‘An Cogadh an Éirinn’ (1920)

Hogan's_Flying_Column
Colbh-ruith (Flying Column) a Dhà aig Treas Foireann Thiobraid Árann, uaireigin ann an Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Èireann. Tùs na deilbh an seo.

Bha mi a’ leughadh tro na nòtaichean is lethbhreacan a rinn mi aig an leabharlann bho chionn treis – nuair a bha e comasach dhuinn a dhol ann – nuair a dh’amais mi air na pìosan naidheachd seo a chaidh fhoillseachadh ceud bliadhna air ais. Tha mi a-nis gan sgaoileadh a-rithist air an dearbh cheann-là: 10mh Iuchar.

Chaidh am pàipear-naidheachd Gàidhlig Alba a chlò-bhualadh eadar 1920 agus 1921. Bha e air a mhaoineachadh le Ruaraidh Arascain is Mhàirr – agus, gu dearbh, bhiodh e a’ craobh-sgaoileadh cuid mhath dhe a sgrìobhaidhean fhèin, gun luaidh air a sheasamh poileataigeach san fharsaingeachd. B’ e Aonghas MacEanraig deasaiche a’ phàipeir, agus sgrìobhadair a tha mi a’ rannsachadh an-dràsta. Gu tric, chan eil fhios againn cò sgrìobh na h-altan ann an Alba, agus ’s e trioblaid a tha seo a tha fìor mu na foillseachaidhean eile aig Arascain.

Gheibhear dà alt gu h-ìseal: ‘An Cogadh an Éirinn’ fhèin, agus cuideachd ‘Sgeula á Éirinn’ san aon àireamh. Cha robh ùghdar ainmichte ann am fear seach fear.

Tha ‘An Cogadh an Éirinn’ – prìomh alt na duilleig-aghaidh – a’ toirt cunntas caran sìmplidh air an t-suidheachadh san dùthaich, a’ bruidhinn gu farsaing agus gun mhion-fhiosrachadh air na thachair bho chionn ghoirid. Ach ’s e an t-amas a tha aige nach bi ceist sam bith air leughadairean làn-taic a chur ris na h-Èireannaich ’nan strì airson saorsa. Tha e a’ bruidhinn orra siud a thaobhadh ri riaghaltas Bhreatainn mar ‘an dubh thruthair [= triuthaire (brathadair, no slaightear)], no, air a’ chuid is lugha dheth, spollachdaire [= spollachdair (ùmaidh, buamastair)] gun fhios gun fheum’. Agus, cha bhiodh aineolas na leisgeul idir. Chan e a-mhàin gu bheil ceartas air taobh nan Èireannach, ach tha an t-alt ga dhèanamh soilleir gum bu chòir do leughadairean coimhead air a’ chòmhstri mar an t-sabaid acasan cuideachd – agus iad dhen aon sluagh, agus cuideachd feumach air saorsa bho riaghladh Sasannach:

is léir an gnothach gu bheil i a’ cothachadh is a’ cathadh mar dhùthaich Cheiltich, chan e mhàin air a son féin, ach mar an ceudna ás ar leth-ne, is air son aobhar nan uile Cheilteach.

Tha cleachdadh an fhacail ‘Ceilteach’ brìghmhor. Chan e ‘Gàidheil’ a tha againn, air sgàth ’s nach e Gàidheil, a thaobh cànan co-dhiù, a bha anns a’ mhòr-chuid de mhuinntir na h-Èireann, no gu dearbh de mhuinntir na h-Alba. Tha a bhith a’ bruidhinn air Ceiltich a’ ceangal na dà dhùthcha, a dh’aindeoin eadar-dhealachaidhean, agus gan cur an aghaidh ceannsachadh ‘Tiutonach’ no Sasannach. Tha e cuideachd a-mach air dlùth-chomann pan-Cheilteach – a’ gabhail a-steach na Cuimrigh agus eile – a bha anns an aon choire theth. Bha seo cumanta ann an Alba agus Guth na Bliadhna aig an àm – bha agus cuideam mòr cunnartach air ideòlas ‘cinnidheach’.

