhas agus an t-iarrtas airson chroitean air a chur ann am briathran làidir:

Tha na fearaibh ag ràdh gur ann air tàilleamh nan geallaidhean so a bha iad cho deas, ullamh gu dol do’n arm. Bha iad cho deonach air falbh is nach d’rinn “conscription” a bheag sam bith de adhart an Eilean Leodhais – bha [gach] òganach sa chòta bhuidhe mu’n deachaidh an lagh sin a dheanamh.

Tha e cuideachd gu math inntinneach faicinn carson a dhiùltadh coitearan obair do Leverhulme. Cha robh iad ag iarraidh cùl a chur ri an coimhearsnachdan sa chiad dhol a-mach, ach nam feumadh iad, ‘[b’fh]earr leo dol do bhailtean-móra an Taobh Deas, far am meal iad tuillidh saorsa agus neo-eisimeileachd na dheanadh iad am feasd an Steornabhagh’.

Tha an dàrna alt nas cumhachdaiche, a’ bruidhinn mu an ‘saighdearan’ a’ dol an aghaidh òrdugh ‘luchd-dreuchd na h-oighreachd’, fiù ’s a’ fuasgladh nan each a bha air tighinn gus treabhadh. Tha seo agus a’ chiad alt a’ toirt oirnn smaoineachadh cho dàna ’s a bha gnìomh nan coitearan, a’ gabhail thairis air seilbh ma b’fhìor le cuideigin eile, agus deònach aghaidh a chur air an lagh nam feumte. Tha cunntasan bho rèidearan fhèin, a rèir coltais, a’ nochdadh san dàrna alt – co-cheangailte ri iomraidhean air ‘ar luchd-forbhais’. Cò às a tha an fhianais seo? An deach a sgrìobhadh do dheasaiche a’ phàipeir fhèin no an do nochd e ann an àite eile? An robh e ann an Gàidhlig bho thùs no an deach eadar-theangachadh? Chan eil seo uile gu lèir soilleir, ach tha coltas ann gum b’ ann dha-rìribh bho na rèidearan fhèin a bha na h-earranan ud.

Tha iad cuideachd math dha-rìribh agus dramataigeach. Smaoinich air an t-samhlachas a tha ann air a bhith a’ toirt a-nuas seann ghàrraidhean a thogadh le dubh-chosnadh ghinealaichean na bu shine airson taighean ùra croite a thogail airson an ama ri teachd. Ana-ceartas ga thoirt a-nuas clach air chloich. Tha sinn a’ leughadh mu chruadal leantainneach na h-iomairt, agus ‘na maoir-shith gu’n tàmh, gun fhois a’ sealg air ainmean agus ’gan cur sìos an leabhar’ – agus, mar sin, a’ bagradh mòran a bharrachd orrasan a bha an sàs. Ach, a-nis ’s gun robh am fearann aca, cha robh iad ga leigeil às:

Tha sinn a’ cur romhainn nach gluaisear á seo sin[n] ged a dh’ fheumamaid ar fuil a thaomadh cho saor is a rinn sinn san Fhraing.

Chan eil na h-altan seo a’ toirt seachad cus fiosrachaidh a bharrachd bho na leughas sinn anns na tobraichean àbhaisteach. Agus fhuair beachdan cuid de na rèidearan a-steach gu pàipearan-naidheachd nàiseanta aig àm na connspaid. [4] Ach, bha Alba a’ dèanamh deagh obair naidheachdais an seo ag innse mu na bha a’ tachairt agus a’ dìon adhbhar nan daoine. Tha rudeigin cho prìseil mu bhith a’ leughadh mun eachdraidh seo ann an cunntasan Gàidhlig bhon àm. Mas e ’s nach do nochd an fhianais seo ann an àite eile tha sin fiù ’s nas fheàrr.

