
[Rabhadh: tha am brath-bloga seo a’ toirt tuairisgeul air fòirneart an aghaidh dhaoine Dubha, a’ gabhail a-steach murt is ciùrradh sna Stàitean.]
A’ coiseachd tro nàbachdan ann an ceann a deas Ghlaschu an-diugh, bha mi air mo mhisneachadh na bha ann de bhrataichean is sanasan ‘Black Lives Matter’ fhaicinn ann an uinneagan dhaoine ’s air am postadh ann an àitichean. Agus thog na mìltean fianais air feadh Bhreatainn – a dh’aindeoin a’ ghlasaidh-shluaigh. Tha grunn mholaidhean air a bhith ann air mar a b’ urrainn dhuinn cur ris an strì airson ceartas do dhaoine Dubha anns na Stàitean Aonaichte, nar dùthaich fhìn agus air feadh an t-saoghail. Le a bhith, mar eisimpleir, a’ cur airgead gu buidhnean thall ’s a-bhos, a’ cur taic ri iomairtean faisg oirnn, agus gar foghlam fhìn mu eachdraidh Dhubh, gràin-chinnidh, agus mun argamaid an aghaidh a’ phoileis mar eagrachadh.
Anns a’ bhrath-bhloga seo, bha mi ag iarraidh tuilleadh beachdachaidh a dhèanamh air mar a tha daoine Dubha a’ nochdadh – agus gun a bhith a’ nochdadh – ann am foillseachaidhean eachdraidheil na Gàidhlig.
Roimhe, sgaoil mi alt leis an Urr. Alasdair MacGriogair mu Ghàidheil agus tràilleachd ann an Aimearaga a Tuath (1849). Thug mi sgrìob tro irisean na b’ anmoiche san 19mh linn airson iomradh sam bith fhaighinn air daoine Dubha. Mar a bhite an dùil, b’ ann ann am Mac-Talla (1892-1904) – am pàipear-naidheachd mìorbhaileach stèidhichte ann an Sidni, Ceap Breatainn, agus deasaichte le Eòin MacFhionghain (1869-1944) – a fhuair mi na h-iomraidhean as pailte agus as inntinniche. Tha a’ mhòr-mhòr-chuid dhe na tha ann gu h-ìseal, mar sin, às a’ phàipear-naidheachd sin agus stèidhichte mu dheireadh an 19mh linn agus toiseach an 20mh linn. Ach, tha mi cuideachd air corra chriomag a shadail a-steach bho na bu tràithe san 19mh linn a bha ann an An Gaidheal (1871-77), deasaichte le Aonghas MacNeacail, agus earrann fheumail bho Eachdraidh na h-Alba (1867), le Aonghas MacCoinnich.
San fharsaingeachd, ’s e a tha againn bloighean de naidheachd mu dhaoine Dubha ann an Canada, na Stàitean Aonaichte agus ann an colonaidhean Breatannach – a thuilleadh air deagh iomradh mu Haidhti. Tha cuideachd corra sgeulachd bheag agus litir ann. Tha ‘daoine Dubha’ air am mìneachadh a rèir beachd nan sgrìobhadairean fhèin: daoine de shliochd Afraganach, muinntir Afraga fhèin, ach cuideachd tùsanaich leithid nam Māori. Cha robh iad a’ gabhail a-steach thùsanach eile, no muinntir nan Ìnnseachan, msaa – ach ’s e cuspairean cudromach eile a tha annta sin.
Tha am fiosrachadh an seo beartach, ùidheil ach chan eil e gu tric tlachdmhor a leughadh. Fear dhe na cuspairean naidheachd as bitheanta a tha a’ togail ceann mu dhaoine Dubha ann am Mac-Talla ’s e na murtan làitheil le gràisgean geala a bha a’ tachairt ann an ceann a deas nan Stàitean Aonaichte. Cha chuirinn dealbhan ris na cunntasan sin de ‘linseadh’; tha na faclan grafaigeach gu leòr.
Tha e inntinneach coimhead air mar a bha sgrìobhadairean, agus an deasaiche fhèin ann am Mac-Talla, a’ làimhseachadh seo. Tha iad rim moladh gu bheil iad a’ dèanamh cunntas air an naidheachd seo a-rithist ’s a-rithist agus a’ sìor-chàineadh an fhòirneirt. Tha sgreamh aca dhen linseadh, agus tha iad ag argamaid an aghaidh leth-bhreith sam bith do dhaoine Dubha. Ann a bhith a’ dèanamh seo ’s ann a tha iad a’ cruthachadh ìomhaigh gu math dòchasach de Chanada libearalach; dùthaich anns am b’ urrainn do dhaoine Dubha a bhith saor agus co-ionnan, gun a bhith a’ fulang fòirneart no tàmailt. Agus cha robh seo gun bhunait idir. Tha iomraidhean againn an seo, mar eisimpleir, air buidheann ann an Toronto a’ cuideachadh dhaoine Dubha Aimearaganach tighinn a Chanada ‘far am faigh iad ceartas agus fearann gu’n toil’ (21 OGUST, 1903), agus aig an dearbh àm a bha beatha Dhubh fo ionnsaigh gun iochd ann an Aimearaga, cheumnaich fear Dubh, James Robinson Johnston, mar neach-lagh ann an Colaiste Dalhousie, Alba Nuadh (13 MAIGH, 1898).
Ach, fiù ’s anns an taghadh seo de dh’iomraidhean, tha gu leòr ann a tha gu h-ìre a’ ceasnachadh na h-ìomhaigh fhàiltich de Chanada. Chan e naidheachd thoilichte a bhios sinn a’ leughadh gu tric mu dhaoine Dubha ann an Canada: tha iomradh ann nach robh foghlam aig clann Dubha taobh a-muigh Halifacs fad bhliadhnaichean às dèidh don sgoil aca dol na teine (10 SEPTEMBER, 1897); tha daoine Dubha ainmichte a’ bàsachadh ann an tubaistean cianail (m.e. 22 September, 1899); tha iad air an ceangal ri buairidhean is eucoir (m.e. 8 OGUST, 1896, 17 OCTOBER, 1902); chaidh luaidh a dhèanamh orra mar luchd-obrach leisg a tha, gu h-annasach, a’ falbh nuair a thàinig luchd-imrich Gàidhealach (7 AM MART, 1896); msaa. Agus, chan eil e uile gu lèir soilleir gum b’ e tubaist a bha anns an teine anns an do bhàsaich dithis Dhubha – tha mi an dùil – ann am Preston, Alba Nuadh (22 OCTOBER, 1897). San fharsaingeachd, tha coltas ann gun robh daoine Dubha ann an Alba Nuadh, agus sa chòrr de Chanada, am measg na feadhainn as bochda, agus gun robh beatha dhoirbh aca.
Dh’fheumamaid, tha fios, an fhianais a tha againn a tha seo a chur ann an co-theacs na ’s aithne dhuinn mu shiostaman gràin-chinnidh an aghaidh tùsanaich nan Ciad Nàiseanan, agus an aghaidh dhaoine Dubha ann an Canada. Ann an Alba Nuadh, san 20mh linn, chuir daoine leithid Viola Desmond agus William Pearly Oliver an aghaidh na leth-bhreith chinnidhich a dh’fhiosraich iad – agus chaidh grunn bhuidhnean Dubha a stèidheachadh sa mhòr-roinn airson cur an aghaidh gràin-chinnidh agus piseach a thoirt air cor beatha dhaoine Dubha. Fiù ’s ann an Ceap Breatainn, bha trì tallachan aig an Universal Negro Improvement Association of Canada (UNIA), agus thug Marcus Garvey òraid bhuadhach seachad aig fear dhiubh ann an Sidni, ann an 1937.
A’ tilleadh chun nan tùsan againn, tha adhbharan eile a bhith a’ ceasnachadh an t-seasaimh libearalaich a bha a’ nochdadh ann am Mac-Talla do dhaoine Dubha. Bha ìmpireileas Breatannach aig àirde mu dheireadh an 19mh linn, nuair a bha am pàipear-naidheachd a’ ruith. Tha iomadach pìos naidheachd is eile a tha a-mach air gnìomhan na dùthcha ann an Afraga agus air feadh an t-saoghail, agus mar phàipear Canadach – ann an ìmpireachd Bhreatainn – cha bhiodh iad a’ càineadh a leithid. Leughar mar eisimpleir, gun do ‘[c]hog na Breatunnaich gu treun’ an aghaidh nam Matabeles, anns an t-Sìombab san latha an-diugh. ‘[G]hearr iad rathad trompa, a marbhadh mu cheud gu leth dhiubh’ (18 APRIL, 1896). Tha naidheachdan a’ bruidhinn gun fhaireachdainn mu mar a chaidh cumhachd Bhreatainn a stèidheachadh ann an Afraga a Deas le ‘na daoine dubha a chur fo smachd’ (19 IANUARAIDH, 1900), no mar a bha na saighdearan Breatannach air an sàrachadh a’ ceannsachadh aramach leis na Bunyoro ann an Uganda san latha an-diugh (28 APRIL, 1894). Gheibhear cuideachd cunntasan sgriosail sa phàipear, m.e. am fear aig Iain Rothach mu iomairtean gus na Māori ‘a challdachadh’ (8 FEBRUARAIDH, 1896).
Ach, ’s e ìmpireileas ‘libearalach’ a tha a’ togail ceann sa phàipear san fharsaingeachd. Tha e coltach gun robh sgrìobhadair nan naidheachdan, ’s dòcha an deasaiche fhèin, mì-chofhurtail mu mar a dhiùlt Breatann do shaighdearan Dubha sabaid an aghaidh nam Boers ann an Cogadh Afraga, ‘oir cha’n eil i air son daoine dubha chur don àraich an aghaidh dhaoine geala’. Tha e ag ràdh, ‘Cha’n eil rioghachd eile air an t-saoghal a chumadh a cuid shaighdearan air ais o chogadh a chionn nach eil iad de’n aon dath craicinn ris na naimhdean’ (27 APRIL, 1900). Shaoil iad gun robh e tàireil nach robh neach-ionaid Aimearaganach deònach coinneachadh ri prìomhaire Haidhti, Florvil Hyppolite, air sgàth ’s gun robh e Dubh (17 FEBUARIDH, 1894). Agus, a’ dèanamh cunntas air deasbad anns na h-Ìnnseachan an Iar airson gabhail anns na Stàitean Aonaichte no gu bhith mar phàirt de Chanada, tha e coltach gum biodh iad ag aontachadh le mar a tha Canada air a riochdachadh: àite far am ‘biodh beatha ’s cuid an duine dhuibh air a dhion ’s air a choimhead a cheart cho cùramach agus cho cinnteach ri beatha ’s cuid an duine ghil’ (5 SEPTEMBER, 1902).
