‘Na Mithean agus Earras’ (An Samhradh, 1920)

Na Mithean agus Earras - 1920
Air fhoillseachadh ceud bliadhna air ais – as t-samhradh 1920 – ann an Guth na Bliadhna, tha an t-alt gun urra ‘Na Mithean agus Earras’ a’ beachdachadh gu dàna mun ghluasad eadar-nàiseanta airson cur às do chalpachas agus mun t-‘Saoghal Nodha’ a thig às a dhèidh.

Leughar gu bheil dùil mhòr ri atharrachadh susbainteach anns a’ chomann-shòisealta, agus ri tighinn gu cumhachd a’ chlas-obrach ann am Breatann ann an dòigh air choireigin. Tha beachd ann gur e cruth-atharrachadh do-sheachanta a tha seo, agus tha e ri thuigsinn gum biodh leughadairean, agus gu bheil fiù ’s an t-ùghdar fhèin, iomagaineach mu mar a thachras seo – a thaobh, ’s dòcha, fòirneart agus mar a chuirte luachan is beachdan ionmhainn gu dùbhlan. Ach tha mì-fhoighidinn ann cuideachd.

Tha an t-alt a’ dol thairis air argamaidean bunaiteach leithid am bu chòir dhuinn a bhith taiceil ris a’ ghluasad ‘chum Earras [.i. an calpa no calpachas] a sgrios’. ’S ann a tha iad làidir dhen bharail nach gabh an siostam a dhìon gu moralta ’s gu poileataigeach a rèir a loidig fhèin: ‘is ann air “toradh” agus probhaid do luchd-an-earrais a chaidh an rian a thuirt sinn a stéidheachadh, is chan ann idir air leas agus sonas na codach is pailte de’n phobull’.

Tha e a’ bruidhinn air corra ùghdarras sa ghluasad. Sa chiad àite, tha ‘am fàidh’ Karl Marx: ‘[s]huidhich [a th]eachdaireachd […] air an t-Saoghal Nodha seul no comharradh nach gabh dubhadh as’. Agus tha tarraing ga dèanamh air sgrìobhadh nas ùire le Beatrice is Sidney Webb, agus R.H. Tawney – agus tha sin gu sònraichte math. Tha an Times agus am Month cuideachd gan cur gu feum airson cor an t-saoghail a sgrùdadh.

’S toigh leam na h-iomraidhean a tha ann air an luchd-obrach fhèin – agus bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh barrachd dhe seo ann, agus tuilleadh cnuasachaidh air na bha a’ tachairt a thaobh eagrachadh ’s cur an aghaidh gu practaigeach seach puingean cuimseach farsaing, eas-cruthach.

Anns gach ceàrn de’n t-saoghal aig an àm faicear gu soilleir gu bheil an luchd-oibre uile fada an geall air rian an Earrais a thilgeil bun os ceann; agus carson nach biodh iad de ’n inntinn sin? Is rian e so a ta anabarrach cronail do’n t-sluagh, agus fada an aghaidh an uile mhiann agus leas, co-dhiubh is iad gnothaichean spioradail no nìthean aimsireil a bhios a’ tighinn fa-near duinn.

Nuair a thig e chun na ceist dè dìreach a dh’fheumar dèanamh airson Saoghal Nodha a chruthachadh, tha earrann dhen alt a’ tòiseachadh gu dòigheil: ‘cha leor an nì sgriosadh agus dioghaltas a dhealbhadh: feumar togail mar an ceudna’. Chan eil mi a’ faireachdainn, ge-tà, gu bheil cus susbaint san fhreagairt. Tha puingean inntinneach gan dèanamh an seo air na sgrìobh R.H. Tawney – nach robh idir na Mharxach, agus cha robh no na Webbs – ach tha e gann de mholaidhean is de mhion-fhiosrachadh.

Aon rud a tha a’ togail ceann ’s e am beachd a bha aig sgrìobhadairean Guth na Bliadhna air a bhith a’ stèidheachadh às ùr ‘an Rian Cheiltich’. ’S e gun teagamh romansachas frith-chalpach (anti-capitalist romanticism) a tha seo, ach ’s dòcha gum b’ urrainn dhuinn coimhead air mar dhòigh – annasach agus ceisteach, gun teagamh – air tarraing air cleachdaidhean a’ choitchinn (commons) ann an eachdraidh nan Gàidheal agus nan ‘Ceilteach’. Cha b’ ann gun adhbhar a bha beachdan dhen aon seòrsa aig Iain MacMhurchaidh is Séamas Ó Conghaile, agus gun tug e buaidh air Iain Mòr MacGillEathain.