Chùm Alba air a’ leantainn caran na connspaid seo, agus ag innse tòrr naidheachdan eile mu ‘cheist an fhearainn’. Feuchaidh mi ri tuilleadh a thoirt am follais.

~~~

CEIST AN FHEARAINN AN LEODHAS.

A reir nam fiosan a tha sinn a’ faighinn [o] ar luchd-forbhais féin, tha muinntir Leodhais a leantainn air geur aire a thoirt do cheist an fhearainn. O cheann laith[ean], chaidh àireamh dhiubh am mach agus ghabh iad seilbh air cuid de’n bhaile ris an canar Colla. Tha e mar uidhe bheagan mhìltean do Steornabhagh, agus a’ [cr]ìochnachadh ri Griathais, baile chaorach [eile] a th’air a thagradh leis a’ phobull. Tha na “saighdearan” a thill ás a’ chogadh a’ cur rompa gu’m faigh iad an [f]aid de’n fhearann a dheoin no a [dh’]aindeoin.

Bha iad am mór shurd agus an àrd aigne an uair a ghabh iad seilbh air Colla. Bha àireamh de luchd-pàighidh-latha ag obair air a’ bhaile – a’ deanamh chlaisean ùra agus a’ glanadh sheann fheadhainn. Thilg iad uatha an spaidean an uair a ràinig an coimhearsnaich a roinn a suas nan dailthean agus nan iomairean. Cha do dhùisgeadh aimhreit de sheorsa sam bith, agus rinn na fir an gnothach gu sàmhach rianail.

Tha móran de mhuinntir Leodhais gu [b]ras a’ call am faighidin a thaobh na giollachd a tha iad a’ faighinn o’n Ard-[u]achdaranachd. Tha iad a’ gearan gu’m [b]heil dàil agus màirneal air an deanamh a thaobh an tagraidhean, araon le Lord Leverhulme agus le Cléireach na h-Alba. Chan eil an dàil so, ars iadsan, reusanta [no] iomchuidh. Tha e air a ràdh gu’n robh Colla agus Griathais air an [g]ealltainn air son ghabhaltais bheaga fada [roi]mh àm a’ chogaidh agus fada mu’n deachaidh an t-Eilean a reic. Bha gealladh air a thoirt seachad gu’n rachadh na bailtean so a bhriseadh cho luath is a thigeadh crìoch air na h-aontachan. Ruith na h-aontachan am mach o cheann fada, ach, an àite seasamh ri a fhacal, is ann a dh’fhuiling Cléireach na h-Alba an [ù]rachadh.

An uair a thòisich an cogadh, chaidh [t]eannadh ri tuillidh gheallaidhean a thoirt seachad, agus bha gach neach a bha gu’n fhearann ri chur an seilbh air cuibhrinn fhreagarraich. Tha na fearaibh ag ràdh gur ann air tàilleamh nan geallaidhean so a bha iad cho deas, ullamh gu dol do’n arm. Bha iad cho deonach air falbh is nach d’rinn “conscription” a bheag sam bith de adhart an Eilean Leodhais – bha [gach] òganach sa chòta bhuidhe mu’n deachaidh an lagh sin a dheanamh. Ré a’ chogaidh, bha na h-uiread de na mnathan agus de na teaghlaichean an cruaidh-chàs agus an uireasbhuidh. Cha d’rinn iad monmhur no gearan, o’n a bha dòchas aca gu’m faigheadh iad am fearann, mar a chaidh a ghealltainn. Bha iad toileach cur a suas le cruadal sam bith, oir bha iad cinnteach, am briathran Mhgr. Lloyd George, gu’n rachadh Leodhas a dheanamh ’na àite “fit for heores to live on.”

An uair a fhuair na “saighdearan” ma sgaoil ás an arm, chuir iad tagradh [m]odhail, dealbhach gu Bòrd an Tuathanachais. Cha d’fhuair iad aideach sam bith gu’m faigheadh iad òirleach de fhearann. Thàinig atharrachadh obann air [c]ainnt agus giulan na h-Ard-uachdaranachd. Bha an tuasaid a nis seachad, is cha robh aobhar na b’fhaide a bhi a’ beadradh nan Eileanach. Uime sin, chaidh suil ghruamach a thoirt orra, agus [t]hugadh dhaibh ri a thuigsinn nach robh Mgr. Lloyd George dol a sheasamh ri geallaidhean a rinn e ré a’ chogaidh. A rithisd is a rithisd dh’asluich iad cobhair air Cléireach na h-Alba, ach dh’fhan esan balbh, bodhar.

Tha na daoine ag ràdh gu’m bheil iad am feum thaighean agus, mar an ceudna, uiread de thalamh is a dh’fhóghnas gu beagan bun-tàta a thogail. An ceartuair, tha iad an tomhas mór am meinn na coimhearsnach. Chan urrainn dhaibh taighean a thogail, oir cha toirear dhaibh làraichean freagarrach. Is e an fhreagairt a gheibh iad aig gach àm iad a dhol do Steornabhagh a dh’obair do Lord Leverhulme. Tha na “saighdearan” a’ cumail am mach, ma dh’fheumas iad an dachaidhean fhàgail idir, gur fearr leo dol do bhailtean-móra an Taobh Deas, far am meal iad tuillidh saorsa agus neo-eisimeileachd na dheanadh iad am feasd an Steornabhagh.