Ann an irisean na bu tràithe, gheibhear tòrr a bharrachd mu mhiseanaraidhean, sgeulachd ghaisgeil Dhàibhidh Livingstone, agus mu ‘dhaoine dubha borba’ ann an cridhe Afraga. Chan eil cus dhe seo gu h-ìseal. Tha, ge-tà, litir iongantach, uabhasach ann an An Gaidheal air an robh ‘MAR A CHUMAR BEO A’ GHAIDHLIG’. ’S e fuasgladh an sgrìobhadair, D. B. ann an Astràilia, a bhith a’ stèidheachadh colonaidh làn-Ghàidhlig. Tha e fiù ’s a’ moladh eilean ann an ceann a tuath Astràilia ‘anns nach ’eil neach ach daoine dubha, fiadhaich’ (CEUD MHIOS AN T-SAMHRAIDH, 1873). Tha deagh eisimpleirean de dh’ideòlas gràin-chinnidheach ann an alt a bheachdaich air muinntir Afraga mar chlann aineolach an taca ri Breatannaich ‘a tha fad linntean a’ sealbhachadh airde mheadhon latha gach eolais aimsireil agus spioradail’ (CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1875); agus naidheachd a’ fanaid air fear tùsanach à Poilinèis (CIAD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1874).
Chaidh na h-iomraidhean an seo uile a sgrìobhadh le ùghdaran geala – fir air fad ach airson aonan. Ged a chluinnear mu dhaoine Dubha aig an robh Gàidhlig chan eil cus fianais air sin an seo. Dh’fhaighnich deasaiche Mac-Talla do leughadairean airson barrachd fiosrachaidh mun leithid ann an Carolina a Deas (25 NOBHEMBER, 1893). Chan eil fhios agam an d’ fhuair e freagairt. Agus, nochd dithis sheòladairean Dubha ann an Iameuga aig a bheil Gàidhlig ann an sgeulachd àbhachdach, gu mì-fhortanach stèidhichte air tròp gràin-chinnidheach (2 NOBHEMBER, 1895). [DEAS. Ach, a thuilleadh air sin ’s e moitif beul-aithris a tha seo a tha a’ nochdadh ann an diofar dhreachan, fiù ’s am measg nan Èireannach ann an Aimearaga. Airson mìneachadh anabarrach inntinneach air seo, agus air an fhianais a tha ann san fharsaingeachd mu dhaoine Dubha le Gàidhlig, faic Michael Newton (2010) gu h-ìseal]. Bhiodh e sgoinneil tùsan Gàidhlig eile a lorg no a sgaoileadh anns a bheil barrachd de dhèanadas (agency) dhaoine Dubha ri fhaicinn, no guthan Dubha ag innse an sgeulachd fhèin. Dh’fhaodadh gum bu chòir dhuinn tionndadh a dhèanamh de theacsaichean Beurla a tha buntainneach cuideachd.
Tha na h-às-earrannan air an seòrsachadh a rèir cuspair mar a leanas, agus an uair sin a rèir ceann-là an fhoillseachaidh:
1. Daoine Dubha ann an Canada
a) Ceap Breatain
b) An Còrr de dh’Alba Nuadh
c) Àitichean Eile ann an Canada
2. Daoine Dubha anns na Stàitean Aonaichte
a) Murt le Gràisg; Linseadh
b) Còirichean
c) Aimhreit
d) Iomraidhean Eile
3. Colonachd
a) Guiana Bhreatannach
b) Afraga
c) Eileanan Caraibeach
d) Astràilia
e) Sealainn Nuadh agus Poilinèis
4. Tràilleachd
NB. Nìthear luaidh air Mac-Talla mar seo: ‘MT, 2:41 (5 AM MAIGH, 1894)’.
~~~
1. Daoine Dubha ann an Canada
a) Ceap Breatainn
‘A Cobh nan Eirionnach.’ [Litir]
[…] Bha duine dubh, dha ’m b’ ainm Marshall, ann a seo a chionn goirid, a bha leigeil air a bhi na dheadh dhannsair, agus dh’ fhaodadh e sin, ach tha sean Ghàidheal ’s an àite seo, dhe’n ainm Fionnlaidh Domhnulllach, a chuireadh da char dheug dheth fhéin ma ’n cuireadh esan aon char. […]
ALAI[S]DIR CARRACH.
MT, 4:43 (2 MAIGH, 1896)
Chaidh losgadh air Mhicheil Nowlan a tha ’na mhaor-sith ann an Glace Bay, oidhche Di-luain s’a chaidh le duine dubh a bha anns a’ bhaile còmhla ri cuideachd cluich a tha dol mu’n cuairt. Bha na daoine dubha deanamh troimhe-cheil anns an tigh-òsda ’san robh iad a’ fuireach, agus chaidh Nowlan a dheanamh sithe, ’nuair a loisg fear dhuibh air. Chaidh am peilear ’na cheann, ach cha d’ rinn e leònadh gle dhona. Chaidh triuir dhe’n chuideachd a chur an sàs.
MT, 5:6 (8 OGUST, 1896)
‘LITIR A LOCH KATRINE’
[…] Dh’ fhaodainn iomradh a thoirt air moran nithean a tha tachairt an so, ach foghnaidh dhomh beagan innseadh mu chruinneachadh a bha anns an taigh-sgoil an oidhche roimhe, ris an can iad ’sa Bheurla concert, air son airgiod a chur cruinn gu nithean feumail mu thimchioll a mhanse anns a bheil an t-Urr. A. I. Domhnullach a tàmh, a cheannach. Chruinnich moran sluaigh […] Chaidh an oidhche chuir seachad mar sin gu toilichte, a seinn orain Shasunnach, orain Gheancach, agus orain dhaoine dubha; ach bha sinn ag ionndrainn nach robh oran Albannach no Gàilig ann air fad. Tha mi creidsinn gu ’m bi iad ag radh gu bheil mi iongantach agus nach aithnich mi òran math nuair a chluinneas mi e, ach tha mi an dochas gun gabh iad mo leithsgeul ma their mi gu ’m b’ fhearr leam a bhi ’g eisdeachd Mairi Dhomhnuill Mhic Ruaraidh a seinn Oran a Phrionnsa, le Mac Mhaighstir Alasdair, no na chuala mi a dh’ òrain fad na h-oidhche. Is mi do charaid dìleas
T.
Loch Katrine, siorrachd Antigonish.
MT, 9:41 (12 APRIL, 1901)

GNIOMH EAGALLACH — Diordaoin, an naodhamh latha dhe ’n mhios, chruinnich àireamh de dhaoine dubha gu dannsa a bh’ ann an taigh aig na Coke Ovens. Cha robh an dannsa ach air tòiseachadh nuair a chaidh dithis dhiubh, Seoras Brooks agus G. S. Scott, troimhe chéile mu ni air choireiginn. Mu dheireadh thuirt Brooks ris an fhear eile gu ’m marbhadh e e, agus a toirt daga as a phòcaid loisg e air Scott, am peileir a dol na ’ghualainn. Ruith Scott a stigh do rùm eile ’san taigh agus thill e ’sa mhionaid is daga aige fhéin. Loisg e air Brooks, ach cha do bhual e idir e. Theich Brooks agus am fear eile as a dheigh. Loisg Scott air a rithist, agus bha e na bu chuimsiche air an turus so; chaidh an urchair an gualainn Bhrooks. Nuair a rainig Scott an dorus thuit e, agus chaochail e beagan mhionaidean an deigh dha tuiteam. Tha Brooks air a leònadh gu dona, ach thig e bhuaithe. Buinidh na daoine dubha do na Staitean. Thainig iad do Shidni an uiridh far am bheil iad ag obair aig Cuideachd an Iaruinn.
MT, 8:11 (17 OCTOBER, 1902)
AIR A SHAORADH — Air an naodhamh latha dhe’n mhios, chuireadh crioch air a chùirt aig an robhtar a’ feuchainn Bhrooks, an duine dubh a bha air a chur an greim air-son fear Scott a mharbhadh aig bàl dannsa ’sna Coke Ovens. A reir sgeul nam fianuisean, thilg Brooks am fear eile ga ’dhion fhein: bha am britheamh ’s an jury dhe ’n bharail sin, agus chaidh an duine shaoradh.
MT, 11:15 (23 IANUARAIDH, 1903)
b) An Còrr de dh’Alba Nuadh
Chaidh duine dubh, d’m ainm William Longford, bhathadh aig Weymouth, N. S. Bha e fein ’us gille beag a muigh ag iasgach. Thainig oiteag ghoithe orra agus chaidh am bata thairis. Fhuair an gille greim air a bhata agus lean e ris. Dh’ fheuch Langford ri snamh gu tir, ach cha d’fhuair e fada sam bith ’nuair a chaidh e fodha. Fhuaireadh a chorp beagan uairean an deigh sin.
MT, 1:7 (9 IULAIDH, 1892)
Ann am Preston, N. S., sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh, chaidh an tigh aig Pàdrug Downey, duine dubh, a losgadh, ag[u]s bha dithis a bha fuireach ann, Artur agus Harry Willis, air an losgadh gu bàs.
MT, 6:17 (22 OCTOBER, 1897)
Tha sgireachd de dhaoine dubha, mu naodh no deich de mhiltean á Halifax, anns nach robh sgoil o chionn iomadh bliadhna. Chaidh an tigh-sgoile a bh’ aca ’na theine, agus cha deachaidh tigh ùr a thogail fhathast[.] Tha aig a chloinn òg ri fàs suas gun ghuth sgoile.