Mu dheireadh, tha rabhadh ann mu ghlèidhteachd nan Sasannach – agus ‘an gaol àbhaisteach air a bhi a’ dèanamh compromise’. Faodaidh sinn a bhith a’ leughadh seo gu h-ìre mar argamaid mu mheadhanachadh (centralisation) na stàit Bhreatannaich, agus cho comasach ’s a bha a’ phàrlamaid Bhreatannach air a bhith a’ bacadh no a’ meatachadh ghluasadan airson atharrachadh sòisealta. B’ ann air sgàth seo agus, ma b’ fhìor, radaigeachd a’ chlas-obrach Albannaich a stèidhicheadh Iain MacGillEathain an Scottish Workers’ Republican Party ann an 1923. Ach, bu chòir dhuinn a bhith amharasach mu mar a bhruidhneas iad an seo agus ann an altan eile mu Shasannaich mar bhuidheann, agus mun tuigse a tha aca air feumalachd pàrlamaid Albannaich: ‘Nan robh pàrlamaid againn duinn féin anns an duthaich so, tha sinn cinnteach nach biodh aobhar fo’n ghréin air tighinn air a’ ghnothach shònruichte so’ – air, tha mi a’ dèanamh dheth, a bhith a’ bruidhinn mu bhith air ar cumail air ais le Sasannaich.

Saoilidh mi gum bu chòir dhuinn cuideachd a bhith a’ faighneachd ciamar a tha an stàit fhèin – stàit shòisealach no Albannach – a’ nochdadh ann am feallsanachd sgrìobhadairean Guth na Bliadhna/Alba.

Chì sinn mar a thèid leudachadh air na beachdan-smaoin poileataigeach seo ann an altan eile, mar a thèid an leasachadh agus mar a dh’atharraicheas iad.

Chan eil an t-alt an-còmhnaidh furasta a leantainn; tha e a’ cleachdadh briathrachas àraid Guth na Bliadhna air bun-bheachdan poileataigeach (air am mìneachadh gu h-ìseal), b’ fheàirrde e uaireannan a bhith nas pongaile a thaobh structar agus argamaid, agus tha dà-sheaghachd gu leòr ann.

Beag-fhaclair
Na mithean – na daoine cumanta, an clas-obrach agus/no an tuath.
Earras – an calpa, ‘capital’
Rian an earrais – calpachas
Luchd-an-earrais – calpaichean, ‘capitalists’
Ar-a-mach Cuideachail – rèabhlaid shòisealta
Cuspair/cath/7c. cuideachail – cuspair/cath/7c. sòisealta
Sluagh-dhòigheil – ?poileataigeach (cf. sluagh-iùlach)
Seòrsa – clas(-sòisealta). M.e. ‘a’ teannadh a mach ri an gnè is an seorsa féin a chur am fiachaibh anns gach ceàrn’, .i. a’ tòiseachadh air an clas fhèin a chur air adhart anns gach àite.

