
’S e an latha an-diugh – 11 Ògmhios – Là Uilleim Davis, no Là-cuimhneachaidh Uilleim Davis do Mhèinneadairean (William Davis Miners’ Memorial Day) a tha air a chumail air feadh Cheap Breatainn agus ann an cuid de choimhearsnachdan mèinneadaireachd ann an tìr-mòr Alba Nuaidh. Ged nach bi tachartasan ann am-bliadhna air sgàth a’ choròna-bhìorais – a’ chiad turas a-riamh bho chaidh a stèidheachadh, a rèir coltais – tha e cudromach gu bheil e air a chumail suas, agus gun ionnsaich sinne air taobh eile a’ chuain mu dheidhinn.
B’ ann air an latha seo a chaidh am mèinneadair Uilleam Davis (William Davis, 1887-1925) a mharbhadh le poileas na companaidh-ghuail, am British Empire Steel Company (BESCO). Thachair e air fear dhe na làithean a b’ fhòirneartaiche de stailc aibheiseach garbh a thòisich sa Mhàrt. Bha a’ chompanaidh ag iarraidh tuarastal an luchd-obrach a ghearradh le 20%, ach a thuilleadh air sin bha iad dealasach gun rachadh an t-aonadh fhèin, na United Mine Workers of America, District 26, a bhriseadh uile gu lèir. Bha iad mar-thà air feuchainn ri tuarastal nam mèinneadairean a ghearradh le trian ann an 1922 – ach dh’fhàillig orra nuair a gheàrr na mèinneadairean an cuid saothrach le trian! Bha mu 12,000 mèinneadair an sàs anns an stailc-sa ann an 1925, a chuir crìoch air ‘Cogaidhean Luchd-obrach Cheap Breatainn’ nan 1920an. Mar a sgrìobh Ian McKay agus Suzanne Morton:
In March 1925 District 26 felt compelled to call a strike, the fourth 100 per cent strike in four years. It was to be the most bitter, violent, and destructive strike of all the years of the Maritime workers’ revolt. In essence, it was a small civil war, in which whole communities were placed on the front lines of state and corporate violence. (2)
Nuair a ràinig an t-Ògmhios, bha na mèinneadairean air a bhith air stailc fad thrì mìosan, a’ fàgail gun robh an cuid theaghlaichean ann an cruaidh-chàs dha-rìribh. Bha BESCO air creideas an luchd-obrach ann am bùithtean na companaidh – air an robh daoine an eisimeil – a dhiùltadh. Bha clann a’ fulang air sgàth gainnead bìdh. Ach b’ e seo ro-innleachd nam bosaichean: bha iar-cheann-suide na companaidh, J.E. McClurg, air a ràdh:
We hold the cards. Things are getting better every day they stay out. Let them stay out two months or six months, it matters not, eventually they will have to come to us. They can’t stand the gaff. (3)
Dh’fhàs an abairt ud, ‘stand the gaff’ – a’ ciallachadh a bhith a’ cumail ris, a’ seasamh ris gach duilgheadas – gu math ainmeil.
An toiseach, bha na mèinneadairean air ceadachadh do chuid bheag de luchd-obrach a bhith ag obair gus an uidheamachd-phùmpaidh is eile a ruith gus nach rachadh cron a dhèanamh air na mèinnean. Nuair a dhiùlt BESCO a bhith a’ feuchainn breith-rèite (arbitration) san Ògmhios, tharraing an t-aonadh fiù ’s na h-obraichean-glèidhidh a-mach às na mèinnean – a’ ciallachadh gum b’ e ‘stailc 100%’ a bha ann, mar a chaidh ainmeachadh gu h-àrd.