MT, 6:11 (10 SEPTEMBER, 1897)
Chaidh coig bliadhna fichead dein tigh-obrach a thoirt do Iomhar Gibson, duine dubh ann an Kentville, N. S., air son e bhristeadh a stigh do stòr anns an àite sin agus naodh dolair fhichead a dh’ airgead a ghoid. Cha’n eil ach da bhliadhna o’n fhuair Gibson as an tigh-obrach roimhe. Fhuaireadh deich dolair dhe’n airgead air a shiubhal ’nuair a chaidh a ghlacadh.
MT, 6:30 (21 IANUARAIDH, 1898)

Am measg na feadhnach a fhuair a bhi ’nan fir-lagha ann an oil-thigh Dhalhousie air an earrach so bha aon duine dubh [James Robinson Johnston], a’ chiad fhear a ràinig an inbhe sin ann an Nova Scotia riamh. Cha’n eil lagh no cleachdaidhean na dùthcha so a’ cur bacadh air duine dreuchd sam bith is urrainn dha a thoirt a mach, ge b’e dé ’n sluagh dhe bheil e, no ge b’e dé an dath a bhios air a chraiceann.
MT, 6:46 (13 MAIGH, 1898)
Chaidh seann duine dubh da’m b’ ainm Iain Francis, a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Digby, Di-satharna an naodhamh latha dhe’n mhios. Bha e coiseachd air an rathad agus thugadh rabhadh dha, ach cha do chairich e, agus cha robh uine air stad a chur air na carbadan. Thatar a’ deanamh a mach gu robh e ceithir fichead bliadhna ’sa seachd deug a dh’aois.
MT, 8:11 (22 September, 1899)
Tha duin’ iomraiteach a tha dol fo ’n ainm Kid Seely aig an àm so fo ghlais ann a Halifacs air-son mèirle. Buinidh e do’n dream sin ris an canar na bocsairean. Cha Sineach idir e, agus ged is bocsair e cha’n ionann a cheaird is ceaird na feadhnach a tha air an cur fo’n ainm anns an dùthaich sin. Is duine dubh e a fhuair a bhreith is àrach am measg dhaoine geala, agus is i ’obair a bhi deanamh fearas-chuideachd do na Philistich le bhi feuchainn ri fear sam bith dhe ’sheòrsa a sheasas mu choinneamh a chur bhar a chasan leis na dùirn. Is obair uasal da-rireadh sin, agus bu mhor am beud a chur na thàmh le chur an greim mar mhèirleach. Na’n tigeadh e do Shidni chuirte fàilte chridheil air, agus rachadh na ceudan a dh’amharc air a bhlàr-bhocsaidh nach rachadh a dh’éisdeachd an òraidiche a’s fhearr an Canada—mur rachadh iad ann a dheanamh troimhe-chéile. Faodar a radh gu robh am “meann” ann an Sidni roimhe, ’s gu’m b’ann an so a rinn e pàirt de’n mhèirle air-son am bheil e ’n diugh fo ghlais ’s fo iuchair.
MT, 12:13 (25 DESEMBER, 1903)
c) Àitichean Eile ann an Canada
Chaochail Iain Heder, duine dubh a bha 109 bhiadhna ’dh ’aois, aig Colchester Ontario, Disathairne sa chaidh. Rugadh e ann an Virginia ’sa bhiadhna 1783, agus thainig e gu Colchester o chionn leth cheud bliadhna.
MT, 1:5 (25 IUN, 1892)
‘Priceville, an Ontario’
[…] Bha timchioll a bhaile bhig so an toiseach air a chuartachadh le daoine dubha. Bhiodh iadsan ann sna h-amannan ud a’ giùlan an an cuid uallach air mullach an cinn. Bha iad glé leisg, oir chleachd iad a bhi ’nan tràillean an tùs an òige, agus ’nuair a fhuair iad a bhi ’nam maighstirean orra féin, bha iad an dùil nach bu chòir dhaibh car obrach a dheanamh idir. Cha’n eil aon duine dubh ri fhaicinn ’sna criochan an diugh. Tha roinn mhòr de Ghàidheil ri fhaotainn ’san àite. […]
MT, 4:35 (7 AM MART, 1896)
Bha teine mor ann am baile St. John, N. B., seachdain gus an de, leis an robh ceud gu leth tigh air an losgadh. Bha an teine ann an earrann de ’n bhaile a bha air aiteach le daoine dubha, agus cha robh anns a chuid bu mhotha de na taighean ach togalaichean fiodha; bha gaoth laidir ann, agus sgaoil an teine gu bras. Bha aon bhoirionnach air a losgadh gus bas, seana bhean, ceithir fichead bliadhna dh’ aois, a dhiult an tigh anns an robh i fhagail; agus chaidh te eile a cochall a cridhe leis an eagal. Tha call nan taighean ’s an innsridh a bha ’nam broinn air a mheas aig $500,000; bha $300,000 de dh’ airgead-cinnteachaidh orra. Tha mu cheithir cheud de’n t-sluagh a nise gun dachaidh agus tha muinntir a bhaile a’ gabhail curam dhiubh.
MT, 7:44 (2 IUN, 1899)
Tha comunn dhaoine dubha air a chur air chois ann an Toronto aig am bi mar ghnothuch cuideachadh le daoine dubha nan Stàidean a deas gu tighinn air imrich do Chanada. Tha iad ag radh gu bheil tuilleadh ’s a chòir dhiù anns na Stàidean sin, far am bheil iad a faotainn moran ana-ceartais, agus gu’m b’ fhearr dhaibh a bhi ’n Canada far am faigh iad ceartas agus fearann gu’n toil ma ni iad feum dheth.
MT, 12:4 (21 OGUST, 1903)
2. Daoine Dubha anns na Stàitean Aonaichte
a) Murt le Gràisg; Linseadh
Ann an Kentucky aon la air an t-sheachdain sa chaidh, thugadh duine dubh a bhatar a toirt dha’n phriosan bho na maoir, ’s chaidh a chrochadh ri craoibh ’sa chorp a dheanamh na chriathar leis na peileirean. Chan eil an so ach sgeul a tha tighinn gle thric as an duthich sin.
MT, 1:33 (7 IANUARIDH, 1893)
Aig baile ann an Texas ris an abrar Paris, rug an sluagh air duine dubh a bha na maoir a toirt leotha do’n phriosan air son cionta eigin, agus an deigh dhaibh a phianadh air gach doigh air an smaoinicheadh iad, cheangail iad e, chruinnich iad torr connadh mu’n cuairt da, agus loisg iad gu bas e. Bha suas ri deich mile sluaigh ag amhare air a ghniomh oilteil so, agus cha do thog duine dhiu lamh no cas gus an duine truagh a theanacas! Chan eil duthich fo’n ghrein aig a bheil ainm a bhi na duthich Chriosdail, no aig a bheil ni coltach ri lagh no ceartas, ann sam faodadh a leithid a bhi air a dheanamh, ach ann sna Staitean fhein, agus ged is nar e ri innse chan eil an sid ach ni a tha gu tric a tachirt san duthich sin. Faodidh an luch-lagha agus iadsan a tha gabhail as laimh an lagh a chumail suas a bhi nan seasamh ri taobh nan crochadairean nuair a bhios iad a cur as do dhuine a tha ma dh’fhaoidte neo-chiontach, ach cha chuir iad gearain sam bith a stigh orra. Nan tigeadh air an fheadhinn sin a mhuinntir Chanada a tha cho deigheil air a bhi cur suas nan Staitean os cionn an tir fhein, samh a ghabhail ’an Texas fad bliadhna no dha, theagamh gun biodh ceol eil’ aca nuair a thilleadh iad dhachidh.
MT, 1:38 (11 FEBRUARIDH, 1893)
Cha n-eil ni ann an diugh is graineile na bhi leubhadh mu dheibhinn cho beag suim ’sa tha de bheatha dhaoine ann an cearnan de na Staitean. Cha n-eil seachdain a dol seachad gun sinn a chluinntinn mu neach eigin a bhi air a chur a dhith gun lagh no ceartas a ghabhail ris, agus gle thric tha esan a th’air a chur gu bas neo-chiontach. Air an t-seachdain sa chaidh, fhuair sinn cunntas air duine dubh a chaidh a losgadh gu bas air son gniomh dhe nach robh e ciontach idir. Tha gamhlas cho mor aig na daoine geala ris na daoine dubha ’sna Staitean a Deas, ’s nach eil a chuid a’s mo dhiubh a dol a stad aig lagh no reusan ann an deanamh dioghltas. Tha lan am aig Riaghladh nan Staitean ni-eigin a dheanamh gu stad a chuir air an obair bhruidheil so. Cha n eil duthich eile an America no ’san Roinn-Eorpa a cheadicheadh a leithid de dhol air-adhart, gun ionnsidh a thoirt air casg a chuir oirre.
MT, 2:4 (22 IULAIDH, 1893)
Aig Burkesville, anns na Statean, Di-haoine sa chaidh bha duine dubh ’sa bhean air falbh o’n tigh, agus am feadh ’sa bha iad air falbh chaidh an tigh na theine agus loisgeadh gu bas dithis chloinne a dh’ fhag iad a stigh. Nuair a chuala mathair na cloinne mar a thachair dhaibh ruith i gu abhainn a bha faisg air laimh, thilg i i-fhein innte agus bhathadh i.
MT, 2:27 (6 IANUARY, 1894)
Tha fathunn ag innse gu bheiltear an deigh naoidhnear dhaoine dubha a chrochadh (gun lagh) ann an Louisiana, aon de na Stàitean a deas, air son mort aon duine geal, agus nach eil luchd-tòrachd na fala fhathast sàsuichte.
MT, 2:41 (5 AM MAIGH, 1894)
THA e air a radh nach eil latha ’dol seachad anns na Stàitean gun duine bhi air a chrochadh gun chùirt, gun lagh. Agus mar a’s trice ’s e duine dubh a bhios ann.
