
Dh’atharraich Rèabhlaid Mhòr na Frainge eachdraidh na Roinn-Eòrpa, agus eachdraidh an t-saoghail. Tha a mac-talla, mar gum b’ eadh, ri cluinntinn chun an latha an-diugh. Anns na bliadhnaichean 1848 agus 1849 bha deagh adhbhar aig Gàidheil sgrìobhadh mu deidhinn air sgàth ’s gun robh an Fhraing agus an Roinn-Eòrpa nam boil le rèabhlaidean ùra, a bha coltach ris a’ chiad tè agus a’ feuchainn ri a cuid ghealltanasan a choileanadh ann an linn ùr. Anns na teacsaichean 1 agus 2 gu h-ìseal, tha eachdraidh ghoirid ann air an Rèabhlaid Mhòir gus mìneachadh a dhèanamh air na bha a’ tachairt aig an àm. Agus tha faireachdainn ann gun robh na bha i a’ riochdachadh – a cuid phrionnsabalan, amasan, agus mhearachdan – cunnartach. Tha fhathast!
’S e an -Urr. Alasdair MacGriogair, fon ainm-phinn ‘Sgiathanach’ (faic am bonn-nòta an seo), a sgrìobh an dàrna teacsa, agus tha deagh theans gum b’ e a sgrìobh a’ chiad fhear cuideachd – agus e a’ gabhail a-steach corra phuing eile ach gu math coltach. Foillsichte ann an iris Ghàidhlig Eaglais na h-Alba, Fear-tathaich nam Beann, tha na cunntasan seo loma-làn ideòlais. Cha mhòr nach eil an Rèabhlaid Mhòr air a lùghdachadh gu marbhadh an rìgh. Tha a h-uile rud a thachair ron sin, na gluasadan mòra iongantach am measg a’ mhòr-shluaigh air an seachnadh gu h-ìre mhòr. Tha còir againn truas a ghabhail ris an teaghlach rìoghail, fearg a bhith againn airson mar a chaidh an làimhseachadh. Ach na mìltean mòra a dh’fhulaing ’s a bhàsaich san Fhraing gun dùil ri atharrachadh sam bith nan càradh? Mar a b’ àbhaist, do an leithid de sgrìobhadairean cràbhaidh bha fòirneart an t-sluaigh bhrùite tòrr na bu mhiosa na fòirneart rìghrean agus a’ chlas-riaghlaidh.
Tha an treas teacsa an seo rudeigin eadar-dhealaichte. ’S e tha ann earrann bheag bho Eachdraidh na h-Alba (1867) aig Aonghas MacCoinnich. Cha deach a sgrìobhadh air adhbharan poileataigeach ach airson co-theacsa eachdraidheil a thoirt seachad do na cogaidhean san robh Breatann an sàs bho na 1790an air adhart. Ged a tha MacCoinnich dìleas don chrùn Bhreatannach – agus mar sin, don t-seòrsa siostaim riaghlaidh sin san fharsaingeachd – tha e beagan nas cothromaiche na chunntas air an rèabhlaid. Tha e ag aithneachadh, mar eisimpleir, gun robh eisimpleir is gairm dheamocratach na Frainge a’ bagradh air na seann rìoghachdan eile san Roinn-Eòrpa, agus gum b’ e sin a b’ adhbhar gun do dh’fheuch iad ri cur às don riaghaltas rèabhlaideach. Tha e cuideachd dhen bheachd gum bu dòcha nach biodh an Fhraing air slighe cho fòirneartach, riaslach a ghabhail rè na rèabhlaid mura b’ e gun tug cha mhòr a h-uile dùthaich dlùth rithe ionnsaigh oirre.
Gu h-inntinneach, tha an aon fhacal a’ togail ceann airson bruidhinn mun ghuillotine ann an diofar theacsaichean: ‘an ealag’, an chopping block. Agus tha facal àraid aig MacCoinnich air rèabhlaid: ‘rìgh-chuairt’. Tha sin, ge-tà, mì-iomchaidh agus e a’ cur an cèill atharrachadh ann an luchd-riaghlaidh, rìghrean fiù ’s, seach an seòrsa cruth-atharrachaidh shòisealta a chunnacas ann an rèabhlaidean na Frainge agus Aimeireaga.