Air 10 Ògmhios, ghabh poileas-companaidh BESCO thairis air stèisean-pùmpaidh ann am Portlairge Ùr (New Waterford), an ear-thuath air Sidni, agus dh’fheuch sgioba de bhriseadairean-stailce ris an uidheamachd a chur gu dol. An ath-latha, chruinnich àireamh mhòr de mhèinneadairean – còrr is 700 co-dhiù – agus rinn iad air Loch Phortlairge (Waterford Lake) airson fianais a thogail agus faighneachd don luchd-obrach san stèisean-phùmpaidh a thighinn a-mach. B’ ann an uair sin a thug am poileas-eachraidh ionnsaigh air na mèinneadairean, agus thòisich iad a’ losgadh orra. Chaidh barrachd air 300 peilear a losgadh (4), agus bha grunn daoine air an goirteachadh. Chaidh peilear tro chridhe Uilleim Davis ’s dòcha nuair a dh’fheuch e ri each a thionndadh air falbh bhuaithe fhèin. Bhàsaich e gu h-obann.
B’ ann à Gloucestershire ann an Sasainn a bha Davis bho thùs, ach bha a theaghlach air fad an sàs ann am mèanneadaireachd an Ceap Breatainn. Bha e pòsta aig tè Myrtle Nic a’ Phearsain – ainm Gàidhealach, ach chan aithne dhomh cus mu deidhinn ach gun robh i cuideachd de theaghlach mhèinneadairean. Bha naoinear de chloinn aca, agus bha Myrtle trom leis an deicheamh pàiste – Uilleam Davis Òg (William Davis Jr, a rugadh 23 Sultain 1925) – nach fhaca Uilleam a-riamh. (5)
Às dèidh dhaibh Davis a marbhadh, chaidh ruaig a chur air a’ phoileas-chompanaidh leis an luchd-obrach agus chaidh mòran dhiubh a ghlacadh agus a dhochann. Sgaoil aimhreit air feadh Cheap Breatainn fad ceala-deug agus chaidh grunn bhùithtean-companaidh a sgrios ann an diofar bhailtean. (6) Chaidh 2,000 saighdear a chur gu Ceap Breatainn airson sìth a chur air an eilean. Chaidh casaid-mhuirt às leth poileas, Eòsaph MacLeòid (ainm Gàidhealach eile), a thilgeil a-mach. (7)
Cha tàinig an stailc fhèin gu crìch gu 5 Lùnastal, às dèidh chòig mìosan fada. B’ ann a thabhann an riaghaltas cùmhnant 6-mìosan agus gealltanas gum biodh coimisean rìoghail ann a dhèanadh sgrùdadh air a’ ghnìomhachas agus gearanan an luchd-obrach. B’ urrainnear a ràdh gun do dhearbh na mèinneadairean a’ chompanaidh ceàrr: sheas iad ris a h-uile ionnsaigh, mhair iad beò agus mhair an t-aonadh aca beò. B’ e sin cuideachd an turas mu dheireadh a rachadh an t-arm a ghairm ann an aimhreit gnìomhachais ann an Ceap Breatainn. Air an làimh eile, b’ urrainnear coimhead air san dòigh seo: ‘It was a crushing defeat. For five months the workers had been plunged into utter poverty’ agus mar dhuais bhiodh aca ri gèilleadh ri lùghdachadh pàighidh, bochdainn, agus mì-chinnt fad bhliadhnaichean ri thighinn. (8)
Bho 11 Ògmhios 1926 chaidh Là Davis a ghlèidheadh le a theaghlach agus buill an aonaidh airson cuimhne a chumail air agus air na thachair. Tha alt inntinneach ann le Christina M. Lamey (9) a tha a’ toirt sùil air mar a tha an là-cuimhneachaidh air atharrachadh bho chaidh a stèidheachadh: gu bhith air a shìneadh gus cuimhne a chumail air bàs mhèinneadairean eile cuideachd, gu bhith na thachartas fo smachd biurocratan an aonaidh, air a sheachnadh le gnàth-bhuill, no air fhaicinn na chothrom airson òraidean le luchd-poileataigs. B’ ann anns na deicheadan mu dheireadh a tha daoine air feuchainn ri tilleadh gu seann bhrìgh an latha: gu Uilleam Davis fhèin agus an strì làitheil anns an robh esan agus iomadach mèinneadair eile an sàs.