MT, 2:45 (2 IUN, 1894)
THUG duine dubh ann an Kentucky droch ionnsuidh air duine geal an la roimhe, agus thug e uaithe a chuid airgid. Chruinnich na maoir air ball ’s chuir iad as a dheigh; rug iad air ’s chuir iad dh’an phriosan e. Air an ath oidhche bhrist buidheann de dhaoine geala a stigh do’n phriosan, thug iad am mach an duine dubh ’s chroch iad e ri drochaid. Tha ’n obair ud glé chumanta anns na Stàitean, ’s na bliadhnaichean so, cho chumanta ’s nach cuir sgeula crochaidh duine ioghnadh no mulad sam bith air moran de an t-slugh, gu h-àraidh ma sa duine dubh a bhios air a chur a dhith, rud is tric is e.
MT, 3:8 (25 OGUST, 1894)
Tha muinntir nan Stàitean aa deigh moran airgeid a chur cruinn air son cuideachadh leis na h-Armenianaich, ach cha’n eil guth no iomradh aca air ceartas fhaicinn aig na daoine dubha a thatar a sgrios nam measg fein. Ach dh’ fhaoite gu’n gabh na Turcaich truas riutha ’s gu’n cuir iad a nall cuideachadh.
MT, 4:41 (18 APRIL, 1896)
Chaidh duine dubh a chrochadh gu mi-laghail ann an cearna de Charolina a’ Deas air an t-seachdain s’a chaidh. Bha amhrus ac’ air gu’n do chuir e sabhal ’na theine, agus chaidh a thoirt gu cùirt, ach cha d’ fhuaireadh fianuis sam bith ’na aghaidh. An ath mhaduinn chaidh a thoirt as a’ phriosan le buidheann dhaoine, agus a chrochadh.
MT, 5:28 (16 IANUARAIDH, 1897)
Chaidh duine dubh agus a theaghlach a mhort gu brùideil ann am baile beag an aon de na Stàitean a deas, an oidhche roimhe. Bha an duine dubh ’na phost-mhaighstir anns a’ bhaile; bha cuid de na daoine geala ’ga mheas mar thàmailt e bhi ’san dreuchd sin, agus thainig iad r’a bheatha. Cha deach ionnsuidh sam bith a thoirt air na mortairean a thoirt gu ceartas.
MT, 6:36 (4 MART, 1898)
Bha sabaid shalach eadar daoine geala ’s daoine dubha ann an cearna de stàit Mississippi, toiseach na seachdain. Bhatar a feuchainn ri duine dubh a ghlacadh air son cionta air choireigin, agus loisg e-fhéin us feadhainn eile bha còmhla ris air na maoir. Ghabh na daoine geala pàirt nam maor, agus mar sin thòisich am blàr. Bha aon duine geal air a mharbhadh, ’s deichnar dhaoine dubha; chaidh àireamh a leòn air gach taobh.
MT, 7:14 (28 OCTOBER, 1898)
Tha e ’na mhasladh mòr do na Stàitean nach urrainn dhaibh casg a chur air na crochaidhean mi-laghaìl a tha dol air adhart na h-uile bliadhna. Air a bhliadhna ’sa chaidh bha sia fichead duine sa h-aon air an cur gu bàs air an dòigh so, gun lagh no ceartas fhiachainn riutha. Bha moran de na daoine truagha sin neo-chiontach, no air a chuid bu mhiosa, ciontach de nithean nach robh toillteannach air bàs. Bha ceud ’sa tri dhe’n àireamh so air an cur gu bàs anns na Stàitean a deas, agus bu daoine ’s mnathan dubha ceithir fichead ’sa h-aon deug. Cha’n eil ach an droch chàramh air an duine dhubh anns na Stàitean a deas.
MT, 7:26 (20 IANUARAIDH, 1899)
Tha obair ghraineil a dol air adhart anns na Staitean a deas, daoine geala gu mi-laghail a crochadh, a losgadh ’sa marbhadh nan daoine dubha. ’S gann gu bheil seachdain a dol seachad gun sgeul uamhasach a thighinn as na criochan sin, agus cha ’n eil guth no iomradh air na daoine tha ciontach a thoirt gu ceartas. An uiridh, bha duine dubh air a dheanamh ’na phost-mhaighstir ann an Carolina Deas, agus beagan oidhcheannan an deigh dha an oifis a ghabhail, chaidh a ghlacadh le sgioba de dhaoine geala ’sa chur gu bas. Ma chaidh iadsan a rinn an gniomh a thoirt gu cuirt air a shon, cha do chuireadh peanaist sam bith orra. Tha chuis na mhasladh mor do na Staitean, agus tha lan am aca feuchainn ri leasachadh.
MT, 7:40 (5 MAIGH, 1899)
Tha aon de phaipearan nan Stàidean ag innse gu ’n deachaidh triùir dhaoine dubha a chrochadh an la roimhe ann an Nashville, Tennessee, “a reir an lagha.” Ged nach eil an sgeul so a nochdadh gu bheil na daoine dubha a fàs moran na ’s fhearr na bha iad, tha i na dearbhadh cinnteach gu bheil adhartas mor a’ tighinn air na daoine geala.
MT, 10:5 (2 OGUST, 1901)
Chaidh duine dubh a losgadh gu bas ann an staid Tennessee Di-donaich s’a chaidh an lathair sia mile sluaigh. B’ ann air son mort a chuireadh crioch air; dh’ aidich e a chionta, agus chaidh e ’n coinneamh a bhàis gun fhiamh no coltas eagail a nochdadh. Mar sin cha dug e riarachadh còir sam bith do’n t-sluagh, a bha cruinn air son fhaicinn an dòruinn. Nach math an gnothuch nach ann an Africa Dheas no an cearna sam bith de’n Impireachd Bhreatunnaich a thachair so. Bhiodh e ’na ghnothuch uamhasach ann an sealladh cuid de na paipearan Geancach, agus cha chluinneamaid am facal mu dheireadh mu dheidhinn gu ceann iomadh bliadhna. Agus na’n tachradh a leithid ann am fearann sam bith a tha fo chrun na Spainne, bhiodh iad air son na Staidean a dhol a chogadh rithe. A reir nam paipearan sin cha’n eil e idir cho olc no cho aingidh a bhi losgadh dhaoine dubha anns na Staidean ’sa tha e bhi losgadh shaibhlean ann an Africa mu Dheas.
MT, 10:9 (30 OGUST, 1901)
Chaidh duine dubh a chrochadh ann an Stàid Missouri o chionn ghoirid le gràisg de dhaoine geala bhrist a stigh do’n phrìosan ’s a thug a mach e gun taing do oifigich an lagha. Tha a leithid so a tachairt gu math tric ’sna stàidean a deas, ach am bitheantas ’se ’n duine ciontach a thatar a cur gu bàs. Air an turus so, co-dhiu chaidh a dhearbhadh gu soilleir gu robh ’n duine chaidh a chrochadh neo-chiontach. Ach cha dean sin diubhar. Cha’n e gràin an uile a tha gluasad an t-sluaigh ud gu gniomharan cho an-iochdmhor, murtail, — cha’n e, ach gràin an duine dhuibh.
MT, 11:22 (1 MAIGH, 1903)
Tha geur-leanmhuinn nan daoine dubha a’ sior dhol air adhart anns na Stàidean a Deas. Tha crochaidhean is losgaidhean air fàs cho cumanta ’s nach eil eadhon na “paipeirean buidhe” a’ toirt moran iomraidh orra. Mar is trice tha esan a th’ air a chur gu bàs aon chuid ciontach de choire-eigin, beag no mor, no air a ghabhail an riochd duine chiontaich. Ach rinneadh gniomh air a mhios so a tha nochdadh nach e peanasachadh nan ciontach a tha fa-near do’n t-sluagh gheal idir, ach cumail fodha no cur as gu buileach a dheanamh air na daoine dubha. Bha ministeir d’am b’ ainm Planving, duine dubh cliuiteach, air a chur gu bàs gun choire sam bith a bhi air a chur as a leith. Bha e ’cumail colaisde anns an robh e toirt foghluim d’a cho-luchd-duthcha. Cha robh an sluagh toileach a leigeil air adhart, cha robh iad a’ faicinn iomchuidh foghlum sam bith a thoirt do na daoine dubha a dh’ àrdaicheadh iad os-cionnn an ionaid anns am bheil iad. Air an aobhar sin bha Planving air a chur as an rathad.
MT, 12:7 (10 OCTOBER, 1903)
b) Còirichean
THAINIG soitheach Sasunnach a stigh do Philadhelphia, an la roimhe, ’s duine dubh ’na chaiptean oirre. Chuir so na Geancaich a dh’ fheòrach am beil cùnntas air duine dubh a bhi ’na cheannard air soitheach Geancach; agus cha d’ fhuair iad sgeul air a leithid a dh’ aindeoin gach rùrach a rinn iad. Thug na Stàitean an saorsa do na daoine dubha, ach ’s mor an ceann-fodha a th’ aca orra fhathast.
MT, 3:5 (4 OGUST, 1894)
Dhiùlt bearradair (barber) ann am Boston o chionn ghoirid falt duine dubh a ghearradh: chuir an dulne dubh ’san lagh e, agus faodar a pheinisteachadh le cain tri ceeud dolair a chur air no bliadhna priosain a thoirt da.
MT, 4:4 (3 OGUST, 1895)
Tha seachd dhe na Stàitean a Deas anns nach ceadaich an lagh do dhuine dubh a bhi anns an aon charbad ri daoine geala. Tha ceann-fodha uamhasach air na daoine dubha anns na Stàitean ud.
MT, 6:38 (18 MART, 1898)
Tha gluasad anns na Stàitean air son da mhuillean de na daoine dubha chur air falbh gu Cuba, Porto Rico, agus Africa. Thatar ag iarraidh air an riaghladh mile muillean dolar a chur air leth air son sin a dheanamh.
