Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (2): An robh Tòmas Paine ann an Gàidhlig?

 

Chòrdadh e rium glan ‘Còirichean an Duine’ no Rights of Man (1791/1792), le Tòmas Paine (1737-1809), a leughadh ann an Gàidhlig. No, gu dearbh, sìon sam bith leis an t-sàr rèabhlaideach dheamocratach seo. B’ fhada bho chuala mi gun deach Gàidhlig a chur air Rights of Man – no, aig a’ char as lugha, gun deach beachdan Paine a sgaoileadh air a’ Ghàidhealtachd sna 1790an air adhart. Leughaidh sinn, mar eisimpleir, na leanas:

Immediately banned as seditious, it [The Rights of Man] was openly hawked in Scottish cities and was translated into Gàidhlig and sold in great numbers throughout A’ Ghàidhealtachd.

Peter Berresford Ellis and Seumas Mac a’ Ghobhainn, The Radical Rising: The Scottish Insurrection of 1820 (Edinburgh: Birlinn Ltd., 2016 [1970]), [tdd 54-55].

Agus, cuideachd, le James D. Young:

In the face of formidable difficulties, artisans, weavers, peasants and grieves in the Lowlands and in the Highlands read the writings of Tom Paine and agitated for a new division of property, though the barrier of language must have weakened communication between them.

James D. Young, The Rousing of the Scottish Working Class 1774-2008 (Glasgow: Clydeside Press, 2009 [Eagran Ùr. A’ chiad Eagran, 1979], td. 17.

Tha iomraidhean den aon seòrsa rin lorg ann an àitichean eile an siud ’s an seo, agus ann an clasaigean sgrìobhadh-eachdraidh na làimh-chlì. (1)

Chìthear gu bheil na thuirt Young rudeigin dà-sheaghach. Dh’fhaodadh nach robh e a’ ciallachadh gun robh eadar-theangachadh Gàidhlig ann air sgrìobhaidhean Thòmais Paine, ach ’s e mìneachadh reusanta a bhiodh ann a sin agus e a’ dèanamh luaidh air crìochan cànanach. Tha Berresford Ellis agus Mac a’ Ghobhainn gu math nas cinntiche: bha Rights of Man fhèin ann an Gàidhlig, agus chaidh a sgaoileadh – agus a leughadh no a leughadh a-mach – fad is farsaing air a’ Ghàidhealtachd.

Gu mì-fhortanach, chan eil tùs aig leabhar seach leabhar airson an fhiosrachaidh seo. (2) Bhiodh adhbhar aca a leithid a sgrìobhadh. Dè bha ann? Às aonais thùsan earbsach, co-theacs is breithneachadh, tha coltas air an dà às-iomradh gun robh na h-ùghdaran beagan ro dhealasach, ro èasgaidh an argamaid-sa a dhèanamh. (3) Nas anmoiche, chan eil eachdraichean eile, leithid Iain Fraser Grigor, deònach a ràdh ach gun robh fathannan ann gun robh an leabhar ann an Gàidhlig mun àm. (4)

An seo, bu mhath leam cuid de na tùsan as earbsaiche, a tha sgapte san litreachas, a thrusadh a tha a’ cumail a-mach gun robh tionndadh Gàidhlig ann de Rights of Man. Tha ùidh agam cuideachd ann am fiosrachadh sam bith mu litreachas radaigeach nan 1790an am measg nan Gàidheal, ann an Gàidhlig no Beurla. An uair sin, bheir mi seachad breithneachadh goirid air an fhianais.

(A)

A writer in the Scots Magazine for October, 1792, remarked that the “keeness of political inquiry, which for a long time seemed to be confined to England, has now reached this northern clime” ; and, referring to the effect produced by the writings of Burke and Paine, he said that “one half of the people seem to have become politically mad.” Not only amongst the weavers of Dundee and Paisley, but in remote rural districts Paine’s Rights of Man found many readers. A Dumfriesshire baronet, writing to the Duke of Buccleuch,[*] said that a twopenny abridgement of this pamphlet was “in the hands of almost every countryman”; and, with a view to enlightening the Highlanders, it was translated into Gaelic.