Fianais ann an Gàidhlig
Tha cunntasan air an stailc anns a’ phàipear-naidheachd Ghàidhlig Teachdaire nan Gaidheal. Air fhoillseachadh ann an Sidni, Ceap Breatainn, mhair an Teachdaire bho 1924 gu 1934. Bha e air a dheasachadh gu dìcheallach le Seaumas Beag (Sheumais) Dhòmhnaill Mhurchaidh (James A. MacNeil, 1869-1939), à Baile nan Éireannach (Irish Vale), a bha na thidsear, agus na neach-iomairt airson na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn – gu sònraichte sna sgoiltean. (10)
Ged a tha naidheachdan ùidheil ann, leis gun tàinig am pàipear a-mach gach mìos, cha robh iad an-còmhnaidh cho ùr no mionaideach ’s a bu mhath leinn. Bhon Mhàrt, tha am pàipear ag innse – Tùs (1) – gun robh an stailc air tòiseachadh agus gun do dh’fhàillig air ceann-suidhe an aonaidh agus Prìomhaire Alba Nuaidh cuideachadh gus còrdadh a rèiteachadh eadar na bosaichean agus an luchd-obrach. ’S beag an t-iongnadh: cha robh an luchd-fastaidh ag iarraidh còrdadh, bha iad ag iarraidh cur às do dh’eagrachadh an taoibh eile – aonadh nam mèinneadairean.
Tha an uair sin trioblaid againn leis na tùsan. Ann an àireamh a’ Ghiblin (I:5), tha an aon chunntas a’ nochdadh ’s a bha ann an àireamh a’ Mhàirt (I:4) – tha mi an dùil gur e mearachd a tha seo a rinn na tasglannaichean a’ cleachdadh na h-ìomhaigh cheàrr. Agus às dèidh sin, chan eil àireamh air-loidhne idir airson a’ Chèitein (I:6). Dè bha am pàipear ag innse mun stailc airson nam mìosan cudromach seo?
’S e Tùs (2) gu h-ìseal a’ chriomag as fheàrr mun stailc. Chaidh fhoillseachadh air 15 Ògmhios, beagan làithean às dèidh a’ chatha eadar am poileas-companaidh agus na mèinneadairean aig Loch Phortlairge, agus ann an teis-meadhan nan aimhreitean air feadh Cheap Breatainn. Cuimhnich gum biodh baile Shidni, san robh am pàipear-naidheachd stèidhichte, air a chuairteachadh le mèinnean agus còmhstri. Chan fhaighear iomradh sam bith an sin air murt Uilleim Davis no fòirneart a’ phoileis, ge-tà – cò aige a tha fios nach robh teacsa a’ phàipeir ullamh ron uair ud? no an do sheachain iad an cuspair a dh’aona-ghnothaich? B’ ann a tha an deasaiche, cha chreid mi, a’ feuchainn ri breithneachadh gu cothromach air iarrtasan gach taoibh agus a’ moladh gu làidir gun tèid an riaghaltas san eadraiginn a chuideachadh gus cùisean fhuasgladh. Tha beachdan aige cuideachd mu mar a b’ urrainnear gnìomhachas a’ ghuail a chur air bun-stèidh nas fheàrr gus nach biodh adhbhar, no leisgeul, aig a’ chompanaidh tuarastalan a ghearradh.
Mar as trice a thachras ann an sgrùdadh nam pàipearan-naidheachd air còmhstrithean gnìomhachais, tha an oidhirp a bhios iad a’ dèanamh gu bhith ‘neo-phàirteil’, mar gum b’ eadh, a’ ciallachadh nach eil iad dha-rìribh a’ tuigsinn adhbharan na còmhstri. Cha mhotha a bha iad comasach air a bhith neo-phàirteil. Bha a’ chompanaidh-ghuail a’ toirt ionnsaigh air bith-beò nam mèinneadairean agus air an inneal a bha aca airson an dìon fhèin san àm ri teachd. Bha deagh adhbhar aca a bhith a’ sabaid gu dian. Bhiodh co-rèiteachadh (compromise) sam bith a’ ciallachadh crìonadh ann an cor obrach nam mèinneadairean agus an cuid theaghlaichean. A dh’aindeoin sin, bha iadsan airson breith-rèite (arbitration), ach dhiùlt a’ chompanaidh sin. Agus b’ e an t-amas aca a bhith a’ cur nam mèinnean ann an làmhan poblach gus am biodh an gnìomhachas nas seasmhaiche san fhad-ùine. Ach cha b’ urrainn pàipear neo-phàirteil sam bith gabhail ri a leithid de dh’fhuasgladh.