 

~~~

NA MITHEAN AGUS EARRAS.

IS sinne an teachd-shaoghal! B’ ann leis na briathran so a chuir Ludwig, ceannard an Airm Dheirg anns a’ Ghearmailt, failt is furan air neach a rinn a rathad féin (ged nach b’ann gun éis gun airc) troimh na sreathan dhearga gus seanachais a ghabhail ris. Agus chan fhaodar amharc air na briathran a labhair Ludwig mar bhòsd gun bhàrr gun bhonn. Anns gach dùthaich gus an ruig ar sùil, faicear gu bheil na mithean an déidh dealachadh gu tur ri beachdan, seolaidhean, agus modhanan, air an robh spéis mhór aca gus o cheann ùine ghoirid, agus gu bheil iad a’ teannadh a mach ri an gnè is an seorsa féin a chur am fiachaibh anns gach ceàrn, olc air mhaith le càch e.

Chan eil feum a bhi breabadh an aghaidh nan dealg, ma sheas an rud is nach géill na dealgan sin oirleach roimh ar cuid ionnsaighean. Aig an àm, tha gainmhich an t-Seann Shaoghail a’ ruith gu bras a mach; agus am fear a ta ri a ionad a ghabhail, tha e sin an nis a’ tighinn gu luath am freadharc duinn. Theagamh nach còrd leis a h-uile neach an tur a th’air an aoigh so, is gur feàrr le cuid dhinn an saoghal is aithne duinn, seach am fear ud eile air nach eil a bheag de eolas againn, agus a ta ri cuid mhór dhinn a thilgeil gu tur as ar gabhail, is ri pronnadh gun mheachainn a dhèanamh air iomadh beachd agus barail air an robh sinn fada an gaol chuige so.

Ach, mar a thuirt sinn cheana, do ràdh an fhortain is faoin an nì coire fhaighinn, ge b’e air bi cho mi-thaitneach sa dh’fhaodas na nithean sin a bhi a leigeas na diathan nar càramh. Se ar cuid féin de’n ghnothach gabhail ri binntean an fhortain, is cur suas riu mar is fheàrr is urrainn sinn, ged nach b’ann le sùrd agus taingealachd a rachadh againn air sin a dhèanamh. Oir, so am fìor ghliocas nach searg is nach dìbir am feasd – sinne strì ris a’ chuid is fheàrr a dhèanamh de’n chuid is miosa, is, a dh’aon àm, striochdadh tur a dhèanamh do chruaidh-bheum an droch fhortain. Dèan a h-uile cuid dhiubh sin mar is fheàrr is urrainn thu, agus chan eil cùram nach tig thu as le inntinn shèimh shocrach duit féin, ged nach b’ann le “reul” do d’ bhroilleach, no le “gartan” boidheach do d’ ghlùn a dhèanadh tu sin.

Tha, mata, an Saoghal Nodha a chaidh a ghealltuinn duinn cho tric, ach a chuir cho iomadh dàil ’na theachd gu talamh, a’ tighinn an nis am fagus duinn. Agus an uair a thig e, so an comharradh leis am bi e comasach duinn aithne gun mhearachd a chur air. Is ann fo stiùradh aig na mithean a ta an Saoghal Nodha; agus an comharradh is foghaintiche th’air, is leis am bi e soirbh duinn eolas coimhlionta chur air, se sin comharradh barraichte an fhàidh nach maireann d’am b’ainm Karl Marx.

Sgrìobh Karl Marx gu làidir an aghaidh Earrais, agus, air tàille sin, feuch an nis tha a chuid dheisciobuil am measg nam mithean ri ’n cunntadh, chan ann idir ’nan ceudan, no ’nam miltean, ach nam milionan. Agus sin am fàidh mu an comasach duinn a ràdh le fìrinn gu’n d’thug a ghuthsan buaidh air an uaigh; oir, ged a tha e féin marbh, gidheadh is beothail agus làn sùsdail [?sùrdail] an teachdaireachd shluagh-dhòigheil a dh’ fhàg e ’na dhéidh. Shuidhich an teachdaireachd sin air an t-Saoghal Nodha seul no comharradh nach gabh dubhadh as, agus a mhaireas, a réir gach coltais, gus an tig fear eile de a sheorsa a staigh oirnn, gus ionad an fhir a ghabh ceum air thoiseach air a ghlacadh is a lionadh suas.

Agus ma dheonaicheas sinn ar barail a shuidheachadh air cùisean an la-an-diugh, is ma chnuasachas sinn an cuid aomaidhean eadar aimsireil agus spioradail anns gach ceàrn, ciamar is urrainn sinn dùil a bhi againn ri nì ach a’ cheart atharrachadh mór iol-ghlacail sin a ta ri ùr-shaoghal a dhèanamh de’n t-sean fhear caithte so a ta sinn fathast a’ tuineachadh a bhos, ach a ta againn ri dealachadh ris gu bràth tuilleadh ann an ùine nach bi fada? Is fada an nis o’n a thoisich an Dàn air a bhi a’ togail an àird an t-Saoghail Nodha a ta air bheul a bhi dèanta air ar son. Aig móran dhinn, bha dùil làidir ri a leithid sin de atharrachadh fada mu’n robh aiteal dheth ri fhaicinn leis an t-sùil chorporra. Chuir an fheadhainn fhiosrach gheur-shùileach so air mhanadh duinn nach robh anns an t-Seann Shaoghal ach “duine lag easlainteach,” agus gu’n éireadh tubaist ghoirt duinn cho luath sa bheireadh e suas an deo. G[h]airm iad gu dalma diorrasach air eachdraidh na Criosdachd gus na rabhaidhean troma a bhiodh iad a’ toirt seachad a dhaingneachadh le a chuid leasanan. Nochd iad gu soilleir gur e toradh nimheil gach