William Law Mathieson, The Awakening of Scotland: A History from 1747 to 1797 (Glasgow: James Maclehose and Sons, 1910), tdd 123-124. Mo chuideam.

[*] ’S e am bonn-nòta a tha aig Mathieson: ‘Letter of Sir Wm. MAXWELL, Nov. 19, 1792, MS. Record Office.’ A rèir Brian Bonnyman, seo ‘NRS GD224/31/6/17, Sir William Maxwell [Springkell, 1789-92] to Duke [of Buccleuch], 19 Nov. 1792’. (5)

Tha an litir bho Maxwell bho bhliadhna nuair a bha Rights of Man, na dhà phàirt, dìreach air fhoillseachadh agus ga chuairteachadh gu luath am measg dhaoine. Chaidh an dàrna pàirt a chur ann an clò sa Ghearran 1792. Tha fios againn gun robh Maxwell a-mach air ceannairc ann an Siorrachd Dhùn Phris san litir. Tha e gu math inntinneach gun do dh’ainmich e giorrachadh dà sgillinn dhen leabhar a bhiodh daoine cumanta comasach air ceannach, agus gu bheil e cho mionaideach agus a ràdh gum b’ e siud a chaidh a chur ann an Gàidhlig.

Ach, tha sinn feumach air an litir fhèin fhaicinn gu h-iomlan seach às-iomradh san dàrna litreachas. Ciamar a bha fios aig Maxwell ann an Siorrachd Dhùn Phrìs mu eadar-theangachadh Gàidhlig? Am faca e fhèin e? No ciamar a fhuair e am fiosrachadh seo? Bhiodh ceist orm cuideachd an urrainn dhuinn earbsa a chur ann an daoine gun Ghàidhlig a bhith a’ tuigsinn gu dè dha-rìribh a bha ann an teacsa sa chànan.

(B)

In Dr. W. L. Mathieson’s recently published book the Awakening of Scotland, p. 124, the statement is made that Paine’s Rights of Man was translated into Gaelic and distributed in the North. This statement cannot be verified for the good reason that the book was not published. If it were published it is not at all likely that a book which caused such commotion in the English-speaking world would have been unknown in the Highlands. Copies of the English edition, however, circulated as far north as Stornoway. But it is interesting to record that on 16th October 1824, Thomas Hardy, formerly Secretary of the London Corresponding Society, wrote to Francis Place, the well-known reformer, as follows: ‘At the same time you will receive a copy of the Declarations of Rights of Men and Citizens adopted by the National Convention of France, 23rd June 1793, translated into Gaelic by the Rev. Dr. Shaw, and printed at my expense. Some of the copies have lain by me for many years, it has now become a curiosity.’ – (Place’s Collection, British Museum; addl. MSS., No. 27816 F. 233.) This hitherto unknown Gaelic work cannot be found among Place’s collection. Yet in view of Hardy’s direct and clear statement it is impossible to doubt that the translation was effected, though probably never circulated. The translator, ‘Dr.’ Shaw, is in all probability the Rev. William Shaw (1749-1831), the lexicographer and grammarian. But Shaw, though an M.A. of Glasgow and B.D. of Cambridge, is not known to have been a Doctor of Divinity, Medicine, or Law.  […] It should be noted that Paine co-operated with Condorcet in drawing up the famous Declaration.

Rev. Donald Maclean, The Literature of the Scottish Gael (Edinburgh & London: William Hodge and Company, 1912), tdd 35-37. Mo chuideam.