A dh’aindeoin sin, tha co-fhaireachdainn Tùs (2) – co-fhaireachdainn an deasaiche – do na mèinneadairean agus na coimhearsnachdan aca gu math follaiseach. A’ cur an cèill an taobh-san dhen argamaid, tha e a’ sgrìobhadh gun robh iad dhen bheachd gun robh e ‘eucomasach dhaibh an teaghlaichean a chumail suas’ agus ‘nach eil iad air a suidheachadh ach beagan na’s fhearr na na’ traillean’ – puingean a ruigeadh cridhe dhaoine. Tha e fhèin ag argamaid ‘gum bheil iad airidh air mor urram, agus toillteanach air a h’ uile cothrom a thoirt dhaibh’. Agus, ann an da-rìribh a’ dol an aghaidh gearradh-tuarastail sam bith eile, dh’innis e gu bheil ‘an t’am air a’ dol thairis ’nuair a theid cuibhrionn do toileachadh agus beagan do thorradh saothair a’n laimh a dhiultadh no aicheadh dhaibh’.
A’ mhìos às dèidh sin, an t-Iuchar, bha an stailc a’ cumail oirre ach bha am fòirneart air ruith agus tha e coltach gun robh saighdearan a’ lìonadh Cheap Breatainn. Chan eil, gu h-inntinneach, cunntas sam bith air na bha dol anns na naidheachdan ach tha beachd gu math feargach a’ nochdadh mun stailc ann an colbh ‘B. A.’ – cò bha ann? Tha Tùs (3) a’ càineadh gach taobh agus ag argamaid fiù ’s nas treasa gum feum an riaghaltas rudeigin a dhèanamh agus lagh a thoirt gu buil a bheireadh air an luchd-fhastaidh agus an luchd-obrach tighinn gu aonta. Tha am pìos-sgrìobhaidh a’ sealltainn na fìor èiginn a bha anns a’ cheàrnaidh: tha ‘a chomh-spairn mholaichte so, […] air choltas sgrios ni’s miosa na plaigh a thoirt air an duthaich’. A-rithist, tha an sgrìobhadair a’ leigeil seachad fhìrinnean mun ghnothach – gun robh na mèinneadairean ag iarraidh breith-rèite msaa. Agus tha e doirbh gun a bhith a’ smaoineachadh nach iad na mèinneadairean fhèin, no an t-aonadh aca, a tha B. A. a’ càineadh. Às dèidh nan uile, nam biodh iadsan dìreach a’ gabhail ri ionnsaigh na companaidh cha bhiodh còmhstri ann, agus ’s e a’ chòmhstri fhollaiseach a tha na sgainneal do B. A. Tha e a’ bruidhinn – air dòighean cumanta a-rithist airson phàipearan-naidheachd – gur e ‘’n diaras [= dìorras] is aobhar do’n ghnothach’, .i. gu bheil gach taobh ro rag-mhuinealach airson bruidhinn ri chèile agus a’ chùis fhuasgladh gu sìobhalta. Tha e cuideachd a’ dèanamh luaidh air ‘[n]a ciadan ann an cunnart fannachadh le deanadas a luchd comhstri so’ – mar ’s gun robh na mèinneadairean a’ toirt air an teaghlaichean fulang seach a’ chompanaidh a bha diùltadh creideas, agus ag iarraidh gort a leigeil orra gus an gèilleadh na mèinneadairean. Mu dheireadh, tha e airson ’s gun tèid ‘na’ coirrich […] [a ph]eanasachadh gu trom’ – reasabaidh a bhiodh ann airson mìleantaich an aonaidh agus an t-aonadh fhèin a pheanasachadh seach companaidh chumhachdach, ionnsaigheach. Mura h-eil B. A. a’ tabhann cus dlùth-chomann brìoghmhor do na coimhearsnachdan mèinneadaireachd dh’fhaodadh gun robh e a’ riochdachadh seasamh a bhiodh aig daoine, aig cuid de Ghàidheil, air an dùthaich nach robh dlùth-cheangailte ri mèinneadaireachd.