dearmaid a bhàtar a’ dèanamh air na h-olcan fuathasach a bh’ann atharrachaidh móra bunailteach, a thilgeadh an saoghal càlaichte uile as a ghabhail an uair a thigeadh an stoirm a staigh oirnn. Thuirt iad gu’n robh luaths na réise bh’ann uile gu lèir tuilleadh is eagalach fa chomhair maraon soirbheis is sàmhachd; gu’n robh mór dhéidh air airgead is gaol gun chuibheas air céird agus malairt a’ truailleadh an t-saoghail air fad; aig an là-an-d[iu]gh, nach robh amharc air an t-saothairiche nar measg ach a mhàin mar nach biodh ann ach beirt air chor-eigin, no meadhon gun anam gun fhaireachduinn air stòras gun chuibheas a chosnadh daibhsan bho an do ghabh e tuarasdalan dìblidh an ain-fhios agus a’ bhochdais. Thuirt iad cuideachd, is iad a’ gabhail beachd air cùisean bho an taobh-a-mach cho maith is bho an leth-a-staigh, gu’n robh e soilleir nach fada a mhaireadh an saoghal san droch chàs sam bheil e; gu’n robh buaireas agus ar-a-mach a’ coiseachd gu luath an rathaid d’ar ionnsaigh; gu’n robh briseadh a staigh oirnn nan trioblaidean gàbhaidh sin le duibh-leum nach gabhadh tionndadh gu taobh no cur fo éis rud cho cinnteach ri tachairt (is sin ann an ùine gun a bhi fada) ri dol fodha gach latha na gréine i féin. B’ann mar so a rinn na fàidhean fàidheadaireachd duinn; agus co e theireadh an nis gur faoin na rabhaidhean a thug iad seachad? B’e rabhadh gun mhearachd a rinn iad, is air a shon sin is ciomhlion agus iomlan am fìrinneachadh. Ma thog iad luinneag gun mheas Chassandra nan deur, is an d’fhuair iad tàir agus neo-shuim nach beag air tàille sin, gidheadh is buidhe leo an nis na làithean a th’ann; oir, ceart mar a chuir iad air mhanadh duinn anns na làithean a thréig, tha an saoghal uile fo bhuaireas mhóir, agus an t-“Ar-a-mach Cuideachail” a’ greasad a cheum gu dàicheil riochdail gach là d’ar n-ionnsaigh.

Is gasda an nì a bhi labhairt ore rotundo mu’n t-Saoghal Nodha, agus an saoghal sin fathast fada an céin duinn; ach is iomadh fiacail air am bheil fèath-ghàire an nis air am bi tuar eile an uair a thig e sin ann an ceart da-rìreadh. Is gnàthach le cuid againn cùis-labhairt gun stèidh ann an gnìomh no an coslachd a dhèanamh de’n cheist so. Tha ar luchd-riaghlaidh déidheil miannach air a bhi a’ toirt air a’ phobull a chreidsinn gu bheil cruth agus tuar air an t-Saoghal Nodha a chaidh a ghealltuinn daibh nach toir coslas no coimeas ri aon nì a chìthear ann an uair a thig e. Chan ann idir le bainne agus mil a bhios Tìr a’ Gheallaidh so a’ sruthadh, ach le deoraibh agus fuil, a réir gach coltais. A dh’innseadh na fìrinne, tha ar luchd-riaghlaidh uile tuilleadh is creideasach, dòchasach, simplidh ’nan dòighean is ’nan cainnt a thaobh na ceiste so. Is gann a chaidh aig a’ chuid is pailte dhiubh air a’ chùis a rannsachadh gu a bun, air-neo cha bhiodh iad cho ullamh sa tha iad gu fàilt agus beannachd a chur air an t-Saoghal Nodha, is gun iad idir ga fhaicinn ’na riochd dealbhach féin. Cho fad sà tha luchd riaghlaidh an talmhuinn air an gabhail a staigh chan ann idir de dhuaisean móra somalta, is de “onairean” is sochairean ion-mhiannaichte, ta an saoghal ud air a dhèanamh suas; ach is ann a ta am muinntir a ta air a stiùr fada an geall air gach nì dheth so a sguapadh gu tur air falbh, is maille riu, luchd gun fheum gun bheus nan àrd-ionad iad féin. Fhad sa bhios an deamhan fo ghlais sa’ bhotal, is gasda an nì gun teagamh tighinn ’na chor agus sealltuinn air, agus culaidh-spòrsa dhèanamh dheth; ach ma leigear fa sgaoil e as a sin, nach e teichadh le am beatha a bhios air aire gach fir de’n chuideachd? Agus gun teagamh is e teicheadh le am beatha a bhios air aire gach aoin de ar luchd-riaghlaidh an uair a thig an dìle-ruadh chuideachail sin ris an robh dùil aig móran cho fada.

Anns gach ceàrn de’n t-saoghal aig an àm faicear gu soilleir gu bheil an luchd-oibre uile fada an geall air rian an Earrais a thilgeil bun os ceann; agus carson nach biodh iad de ’n inntinn sin? Is rian e so a ta anabarrach cronail do’n t-sluagh, agus fada an aghaidh an uile mhiann agus leas, co-dhiubh is iad gnothaichean spioradail no nìthean aimsireil a bhios a’ tighinn fa-near duinn. Bheireamaid an cuimhne cuideachd nach e gluasad ùr no annasach a ta anns an fhear so féin ris am bheil ar gnothach an ceartuair, ach gnothach a sheas miltean fad ùine mhóir an nis; agus ged nach cùis-mholaidh an aosdachd air a son féin, gidheadh chan fhuilear duinn cuimhneachadh nach ann idir de thachairtean an latha dé bhuineas an chath cruaidh so a chaidh