Dà bhliadhna às dèidh William Law Mathieson tha an t-Urr. Dòmhnall MacGillEathain a’ cur na puing a thog e, stèidhichte air litir Maxwell, ann an teagamh. Chan eil na h-argamaidean aige cho làidir, ge-tà. Cha robh an leabhar foillsichte ann an Gàidhlig? Nach fhaodadh leabhar a bhith foillsichte agus a dhol air chall? Agus cha b’ e an leabhar fhèin, gu h-iomlan, mu bheil sinn a’ bruidhinn, a rèir Maxwell, ach tionndadh Gàidhlig air leabhran beag a bha na ghiorrachadh air an leabhar. Rachadh a leithid air chall gu furasta, gu mì-fhortanach. Agus b’ e teacsa cunnartach a bha seo. Chaidh a thoirmeasg leis an riaghaltas agus ’s e deagh adhbhar a bhiodh ann an sin airson a chleith no a sgrios.

Air sgàth sin, agus air sgàth ’s nach robh an aon chultar litearra, poileataigeach, no traidisean de bhuidhnean eagraichte air a’ Ghàidhealtachd, bhiodh seo uile ag obrachadh an aghaidh an t-seòrsa buairidh a bhith ann ’s a bha air a’ Ghalltachd. …Air neo, dh’fhaodadh nach robh e ann a-riamh.

Tha an Leathannach a’ toirt seachad corra phìos inntinneach eile de dh’fhiosrachadh. Bha an dreach Beurla de Rights of Man air Steòrnabhagh a ruigsinn! Chan eil tùs aige airson seo, ach thathas a’ dèiligeadh ris ann an (E).

Agus tha litir ann bho Thòmas Hardy (1752-1832), an Radaigeach Albannach a stèidhich agus a bha na rùnaire air an London Corresponding Society, ag innse gun deach eadar-theangachadh Gàidhlig a dhèanamh air fear de phrìomh theacsaichean na Rèabhlaid Fhrangaich, Foirgheall air Còirichean an Duine agus an t-Saoranaich (1793). Chan e a-mhàin sin ach gun robh lethbhreacan fhathast aige, ged nach eil iad ann tuilleadh. ’S e fianais làidir a tha seo, agus tha am barail aig MacGillEathain gum b’ e an t-Urr. Uilleam Seathach (1749-1831) a rinn an tionndadh so-chreidsinneach. Rinn am facladair is sgoilear imrich a Lunnainn agus dh’fhaodadh gun robh e eòlach air Hardy.

Carson a sgrìobh MacGillEathain nach robh e coltach gun deach an teacsa a chuairteachadh? Thuirt Hardy gun robh cuid dhe na copaidhean fhathast aige, agus gun robh e a-nis na annas (curiosity) – ach cha bhitheadh e anns na 1790an, nuair a b’ e teacsa math, pongail a bh’ ann airson an adhbhair Radaigich. Chan eil fhios againn, ach tha teans ann gun deach a chur gu feum. Sin, agus gu bheil fianais an eadar-theangachaidh fhèin ga fhàgail beagan nas fhasa smaoineachadh gun rachadh teacsaichean eile a chur ann an Gàidhlig aig an àm.

Cha robh gnothach aig Paine no Condorcet ann a bhith a’ sgrìobhadh Foirgheall 1793, ge-tà! B’ e leasachadh a bha ann air Foirgheall 1789, agus b’ e Marie-Jean Hérault de Séchelles, a rèir coltais, a sgrìobh a’ mhòr-chuid dheth.

(C)

[Blenheim, November 26th, 1792]
Lord H. Spencer to Lord Auckland 

[…] Mackintosh, who is just returned from a tour in the Highlands of Scotland, and who, by the bye, is much altered in his principles, assured several persons at Oxford that he found Paine’s books, translated into Erse, in the hands of all the common people. He found it generally read by all the manufacturers at Manchester, and I know, from good authority, that it made its appearance not long ago in the Welsh language.

SPENCER

The Journal and Correspondence of William, Lord Auckland, Vol. II (London: Richard Bentley, 1861), td. 469. Mo chuideam.

Seo an dàrna pìos fianais bho na 1790an a tha a’ cur an cèill gun robh eadar-theangachadh Gàidhlig ann air sgrìobhaidhean Paine. Nach eil e inntinneach gur ann faisg air an aon àm, a rèir coltais, a tha na tùsan seo: chuireadh litir Mhorair Spencer (ach a’ phuing bhuntainneach stèidhichte air na thuirt Mac an Tòisich bho chionn ghoirid) san t-Samhain 1792, mar a chuireadh litir Maxwell ann an (A). Co-thuiteamas?