Ann an Tùsan (4-6) tha sinn a’ dèiligeadh ris na thachair às dèidh don stailc tighinn gu ceann. ’S e dòchas a tha am pàipear a tha a’ feuchainn ri brosnachadh anns na cunntasan seo; gun tig làithean nas fheàrr a-nis ’s gu bheil an strì seachad agus an riaghaltas an sàs. A-rithist, san Lùnastal (Tùs 4), tha co-bhàidh don luchd-obrach soilleir – air dòigh nach robh fìor mu chunntas B. A.: ‘Cha ghabh a saoghal cumal gun an cosnaiche, a dh’fheumas gle thric a shlainte ’s a bheatha a chuir an cunnart. ’S araidh e air barrachd meas ’us urram ’s a tha saoghal deonach a thoirt dha.’ Agus tha criomag de naidheachd san aon àireamh a’ sealltainn cho mòr ’s a bha gnìomhachas na stàilinn (agus ’s cinnteach gnìomhachasan eile) an crochadh air soirbheas nam mèinnean. Tha Tùs (5), san t-Sultain, a’ guidhe gum bi daoine – ach gu sònraichte na mèinneadairean –foighidneach ‘ged nach bitheadh a h-uile ni mar bu mhiann leinn’. Agus ann an Tùs (6), san t-Samhain, tha e ag innse gu dòchasach nach eil, co-dhiù, na mèinnean agus obair-iarainn a’ stad sa gheamhradh mar a b’ urrainn dhaibh, agus gum bi obair aig cuid de dhaoine – ged nach eil iomradh air cho bochd ’s a bha an tuarastal.
Chùm am pàipear air a’ toirt seachad chunntasan beaga mu na mèinnean, m.e. ag argamaid cho cudromach ’s a bhiodh e gum biodh iad a’ ruith fad na bliadhna agus cha b’ ann airson treis (Am Faoilleach 1926), agus gun deach sìth a ghairm – .i. nach biodh stailcean ann – fad dà bhliadhna (An Gearran, 1926).
Tha e fìor mhath gu bheil a leithid de dh’fhianais ann an Gàidhlig, le daoine san aon cheàrnaidh, mu strì cho nimheil agus cudromach eadar an luchd-obrach agus na bosaichean. Bha na cunntasan naidheachd fhèin, leis an deasaiche thathas an dùil, a’ toirt seachad breith ‘chothromach’ ach gu soilleir bàidheil ris an luchd-obrach. Cha robh am pàipear ag iarraidh taobh poileataigeach a ghabhail, ge-tà, gun luaidh air a bhith sòisealach agus gu fosgarra ag argamaid airson làn-taic a chur ris an luchd-obrach sin nan strì. Bha e gu tric lag, uireasbhach na sgrùdadh air na thachair agus, gu mì-fhortanach – mar a chaidh a ràdh gu h-àrd – chan eil e coltach gun robh a chuid dòchais air fhìrinneachadh gu h-ìre mhòr ann an cor nan coimhearsnachdan mèinneadaireachd sna 1920an agus 1930an.