a chur eadar na saothraichean air an aon taobh agus luchd-an-earrais air an taobh eile. Mar dhaingneachadh air na thuirt sinn, dh’ iarraidh sinn air ar leughadairean feart a ghabhail do’n ràdh so leanas a ta sinn a’ tarruing o’n History of Trade Unionism aig Sidney agus Beatrice Webb: “Trade Unions (their iad) have at various dates during the past century at any rate, frequently had aspirations towards a revolutionary change in social and economic relations.” Agus ann an ceàrn eile de’n aona leabhar tha iad ag ràdh: “Under the system proposed by Owen (1771-1877) the instruments of production were to become the property, not of the whole community, but of the particular set of workers who used them.”

Sidney agus Beatrice Webb - 1895
Beatrice (1858-1943) agus Sidney Webb (1859-1947) ag obair còmhla ann an 1895. Sgoilearan, sgrìobhadairean, agus iomairtichean poileataigeach a bha anns an dithis ainmeil seo a dh’fhàg buaidh mhòr air gluasad an luchd-obrach ann am Breatann. Sòisealaich ‘Fabian’ is buill dhen Phàrtaidh Làbaraich, chuir iad taic làidir ris an Ruis ‘Chomannaich’. Tùs na deilbh an seo.

Ach, an déidh sin is gu léir, is beag aobhair a ta againn air a bhi leudachadh a’ phuince so tuilleadh is trom. Gun teagamh, tha de aosdachd aig “a’ chath chuideachail” na’s leor gu e sin a thogail fada os ceann a’ bheum fhachanta ud gur ann do thachairtean an latha dé bhuineas e. Mar sin, se an nì is motha stà duinn, suidheachadh nar n-inntinn gu dé idir de mhaitheas is de fheart tha ri fhaicinn anns a’ ghluasad mhór so ris am bheil sinn aghaidh ri ag[h]aidh aig an là-an-diugh. Ma’s e rud ri mholadh ta anns a’ghluasad sin – an gluasad chum Earras a sgrios – is faoin an nì duinn cur ’na aghaidh. Air an làimh eile, mas sheas an rud is nach comasach duinn a bheag de mhaitheas fhaicinn ann, an déidh duinn a chùis a rannsachadh gu teann cùramach, bu chòir duinn cur gu làidir ’na aghaidh, agus dol gu ar dìcheall gus an rud sin anns nach eil aon nì is airidh air cliù no moladh chur as da gu buileach.

An nis, athnichear an duine le a chuid ghnìomhan féin, agus a’ chraobh mheasar ise maith no dona a réir luach nam measan a bhios i a’ toirt seachad. Mar sin, dé bhinn a bheireamaid air an rian Earrasach: an urrainn e e féin a fhìrinneachadh? An toir an rian sin deagh mheasan duinn, no an i an fhìrinn mu’n chùis gur rian e a ta a chuid bhuil cronail docharrach agus nimheil anns gach rathad? Gus freagart earbsach fhaighinn do’n cheist a ta sinn a’ cur, chan eil againn ach beachdachadh car tamaill air cor spioradail agus aimsireil nan saothraichean anns na ceàrnaibh sin de’n t-saoghal is mò a ta fo bhuaidh aig an earras, is aig luchd-an-earrais. An cor sin, mata – an e rud as an comasach duinn, mar Chriosdaidhean, uaill a ghabhail, no tlachd is socair-inntinn a fhaireachduinn? Gun teagamh, ceart mar a thuirt an Tighearna Beannaichte, bidh na bochdan againn an comhnuidh; ach, an déidh sin, chan eil aobhar againn air ciall chèarr [sic] a thoirt as na briathraibh sin le tighinn orra mar sheorsa de bharantas air son sinne gun bhi cuideachadh leis na bochdan. Gu cinnteach, mar is lugha bhios de bhochdan ri solar air an son, is ann is fheàrr; ach sin againn gnothach mu am bheil luchd-an-earrais am bitheantas tur cearta coma, an nuair nach bi iad am muigh ’s a mach na aghaidh. Mar is lugha an tuarasdal a ta am fhear-oibre a’ faighinn, is ann is mò a’ phrobhaid a ta fear-an-earrais a’ cosnadh dha féin, troimh mheadhon a chuid earrais; agus sin againn “feallsanachd’ air fad an riain neo-chubhaidh a thuirt sinn. Sin againn cuideachd an t-aobhar dìtidh is truime agus is seirbhe ta againn ri chur as a leth: is ann air “toradh” agus probhaid do luchd-an-earrais a chaidh an rian a thuirt sinn a stéidheachadh, is chan ann idir air leas agus sonas na codach is pailte de’n phobull, nì bu chòir sùil a bhi daonnan ris anns an dol a mach, ma’s e is iùl agus is rian do’n Stàid, an gnothaichean de’n t-seorsa, leas agus soirbheas na pàirt is lìonmhoire de’n phobul, is chan e toradh agus probhaid a bhuannachd do ghrunnan beag de dhaoine saibhir sanntach mór-chùiseach. Is ann air probhaid, mata, a chaidh an rian air am bheil sinn a’ toirt ionnsaidh an ceartuair a thogail an àird, agus is ann air a shon sin a ta sinn ga dhìteadh gu trom, agus a’ guidhe soirbheis agus greasad do’n là sin sam bi e air a sguabadh gu tur air falbh. Aigesan tha eachdraidh anabarrach dubh dona, agus is mithich duinn éirigh nar miltean agus crìoch obann agus buileach a chur air. “The cynicism (se an Times a ta labhairt) with which property manipulated (san naoidheamh-linn-deug) the machinery of the Parliament (ann an Sasunn) and the judiciary to maintain its position is one of the darkest blots on the history of English institutions.” Sa’ cheart ghuth cuideachd labhair am Month o cheann ghoirid:–