Tha e na laigse gur e fiosrachadh dàrna-làimh a tha againn an seo. Cha b’ e Spencer a chunnaic tionndadh Gàidhlig sam bith. Cò bha ann am ‘Mackintosh’? Tha mi an ìre mhath cinnteach gum b’ e a bha ann Sir Seumas Mac an Tòisich (Sir James Mackintosh, 1765-1832), à Allt Dobharaidh. Na sgoilear, ball-pàrlamaid, agus eachdraiche, ’s e deagh ùghdarras a bhiodh ann air buaidh Paine air a’ Ghàidhealtachd. Dh’fhaodadh gun robh tuigse air choireigin aige air a’ Ghàidhlig leis gun deach a thogail air an tuath an iar-dheas air Inbhir Nis – ach ann an teaghlach de dh’uaislean. A bharrachd air sin, bha e fhèin an toiseach air taic mhòr a chur ri Rèabhlaid na Frainge, agus air a dìon gu làidir an aghaidh Edmund Burke ann an Vindiciae Gallicae: A Defence of the French Revolution and its English Admirers (1791). Leabhar, ma-thà, a tha gu math coltach ri Rights of Man, gu sònraichte Pàirt 1. Bha cuid dhen bheachd gun robh e fiù ’s na b’ fheàrr! Ach mar a lean an rèabhlaid oirre agus a dh’fhàs i na bu dàna, na b’ fhòirneartaiche, tharraing Mac an Tòisich a thaic bhuaipe. Cho fad ’s as fiosrach leam, cha do dh’fhoillsich e fhèin sìon mu sgrìobhaidhean Paine, ann an Gàidhlig no Beurla, air a’ Ghàidhealtachd.

Corra phuing eile. Tha fios gum b’ e Gàidhlig a bha ann an ‘Erse’ an seo ann an co-theacs na Gàidhealtachd Albannaich. Ach càite gu dìreach? ’S e ‘Paine’s books’ san iolra a tha sgrìobhte, ach tha an seantans às dèidh sin a’ bruidhinn air leabhar singilte. Feumaidh ’s gum b’ e Rights of Man a bha seo, an leabhar ùr, ainmeil aig Paine a bha a’ dian-sgaoileadh aig an àm. Am b’ e leabhran giorraichte a bha ann dhen teacsa, no de phàirt dhen teacsa? Agus tha ceist mhath eile aig Alexander Murdoch: ‘Was this supposed translation “into Erse” a printed edition or were English editions being read aloud in translation?’. (6) Mar a tha mise a’ leughadh an iomraidh ghoirid seo a tha nas coltaiche gu bheil e a’ ciallachadh gum b’ e eagran eadar-theangaichte a bha ann air, co-dhiù, giorrachadh no earrannan de Rights of Man. Ach, tha Murdoch a’ comharrachadh mìneachadh reusanta eile air a bhrìgh.

(D)

[Convention Hall, 28th November, 1793]

The minutes of this days’s sitting, close with a variety of motions ; and amongst others the following, by citizen ***, and seconded by citizen ***, “That a fund be raised by subscription for defraying the expense of small patriotic publications to be distributed in the Highlands. Every publication shall bear the figure of a Highland man in full dress, with target and broad sword, to attract the attention of Highlandmen. No publication to cost more than half a penny.”

[…]

[Convention Hall, first year of the British Convention, 29th Nov. Anno Domini 1793. – Tenth Day’s Sitting.]

It was stated by the secretary, that a citizen from London was present, who was to give 5l. 5s. to the convention, when a collection should be made for enlightening the Highlanders. The thanks of the house was unanimously given to the before-mentioned patriots for their donations.

William Cobbett, deas., The Parliamentary History of England from the Earliest Period to the Year 1803, Vol. XXXI (1794-1795) (London: Printed by T.C. Hansard, 1818), tdd 850-851. Mo chuideam.