Bhiodh ‘Sgeula á Éirinn’ a’ nochdadh mar cholbh ann an àireamhan eile dhen phàipear-naidheachd – no co-dhiù tha eisimpleir eile agam dheth. Tha e coltach gum biodh sgrìobhadair Èireannach a’ cur ris a’ phàipear ann an Gàidhlig no h-Èireann, air neo bhiodh an deasaiche a’ cleachadh alt a chaidh fhoillseachadh ann an iris Èireannach. An turas-sa, tha e follaiseach nach ann à Èirinn fhèin a tha an t-alt. An taca ri ‘An Cogadh an Éirinn’, tha tòrr a bharrachd fiosrachaidh ann mu nithean a tha air tachairt anns na mìosan a chaidh seachad sa chogadh. Thàinig cuid mhòr dhe seo bho phàipearan-naidheachd Breatannach, ach tha an t-ùghdar a’ cur Gàidhlig air na h-às-earrannan agus gan cleachdadh an aghaidh prìomh theachdaireachd nam pàipearan-naidheachd sin, is iad a’ dìon smachd Breatannach. Tha iomradh ann air na h-Èireannaich a chaidh a mhurt nach biodh a’ nochdadh anns na pàipearan ud. Tha an t-ùghdar a’ cumail a-mach:

Tha againn mur coinneamh dearbhaidhean sgrìobhta gu’m bheil moran tuillidh air am marbhadh de mhuinntir na h-Eireann na de na saighdearan buidhe agus de na maoran-sìthe.

Saoil, an d’ fhuair sgrìobhadair Alba am fiosrachadh siud bhon cuid cheanglaichean ann an Èirinn?

Tha deagh gheàrr-chunntas ann cuideachd air stailc an luchd-obrach rèile ann an Èirinn a chuir bacadh mòr air gluasad fheachdan Breatannach tron dùthaich; agus air mar a bha Sinn Féin agus an gluasad poblachdach a’ gabhail thairis air riaghaltas air feadh na dùthcha. Bha fògradh ùghdarras Bhreatainn aig ìrean ionadail is roinneil aig an àm sin na cheum cudromach anns a’ Chogadh airson Neo-eisimeileachd. Bha na Dúchrónaigh (Black an Tans) agus eile, mar-thà, a’ bagradh gu cianail air daoine cumanta na dùthcha ach bhiodh tòrr a bharrachd fòirneirt a’ tighinn nas anmoiche ann an 1920.

Air sgàth na stoidhle, agus am fiosrachadh cùramach, tha mi reusanta cinnteach gum b’ e Aonghas MacEanraig, deasaiche a’ phàipeir, a sgrìobh an colbh seo de ‘Sgeul á Éirinn’. Dh’fhaodadh gu bheil sin fìor cuideachd mu ‘An Cogadh an Éirinn’. Ach tha beagan de dh’amharas orm mun chuideam air ‘Ceilteachd’ san alt a tha a’ cur sgrìobhadh Ruaraidh Arascain nam chuimhne (ged a tha iomradh air ‘Ceiltich’ anns an alt eile cuideachd). Bu mhath leam tuilleadh coimeis a dhèanamh air an cuid sgrìobhaidhean.

Tha corra rud ann nach deach ainmeachadh san dà alt seo. Chan eil luaidh ga dèanamh air ceist ear-thuath Ulaidh, mar eisimpleir. Tha ‘Sgeul á Éirinn’ ag innse mu na taghaidhean ionadail san Ògmhios 1920: ‘anns gach cearn de’n dùthaich Cheiltich b’iad luchd-leanmhainn Sinn Féin a fhuair daonnan a staigh’. Chan eil sin uile gu lèir fìor – bha còir aig an sgrìobhadair rudeigin a ràdh mu thaghadh nan Aonaidheach ann an àitichean leithid Bhéal Feirste, Aontroim, Ard Mhacha, is eile.

Cuideachd, a’ bruidhinn air riaghaltas Bhreatainn a’ cur shaighdearan is eile a dh’Èirinn airson na Poblachdaich a cheannsachadh bha còir aca innse gum b’ ann à Alba fhèin a bha cuid mhòr dhiubh sin. B’ e Glaschu fear dhe na h-àitichean anns an do thogadh fir airson nan Dùchrònach mì-chliùiteach. Chuir Iain Mòr MacGillEathain leabhran cudromach a-mach ann an samhradh 1920, The Irish Tragedy; Scotland’s Disgrace, agus chuir e aghaidh air a’ chuspair seo an sin agus ann an altan eile airson Vanguard.