No legislator (ars esan) should ever forget the crimes against God and human nature committed for generations by soulless capitalism in this country, aided and abetted by the legislature which should have protected the defenceless. The records of that brutal time show what a debt has to be repaid to “labour,” and what wrongs have to be expiated, for the spirit that produced those enormities is alive to-day, only held in check by the resistance of the workers and the tardy and often ineffective action of the law. Just as infamous bureaucratic despotism of pre-war Russia inevitably produced Bolshevism, so whatever class-consciousness and class-hostility there is amongst us is the natural outcome of the greed of the Mammonites, who never do, nor have done, justice to the workers except when compelled by force.

Ach, cha leor an nì sgriosadh agus dioghaltas a dhealbhadh: feumar togail mar an ceudna, a chum is gu’m biodh a’ bheàrn a thug sinn lionta mar is còir. Se a’ cheud atharrachadh gus an iomchuidh duinn ar n-ionnsaighean uile a sheoladh cur as gu buileach do’n toradh mar mheadhon air probhaid a bhuannachd do luchd-an-earrais. Mar a thuirt sinn a cheana, is ann air a’ cheart bhunait a chaidh rian an Earrais a stéidheachadh is a thogail an àird: air an aobhar sin feumar teannadh ris an rian sin a thoirt gu làr le bhi leigeadh faobhar geal ar tuath-ne ri fìor bhun na craoibhe air am bheil na measan puinseanta a’ cinntinn. Am briathraibh eile, feumar teannadh ri togail anns a’ bheachd nach e idir meadhon air probhaid a bhuannachd do ghrunnan beag de dhaoine beartach sanntach bu chòir a bhi an toradh ach modh no feadan tre an comasach duinn sonas agus soirbheas nan uile thoirt a mach. Feumaidh sinn strì ri toradh a dhèanamh striochdail ùmhal do’n “chuspair chuideachail” – se sin leas agus buannachd aimsireil nan uile, rud a thug Mgr. R. H. Tawney fa-near ann an ealaidh chiataich a sgrìobh an neach comasach sin agus a dh’fhoillsich e ann an Hibbert Journal o cheann ùine bhig. Anns an ealaidh bhrìgheil ud, thuirt Mgr. Tawney gu’n robh e féin a’ sealltuinn gu dùrachdach earbsach ri briseadh latha anns am biodh an Saoghal Cosiontach (Acquisitive Society) a th’ann an ceartuair air a chur á àite leis an an [sic] Saoghal Drèachdail*. [* Functional Society.] “I look (ars esan) for a time when an Acquisitive Society, based on the criterion of individual wealth, which falsifies social values and degrades labour, shall give place to the Functional Society, in which the arts of creation shall receive the honour now paid to wealth, and in which property rights which yield income without service shall be extinguished.”

 

R._H._Tawney
Richard Henry ‘Harry’ Tawney (1880-1962). Na eachdraiche eaconamach agus sòisealach Crìostaidh, tha Religion and the Rise of Capitalism (1926) air fear dhe na leabhraichean as ainmeile aige. An dealbh-camara bhon seo.

Tha ar sùil féin san aon rathad ris am bheil Mgr. Tawney a’ coimhead le dùil is dòchas mór; ach, mu’n sguir sinn, faodar a ràdh gu bheil aon rud ann an aghaidh am bheil sinn ga chunntadh mar throm dhleas oirnn iarraidh gu dian air ar leughadairean iad a bhi ’nan làn earalas. Nan robh pàrlamaid againn duinn féin anns an duthaich so, tha sinn cinnteach nach biodh aobhar fo’n ghréin air tighinn air a’ ghnothach shònruichte so; ach leis nach eil, no modh no meadhon air a faighinn a réir gach coltais san tìm a ta dìreach romhainn, tha an rabhadh a ta ’nar beachd ion agus riatanach anns gach rathad. A thaobh na cùise so, mata, feumaidh sinn a bhi nar làn earalas an aghaidh nan Sasunnach, eagal gu ’n toir sinn géill a thaobh-eigin do an gaol àbhaisteach air a bhi a’ dèanamh compromise, agus air a bhi a’ muddling through chuisean agus chàsan tre nach comasach daibh fhaighinn air dhòigh sam bi eile. Mar a thug an Times fa-near an là roimhe, agus an “Torrunnair” [= ?crith-thalmhainn] a’ tighinn air nàdur a cho-luchd-dùthcha féin, tha na Sasunnaich anabarrach ullamh agus déidheil air géill a thoirt is air striochdadh a dhèanamh, rud a ni iad mar is trice, mas’s fìor, air son gaoil shithe agus shuaimhneis. So mar a thog an Times a ghuth mu’n ghnothach so