Tha sinn a’ cluinntinn gu’m bheil na Leodhasaich sgairteil a’ cur rompa seilbh a ghabhail air na h-uiread de fhearann eile an ùine gun a bhi fada. Cha riaraich Griathais agus Colla trian de na tha ag iarraidh ghabhaltas.

Tùs: Gun urra, ‘Ceist an Fhearainn an Leodhas’, Alba (Di-Sathuirne, 31 de’n Fhaoilteach, 1920).

 

*****

LEODHAS AGUS CEIST AN FHEARAINN.

Tha ar luchd-forbhais ag innseadh dhuinn gu’m bheil ùdag [3] nach beag timcheall air na tuathanachais ud, Colla agus Griathais, a chaidh a “ghlacadh” o cheann ghoirid le gillean a th’air tilleadh ás an arm. Chaidh aon de luchd-dreuchd na h-oighreachd dh’ ionnsuigh an dà bhaile. Thug e òrdugh seachad tòiseachadh ri an treabhadh ás leth an uachdarain. Aig a’ cheart àm, bha na “saighdearan” trang – a’ togail thaighean agus ri oibrichean eile. Thuirt iad nach faodadh an treabhadh dol air aghaidh. An uair nach deachaidh géill a thoirt do’m facal, dh’fhuasgail iad na h-eich agus dh’fhalbh iad leo air ais do’n stabull.

Tha cuid de’n chloich a tha na fir a’ cur an greim an togail nan taighean air a toirt á sean ghàraidhean a tha iad ag ràdh a [th]ogadh le an athraichean. Tha fear dhiubh a’ sgrìobhadh mar so:–

“Bha na clachan air an cur an so le ar n-athraichean an uair nach robh lagh ann fo am faigheadh iad fasgadh. Bha am Bac air buntainn ris air mhodh air leth cruaidh. Aig an àm, b’e Mgr Luthais Mac Iomhair a b’uachdaran air Griathais. B’àbhuist dha tighinn an nall le cuip agus an sluagh a thoirt a dh’obair a dheoin no a dh’aindeoin. Cha robh pàigheadh de sheorsa sam bith air a thoirt seachad. Mar sin, tha sinn de’n bharail gu’m bheil deagh chòir againn air na clachan, agus air an fhearann mar an ceudna.”

Clachan Ghriais

Tha fathunn a’ dol gu’m bheil Bòrd an [à]iteachaidh dol a ghabhail seilbh air an fhearainn agus dol ’ga roinn ’na ghabhaltais bheaga. Ma dhéidhinn so, tha aon de na “saighdearan” a’ sgrìobhadh:–

“Tha e air a ràdh nach faigh an fheadhainn a “ghlac” am baile gin de na gabhailtais bheaga. Tha iad air son an [e]agail a chur oirnn. Tha sinn air ar n-[agh]aidh gu math leis na taighean ùra. Tha sinn a’ cur romhainn nach gluaisear á seo sin[n] ged a dh’ fheumamaid ar fuil a thaomadh cho saor is a rinn sinn san Fhraing. Thug sinn air greidhear a’ bhaile sgur de gach treabhadh is eile, agus dh’innis sinn dha gur ann againn-ne a nis a tha’n smachd. O’n thòisich sinn air togail, tha na maoir-shith gu’n tàmh, gun fhois a’ sealg air ainmean agus ’gan cur sìos an leabhar.”

Tha fear eile a’ toirt cunntas air a’ chath agus an t-saothair a b’éiginn dhaibh a dheanamh mu’n d’fhuair iad seilbh air na bailtean, agus a’ dol air aghaidh gu a ràdh:–

“Is i so a’ ghiollachd a th’air a toirt do shaighdearan agus do sheoladairean Leodhais. Bu mhath leinn an Ard-uachdaranachd a thighinn a nis do’n eadraiginn cho clis is a rinn i an 1914, an uair a sguab i sinn uile do’n arm. Mur dean i so, chan fhaigh i móran a théid do’n ath chogadh air a son.”

Tha na “saighdearan[”] ag ràdh nach eil iad ri coire do neach sam bith le bhi a “glacadh” an fhearainn. Tha iad toileach màil chothromach a phàigheadh ás leth gach acair. Tha iad a’ cur rompa nach bi an cuid theaghlaichean a’ fulang na’s faide, gu sònraichte an rathad thaighean. Chan eil iad dol a bhi air am bacadh le maoidheadh prìosain no maoidheadh sam bith. Tha móran cheudan fear an Leodhas a tha cur rompa fearann, taighean agus cothroman eile a chosnadh dhaibh féin agus do na tha mar churam orra.

Tùs: Gun urra, ‘Leodhas agus Ceist an Fhearainn’, Alba (14 de’n Ghearran, 1920).

 