~~~
- Criomag bho ‘NAIGHEACHDAN’, gun urra. Fear-tathaich nam Beann, Àireamh III. (An Treas Mìos, 1848), 122-123.
Bho’n àm ud (1588) gu 1790 – ’s e sin car dà cheud bliadhna, bha ’n seòrsa ud air rìgh-chathair na Frainge, a’ faghuinn maith as olc an t-saoghail mar a bha Rìghrean eile. Ach an sin – bho cheann dlùth air trì fichead bliadhna, dh-éirich bruaillean mòr am measg an t-shluaigh. Bha droch sdiùradh ’ga dheanadh orra gun teagamh; agus bha féum aig mòran nithean an ath-leasachadh. Ach an àite so a thoirt mu’n cuairt gu riaghailteach, reusanta ’s ann a dh-éirich iad a dh-aon fheachd – mhort iad an Rìgh, Louis XVI. ’s bhliadhna 1792. Air an ath-bhliadhna mhòrt iad a Bhan-righinn Marie Antoinette [–] boirionnach co maiseach am pearsa, co màlda a’m béus, agus co gramail an inntinn agus a shuidh ach ainmic riamh air cathair rìoghail – agus chuir iad a suas nàdur de riaghladh ùr far an robh an uachdranachd an laimh beagan de ’n t-shluagh air an taghadh leis a’ mhòr mhuinntir.
Chuireadh e crith air an fhear a’s dalma – bheireadh e tiomadh air a’ chridhe a’s cruaidhe – chuireadh e gairisinn air gach càil, a’ bhi ’mion bheachdachadh air eachdraidh na Frainge aig an ám ud. Cha robh ach spùinneadh us creachadh air gach nì, agus mort air gach neach – cha robh ach fuil ’ga taomadh mar uisge gach là – am mì-bhéus a bu ghràineile, agus an an-diadhachd ’s an toibheum a b’ uamhasaiche an aghaidh Dhé. Bha daoine a’ riaghladh aig an àm so ris an gann an urrainnear daoine ’ràdh – bha iad co fuileachd, gharg – dìreach mar na eoin-dubha ’o shean, nach blaiseadh ach fuil agus a dh-fheumadh an fhuil theith gach là. ’S iad Robspierre, Danton, agus Marat ainmean nan uile-bheistean so. B’ iad slaid, as mòrt an ceaird, agus am fearas-chuideachd; agus r’ an linn chaidh gach eaglais a spùinneadh – chaidh an t-Shàbaid a chur as – chaidh aoradh do’n Dia bheò, agus fhìor a thoirmeasg ’sa bhacadh do gach duine – chaidh bith Dhé àicheadh gu léir: agus – nì sgreamhail – chaidh droch bhoirionnach a’ chur a suas an làthair na’m mìltean mar dhealbh air a’ bhan-dia do’n robh daoine ri aoradh a’ thabhairt. Thug Dia thairis an sluagh dona, cuthaich so gu an anamianaibh féin; agus car bhliadhnachan, bha cor na rìoghachd truagh thar cainnt, no smaoine.

Fa dheireadh, ’sa bhliadhna 1802, thog an duine ro iongantach, cumhachdach, agus éuchdach sin Napoleon Bonaparte a cheann, agus chuir e an Fhraing fo smachd féin. ’S aithne do ’r luchd-léughaidh cionnas a’ rinneadh esan na inneal, an laimh an Tighearna, gus an Roinn-Eòrpa a smachdachadh. ’S aithne dhoibh gu’n robh e ’na aobhar ann an cur as do mhòran mhuilleinean de ’cho-chréutairean – gu’n d’ fhàg e na mìltean fàrdach falamh, fàs – gu’n d’ fhàg e na muilleinean bànntr[a]ch dubhach, déurach – na muilleinean dìlleachdan dìobrach, ànrach. Agus is aithne dhoibh cionnas, fa dheireadh, mar gu’m biodh an Tighearna a’ dearbhadh dhà-san agus do’n t-saoghal, nach robh ann ach inneal a mhàin – nach robh neart, no cumhachd ann féin – a thugadh buaidh air le ’naimhdean, agus a bha an duine uaibhreach, àrdanach, mòralach so – leis nach foghnadh na bu lugha na smachd an t-saoghail, air a chuibhreachadh, ’s air a chùbadh ’an Eilein cian, creagach St. Heléna, far, ann am meadhon a’ chuain[,] an d-fhuair e am bàs – fada bho armailt ’s bho shlòigh – “aonaranach, fànn gun treòir.” […]
2. ‘EACHDRAIDH GHOIRID MU CHOGANNA NA FRAINGE – MORTADH LOUIS XVI. EARRANN I.’