o cheann ghoirid: “It is not likely that even the earthquake shock of the war has transformed us into dreamers, extremists, or fanatics. After it, as before, England will probably remain the land of common-sense, compromise, and practical progress.” A thaobh “practical progress” agus “common sense,” chan eil sinn cho cinnteach; ach cuiridh sinn ar bóid an geall, is sin gun a bheag de eagal a bhi againn roimhe no ’na dhéidh, nach dealaich gu bràth tuilleadh Sasunn agus géilleadh. Tha chàraid so cho gaolach air a chéile ri dà chalman air geug an àm an earraich, is na leigeadh Dia gu’m biodh sinne cantuinn dad gus sgàradh a chur eatorra! Ach, mar a thuirt sinn a cheana, tha cunnart mór gu’n dèan géilleadh agus sleuchdadh an dunaidh nar measg an uair a théid feuchainn ris an t-Saoghal Nodha a chur am fiachaibh anns na h-eileanan so, agus sin rud an aghaidh am bu chòir duinn a bhi nar làn earalas, agus chan e mhàin sin ach dol gu ar dìcheall gus dèanamh na ghabhas dèanamh gus Albainn a chumail saor is spleàchdaireachd nan Sasunnach. “It (se am bill aig Lord Grey a ta an Times a’ciallachadh) meant that King and Parliament, threatened with revolution by those outside the political system, met the threat, for the first time, by inviting the discontented to come inside and share with them both power and responsibility. That has been our policy ever since.”

Gun teagamh, sin againn dòigh mheath-chridheach nan Sasunnach, mar a ta an Times ag ràdh le fìrinn; ach, duinn féin, cha dèan a leithid sin de ghiollachd an gnothach oirnn, agus b’fhaoin an nì duinn a bheag de earbsa a chur innte. Dé thàinig sinne mach gus a fhaicinn mur e an “Saoghal Coisiontach,” a bhuair sinn cho fada is a rinn cho iomadh cron goirt oirnn, a’ dol gu riochdail am mugha am freadharc ar sùla, agus, tighinn gu teachd an fhir nodha sgoinneil a ta ri ionad an t-saoghail a chaidh a dhìth a ghabhail? A géilleadh agus cur an lughad, chan ion an ní gu’m biodh a bheag de earbsa againn anns a’ ghnothach so. Is dìomhain earbsadh á dòigh nan Sasunnach gus cùisean nach eil dìreach a chur ceart: is ann oirnn féin, is air dòighean sgoinneil, éifeachdach ar sinnsearan Ceilteach a dh’ fheumas ar taic, cho maith ri ar n-earbsa, a bhi. B’e “Saoghal Drèachdail” a bha an cuidsan: is ged nach robh e sin uile gu léir cho drèachdail riarachail agus a bu mhiann leinn e a bhi; a dh’aindeoin sin b’fhaisge gu mór e a thaobh spioraid agus dreach do’n t-saoghal sin a chaidh a riochdachadh air ar son le Mgr. R. H. Tawney na aon dad eile de’n t-seorsa is urrainn do na Sasunnaich, no muinntir air bith eile, thairgse duinn. Air an aobhar sin, feumar tilleadh: tha “glaodh na fola,” cho maith ri guth àrd ar leas aimsireil, ag iarraidh oirnn tionndadh a dhèanamh san t-slìghe air am bheil sinn a’ coiseachd an ceartuair, agus dol air ar n-ais agus beirsinn air na sean deagh phrionsapalan a thréig sinn: an togail an àird as ùr, an leasachadh, is an cur riu far an iomchuidh duinn gu’m biodh sinn a’ cur ri obair de’n t-seorsa. Is maith a dhìoladh na sean phrionsapalan ud sinn air son gach cùraim agus meas a dh’fhaodadh sinn a bhuileachadh orra. Anntasan, tha siol agus frèamh na “deagh Stàide” sin ris an robh dùil agus dòchas aig cho liuthad neach roimhe so. “Tha mi leughadh ann am Libhidh,” thuirt Montaigne, “barrachd air na bhios iomadh neach eile leughadh ann; agus leugh Plutarch ann barrachd air na’s urrainn dhomhsa dheodhail as.” Is amhuil dòigh theagamh gu bheil sinne “leughadh” ann an saoghal mór ar n-athraichean Ceilteach barrachd air na bhios càch a’ dèanamh; ach co-dhiu a ta no nach eil ar barail féin mu’n t-saoghal sin tuilleadh is dealaidh taobhail dha, tha so a mach á teagamh – gur saoghal e sin a bha cho dreachmhor ciatach ri aon innleachd d’a sheorsa chaidh riamh a chur air bonn le làmhan dhaoine. Gu bhi a’ sior shireadh is a’ toirt a mach leas agus sonais nan uile – sin againn gun teagamh, crìoch agus ceann-uidhe gach gnè uachdaranachd air talamh; ach ged a tha e fìor gu bheil cuid dhiubh maith gu leoir ’nan cuspair is ’nan dòighean, gidheadh mu gach tè chan fhaodar an uiread sin a chantuinn le fìrinn. Agus am measg na feadhnach a dh’ fhàillnich gu goirt oirnn, chan eil gin dhiubh a rinn cho dona air an t-saoghal ri Earras. Chaidh a chur air a’ mheidh is a fhaighinn uaireasbhach: mar sin, is mithich duinn éirigh nar miltean is nar neart, agus buntainn ris ceart mar a rinn Hafidh ri sliochd an dràgoin anns na làithean a dh’ fhalbh. [2]

 

Na Mithean agus Earras 2