1)
Thug ceann-suidhe comuinn Aonaichte meinneadairean America [= United Mine Workers of America] agus Priomhair na Mor-roinne spairn cruaidh air an t’ seachdainn sa chaidh, airson cordadh a deanamh [sic] eadar na’n meinneadairean agus luchd-riaghlaidh nam meinnean, ach dh’ fhairtlich orra tighinn gu cumhnantan sam bith. Tha sinn an dochas gu’n d’ theid na’n [sic] cuisean mi-fhortanach so a cheartachadh gu’n dail, leothasan aig am bheil comas air lagh is ceartas na duthcha a dheanamh.
Teachdaire nan Gaidheal, I:4 (15mh de’n MHART, 1925)
2)
Tha meinnean-guail Chaip Breatainn fhathast nan tamh ’s gun coltas orra tighinn gu cordadh, ’Se cuis anabharrach mi fhortanach a th’ann nach ghabh stad a chur air an eas-cordadh so, gun a bhi cumail suas gamhlas is aimhreit dha cheile. Mar a thuirt sin [sic] roimhe, ’nuair nach urrainn dhaibh cordadh na measg fhein ’se dleasdanas parlamaid na Mor-Roinn sealltainn a stigh gu curamach ’s an chuis le daoine seasmhach, foghluimichte a thaghadh, ’us ughdaras thoirt dhaibh gus an gnothach a rannsachadh a mach gun eisimeil. Tha’n luchd-riaghlaidh ag radh gum feum iad tuarasdail a cosnaiche a lughdachadh ma faigh iad, no ma’n gleidh iad margaid a ghuail, air an laimh eile tha ’n cosnaiche ag radh air thailleabh na prisean ard a dh’ fheumas iad a phaigheadh air teachd-an-tir, agus cisean troma eile gum bheil e eucomasach dhaibh an teaghlaichean a chumail suas, no sgoil thoirt dhaibh agus nach eil iad air a suidheachadh ach beagan na’s fhearr na na’ traillean. Ma ’s e agus nach urrainn dhe’n luchd-riaghlaidh na obraichean a chumail air aghairt gu buannachd sam bith bu choir do parlamaid na duthcha an cuideachadh, agus tha iomadh seol anns am faod iad sin a dheanamh. Faodaidh iad cis a chuir air gual is nithean eile tha tighinn a stigh do’n duthaich a chum a margaid a chumail aig an fheadhainn a th’ann. Bu choir mar an ceudna, a rathad fhosgladh gu gual na Mor-Roinn a chuir gu ruige Ontario. Na rachadh sin a dheanamh agus gun teagamh, ghabhadh e deanamh, cha bhiodh dith margaid oirre do’n ghual. Cosnaichean Chaip Breatainn is Albainn Nuaidh cha’n eil na’s fhearr anns an t’saoghal. Tha iad ullamh eallamh gus an lamh a chuir ri obair sam bith. Tha iad nan daoine umhailte striochte do lagh De san Rioghachd, ach tha aoin ni ann nach seas iad, ’s e sin acras dith, na deireas a bhi air an cuid cloinne. Oibrichidh iad le fallus an gruaidhe gu dileas, onarach. Fuiligidh iad fein fuachd, annradh, ’us euslaint a chum an chloinn a thogail us aireach measail cliuteach mar is coir an gaol De s gu math an duthcha. Nach saoil thu fhein, a leughadair, gum bheil iad airidh air mor urram, agus toillteanach air a h’ uile cothrom a thoirt dhaibh. Tha gu cinnteach an t’am air a’ dol thairis ’nuair a theid cuibhrionn do toileachadh agus beagan do thorradh saothair a’n laimh a dhiultadh no aicheadh dhaibh. Bitheamaid an dochas ma ruith ach beagan uine gun teid cordadh ceart a dheanamh eadar na meinneadairean ’us an luchd-riaghlaidh, agus gum bi na cumhnantan sin a chum sith, us dheagh ruin a nochdadh dha cheile a mhaireas buan is eifeachdach gu math sluagh na duthcha.
Teachdaire nan Gaidheal, 1:7 (15 Ògmhios, 1925) [Mo chuideam – TM]
3)
A’ BHEIL A’ LAGH MAR BU CHOIR?
Le B. A.