Tha an dà chuspair seo, ge-tà, a’ togail ceann gu h-inntinneach ann an altan eile sa phàipear, agus sgaoilidh mi iad sin a dh’aithghearr.

IMG_2083

AN COGADH AN EIRINN.

Tha cogadh de sheors-éigin a’ dol air adhart an Eirinn aig an àm. Chan fhuilear duinn a thuigsinn dé tha an cogadh sin a’ ciallachadh, air chor is nach biomaid a’ dol tuathal nar beachd mu ’n chùis an uair a dh’éireas duinn breithneachadh oirre no éisdeachd ri feadhainn eile toirt barail m’a déidhinn.

Air aon taobh, mata, tha sluagh na h-Eireann, is a’ chuid gu mór is pailte dhiubh fada an geall air crìoch a chur air riaghladh nan Sasunnach an Eirinn. Air an taobh eile, chithear na Sasunnaich iad féin, is iad bóidichte air an uachdaras is an riaghladh thairis air Eirinn a ghleidheadh gun bhriseadh. Is ann ás a’ chomh-strì a dh’éirich eadar an dà thoil so, is iad a’ strì gu làidir mu’n bhuaidh, a shruth an cogadh an Eirinn a mach.

Ach, dèanamaid aithris a rithist air an dà thaobh air leth aig a’ chogadh so, oir tha feum nach beag air tuigsinn gu ceart mar tha cùisean a’ seasamh. Mar a thug sinn fa-near mar tha, is e strì chruaidh eadar dà thoil a th’ann – toil nan Eireannach a ta déidheil air crìoch a chur air riaghladh nan Sasunnach an Eirinn, agus toil nan Sasunnach iad féin nach eil deonach air géilleadh da leithid sin de ghnìomh. Air a dèanamh lomnochd de gach grinneas agus fraoidhneas nach buin di idir ach a chaidh a chur uimpe air los am pobull a dhalladh agus an ceum a chur air seachran, is i so a’ chùis mar a ta i ga nochdadh féin do shùil no [sic] fìrinne.

An nis, am beachd is lugha ghabhar air a’ chogadh an Eirinn, chìthear air ball trom mhearachd nan Sasunnach, agus an uidhe mhór a ta eadar iadsan agus ceartas, cho fad sa tha muinntir na h-Eireann air an gabhail a staigh. Anns a’ cheud àite, chan eil de chòir aig Sasunn air Eirinn ach na thug na Sasunnaich a mach leis an làimh làidir anns na làithean a dh’aom ; agus cha chòir sin idir a réir aon chuid deagh lagha na beusan. “As to that much-celebrated right of conquest (their Hutcheson) by which the conqueror claims the civil power to himself and his heirs over the conquered people, it has little better foundation generally than the claim of robbers and pirates upon persons and their goods which have fallen into their hands.” [1] Mar sin, chan eil an smachd nan Sasunnach thairis air Eirinn ach greim nan Eiphiteach air sliochd nan Israeleach ; agus mar a b’éiginn do Pharaoh an sluagh a leigeil m’a sgaoil air a’ cheann thall is amhuil a dh’éireas e do na h-Eireannaich, ma sheas an rud is nach géill iad óirleach fa chomhair cruaidh impidh nan Sasunnach. Fòs, b’ann le cur stad air siubhal ghnothaichean anns an t-seann shaoghal Ròmanach a thug Licinius [2] mu’n cuairt co-ionannachd a thaobh staid a’ phobuill, ni a ta toirt oirnn an cagar beag so a chur an cluasan ar càirdean gaolach an Eirinn : mar is mò a bhios Iain Buidhe [3] air a riasladh is air a chur chuige gu goirt mu’n sporan aige is ann is ealaimhe thig e gu reuson agus deagh-bheus a thaobh còir na h-Eireann air neo-eisimileachd. B’fheàrr sin mìle uair na bhi cur aobhar na h-Eireann an earbsa ris an làimh làidir.