~~~

An tras-sgrìobhadh is nòtaichean le T. MacAilpein. #PròiseactAonghaisMhicEanraig #Alba1920

[1] Tha na leanas na gheàrr-chunntas stèidhichte air a’ chunntas ùghdarrasach aig Hunter. James Hunter, The Making of the Crofting Community (Dùn Èideann: John Donald Publishers Ltd., 1976), tdd 198-204.  Chuir Ewan A. Cameron ris an deasbad ann an Land for the people? The British government and the Scottish Highlands, c.1880-1925 (Linton an Ear: Tuckwell Press, 1996). Faic cuideachd: Iain J.M. Robertson, Landscapes of Protest in the Scottish Highlands after 1914: The later Highland Land Wars (Farnham, Surrey: Ashgate, 2013); agus Roger Hutchinson, The Soap Man: Lewis, Harris and Lord Leverhulme (Dùn Èideann: Birlinn Ltd., 2003).

[2] Agus roimhe, mun Chèitean 1919, rinn na daoine oidhirp air fearann fhaighinn ann an tuathanachas Ghabhsainn ann an ceann a tuath Leòdhais. Hunter, ibid., td. 199.

[3] Udag (gun stràc): troimh chèile, aimhreit. Dwelly, udag: ‘(AH) sf Fluster, flutter, stew — Argyll’. San dol seachad, ’s e fear Alex. Henderson à Àird nam Murchan a bha ann an ‘AH’ bhon d’ fhuair Dwelly am fiosrachadh seo (faic an liosta de ghiorraichaidhean aige an seo). Mura b’ e mearachd a tha seo, agus gun robh Dwelly a’ ciallachadh Angus Henderson fhèin, dh’fhaodadh gun robh deasaiche Alba, Aonghas MacEanraig, càirdeach dha. Co-dhiù, tha a leithid de dh’fhacal à Àird nam Murchan a’ cur taic ris a’ bheachd gum b’ e MacEanraig a sgrìobh na h-altan seo.

[4] Coimhead air cuid de na tùsan a tha aig Hunter, ibid., td. 199. Bha beachdan car coltach ris na tha a’ nochdadh sna h-altan seo air am foillseachadh, m.e. anns an Scotsman, bonn-nòta 132.

One thought on “Toirt a-Mach Chol is Ghriais (1920)

Sgrìobh beachd