Rinn James D. Young luaidh air an tùs thogarrach seo anns an eagran ùr den Rousing of the Scottish Working Class (2009), td. 24. ’S e a tha againn às-iomraidhean bho Chunntasan air Còmhdhail Choitcheann Charaidean nan Daoine, .i. The Friends of the People, a choinnich ann an Dùn Èideann san t-Samhain 1793. B’ e seo an Treas Còmhdhail, no ‘a’ Chòmhdhail Bhreatannach’ – agus bha teachdairean ann à Sasainn, fiù ’s a’ stiùireadh chùisean gu h-ìre, mar a rinn Maurice Margarot is Joseph Gerrald, leis gun robh na ceannardan Albannach uile, leithid Thòmais Muir, air an cur an grèim mar-thà.

Tha an tuairisg seo a’ dearbhadh gun robh ùidh aig luchd-leasachaidh poileataigeach ann am muinntir na Gàidhealtachd sna 1790an, agus ann a bhith a’ cur fhoillseachaidhean thuca. Bha iad gu soilleir feumach air soillseachadh poileataigeach. Ach, tha fios againn cuideachd gun robh teachdairean ann bhon Ghàidhealtachd aig a’ chòmhdhail. San aon chunntas tha e ag innse, ‘The number of delegates amounted to 180; some of them came even from so far as Cromartie’ (Cobbett, deas., Parliamentary, td. 854, mo chuideam). B’ e sgìre Ghallta a bha ann an Cromba, san Eilean Dubh, bho chionn fhada. Dh’fhaodadh gun tàinig teachdairean eile bho, can, Inbhir Nis, no bailtean eile air a’ chrìch. Bha co-dhiù aon Ghàidheal an làthair a’ chòmhdhail seo: an t-Urr. Niall Dùghlas (agus barrachd mu dheidhinn-san ann am brath-bloga eile).

Tha an rùn a’ comharrachadh gur e leabhrain ghoirid, shaora a bhiodh ann. Chan eil fhios againn dè bhiodh nam broinn – earrannan le Paine? geàrr-chunntasan air gnìomhan nan Caraidean? Am biodh iad air oidhirp a dhèanamh cuid de na foillseachaidhean beaga a chur ann an Gàidhlig? Air sgàth ’s nach eil an cànan ainmichte, agus gu bheil eisimpleir bho 1794 air propaganda do shaighdearan Gàidhealach (mar a chìthear san ath bhrath-bloga) ann am Beurla, dh’fhaodadh nach b’ ann an Gàidhlig a bhiodh iad.

’S e sealladh àraid a tha seo. Bhiomaid an dùil gum biodh buidhnean poileataigeach eile aig ìre ionadail ann am meadhan na h-Alba air rudan dhen aon seòrsa a dhèanamh sna 1790an: a’ cuideachadh a chèile gus foillseachaidhean a sgaoileadh, an toirt seachad do luchd-aithne a bheireadh dhachaidh iad. A-rithist, bhiodh e gu math na b’ fhasa teacsaichean Beurla a chur gu feum san iomairt seo seach eadar-theangachadh ’s clò-bhualadh fa leth. Tha coltas soirbheachail air a’ chruinneachadh airgid aig a’ Chòmhdhail, ach chan aithne dhuinn dè dh’èirich don phròiseact. Chaidh stad a chur air a’ choinneimh leis an riaghaltas, agus chuireadh na ceannardan an grèim.

Dhrùidh an t-iomradh seo, agus an tuairisgeul air Gàidheal gaisgeil na èideadh, le claidheamh is targaid, air James D. Young gu mòr. Dh’iarr e air a charaid, Alasdair Gray nach maireann, dealbh fhreagarrach a dhèanamh. Agus b’ e sin a nochd air còmhdach an eagrain ùir den Rousing of the Scottish Working Class.