~~~

Tùs: Gun urra, ‘Na Mithean agus Earras’, Guth na Bliadhna, Leabhar XVII, Àireamh 2 (An Samhradh, 1920), 81-94.

A-rithist, tha mì-chinnt ann mu cò sgrìobh an t-alt seo. Tha adhbharan ann airson taic a chur ris a’ bheachd gum b’ e Aonghas MacEanraig a b’ ùghdar dha a thaobh nan argamaidean a tha e a’ dèanamh agus mar a tha e gan daingneachadh le a bhith a’ tarraing à litreachas poileataigeach is à pàipearan-naidheachd an latha. ’S e cuideachd a’ chiad alt san àireimh-sa; an t-àite anns am b’ àbhaist altan MhicEanraig a bhith mun àm seo. Ach, carson nach biodh a ainm ris? Tha mi air eisimpleirean a lorg far nach robh ainm foillsichte san àireimh ach tha iomradh air a dhèanamh ann an àite eile gum b’ esan an t-ùghdar. Ach, fhathast chan eil làn-chinnt ann.

Bha beachd eile aig Raghnall MacilleDhuibh – agus tha mi taingeil airson alt neo-fhoillsichte leis a leughadh – gum bu dòcha gum b’ e obair barrachd air aon ùghdar a bhith ann an cuid de na h-altan gun urra seo ann an Guth na Bliadhna. Gun teagamh, dh’fhaodadh gu bheil sin fìor mun eisimpleir seo.

An tras-sgrìobhadh is nòtaichean leamsa, T. MacAilpein. #PròiseactAonghaisMhicEanraig

 

[1] Chan aithne dhomh cò an Ludwig a tha ainmichte. Na bu tràithe ann an 1920, sa Mhàrt, bha aramach anns an Ruhr, sa Ghearmailt, a’ cur taic ri stailc choitcheann an aghaidh an ‘Kapp Putsch’. Bha na comannaich is sòisealaich air ullachadh airson a leithid de chothrom a bhith ag èirigh gus cumhachd an luchd-obrach a stèidheachadh. An toiseach, bha Arm Dearg an Ruhr (Die Rote Ruhrarmee), anns an robh mu 50,000 duine, soirbheachail ann a bhith a’ ruagadh feachdan an riaghaltais agus a’ gabhail smachd air ceàrnaidh an Ruhr còmhla ri mèinneadairean an àite. Ach, sa Ghiblean chuireadh arm an riaghaltais agus am Freikorps don cheàrnaidh, agus chaidh an ceannsachadh gu brùideil.

Mas e seo an t-Arm Dearg air a bheil an t-ùghdar a-mach, ’s e Artur König (1884-1945?) fear de na ceannardan air (faic Pierre Broué an seo). Ach, bha cuideachd arm dearg anns a’ Bhaidhearn ann an 1919.

San dol seachad, tha an abairt ‘Is sinne an teachd-shaoghal!’ (= is sinne an t-àm ri teachd), a’ togail ceann ann an òrain radaigeach Ghearmailteis. Mar eisimpleir, ‘Wir sind die Zukunft und wir sind die Tat’, is sinne an teachd-shaoghal agus is sinne an gnìomh, ann an ‘Òran Luchd-obrach Vienna’. Ach, chaidh an t-òran seo fhèin a dhèanamh bliadhnaichean às dèidh làimh ann an 1927. (Faic: Mark Colin Rose, ‘Striking a Discordant Note: Protest Song and Working-Class Political Culture in Germany, 1844-1933’, Tràchdas PhD neo-fhoillsichte (University of Southampton, 2010), td. 199. Ri fhaotainn an seo.)

[2] Tha mi fhathast a’ sireadh na sgeulachd air a bheil an t-ùghdar a’ toirt tarraing an seo. Bhithinn buidheach airson fiosrachadh sam bith.

Sgrìobh beachd