MT, 7:24 (6 IANUARAIDH, 1899)
Tha an droch ceann-fodha air na daoine dubha anns na Staidean a Deas. Tha e air innse gu bheil, ann an cearna de Charolina Deas, moran dhiubh air an ceangal ri maighstirean ’s air an obrachadh gun tuarasdal, gun duais, direach mar a bhatar a dheanamh riutha mu’n robh iad air an saoradh o chuig na tràille. Tha so air a dheanamh le toirt air na daoine truagha an ainmean a chur ri cumhnantan cruaidhe, ’s gu’n fhios aca ciod a th’annta, agus le thoirt a chreidsinn orra an sin nach ceadaich an lagh dhaibh na cùmhnantan so bhristeadh. Ach tha an lagh a nise an tòir orra-san a bha ris na h-ais-innleachdan sin; chaidh àireamh dhiubh a thoirt gu ceartas mar tha ’sa pheanaisteachadh gu trom, agus tha tuilleadh dhiubh ri bhi air an toirt gu cùirt gun dàil.
MT, 9:37 (15 AM MART, 1901)

CEARTAS AN DUINE DHUIBH—Ann an Carolina Tuath tha ceithir fichead is deich mile de dhaoine dubha aig am bheil còir bhòtaidh. Ach ’s ann tha ’chòir mar a chumar i. Tha an Stàid a’ cur chumhachan cruaidhe orra air chor ’s nach bi thairis air còig mile dhiubh do ’n urrainn bhòtadh. Air an dòigh so tha na daoine geala ’cumail srian an riaghlaidh na’n làmhan fein—anns an dùthaich ’sam bheil na h-uile dhaoine, a reir creud an àrd-riaghlaidh, “saor agus co-ionann.”
MT, 11:10 (14 NOBHEMBER, 1902)

Tha ceistean cudthromach fa chomhair nan Stàidean air an latha ’n diugh. Ach tha aon cheist a’ toirt bàrr orr’ uile—ciod a tha ’dol a thachairt a thaobh gach seòrsa sluaigh a tha ’n taobh a stigh de ’criochan? Am bi iad air an aonadh mar aon sluagh, no am mair iad air leth agus an tòisich iad air stri ri càch a cheile? Bha an cogadh siobhalta a bh’ anns an dùthaich sin air aobharachadh le caochladh bharailean a bhi aig na daoine geala thaobh còirichean nan daoine dubha. Tha an ceart ni ag aobharachadh moran aimhreit is ana-ceartais anns na Stàidean a deas riamh uaithe sin, agus tha e doirbh a radh co-dhù ’s ann na’s fhearr no na’s miosa tha cuisean a’ dol. Ach re nam fichead bliadhna mu dheireadh tha atharrachadh mor air tighinn air an duthaich leis na muillionan sluaigh a dhòirt a stigh as gach cearna dhe’n Roinn-Eòrpa, agus leis an àireamh mhor a chaidh a ghabhail a stigh le ceannach nan Eileinean Philipeach. Tha ’n duthaich mar sin air a h-ath-dheilbh, air a deanamh suas dhe gach seòrsa sluaigh, geal, dubh buidhe, ruadh is donn—sluagh cho ioma-dhathach ri breacan Màiri Uisdein, agus cho fad o cheile na ’n cainnt ’s na’n cleachdaidhean ’s a tha ’n àird a deas o’n àird a tuath. Agus ’s i cheist am fàs iad sin uile na ’n aon chinneach, agus an gabh iad riaghladh mar aon shluagh. Faodaidh e bhith gu’n tig air Canada a cheist sin a fhreagairt air a son fein an uine ghearr, oir tha iomadh seòrsa sluaigh a’ tighinn air imrich innte, agus uime sin is glic dhuinn a bhi cumail suil gheur air ciod a tha dol air adhart ’san duthaich a tha deas airm.
MT, 11:23 (15 MAIGH, 1903)
Thainig duine dubh a stigh do bhaile ann an Texas an la roimhe, agus dh’ fheòraich e de chuid-eigin a thachair air an robh e fior gu’n d’ fhuair na tràillean an saorsa. Bha e o chionn da fhichead bliadhna ’s a coig ag àiridh am monaidhean Mhecsico, agus cha robh e ’faotainn sgeul sam bith air na bha tachairt ’san t-saoghal mhor m’a thimchioll.
MT, 11:23 (15 MAIGH, 1903)
[…] An uair a bhios daoine deònach labhairt a reir reusain, aidichidh iad nach aon lagh no lagh eile a bheir cùisean gu bhi na’s fhearr no na’s miosa na tha iad. Tha laghannan matha ann agus laghannan nach eil cho math; ach cha’n eil feum anns an lagh a’s fhearr a rinneadh riamh mur teid obrachadh. Anns na Stàidean a deas tha laghannan aca an aghaidh moirt is marbhaidh; ach cha’n eil sin ga ’n cumail o bhi ’crochadh ’s a’ losgadh nan daoine dubha. Am bheil e duilich a ràdh co aige tha choire, aig an lagh no aig an t-sluagh a tha air chùl an lagha? ’S fhada mu bheil. Tha an lagh ceart gu leòr, ach feumaidh daoine beò, làidir seasmhach a bhi ri chùl. Ach a reir mar a labhras cuid de dhaoine tha dùil aca gur còir d’ an lagh obrachadh leis fein, mar gu ’m bu bhith beò e, gun chuideachadh iarraidh no fhaighinn o dhaoine,— agus cha’n e mhàin a bhi beò, ach a bhi mar leóghann beucach ag imeachd mu’n cuairt feuch có dh’fhaodas e shlugadh.
MT, 12:2 (10 IULAIDH, 1903)
c) Aimhreit
Tha troimhe-chéile mh[ó]r ann am baile [Pana], an Illinois. Tha am baile air a chuartachadh le mèinnean guail, agus ’s ann air na mèinnean sin a tha an sluagh a deanamh am beòlaind. Bha àireamh mhór de dhaoine dubha air an toirt do ’n bhaile gus an cur a dh’obair anns na mèinnean, agus cho luath ’sa thainig iad thòisich an aimhreit eadar iad fhein ’s na daoine geala, na daoine geala cur rompa nach leigeadh iad leotha fuireach ’s an àite idir . Bha iad cho doirbh an cumail aig riaghailt ’s gu ’n do chuireadh fios air an arm.
MT, 7:11 (7 OCTOBER, 1898)

Bha sabaid eadar saighdearan dubha agus geala ann an Alabama Di-mairt s’a chaidh, anns an deachaidh aon duine a mharbhadh, agus còignear a leòn. Tha na daoine dubha ’s geala anns na Stàitean a deas cheart cho naimhdeil ri chéile ’sa tha iad ris na Spàinntich.
MT, 7:12 (14 OCTOBER, 1898)
AIMHREIT MHASLACH — Anns na Staidean a Deas, tha droch ghamhlas aig na daoine geala do na daoine dubha, mar a tha iad gu tric a nochdadh. La na Sàbaid s’a chaidh bha aimhreit uamhasach eatorra ann am Balltown, an Louisiana. Bha aon duine geal air a mharbhadh, ’s fhuair dithis eile leòin bhàsmhor; agus bha naodhnar dhe na daoine dubha air am marbhadh, ’s deich no dusan eile air an leònadh cho dona ’s nach tig iad uaithe. Thòisich an aimhreit aig eaglais anns an robh na daoine dubha ag aoradh. B’iad na daoine geala thòisich.
MT, 10:17 (1 NOBHEMBER, 1901)
d) Iomraidhean Eile
‘CEIST’
Leugh sinn ann am paipear-naigheachd araidh beagan bhliadhnachan air ais gu robh a Ghailig air a labhairt le moran sluaigh ann an Carolina-a-Deas, aon de na Staitean, agus gu robhas ’ga searmonachadh anns na h-eaglaisean; gu robh mar an ceudna na daoine dubha ’san aite sin cho fileanta anns an t-seana chanain Ghaidhealach ris na Gaidhil fhein. Tha sinn deonach fhaotainn a mach am bheil so fior agus ma ’s urrainn aon air bith d’ar luchd-leughidh solus sam bith a chur air a chuis bi’dh sinn fior thoileach cluinntinn uaithe. Tha ’m paipear air a chraobh-sgaoileadh gu math air feadh nan Staitean agus tha e gle neonach mur eil fear no fear-eigin dheth na tha e ruigheachd gach seachdain comasach air innseadh dhuinn am bheil no nach eil a chuis mar a leugh sinn.
MT, 2:21 (25 NOBHEMBER, 1893)
‘Bu Duin Ainmeil e.’
Tha na daoine dubha anns na Stàitean anabarrach deigheil air a bhi toirt ainmeannan mora fuaimneach orra fhèin agus air an cloinn. Cha chuir e ioghnadh sam bith orrasan a tha eòlach ’nam measg na h-ainmeannan Iulius Caesar, Christopher Columbus, Beuiamin Franklin, agus Deorsa Washington a chluinntinn ’gan éigheach ris na gillean agus ainmean a cheart cho iomraiteach air na h-igheanan. Tha seann duine dubh ann am fear de na bailtean-mora d’ an obair o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean a’ bhi giùlan air falbh le bara-roth gach luath us rud gun fheum eile a bhithear a tilgeadh a mach air chùl nan taighean. Aon latha ’s e aig òbair abhaistich, thainig duine bha ’còmhnuidh ann an aon de na taighean air an robh e mar sin a frithealadh, a mach far an robh e, agus thùisich e air bruidhinn ris. Ann an t-seanachas a bh’aca dh’ fhaighnich e dheth c’ ainm a bh’ air. “Deòrsa Washington,” ars an duine dubh. “Deòrsa Washington,” ars am fear eile, ’s e ’deanamh snodh gàire, “’s i mo bharail gu’n cuala mi an t-ainm sin roimhe.” “Tha mi creidsinn gu’n cuala,” ars an duine dubh, b’ rongantach mur-a cluinneadh, ’s mi tarruinn na luatha o d’ dhorus a h-uile latha o chronn còrr us deich bliadhna!”
MT, 5:2 (11 IULAIDH, 1896)
3. Colonachd
a) Guiana Bhreatannach
‘MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. XXIX.
ANN AN DEMERARA.’Mu dheireadh rainig sinn Demerara. Is e so an t-ainm a th’ air amhainn mhòir a th’ anns an earrann ud de Cheann-a-deas America, agus air an fhearann a tha ri taobh na h-aimhne. Gu math dlùth air bun na h-aimhne tha baile bòidheach ris an canar, Baile-Sheorais. B’ anns a bhaile so a bha mise gus a bhith ’nam ghille-bùthadh; agus b’ fheudar dhomh cunntas a ghabhail as na bha de bhathar aig mo mhaighstir air bòrd.