Anns an dara àite, tha làthaireachd nan Sasunnach an Eirinn mi-thaitneach do na h-Eireannaich, agus mar sin bu chòir daibh iad féin a thar air falbh o’n dùthaich sin, eagal gu ’n téid am fuadach le neart is air bheag mhodh, an cois iad a bhi fantuinn far am motha tlachd leis na h-Eireannaich an rum na an cuideachd. Mar sin, leis nach eil de chòir aig Sasunn air Eirinn ach a mhàin na thug i a mach leis an làimh làidir, is leis nach eil làthaireachd nan Sasunnach an Eirinn ach glé mhì-thaitneach leis na h-Eireannaich, bu chòir do na Sasunnaich an dùthaich sin fhàgail, dùthaich a ghlac iad le ana-ceartas anns na bliadhnachan a thréig – agus mar sin crìoch a chur air cath is cogadh nach biodh idir ann, mur an robh iad féin nam mathair-aobhair is nan culaidh-bhrosnachaidh air gach trioblaid agus fóirneart a thachair an sin.

Ach fathast tha tuar eile air a’ ghnothach so d’am maith leinn aire ar leughadairean a tharruing, agus bu chòir a bhi air leth taitneach agus sòlasach daibh aon uair is gu m [sic] faigh iad greim tuigsinneach nan inntinn air an nì sin. Si dùthaich fìor Cheilteach a ta an Eirinn ; agus, ann a bhi a’ dol an sàs Shasuinn agus ga toirt gu dùbhlan mar a ta i a’ dèanamh an ceartuair, is léir an gnothach gu bheil i a’ cothachadh is a’ cathadh mar dhùthaich Cheiltich, chan e mhàin air a son féin, ach mar an ceudna ás ar leth-ne, is air son aobhar nan uile Cheilteach.

Oir, gabh beachd air de rinn Eire an aghaidh Shasuinn gus an so. Rinn i diathan nan Sasunnach a thoirt gu dùbhlan, agus rinn i seasamh a mach am fianuis an t-saoghail uile mar dhùthaich tur Ceilteach. Ri rìgh is pàrlamaid nan Sasunnach chuir i cùl gu buileach, agus os bàrr sin ghairm i i féin a bhi ’na Reapublic, neo-eisimeileach de gach cinneadh agus dream, ach a mhàin a sluagh is a daoine féin. Anns gach ceàrn de’n domhan mhór gus an ruig luaidh air a beus no iomradh air a gnìomh, is àrd an cliù a ta aig Eirinn aig an àm : is àrd gach dòchas gu’n soirbhich gu maith leatha anns an oidhirp fhoghaintich ris an do chuir i a làmh, is dùil is dùrachd aig gach cinneadh fo’n ghréin gur e an deireadh a thig ás an sin Eire tur saor, Eire “nodha” ann an ceart da-rìreadh, agus Eire tur Ceilteach.

Mar sin, ma’s ann le faireachdainnean farsuing fialaidh de’n t-seorsa so a ta gach dara cinneadh a’ coimhead air a’ chogadh a dh’éirich an Eirinn, dé iad na smuaintean ris a’ cheart thachartas bu chòir a bhi againn féin a ta an cunntas nan Ceilteach, agus ’nar ball de’n aona teaghlach d’am buin ar co-chàirdean ann an Eirinn. Cúl ar làimhe ri luchd nam meadh-bheachd is nan leth-dhòighean ! Mo thruaighe an “Ceilteach” sin nach bi a fhaireachdainnean is a thograidhean féin air an aon taobh ris na h-Eireannaich anns a’ chogadh a ta iad a’ cur an Eirinn aig an àm, no a bhios a’ faighinn coire daibh, air aon aobhar bréige no aobhar eile, air son mar a thug iad Sasunn gu dùbhlan, agus a theann iad a mach gu smachd a’ choigrich thairis air an dùthaich a thoirt gu neo-nì ! Nach léir an gnothach nach biodh ’na leithid sin de “Cheilteach” ach an dubh thruthair, no, air a’ chuid is lugha dheth, spollachdaire gun fhios gun fheum. Ma bhios a leithid sin de neach a’ cur an aghaidh nan Eireannach, agus, a dh’aon àm, a’ sireadh gu danarra slìomach gu e féin a chur an co-fhaireachdainn ri beachdan is oidhirpean nan Sasunnach, tha e ciontach ann a bhi ag àicheadh a’ [sic] mhuinntir féin. Is truthair d’a chinneadh esan ; ghabh e mar gu’m b’eadh ri tuarasdal a’ choigrich, agus mar sin is tràill dìblidh gun choguis e. Air an làimh eile, ma’s e aineolas, is gun nì ach cion tuigse agus sgeoil, a thug air cur an aghaidh nan Eireannach le beachd no gnìomh, an sin bhiodh a leithid sin de “Cheilteach” a’ cheart cho dìblidh taireil neo-Cheilteach ris an fhear eile, is a bharrachd air sin ’na dhearg amadan.