Fear-tathaich nam Beann. Àireamh XVI. (An Ceathramh Mìos, 1849), 491-494.
THA ’N Fhraing na dùthaich mhaiseach agus tharbhach. Bheannaich am freasdal i le fearann tarbhach, agus le sìonta taitneach, air chor is gu’m bheil gach pòr, toradh, agus meas, a ta freagarrach air son maith duine agus ainmhidh a’ fàs innte ann am mòr phailteas. Tha àireamh sluaigh na rioghachd so anabarrach mòr. Aig an àm a tha làthair cha lugha e na dà fhichead muillein anam, ged is do thuigsinn an àireamh a chuireadh gu bàs air an àr-fhaich anns gach linn. Bha na Frangaich ’n an sluagh a bha riamh luaineach, neo-fhoisneach agus fuileachdach. Bha iad gu minic air an riaghladh le righrean comharraichte air son an an-tighearnais agus an glòir mhiann; agus a bha caoin-shuarrach ciod a dheanadh iad chum an toil féin a riarachadh. Bha ’n sluagh gu minic air an sàrachadh air an dòigh so, agus air an co’-éigneachadh chum cìsean a’ chogaidh a dheanamh suas, agus rùintean nan àrd-uachdaran aca a choimh-lionadh, ged nach biodh sgillinn de’n t-saoghal aca ’na dhéigh, chum iad féin agus an teaghlaichean a bheathachadh. Mar biodh iad umhal, agus ’n an tràillean d’an uachdaranaibh dalma, dheantadh géur-leamhuinn [sic] orra le bhi ’g an druideadh suas am prìosanaibh, far nach faiceadh sùil caraid iad, no feudaidh e bhi, gu’n rachadh an tilgeadh, no’n crochadh gun iochd, no gun tròcair air bith. Air an dòigh so, bha eagal tràilleil orra roimh ainm an rìgh, agus air dhoibh a bhi air an cumail fo chìs, agus ann an aineolas air [s]aorsa fior-ghlan, cha robh bacadh sam bith ’ga chur air na rìghrean aca, gu deanadh mar a b’àill leò. Bha iad a’ teachd beò ann an lùchairtean greadhnach – air an cuairteachadh le daoine làn seòltachd agus miodail, agus eadhon air am brosnachadh le luchd-sainnt a chum an sluagh a chlaoidh agus a shàrachadh.
Dh’fhuiling na Frangaich gun teagamh iomadh cruadail fo smachdachadh nan an-tighearn a bha os an ceann, ré iomadh linn, agus strìochd iad do chumhachd nan sagart agus nan uachdaran a bha ’gan truailleadh le doille-inntinn agus aineolas; ach mu dheireadh, bhris iad a mach le buaireas eagallach, agus nochd iad am mi-rùn an aghaidh rìgh nach robh air chor sam bith toiltinneach, mar rìghrean eile, air an gàmhlas agus an naimhdeas.
Anns a’ bhliadhna 1793 mhort iad Rìgh Louis XVI. air mhodh ro ghoirisneach agus an-iochdmhor. Bha ’n rìgh so ’na dhuine ciùin, iochdmhor, agus teò-chridheach, a rinn na b’ urrainn e air son leas a shluaigh, chum am fàgail sìtheil agus sona. Rinn a’ Bhan-righinn aige an ni ceudna – Mairie Antoinette, nighean Iompaire na Gearmailt – boirionnach ro mhaiseach, ro chiùin agus cheanalta ’na giùlan. An toiseach chum an sluagh a mach gu’n robh iad anabarrach riaraichte leis an Rìgh agus leis a’ Bhan-righinn; agus bha dùil aig na h-uile gu’n sealbhaicheadh an Fhraing sìth agus suaimhneas, agus gu’m biodh gach àrd agus iosal sona.