Thug sinn iomadh latha air obair glé thrang mu’n d’ fhuair sinn gnothaichean ann an òrdugh gu ar miann. Cha robh e duilich dhuinn luchd-oibre fhaotainn, oir bha mòran dhaoine dubha anns a’ bhaile a bha deas gu leòr gu obair a dheanamh. Ach fhuair mise agus mo chompanaich dragh gu leòr le cuid dhiubh; oir bha iad gu math tric air an daorach. Bha mòran ruma ’ga dheanamh anns an àite, agus bhiodh an luchd-oibre a’ gabhail tuilleadh ’sa choir dheth mar bu trice. […]
MT, 7:48 (30 IUN, 1899)
b) Afraga
‘AONACHD A’ CHINNE-DHAONNA (Air leantainn.)’
[…] Tha cuimhne agam air duine bhi ag innseadh dhomh uair, gu ’n do ghabh e uibhean chearc, agus gu ’n do chuir e ann an nead feannaig iad, aig a’ cheart am a’ toirt air falbh uibhean na feannaig. An uair a thainig an gur a mach, thog e leis na h-iseanan á nead na feannaig, agus chuir e ri circ iad. Bha e ag radh, an uair a chinn iad suas, gu ’n robh de nadur na feannaig annta—gu sonraichte anns na coilich—’s nach robh an leithid ann an darna taobh na duthcha; chuireadh iad na sùilean as a’ h-uile coileach a bhiodh air an fhaiche, latha cath nan coileach! Is gann a chreid mi an duine coir; agus cha mhò a theirinn gu’n cuireadh e nadur, no foghlum, no oilean a’ Bhreatunnaich ann an leanabh Africanach, ged rachadh a thogail a nall agus a chur ann an nead maighstir-sgoil no ministeir anns an duthaich so; oir, ged nach àicheidhinn gu’m faodar iomadh aon ’fhaighinn am measg nan daoine dubha a bhiodh a cheart cho comasach air sgoil a thogail rinn fein, cha n ’eil mi a’ meas gu bheil an coimeas idir ceart no freagarrach eadar ginealach a tha ann an dorchadas agus ann an aineolas fad choig mile bliadhna, agus muinntir mar tha sinne ann, a tha fad linntean a’ sealbhachadh airde mheadhon latha gach eolais aimsireil agus spioradail. Ma tha buaidh aig eolas agus fiosrachadh, agus cor agus suidheachadh an duine air dealbh agus cruth a’ chuirp cho math ri buaidhean na h-inntinn, cha b’ ann rè beatha aon duine a bu choir suil a bhi againn ris an aghartachd sin a chuireadh an t-Africanach bochd, ge b’e air bith cothroman a bheirteadh dha, air an aon ruith ruinne, a tha ag òl a stigh eolais agus gliocais as na ciada tobar o chionn iomadh linn.
AN GAIDHEAL, IV:44 (CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1875)

Cha’n urrainn do Bhreatuinn a radh gu bheil i cuibhteas an aimhreit ann an Africa fhathast. Tha righ no ceann-feadhna da’n ainm Kabha Rega [sic] a cur moran dragha air na daoine geala a nis o chionn fichead bliadhna no còrr, agus tha feachd Breatunnach an dràsd air falbh gus am tòrachd a thoirt a mach. Cha’n eil teagamh sam bith nach faigh iad buaidh, ach faodaidh gu’m bi iad gu math searbh dheth na daoine dubha mu’n toir iad fo chìs iad, oir tha iadsan aig an dachaidhean fèin agus eòlach air an duthaich, ’s tha na Breatunnaich cha mhor tur aineolach oirre.
MT, 2:40 (28 APRIL, 1894)

Tha Breatuinn ’s an Fhraing an dràsda car a mach air a chéile. Bha ’n Fhraing o chionn fhada feargach a thaobh Breatuinn a bhi ’ga deanamh fhéin cho làidir ann an Africa. Tha Breatuinn gach bliadhna a’ gabhail còir air raointean mora anns an dùthaich fharsuinn sin, agus tha an gnothnach a’ fàs coltach gu’m bi a’ chuid a’s motha de thir nan daoine dubha fo a riaghladh mu’n stad i. Tha ’n Eiphit anns an airde tuath, fo ’spoig o chionn àireamh bhliadhnachan; tha ’n àirde deas aice o chionn fhada; agus tha i a sior mheudachadh a criochan anns an àirde ’n iar. Cha’n eil aig an Fhraing mar sin ach a bhi deanamh air a son fhèin mar a dh’ fhaodas i, agus tha i a’ gabhail na cùise glè dhona. Bha i, a réir coltais, o chionn ghoirid, a’ bristeadh a stigh air criochan mhor-roinnean air a bheil Breatuinn ag agairt còir, agus tha sin an deigh corruich mhor a chur air an luchd-riaghlaidh ann an Lunnuinn. Tha iad a’ cur rompa nach leig iad leis an Fhraing a dhol na’s fhaide air adhart neo gu’m bi cogadh ann. Tha i ’n deigh a’ bhi cur conais orra cho fada ’s gu bheil iad air fàs seachd sgith dhith. Tha ’n da dhùthaich an drasda glé abuich gu cogadh; tha naimhdeas mor aig an da shluagh dha chéile, agus dheanadh ni glé shuarach an cur a gheurachadh an claidhmhnean. Tha dòchas co-dhiu gu’n teid an gnothuch thairis gu sitheil. Tha ’n saoghal fada gu leór air ais aig a cheart àm, ged nach tòisicheadh cogadh.
MT, 3:40 (6 APRIL, 1895)

Tha ceannairc air bristeadh a mach am measg nam Matabeles an ceann a deas Africa. Buinidh an dùthaich anns am bhéil iad do Bhreatuinn. Air an t-seachdain s’a chaidh thug buidheann mhor dhiubh garg ionnsuidh air feachd Breatunnach anns nach robh ach gann seachd fichead, ’g an cuartachadh gu h-iomlan. Chog na Breatunnaich gu treun agus ghearr iad rathad trompa, a marbhadh mu cheud gu leth dhiubh. Bha coignear de na Breatunnaich air am marbhadh agus sia deug air an leòn. Bha na daoine dubha air an deagh armachadh. Tha a’ cheannairc ’nam measg a sior sgaoileadh, agus tha e coltach gu’m bi iad gle dhraghail do na daoine geala a chuid a’s fhearr dhe’n t-samhradh.
MT, 4:41 (18 APRIL, 1896)
‘AN COGADH ANN AN AFRICA’
[…] Am feadh ’s a bha soirbheachadh mor anns an Staid Shaoir (Free State) [aig na Boerich], bha muinntir na Transbhaal a sior dhol uaithe o bhliadhna gu bliadhna. Bha aimhreit ’nam measg fhein a chionn nach robh iad toileach ceartas a dheanamh eadar duine agus duine. Bha iad mar an ceudna air thuar a bhith air an cur fo na casan leis na daoine dubha a bha cho lionmhor mu’n cuairt na duthchadh aca. Anns a’ bhliadhna 1877, an uair a chunnaic Breatunn gu’n robh iad cho lag ’s nach rachadh aca air na daoine dubha a chumail ’nan aite fhein, chaidh i anns an eadraiginn, agus an deigh dhi na daoine dubha a chur fo smachd, chuir i suas luchd-riaghlaidh cothromach agus ceart ann am Pretoria. […]
MT, 8:28 (19 IANUARAIDH, 1900)
Tha na daoine-dubha ann an Africa mu dheas anabarrach deònach air a dhol a chuideachadh an airm Bhreatunnaich an aghaidh nam Boereach, ach cha cheadaich Breatunn sin dhaibh, oir cha’n eil i air son daoine dubha chur don àraich an aghaidh dhaoine geala. A bharrachd air na Basutos agus na Zulus an Africa, tha moran de shaighdearan dubha aig Breatunn fhéin anns na h-Innsean, agus tha iad uile air bhoil gu faighinn do’n chogadh, ach cha chuirear ann iad air son an aobhair cheudna. Cha’n eil rioghachd eile air an t-saoghal a chumadh a cuid shaighdearan air ais o chogadh a chionn nach eil iad de’n aon dath craicinn ris na naimhdean.
MT, 8:38 (27 APRIL, 1900)
‘LITIR A AFRICA’
Tha sinn a toirt na litir so as an Highland News. Bha i air a sgriobhadh gu “FIONN” le “K. W. G;” [= Katherine Whyte Grant] agus tha sinn a’ meas gu’m bi e taitneach le luchd-gabhail MHIC-TALLA a’ leughadh, o’n tha moran innte-thaobh dùthaich mu’n robh iad a cluinntinn iomadh sgeul re an da mhios dheug mu dheireadh.
Port Elizabeth, C. C., Africa mu Dheas, 26 latha de Mhaigh, 1900.
MO CHARAID DILEAS,— Fhuair mi air tìr mu dheireadh, an déigh a bhi sea seachdainean ach aon latha air an fhairge. ’S beag fiughair a bh’ agadsa ’s agamsa ’n uair a dhealaich sinn ’an sràid an Dòchais, an déigh am feasgar a chur seachad le cuid de chinn-iùil nan Gaidheal, ag éisdeachd ri Coisir-Chiùil Eaglais Chaluim Chille, gu’n gabhadh e cho fada Ceap an Deadh Dhòchais a ruigheachd.
[…] Anns na bailtean, mar an ceudna, tha mùghadh mòr seach aig an tigh. Anns a bhaile so féin tha mu’n aon àireamh de dhaoine dubha ann ri daoine geala, air am measgadh air na sràidean mar a tha na cneumhaich ’s na faoilleannan an dail, as déigh a chroinn.
Cha do ghabh mi mòr-iongantas ochd cuing dhaimh fhaicinn na eadhoin fichead asal a tarruing aon chairt, ach cha robh fhios agam ciod a theirinn an uair a chunnaic mi daoine dubh a tarruing charbadan eutrom, le fir, na clann, na mnathan annta! Bha aon duine dubh a tarruing gach carbad. An aite bonneid, bha paidhir adhaircean air a cheann, léine geal boireannaich mar chòt’ air, agus brigis gheal chotain a ruig beagan thairis air a ghlùn.