Bha àm ann an uair a bhiodh an ceann-suidhe Wilson a’ tighinn air gach dara ceist a thàinig fa chomhair mar “chruaidh-dhèachainn” do na nàiseantan. Ach, Wilson is na náiseantan ann no ás, chan eil teagamh nach e ar “cruaidh-dhéachainn-ne” ceist na h-Eireann, agus an cogadh so a ta i a’ cur an Eirinn. Thog Eire an àrd bratach nan Ceilteach : ma’s fior Cheiltich sinn-ne leanaidh sinn gu dàna dàicheil ris a’ bhrataich sin, olc air mhaith le càch e, is a dh’aindeoin dé theirear na h-aghaidh. Mur airidh sinn-ne air an ainm is air a’ bhrataich sin, is ann air taobh nan Sasunnach a bhios sinn. A dh’aon fhocal, is ann a réir an roghainn a nithear leinn a bhios sinn air ar cunntadh fìor no chaochladh mar Cheiltich.

IMG_2086

SGEULA A EIRINN

Tha Cogadh na h-Eireann a’ dol air aghaidh gun stad gun laiseachadh. Tha tuillidh agus tuillidh de fheachdan air an cur thairis le Sasunn, ach chan eil a’ dol aca air na Ceiltich a cheannsachadh. Tha na saighdearan coimheach a’ cleachdadh gach meadhoin a tha coitcheann aig àm cogaidh – fùdar, luaidhe, stàilinn chruaidh, marbhadh, goid agus robadh. Tha na paipearan-naidheachd air an taobh so de Chuan na h-Eireann daonnan ullamh gu iomradh a thiort [sic] seachad air gach saighdear no maor-sìth Sasunnach a théid a mharbhadh no a dhochunn, ach is ainneamh leo ìnnseadh mu’n mhortadh agus mu’n chreachadh a th’air an deanamh gach seachduin agus gach latha leis na feachdan croiseil so. Tha againn mur coinneamh dearbhaidhean sgrìobhta gu’m bheil moran tuillidh air am marbhadh de mhuinntir na h-Eireann na de na saighdearan buidhe agus de na maoran-sìthe.

Tha obair nan rathaidean-iaruinn á sgaid ach beag gu buileach air feadh na h-Eireann. Mar is nàdurra, tha an luchd-oibre a’ diultadh a bhi a’ cuideachadh ann a bhi giulan shaighdearan fo ’n airm a chum an càirdean agus an coimhearsnaich a mhilleadh agus a mharbhadh. Tha na Sasunnaich a nis a’ deanamh dioghaltas le bhi a’ cur shaighdearan agus mhaoran-sìthe a shuidhe anns gach train. Leas a’ chleas so, tha dol aca air malairt an rathaid-iaruinn a ghrabadh gu buileach, agus tha fiughair aca gu’n cìosnaichear am pobull le gainne lòin agus ghoireasan eile. Dh’fhàilnich gach oidhirp a thug iad o cheann cheudan bliadhna air an t-sluagh a chìosnachadh, agus is i ar barail gu’m fàilnich an té so cuideachd.

Chaidh Comhairlean Bhailtean, Comhairlean Sgìreachdan agus Comhairlean Shiorramachdan a thaghadh ás ùr an Eirinn o cheann ghoirid, agus anns gach cearn de’n dùthaich Cheiltich b’iad luchd-leanmhainn Sinn Féin a fhuair daonnan a staigh. Chaidh a nochdadh gu soillear gu’m bheil an sluagh mar aon duine an geall air crìch a chuir air riaghladh nan Tiutonach. Bha móran de pha[i]pearan-naidheachd Shasuinn a’ cumail am mach gu’m b’e eagal roimh aicheamheil a thug air an t-sluagh na daoine ud a thaghadh. Chuir “Times” Lunnainn fear-forfhais thairis a dh’aon ghnothach a chum fiosrachadh a dheanamh a thaobh na ceiste so. Anns a’ cheud iomradh a sgrìobh am fear so agus a chaidh fhoillseachadh san “Times,” tha sinn a’ leughadh mar so : –