Ach, am measg an t-sluaigh, bha mòran aingidh, stéidhichte air aimhreit’, agus aig nach tlachd [sic] sam bith, aon chuid de dheadh-ghniomharan an rìgh, no de shonas nan iochdaran aige. Bha sùil aig na daoine so ris an dùthaich a riaghaladh iad féin, agus iad féin a dheanamh saoibhir le cuid nan daoine bochda. Chum na crìche so, bhrosnaich iad an sluagh aineolach chum buaireas a dheanamh, le bhi ’cur ’an céill doibh a’ bhuannachd mhòr a bhiodh e do’n Fhraing, an rìgh agus a theaghlach a chur air falbh, agus a lùchairtean agus a shaoibhreas a roinn air na bochdan.
Bha deadh-fhios aig an rìgh air na nithe a bha na ceannaircich aingidh so a’ miannachadh, agus dh’fhéudadh e an cur ’an làimh air son an droch-bheirt; ach bha e sèimh agus bàigheil ’na inntinn, agus co gràineil air eadhon fuil nan ciontach féin a dhórtadh, is gu’n d’fhan e ’na lùchairt féin, gun ni sam bith a dheanamh ’n an aghaidh, gus an do thàlaidh iad na saighdearan gu bhi air an taobh féin. Mu dheireadh, air da a chunnart féin fhaicinn, chuir e roimhe ni-éigin a dheanamh, a chum e féin a dhìonadh o ribeachan a naimhdean – ach mo thruaighe! cha b’ fhada gus an do mhothaich e dìomhanas a rùintean; oir chunnaic e gu’n robh a naimhdean ro lìonmhor, agus a chàirdean ro thearc. Bha ’n staid anns an robh an rìgh a nis ro dhéistinneach agus muladach. Gun charaid, gun chuideachadh, gun chomas teicheadh, bha e da-rìreadh ’na chulaidh-thruais. Dh’fhan beagan shaighdearan dìleas maille ris anns an lùchairt, ach mhortadh iad uile a’ dìonadh nan dorsan, agus cha robh ni sam bith tuilleadh gu na mortairean cruaidh-chridheach a chumail air an ais o’n rìgh. Léum iad a steach d’a sheòmar, air an armadh le clàidhean, agus dagachan, agus seas [sic] iad mar dhaoine ’an riochd dheamhan fa chomhair na cuideachd rìoghail. An déidh beagan mhionaidean spìon iad leò an rìgh, a bhan-righinn, am prìonns’ òg, agus a phiuthar, agus ghreas iad air falbh leò a dh’ionnsuidh seann Dùn salach, fuar, ann am Pàris, ris an abradh iad an Teampull, agus ghlais iad suas iad air leth ann an tuill-dhubha, far nach fhaiceadh iad a chéile! Cha d’thug iad dhoibh ach biadh agus deoch nach robh fallain, agus cha do cheadaich iad dhoibh atharrachadh éudaich no anairt! Mar so, dh’fhàgadh iad-san leis am bu ghnà a bhi air an cuairteachadh le mòran sheirbhiseach agus luchd-frithealaidh ann an lùchairt àlainn, air an druideadh suas ann am prìosan oillteil, gun lòn, gun sgeadachadh, no gun ghoireas sam bith eile freagarrach d’an inbh’ agus d’an staid!