Nam faiceadh an steud-each so duine ’dol ’san rathad air thoisicheadh e air bùirich, ’s air gabhail air gu’n robh e ’dol ’gam purradh leis na h-adhairceann; cha b’ fhada bhiodh so a fosgladh rathad réidh dha. Tha na daoine so cas-ruisgte, agus theirear nach ’eil dòigh eile na’s grinne na so air an taobh eile, theirear gu’m bheil e gu mòr a’ giorrachadh beatha nan daoine ’tha a tarruing a charbaid. ’S e ’their mise, gu’m bheil tuille meas agam air duine sam bith gu ’chur gu a leithid de obair.
MT, 9:6 (10 OGUST, 1900)
‘Imrich nam Boerach’
THA sgeul air tighinn gu bheil càirdean nam Boerach a’ dol a thoirt oidhirp air a chuid sin dhiubh a tha gu ruige so a’ seasamh a mach an aghaidh Bhreatuinn a thoirt air imrich do na Staidean. B’ i ’n dòigh air an gabhadh sia deanamh an toirt nan grunnan beaga troimh dhùthaich eile gu muir, far am biodh longan g’ am feitheamh gus an aiseag thar a’ chuain. Cha ’n eagal gu ’n cuireadh Breatunn dragh sam bith orra aon uair ’s gu ’m fàgadh iad a criochan féin. ’S ann a bhiodh i taingeil faighinn cuidhteas iad, agus ghuidheadh i soirbheachadh leotha. Rachadh an suidheachadh, a reir sgeòil, ann an Texas, far am bheil am fearann ’s an t-sìde gle choltach ri fearann is sìde an dùthcha féin. Ach bhiodh aon ni an sin nach còrdadh riutha: dh’ fheumadh iad obair a dheanamh. Ann an Africa bhiodh na daoine dubha ’deanamh na h-obrach gu h-iomlan, ’s cha robh annta-san ach luchd-seilg agus luchd amharc thairis. Ach ma tha daoine dubha ann an Texas, cha bhi iad ’nan tràillean do na Boerich, agus cha ’n oibrich iad gun tuarasdal. Bhiodh sin gle chruaidh leis na Boerich, ’s a cheud dol a mach, ach cha ’n eil teagamh nach fàsadh iad cleachdte ris ri ùine. Bha an sinnsirean anns an Olaint ’nan sluagh cho dìchiollach ’s cho math air obair ’sa bha ’s an Roinn-Eòrpa. ’S ann an deigh dhaibh a dhol do Africa mu dheas ’s a fhuair iad na daoine dubha fo cheannsal ’s a chur a dh’ obair a thug iad fa-near gu ’m b’ fhearr an t socair.
MT, 10:25 (23 FEBRUARAIDH, 1902)
c) Eileanan Caraibeach

‘DUTHCHANNAN CEIN’
[…] Tha aon de dh’eileanan nan Innsean an Iar (Hayti) a tha fo uachdranachd nan daoine dubha. ’Se comh-fhlaitheachd a th’ aca, agus tha ceann-suidhe air a thaghadh leis an t-sluagh mar tha ceann-suidhe nan Staitean Aonaichte. Tha fear-ionaid aig na Staitean anns an eilean sin mar tha aig gach rioghachd us duthaich eile. Dh’fhiadhaich ceann-suidhe Hayti (da’n ainm Hypolite) fear-ionaid nan Staitean (da’n ainm Smythe) gu dhinneir maille ris, ach cha rachadh an duine spaideil sin ann, no taing, a chionn gum bu dhuine dubh am fear eile! Cha’n fhaod a bhith nach toir Cleveland air an duine ud tilleadh dhachaidh cho luath ’sa ghiulanas smuid us uisg e.
MT, 2:30 (17 FEBUARIDH, 1894)
Chaidh Gaidheal araidh gu Iamaica o chionn beagan bhliadhnachan. Ràinig e Baile an Righ gu sàbhailte agus ’nuair a bha an long air acair anns a’ chala, tháinig moran bhataichean mu timchioll a chum na muinntir a thoirt gu tir. Chuir an Gàidheal a threallaich air bòrd bàta anns an robh dà dhune dhubh, agus rinn e suidhe maille riu. Bha a’ Ghàidhlig aig fir a’ bhata, ach cha robh fios aig a’ Ghàidheal air sin gus ’n do thòisich iad air bruidhinn ri cheile ann an canain nam beann. Ghabh e mòran iongantais, agus shaoil e gu ’m bu Ghaidheil a bha annta. Dh’ amhairc e orra car ùine agus mu dheireadh dh’ fhoighnich e ri aon diubh, an robh e fada anns an dùthaich sin. Fhreagair an duine dubh, “Mu thimchioll sia miosan.” “Sia miosan” ars an Gàidheal, le guth eagalach; “Sia miosan agus thu dubh a cheana! thoir air ais a dh’ionnsuidh na luinge mi. Cha bu toigh leam m’ aodann a bhi cho dubh ri sin, ged a gheibhinn de rum agus de shiùcar na bha riamh ann an Iamaica.”
MT, 4:17 (2 NOBHEMBER, 1895)
‘Na h-Innsean an Iar.’
BUINIDH àireamh mhath de dh’ eileanan nan Innsean an Iar do Bhreatuinn. Tha àireamh mhath de dhaoine geala a còmhnuidh annta, agus àireamh moran a’s motha de dhaoine dubha. Is i ’n aon obair leis am bheil iad uile deanamh an beòlainte deanamh an t-siùcair. B’ àbhaist margadh math a bhi aca do’n cuid siùcair ann am Breatuinn, agus anns na làithean sin, bha iad sona, soirbheachail. Ach o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, tha an Fhraing ’s a’ Ghearmailt a’ deanamh moran siùcair, agus ga chur air margaidhean Bhreatuinn cho saor ’s nach urrainn muinntir nan Innsean an Iar an cuid siùcair a chreic le probhaid sam bith. Tha so ag aobharachadh moran mi-thoileachaidh anns na h-eileanan; bha iad o àm gu àm ag iarraidh air an Riaghladh Bhreatunnach cuideachadh a dheanamh leotha, ach gu ruige so cha d’ fhuair iad cuideachadh a dh’ fhoghainn. Tha so a’ toirt orra bhi bruidhinn air falbh bho chrùn Bhreatuinn agus aonadh ris na Staidean. Ach an sin tha iad air an roinn an aghaidh a cheile, dubh is geal. Tha na daoine geala, a reir an t-seanachais, deònach gu leòr dol a staigh ris na Staidean. Tha iad a’ faicinn an t-soirbheachaidh ’s an fhàis a thainig air Puerto Rico ri linn dha bhi air a thoirt fo ’n bhrataich reultaich, agus tha iad am barail gu ’n tigeadh an soirbheachadh ’s am fàs ceudna air an eileanan fein na ’n rachadh iad a staigh. Tha iad cuideachd a call an dòchais gu’n dean Breatunn leasachadh sam bith air an staid; oir ged is iomadh deagh bhuaidh a tha air an dùthaich mhàthaireil, bha i riamh ainmeil air son cho mall ’s a ghluaiseadh i ann an cùis dhe ’n t-seòrsa so, agus tha na h-Innsean an Iar na duthaich cho òg ’s nach d’ ionnsaich an luchd-àiteachaidh fhathast an leasan a tha air a theagasg ’san t-seanfhacal: “Gu ’m faigh foighidinn furtachd.” Is e so suidheachadh inntinn nan daoine geala. Tha na daoine dubha, air an laimh eile gle choma dhe na Staidean. Tha iad a’ cluinntinn mar thatar a buntainn ris na daoine dubha anns na Staidean a deas, ga ’n crochadh ’s ga ’n losgadh gun chùirt, gun lagh, agus tha eagal orra nach biodh am beatha ’s an coirichean fein cho tearuinte fo ’n bhrataich reultaich ’s a bhiodh iad fo ’n bhrataich chroiseagaich. Bhiodh iadsan air an aobhar sin gu h-aontachail an aghaidh dol fo riaghladh nan Staidean. Tha buidheann eile anns na h-eileanan a tha gabhail a stigh moran de ’n da bhuidhinn a dh’ainmicheadh, ’sa tha dhe’n bharail gum b’e ’n seòl a b’fhearr dhaibh dol a stigh ri Canada. Le margadh Chanada, a bhiodh mar sin air fhosgladh dhaibh, thigeadh fàs is soirbheachadh orra nach biodh fad air deireadh air na b’urrainn na Staidean a bhuileachadh orra, agus ghleidheadh iad aig a’ cheart àm gach reachd a fhuair iad o Bhreatuinn leis am biodh beatha ’s cuid an duine dhuibh air a dhion ’s air a choimhead a cheart cho cùramach agus cho cinnteach ri beatha ’s cuid an duine ghil.
MT, 11:4 (5 SEPTEMBER, 1902)
d) Astràilia
‘MAR A CHUMAR BEO A’ GHAIDHLIG’
[…] A nis their mi so ri gach neach a tha deigheil air a cumail beo, “Cum an sluagh a tha ’g a bruidhinn beo agus ri ’cheile; na leig doibh a bhi air an sgapadh do gach cearna d’ an t-saoghal; cum sgoilean ’n am measg; oileanaich iad agus tuinicheadh iad le ’cheile agus cha teid a’ Ghaidhlig bas.” Cha ’n ’eil mi a’ciallachadh an cumail an Gaidhealtachd Albainn, ’s mi nach ’eil; tha tuilleadh ’s a’ choir de bhochdainn ann, ach ’s e ’tha mi ’ciallachadh, an fheadhainn a tha deigheil air a cumail air mhaireann, gu ’n deanadh iad doigh gu’m biodh na Gaidheil a dh’ fhagas an duthaich cruinnichte anns an aon tir far an gnathaich iad an canain fein. Shaoilinn na ’m biodh na Gaidheil “gualainn ri gualainn” mar a bha iad ri linn nan Roimheach aig a’ Mhonadh-Gharbh gu ’n rachadh aca air Tuineachas (Colony) a chur air aghart doibh fein far am biodh a’ Ghaidhlig air a steidheachadh mar chainnt na duthcha; far am biodh am Parlamaid ’s an Cuirtean-lagha a’ labhairt na Gaidhlig; far am biodh am marsanta a’ cumail a leabhraichean ’s a’ chainnt cheudna; far an ionnsaicheadh iad an cuid cloinne anns gach foghlum agus ealaidh ann an cainnt bhrioghmhor nan Gaidheal.