“Anns gach siorramachd a shiubhail mi fhathasd sguab Sinn Féin an t-ùrlar aig gach taghadh. Chan eil an ni is lugha aig eagal no maoidheadh ri dheanamh ris a’ chùis. Gu cinnteach, cha b’e buaidh no impidh nan sagartan a rinn e. Is e tuil a bh’ann, agus cha b’e brosnachadh o’n taobh a staigh. Dé mata b’aobhar dha? agus dé cho fad is a chaidh e air aghaidh? Is e smior na firinne gu’m bheil a’ chùis a’ nochdadh ar-am-mach iomlan an aghaidh Shasuinn an lorg ainneirt agus fòirneirt. Chan eil so a’ sruthadh idir o chion céille no toinisg, oir buinidh iadsan mu’m bheil mi a’ sgrìobhadh do’n dream is teisteala agus is solusaiche san dùthaich. An cearn sam bith de’n domhan, cha do thachair mi riamh air muinntir is gasda agus is cothromaiche, no ris am bu luaithe a dh’earbainn mo mhaoin, mo chliu agus mo bheatha. Chan fhaodar a ràdh gu’m bheil iad aineolach, oir tha iad móran na’s fiosraiche mu eachdraidh Shasuinn na tha na Sasunnaich mu eachdraidh na h-Eireann. Tha móran chàirdean aca am measg nan Sasunnach, agus tha iad a’ tarruing eadar-dhealachadh soillear eadar ‘Sasunnaich’ agus ‘Sasunn.’ Dhaibh-san, tha ‘Sasunn’ a’ ciallachadh Ard-uachdaranachd Shasuinn, agus tha sin a’ ciallachadh ciorram agus milleadh. Tha e fior gu’m bheil sluagh na h-Eireann fada o’n Roinn Eorpa, agus nach furasda dhaibh a thuigsinn gach droch asbhuain a dh’fhàg an cogadh. Gidheadh, is i an fhreagairt a dh’fhaodadh iad a thoirt a thaobh so, ‘Ged a tha neach ’na chabhaig, cha ghabh sin a lethsgeul air son a bhi borb eucorach.’”

Uidh air n-uidh, tha Sasunn a’ call a greim agus a cumhachd thairis air Eirinn. Mar so tha “The Daily News” (Lunnainn) ag ràdh :–

“Tha cùirtean an lagha air an cur a thaobh, agus ’nan àite tha Cùirtean Reapublicanach, agus tha aca maoran-sìthe Reapublicanach a chum am barantais a chur an cleachdadh. Tha’n ‘High Court of Justice’ gun obair gun ùghdarras ach a mhàin a thaobh chùisean a bhuineas do’n chrùn. Cha ruigear a leas a bhi cunntas an ‘Royal Irish Constabulary’ no an ‘Justiciary’ ann an uachdaranachd na h-Eireann.”

Is i an fhìrinn mu’n ghnothach nach eil e comasach Eirinn a riaghladh á Lunnainn no ás a’ ghearasdan Shasunnach am Baile-ath-cliath. Feumar a cur saor o chuing nan coimheach.

~~~

Cha robh ùghdar ainmichte airson alt seach alt – ‘AN COGADH AN EIRINN’ no ‘SGEULA A EIRINN’. Chaidh am foillseachadh ann an Alba, Leabhar I. Air. 17 (Di-Sathuirne, 10mh de’n Iuchar, 1920).

#PròiseactAonghaisMhicEanraig

[1] Francis Hutcheson, A Short Introduction to Moral Philosophy &c., Volume III, Fourth Edition Edition (Glasgow: Robert & Andrew Foulis, 1772), td. 333.

[2] Licinius (Gaius Valerius Licinianus Licinius; mu 263 – 325), a bha na Ìmpire Ròmanach eadar 308 gu 324.

[3] ‘Iain Buidhe’ – seo na bha aig sgrìobhadairean leithid Aonghais MhicEanraig agus Ruaraidh Arascain is Mhàirr air John Bull, .i. pearsanachadh air Breatann no Sasainn gu sònraichte. Cf. ‘Seán Buí’ ann an Èirinn.

2 thoughts on “‘An Cogadh an Éirinn’ (1920)

Sgrìobh beachd