An uair a chual athair na ban-righinn na cùisean a thachair bha mòr-chorruich air ris na Frangaich air son an dìol a rinn iad air a nighinn, air a combanach, agus air a dithis chloinne. Bha, mar an ceudna corruich air ach beag uile chumhachdan eile na Roinn-Eòrpa, air son an ni cheudna. Chuir cuid de na cumhachdan sin rompa cogadh a ghairm an aghaidh na Fringe air son saorsa do’n rìgh. Chuir ceannardan seòlta nam Frangach, an céill, air an làimh eile, nach robh a chr[i]dh’ aig cumhachd sam bith eile dol ’san eadarginn idir, chum iadsan a bhacadh o’n toil féin a dheanamh ri’n rìgh féin. Gidheadh, ghairmeadh cogadh, agus chuireadh cathanna fuilteach, ach an déidh sin uile bha gamhlas nam Frangach an aghaidh an rìgh a’ fàs ni bu treise agus ni bu treise. Shlaod iad a mach as a’ phrìosan e, chuir iad dèuchainn air mar chiontach, dhìt iad e gu bàs! An déigh dhoibh bìnn a bhàis a thoirt a mach, chuir iad air ais do’n Teampull e chum beannachd a ghabhail le ’mhnaoi, ’chuid cloinne, agus le a phiuthair féin a’ Bhan-phrionnsa Elisabet, a bha mar an ceudna ’na prìosanach maille ris an teaghlach rìoghail. Aig ochd uairean ’s an fheasgar, thugadh cead do na prìosanaich rìoghail dol a dh’amharc an rìgh. Bu mhuladach da rìreadh an coinneachadh a bha ’n sin. Chròdh iad mu’n cuairt do’n rìgh, agus ré tamuill cha b’ urrainn aon de na bha làthair fiù lide a labhairt. Ghuil iad maraon gu frasach, agus cha b’ ioghnadh e. Ghiùlain an rìgh e féin gu ciùin agus gu misneachail. Thug e comhfhurtachd mar a b’fhearr a dh’fhaod e d’a mhnaoi, agus d’a dhithis chloinne; agus thubhairt e riu, an uair a bhiodh esan air a chur gu bàs, nach biodh leisgeul aig an t-sluagh iadsan a chumail ni b’ fhaide ’s a’ phrìosan ach gu’m faigheadh iad an saorsa. Thubhairt e ri ’mhac, a bha ’na bhalachan eireachdail mu sheachd blaidhna ’dh’aois, gu’n gabhadh na Frangaich aithreachas air son an aingidheachd, agus gu’n cuireadh iad esan fathasd air righ-chathair athar féin; agus thug e sparradh teann dha, na’n tachradh sin, gu’m féumadh e maitheanas a thoirt do’n t-sluagh a thugadh air seachran le riaghalairean aingidh, agus gun dìoghaltas sam bith a dheanamh air son bàis ’athar. Ghuil agus ghuil a’ bhan-righinn agus a clann, agus ann am meadhon an caoidh, chaidh na saighdearan a stigh, agus dhealach iad o chéile an rìgh agus a theaghlach! Is ann air éigin a spìon iad a mach am prionns’ òg agus a phiuthar, a rinn greim cruaidh air an athair gràdhach, agus leis nach b’ àill idir idir dealachadh ris.
Air an ath mhaduin, thugadh an rìgh a mach a dh’ionnsuidh na sràide, agus thug iad an carbad e gu béul’aobh a lùchairt féin. ’An sin bha’n t-inneal air a chur suas air an robh e gu bàsachadh, agus air dha dìreadh suas air a ghnè chroiche a rinneadh air a shon, thòisich e gu stòlda air labhairt ris an t-sluagh. Thugadh àithne na drumaichean a bhualadh chum ’s nach cluinneadh am mòr-shluagh a bha làthair briathran an rìgh. Ach cha do chuir sin esan ’na thosd, oir thubhairt e le guth àrd, “Tha mi ’bàsachadh gu tur neochiontach de gach éucoir a chuireadh as mo leth. Tha mi ’toirt maitheanais dhoibhsan a’s coireach ri m’ bhàs; agus tha mi ’guidhe air an Tì a’s àirde nach agrar m’ fhuil-sa gu bràth air an Fhraing.” An sin chuireadh an rìgh ’na shìneadh le amhaich air ealaig – ghrad thuit an tuadh-mhòr, ghéur a bha’n crochadh gu h-àrd, agus ann am priobadh na sùla, dhealaicheadh ceann agus coluinn an rìgh o chéile. Thachair so air 21 là de’n cheud mhìosa na bliadhna 1793.