[…] Aon ni their mi agus is e so e, ma chuireas sibh air aghart Cuideachd Tuineachas nan Gaidheal (a Gaelic Colonizing Company), agus gu ’n sgaoil sibh an sgeul feadh nan duthchanaibh so, tha mi ’smaointeachadh nach bi Gaidheil Australia air deireadh gu comhnadh a dheanamh ribh,—co dhiubh, am fear nach deanadh, cha b’ fhiach e Gaidheal a radh ris agus bu mhath an airidh ged a dheantadh traill dheth uile laithean a bheatha! Na ’n deanadh iad a suas cuideachd chuirinn f’an comhair gu ’m bheil eilean aig ceann tuath Australia a tha mile de mhiltean air fad agus tri chiad mile air leud, a bhuineas do Bhreatunn, anns nach ’eil neach ach daoine dubha, fiadhaich, ach a tha a reir gach cunntais a fhuair sinn fior reachdmhor ann an talamh agus ann am mèinean. Theagamh gu ’n tugadh an uachdaranachd doibh e, agus bhiodh farsuingeachd gu leoir aig na Gaidheil gu fas lionmhor ann.
Tha mi an dochas gu ’n tog sibhse ar guth ’s an aobhar o-n ’s ann agaibh a ’s fearr comas labhairt. Co-dhuinidh mi an sgriobhadh so le guidhe gu ’n eirich gu math dhuibh anns an oidheirp a tha sibh a’ toirt air leas nan Gaidheal a chur air ’aghaidh.—Is mi ur caraid dileas,
D. B.
Australia,
Ciad mhios na bliadhna, 1873.
AN GAIDHEAL, 11:15 (CEUD MHIOS AN T-SAMHRAIDH, 1873)
e) Sealainn Nuadh agus Poilinèis
‘IAIN WILLIAMS AGUS AN DUINE DUBH.’
A GHAIDHEIL GHASDA, — Tha fhios gu ro mhaith agaibhse gur iomadh ni aincheartach agus cleachdainn sgreamhail a chi na Soisgeulaich am measg dhaoine borba ann an duthchaibh cein. Ma shaoileas sibh gur airidh an sgeul beag a leanas air oisinn d’ an Ghaidheal, theagamh gu ’n cuir mi criomag eile d ’ur n-ionnsaidh ’n uair a ruigeas mo chothrom air.
Is mi, &c.,
J. W.
Lag-na-h-abhunn,
An Fheill Micheil, 1874.Tha an Soisgeulaiche, Iain Williams, ’n a leabhar, “Missionary Enterprises,” [A Narrative of Missionary Enterprises in the South Seas (1837)] ag innseadh, air dha bhi ’g obair air togail bàta gu ’n do dhi-chuimhnich e air latha araidh a’ chearnag (square) a thoirt leis gu ’aite oibre. Ghairm e air duine dubh easgaidh, furachail, agus thug e dha sliseag air an do sgriobh e ciod a bha dhìth air ’s thuirt e ris dol le sin gu bean an t-Soisgeulaiche. Sheall an duine bochd air le tarcuis ag radh, “Nach meas i gur fior amadan mi a’ dol ’g a h-ionnsaidh le sliseig?” “Cha mheas, cha mheas, tha an t-sliseag gu innseadh ciod a tha dhìth orm.” “Cha ’n ’eil beul no cainnt aice, ’s cia mar a dh’innseas i sin?” “Bi ’falbh,” ars’ an Soisgeulaiche, “agus greas ort.” “Agus ciod a their mi rithe?” “Cha ruig thu leis diog a radh, ach an t-sliseag a shineadh dhi.” Dh’ fhalbh an duine dubh agus thug e an t-sliseag a dh-ionnsaidh bean an t-Soisgeulaiche. An uair a sheall i air an t-sliseig, thilg i air an urlar i; dh’ fhosgail i a’ chiste-acfhuinn, agus thug i dha a’ chearnag. “Cia mar,” ars’ esan, “a tha fhios agus gur e sin a tha dhìth air?” “Dh’ innis an t-sliseag e,” ars’ ise. “Ma ta,” ars’ esan, “bha mise ag eisdeachd gu furachail ’s cha chuala mi i ag radh smid.” “Ach chuala mise i, agus bi ’falbh; tha e ga d’ fheitheamh.” Thog e leis an t-sliseag agus chum e suas ’n a laimh i fein ’s a’ chearnag, a’ glaodhaich ris gach neach a choinnicheadh e, “Faicibh gliocas nan daoine geala, bheir iad air na sliseagan labhairt agus an gnothaichean ’innseadh!” Fhuair e sreang agus chroch e an t-sliseag m’ a mhuineal, ’g a giùlan car uine fhada, agus ’g a nochdadh mar an t-ioghnadh a bu mhò air an cual’ e riabh iomradh.
Faic agus tuig so, a dhuine. Gheibhear gu tric do charaid a’s fearr, agus do namhaid a’s miosa annad fein.
AN GAIDHEAL, 3:34 (CIAD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1874)
‘AN T-EASBUIG SELWYN’ (Le IAIN ROTHACH).
[…] Dh’ innis mi cheana mu na Maories, gu robh iad nan daoine làidir, deante, agus neo-chumanta tapaidh, agus gleusda air son sealltuinn an deigh an gnothuich féin. Tha comunn ann an Lunnainn. “Luchd-dion nan Innseanach agus nan daoine dubha,” a tha deanamh an uile dhichioll air na Maories agus daoine fiadhaich eile a challdachadh. Bha ceud luchd-àiteach Bhreatuinn nan daoine mòra fiadhaich, itheadh a chéile mar bha Maories. Le bhi air an co mheasgachadh le sluagh dhùthchannan eile dh’ fhàs na Breatunnaich nan sluagh foghainteach mar tha iad an diugh. Co aige tha fios na’m biodh na Maories air an calldachadh, nach tigeadh iad gu bhi nan sluagh tuigseach tapaidh, mar an ceudna? ’Nuair a thainig na daoine geala do’n dùthaich an toiseach, bha na Maories cha lionmhor ’s gu feumadh iad a bhi glé sheòlta air son a bhi sitheil riutha. Bha marsantan, daoine inbheach eile, agus iasgairean nam mucan-mara a’ gabhail còmhnuill anns an dùthaich gun bhacail sam bith. Seòladairean agus daoine bochda eile, bha na Maories ag itheadh! Bha iad a faicinn feum air na marsantan, bha tlachd mòr aca dhe’n cuid bathair, ach cha robh iad a’ faicinn feum id[ir] anns na daoine bochda, agus mar sin bha iad a’ deanamh feum dhiubh! Bha na marsantan agus an fheadhain eile a gabhail mhnathan de na Maories thuca féin, agus, ’nuair a thainig an luchd-teagaisg, agus an t-Easbuig Selwyn am measg chàch, thug iad a h-uile misneach dhaibh na pòsaidhean sin a chumail air adhart, an dùil gu’m biodh an sliochd ni b’ fhearr na Maories féin. Ach cha do thionndaidh an sliochd sin a mach cho math ’sa bha iad an dòchas. Tha cuid de na leth-chaistich (half-castes) nan daoine measail, ach tha chuid a’s mò dhiubh air atharrachadh sin, lan de’n olc. Thug iad bho’n aithrichean geala gach droch bhuaidh a bh’orra, agus cha d’thug iad math sam bith bho ’m màthraichean dubha. Tha na boirionniach leth-chaisteach gle bhriagha, agus tlachdmhor, ach cha’n eil iad idir cho math ’s bu choir dhaibh a bhi. Agus le innse na firinn cha d’ thug na daoine geala eiseamplair a b’ fhearr dhaibh. […]
MT, 4:31 (8 FEBRUARAIDH, 1896)
4. Tràilleachd

Anns a’ bhliadhna 1834 dhaingnich a’ Phàrlamaid Reachd leis an robh na Daoine Dubha ’bha ’n an tràillibh ’s na h-Innsibh a ’s iar air an cur gu bràth saor o fhòirneirt ’us ain-tighearnas an luchd-sàrachaidh. Bha ’n Reachd maith so gu bhi air a chur ’an gniomh o ’n cheud là de cheud mhìos an fhoghair. Ach ’an àite na Daoine Dubh’ a’ leigeadh air an gurt féin, gun neach a’ sealltuinn as an déigh, bha ’n t-Achd a’ solarachadh gu ’m feumadh gach aon diubh fantuinn còmhladh ’ri ’mhaighstir, mar fhòghluide ré thrì no cheithir bliadhna, agus a bhi ’n ceann seirbhis dà fhichead uair ’s a cuig de thìm ’s an t-seachduin. A chum ’s nach fuilingeadh neach sam bith air son an Achd oircheasaich ud a bhi air a dhaingneachadh dh’ aontaich a’ Phàrlamaid ri fichead muillean Punnd Sasunnach a’ phàigheadh do na maighistiribh [*] air son an saorsainn a thoirt do na tràillibh.
Aonghas Mac Coinnich, Eachdraidh na h-Alba (Glascho: G. Mac-na-Ceardadh, 1867), td 454. [* Faodaidh tu tuilleadh fhaighinn a-mach mu cò a fhuair an t-airgead-dìolaidh seo – agus mar sin, cò a tha fhathast a’ faighinn buannachd às – leis a’ mhapa seo a rinn rannsaichean aig UCL.]
~~~
Airson tuilleadh air a’ chuspair seo, faic: Michael Newton, ‘“Did you hear about the Gaelic-speaking African?”: Scottish Gaelic Folklore about Identity in North America’, Comparative American Studies 8:2 (2010), 88-106.
T. MacAilpein