Nach bochd an gnothach ’n uair a sheallas sinn air, a ni sin a chuir am Freasdal air an talamh na fo’n talamh air son beolainte do dhaoine; s a thug E tuigse, comas, ’s cothrom dhaibh air son an fheum sin a dheanamh do na nithinn mar a tha gual ’us iarunn ’s gach ni de’n t-seorsa sin gu math an duine, nuair a tha laghannan air an deanamh le daoine tha ceadachadh gu’m faod neach, na feoghainn a gheibh greim, na seorsa do dh’ ughdaras thairis air na gnothaichean sin a chaidh a chuir air son an fheum le barrachd sannt, no le diarras, no connspaid, na a h-uile cuid dhiu, stad a chuir air a chothrom sin a tha mar sin, air a luighigeadh leis an Uile-cheart. A reir mo bheachd fein s’e gnothach sgainnealach a tha ’dol air adhart eadar a’ luchd-arabhaig a thaobh obair a ghuail taobh air thaobh. Na ciadan ann an cunnart fannachadh le deanadas a luchd comhstri so; Is mar a bheil lagh ann a bheir orra tighinn gu cordadh bu choir e ’bhi ann.
Tha lagh ann a bheir air neach, gu feum e suim reusanta ’ghabhail air son aite anns a ’bheil duil gnothach na obair a tha gu feum do’n duthaich a chuir air adhairt. ’Nuair a tha a’ lagh a ceadachadh arbartachadh anns an doigh so; (’nuair a tha sin gu math na duthcha) ciod an reusan nach gabh a’ thoirt air a chomh-spairn mholaichte so, a tha air choltas sgrios ni’s miosa na plaigh a thoirt air an duthaich, sgur? S’fhada o’n chuala sinn mu n’ chu ’bh’ anns a phrasaich cha’n itheadh e fein a’ feur ’s cha leigeadh e leis an each a dhol na choir, ged a bha e feumach air, us e feumail dha. Tha na h-uile ’tha n’an coire ris a chomh-spairn a dh’ aobharaich na meinnean guail a chuir nan tamh, (ge b’e co aig ’m bheil a choire) na’s miosa na cu na prasaich bha’n cu am beachd gu’ robh coir aige air am fiar a gheard; ach s’e ’n diaras [= dìorras] is aobhar do’n ghnothach, sgaineileach, oilteil, a thaobh na meinnean.
Tha gach parlaimaid a deanamh laghanan ura gach bliadhna, agus a mhor chuid dhiu fada na’s lugha brigh a’s riatanais na ’n lagh a tha mi ag ainmeachadh. Bu choir ath-chuing a chuir air feadh na duthcha, ’s gach duine ’chur ainm ris air son lagh mar so fhaighinn; air chor ’s nach tachradh a leitheid so do ghnothach sgriosail gu brach tuilleadh. Na ’m bitheadh lagh mar so ann, cha bhiodh luchd na h-arabhaig cho spaideil [= pròiseil] sa tha iad, agus bu choir don lagh greim a ghabhail ’s a chuis; fhaicinn co na’ coirrich; agus am peanasachadh gu trom; oir bidh ainm aig a linn nach d’ thainig air gach bochdainn a tha a ’s a bhitheas, air thaillibh deanadas nan daoine gu b’ e co iad, a tha ciontach.
[…]
Teachdaire nan Gaidheal, 1:8 (AN T-IUCHAR, 1925)
4)
Bho’n a chuir sinn a mach an aireamh ma dheireadh do’n Teachdaire, dh’ aontaich na meinneadairan ’dol a dh’ obair fad shia miosan air chumhnant gun rachadh sealltainn a stigh anns a chuis, co dhiu’ tha no nach eil e comasach do Chuideachd a’ Ghuail tuarasdail ni’s fhearr a thoirt dhaibh? ’S e ni math a th’ ann do’n duthaich uile, gu’m bheil na meinnean aig obair a nis’ ’us an cordadh so air a dheanamh. ’S e ’ar dochas gun teid riaghailtean ceart agus freagarrach a shuideachadh [sic] a bheir cothrom do Chuideachd a’ Ghuail air an obair a chumail air adhairt, ’us do’n chosnaiche air cuibhrionn de thorradh a shaothrach a thoirt dha, gus e fhein ’s a theaghlach a chumail suas le ionraic ’s le onair. Cha ghabh a saoghal cumal gun an cosnaiche, a dh’fheumas gle thric a shlainte ’s a bheatha a chuir an cunnart. ’S araidh e air barrachd meas ’us urram ’s a tha saoghal deonach a thoirt dha.