Shaoileadh neach gu’n riaraicheadh am mortadh so gamhlas nan daoine aingidh ’bu choireach ris. Cha b’ann mar sin a bha ’chùis, gidheadh, oir rinn iad an dìol ceudna air a’ Bha[n]-righinn. Cha do ghabh iad truas rithe air son a maise, a h-inbhe, no a déuran; ach air an 16 là de mhìosa mu dheireadh an fhoghair’ an déigh sin, thug iad an ceann dh’i, ceart mar a rinn iad air an rìgh, agus anns an àite cheudna. Air an 20 là de cheud mhìos an ath shamhraidh chuir iad gu bàs, air a’ cheart dòigh a’ Bhan-phrionnsa Elisabet, piuthar an rìgh. Bhuin iad air mhodh ni bu chruaidh-chridhiche ris a’ phrionns’ òg, na ri ’phàrantaibh; oir cha d’thug iad as a’ phrìosan e, chum cur as da air ball, ach dhùin iad suas e mìos ’an déigh mìosa ann an ganntar eagallach gun solus, far an do chrìon e air falbh am measg salachair, gus an do bhàsaich e! Bha e ’na bhalachan tuigseach, foighidinneach, agus tha e na ni goirisneach r’a smuaineachadh gu’m buineadh créutairean sam bith, ann an riochd dhaoine, air an dòigh so ri leanabh neo-chiontach! Bha ’n obair so ni’s cosmhuile ri gniomh dheamhan na ri gniomh dhaoine. Thugadh a’ bhan-phrionnsa do na h-Austrianaich ann am malairt air son phrìosanach eile, agus mar sin thàr ise ’na h-aonar de’n teaghlach as le ’beatha.
Mar so chuir na Franga[i]ch gu bàs Louis XVI., agus le sin a dheanamh choisinn iad dhoibh féin mì-ghean gach cumhachd agus rioghachd a chual’ iomradh air an-iochd ’s an cruadhas-cridhe. Bha iad an sin gun righ, gun riaghailt, agus thòisich mortadh agus aimhreitean de gach gnè ’n am measg, a dh’fhàg an Fhraing ’na dùthaich da-rìreadh eagallach, agus a bha ’nan aobhar do iomadh cath fuilteach an déigh sin.
SGIATHANACH
3. Earrann bho Chaibideal XLV, ‘SEORAS III.’
Aonghas Mac Coinnich, Eachdraidh na h-Alba anns a’ Bheil Gearr-iomradh air na Nithibh is Cudthromaich’ a Thachair ’s an Rioghachd, o na Ceud Linnibh, gu Meadhon an Naoidheamh Linn Deug (Glascho: G. Mac-na-Ceardadh, 1867), tdd 426-428.
Bha sìth aig Breatunn, ’s’feudar a ràdh aig an Roinn-Eòrpa o nàisgeadh an t-sìth ri America gus an do thòisich an iorghail mhòr ’san Fhraing ’s a’ bhliadhna 1789. Bha iochdarana na rìoghachd sin gu robh mhòr air am fòirneartachadh le ain tighearnas an luchd riaghlaidh ré ùine fhada roimhe sud. Ach air a’ bhliadhna so dh’ éirich luchd àiteachaidh na tìre le chéil’ ’an aghaidh an luchd riaghlaidh, nan daoine mòra, ’s tighernan an fhearainn ; agus mar thuil a sguabas roimpe gach gàradh ’us comhara crìch’ a bhios ’na rathad, thilg iad bun os ceann na h-uile gnè ùghdarrais aimsireil ’us spioradail ’s an rìoghachd ; roinn iad am fearann ’us dreuchdan fa leth na rìoghachd mar a thogair iad, ’s cha bu dàna le rìgh no ridir a ràdh gu’m b’ olc. ’S e ’s dòcha gu’m biodh na Frangaich air an cùisean a’ chur air seòl le ni éigin de chéill ’s de riaghailt ’n uair a dh’ fhalbhadh cuthach’ ’us boil na fòirneirt diùbh, na ’m biodh iad air am fàgail dhoibh féin gu sin a dheanamh. Ach mar a ghabh rìghrean ’us luchd riaghlaidh eile na Roinn-Eòrpa mòr eagal gu’n