[…]
Tha ’n obair-Iarruin a Sidni ’dol ni’s fhearr bho’n thoisich na meinnean ’us a reir coltais bi ’an obair gle thrang ma ruith ach beagan mhiosan. ’S e ni gle thaitneach tha so do shluagh a’ bhaile tha freasdail an Obair Iarruin airson am beoshlainte.
Teachdaire nan Gaidheal, I:9 (A’ LIUNASDAL [sic], 1925) [Mo chuideam – TM]
5)
Tha na meinnean ’s an Obair Iaruinn an Sidni aig obair gle mhath bho’n a ghairm iad sith, agus a reir a h-uile coltas bi bhliadhna ’sa tighinn ni’s fhearr a thaobh cosnaidh na bha i o chionn aireamh bhliadhnaichean. ’Se dleasdanas gach neach a bhi foighidneach ged nach bitheadh a h-uile ni mar bu mhiann leinn. Bitheamaid an dochas gu’m bheil a chuid us miosa seachad, agus ann an uine gun bhi fada, gu’m bi obraichean am pailteas ’s an duthaich aghmhor so, agus a h-uile duine sona, toilichte.
Teachdaire nan Gaidheal, 1:10 (AN SULTUINE, 1925)
6)
A reir a h-uile coltas bi’ na meinnean ’s an Obair Iaruinn an Ceap Breatunn air an cumal aig obair gu trang fad a gheamhraidh. Tha so na ni gle thoilichte leis an t-sluagh a dh’ fhuling moran cruadal ’s na bliadhnaichean a chaidh seachad le cion cosnaidh. Thigeadh e dhuinn a bhi taingeil gu’m bheil a nis a chuibhle air t-ionndaidh [sic], agus cuisean a ’dol ni’s fhearr.
Teachdaire nan Gaidheal, 1:11 (AN T-SAMHUINN 1925)
~~~
Taing mhòr do Thasglann Alba Nuaidh (Nova Scotia Archives) a chuir Teachdaire nan Gaidheal air-loidhne agus iomadach pàipear-naidheachd eachdraidheil eile. Às aonais sin, cha bhithinn comasach air na cunntasan seo a leughadh ’s a thras-sgrìobhadh.
1) Lachlan MacKinnon, ‘Labour Landmarks in New Waterford: Collective Memory in a Cape Breton Coal Town’, Acadiensis, 42:2 (SUMMER/AUTUMN 2013), tdd 3-26.
2) Ian McKay agus Suzanne Morton, ‘The Maritimes: Expanding the Circle of Resistance’, ann an Craig Heron, deas., The Workers’ Revolt in Canada, 1917-1925 (Toronto: University of Toronto Press, 1998), td. 74.
3) Luaidhte ann an Christina M. Lamey, ‘Davis Day Through the Years: A Cape Breton Coalmining Tradition,’ Nova Scotia Historical Review, 16:2 (1996), tdd 23-33. Air-loidhne an seo.
4) Don MacGillivray, ‘William Davis’, Dictionary of Canadian Biography, Vol. 15, (University of Toronto/Université Laval, 2003). Air-loidhne an seo.
5) Ibid.
6) McKay agus Morton, Ibid., td. 75.
7) MacGillivray, Ibid.
8) McKay agus Morton, Ibid.
9) Lamey, Ibid.
10) Fhuair mi fiosrachadh mu MhacNèill bhon Bheaton Institute, Oilthigh Cheap Breatainn, an seo agus an seo.