éireadh an cuid iochdarana féin air an dòigh cheudn’ ’an ceannairc, ’s ann a dh’fheumadh cuid diùbh a dhol ’s an eadraigin gu gnothuichean na Fraing’ aiseag gu an ceud staid. Chaidh Impire Austria, ’s rìgh Phrusia ’an comh-bhoinn air son an aobhair so, ’s chruinnich iad feachd cumhachdach leis an do bhris iad a steach air taobh deas na Frainge. ’N uair a thuig na Frangaich an t-aobhar mu ’n robh ’mòr shluagh ud a’ tighinn ’n an aghaidh, thàinig am bànaidh buileach orra. Cha ’n earbadh iad gnothuch cudthromach sam bith ris an rìgh no ri ’luchd comhairle ; ’s thug iad uaith’ am faileas de chumhachd a bha iad air fhàgail aige. Chuir iad dheth ’n chaithir buileach e, ’s dhruid iad suas ’am prìosan e; ’s an ùine glé ghoirid thog ’us dh’armaich ’us dh’iunnsaich iad àireamh shaighdearan leis an do sgiùrs iad air falbh am Prusianach ’s an t-Austrianach o ’n crìochaibh, ’s an do ruith iad thairis air na ceàrnaibh tuathach de ’n Roinn-Eòrpa ris an abrar an Tìr-iochdrach. Thug iad aig an àm cheudna fiadhachadh do na h-uile sluagh ’s an Roinn-Eòrp’ a bha sgìth dheth an luchd-riaghlaidh, iad a dh’ éiridh ’n an aghaidh ’s gu’n cuidicheadh iadsan iad. ’N uair a bha ’n cuid armailtean a’ ruith troimh ’n Tìr-iochdraich, dh’fhosgail iad seòladaireachd na h-aimhne Scheld, a bha Breatunn air gealltuinn a chumail dùint’ ’am fàbhar na h-Olaind. Ghabh Breatunn so mar leth-sgeul air son cogadh a chur an céill ’an aghaidh na Frainge. Air an aonamh là fichead de threas mìos a’ gheamhraidh, 1793, thàinig an Rìgh-chuairt Fhrangach gu a h-àirde le iad a thoirt ceann an rìgh, Luthais XVI., thun na h-ealaig. Chuireadh an sin mòran gu bàs tre an-amharus iad a bhi air taobh an rìgh. Bha na h-uile rìoghachd ’s an Roinn-Eòrp’ a nis a’ cogadh an aghaidh na Fraing ach a trì. Bha ’n rìoghachd sin car tamuill a’ fàilneachadh ’na comas féin dhìonaidh ri aghaidh na bha ’n sud de nàimhdean. Ach air do phàirtidh bu ghniomhaiche riaghladh na dùthcha fhaotainn, fo threòrachadh Robespierre ainmeil, thog na Frangaich orra; ’s dh’fhàs iad co dealasach ’s gu’n robh na nàimhdean a’ teicheadh rompa air gach làimh. Chuir cùirt Bhreatuinn armailt a null do ’n Tìr-iochdraich a chuideachadh nan Gearmailteach ’an aghaidh nam Frangach; ach cha robh coimh-réit’ iomchuidh a’ measg luchd stiùiridh an airm, ’s cha robh seasamh aca ris na Frangaich. B’ éigin an t-arm Breatunnach a thoirt air ais do Shasunn. Bha ’n càbhlach Breatunnach a’ deanamh sgathaidh eagalaich air luingeas chogaidh nam Frangach, ach air tìr bha na Frangaich mar bu tric’ a’ buadhachadh. Agus anns a’ bhliadhna 1795 tharruing Tuscani, Prusia, agus an Spàinn air falbh o’n chomh-bhoinn ’an aghaidh na Frainge. Bha gainne mhòr ’am Breatunn air a’ bhliadhna so; ’s bha ’n cogadh a’ meudachadh prìs gach seòrsa bìdh. Bha muinntir Shasuinn gu h-àraidh air an dorranachadh co mòr le so, ’s gu ’n tug mòran diùbh ionnsuidh air inneal-siubhail an rìgh ’n uair a bha e a’ dol a dh’fhosgladh na Pàrlamaid, air son e bhi ’leantuinn air a’ chogadh ’s iad gu bàsachadh le gorta.