The Rousing of the Scottish Working Class

(E)

Seaforth mentioned that even in remote Stornoway handbills had been distributed and pasted up urging the people to meet to discuss ‘the inflammatory cant of the day’, while copies of Paine’s Rights of Man and other similar works had arrived in the town unordered — ‘and God knows by whom’.

Kenneth J. Logue, Popular Disturbances in Scotland, 1780-1815 (Edinburgh: J. Donald, 1979), td. 119. Mo chuideam.

’S e an tùs a chleachd Logue an seo: ‘Baillies of Inverness to Hector Munro, 9 April 1793. Home Office Correspondence (Scotland) RH 2/4/70, ff175-178’. (7)

Gu h-inntinneach, tha Diana Henderson a’ ceangal an tachartais seo ri fear eile ann an Sgìr’ Ùige, Leòdhas. Ann a sin, bha an aon eisimpleir a tha againn, a rèir coltais, air daoine a chruinnich gus cur an aghaidh trusadh don arm. As t-earrach 1793 – mun aon àm ri litreachas Paine is Radaigeach a bhith a’ nochdadh ann an Steòrnabhagh – chruinnich mu 300 duine, a’ gealltainn gun seasadh iad còmhla agus gum bagradh iad air trusaiche sam bith a thigeadh don sgìre às leth an airm. Bha na fir seo air am piobrachadh le gearanan bho shaighdearan san 78mh Rèisimeid (Na Sìophortaich) a bha air tilleadh às na h-Innseachan mun droch shuidheachadh a bha aca thall, agus bho na beachdan Radaigeach a bha gan togail ann an Leòdhas aig an àm. ‘It was believed too that the men in Uig had been incited by men from Greenock and Inverness […].’ (8)

Tha Logue – an turas-sa na thràchdas PhD – cuideachd a’ bruidhinn air ceithir làithean de dh’aimhreit a bha ann an Inbhir Nis, a’ tòiseachadh 4 Giblean 1793. Chuir gràisg stad air luchd de ghràn a bha gus seòladh a dh’Inbhir Ghrainnse. Ach cha b’ e gainnead bìdh am prìomh ghearan a bha aca, a rèir coltais:

The Magistrates had their own explanation for the disturbance […]. Their assertion was that shortage of provisions was only a pretext, since the meal market had not sold more than twenty bolls in the last five days, not enough to keep all those who were in the crowds for one day:–

Paine’s Book it is now known has been very industriously circulated among the          Lower Class of our people and its damnable Doctrines eagerly embraced by                them. Of Liberty and Equality they are constantly talking and of making laws              and fixing prices on every necessary of Life. [170]

Kenneth John Logue, ‘Popular Disturbances in Scotland, 1790–1815’ (Tràchdas PhD Neo-fhoillsichte, Oilthigh Dhùn Èideann, 1977), tdd 61-62. An tùs (170): ‘H.O. Corr., RH2/4/70, f.177v., Bailies of Inverness to Sir Hector Munro’.

Tha an dà thùs airson sgrìobhaidhean Paine (agus aig Radaigich eile) a bhith ann an Inbhir Nis agus Steòrnabhagh earbsach, làidir – aibheiseachadh nan ùghdarrasan ann no às. Tha e so-chreidsinneach gum biodh ceanglaichean aig Grianaig – baile le cuibhreann math de Ghàidheil air a’ Ghalltachd – agus Inbhir Nis ri Steòrnabhagh, no ri bailtean eile; gum biodh lìonra ann a dh’aisigeadh beachdan is litreachas, agus a bhiodh comasach air gluasad eadar Galltachd is Gàidhealtachd. Bheirear fainear nach deach luaidh sam bith a dhèanamh air cànan nam foillseachaidhean anns gach eisimpleir. ’S e Beurla(-Ghallta) a bhiodh aig muinntir Inbhir Nis, ged a bhiodh a’ Ghàidhlig bitheanta cuideachd. Nan robh gin dhen litreachas cheannairceach ann an Steòrnabhagh ann an Gàidhlig nach b’ fhiach sin a thogail? Agus saoil an robh bailtean eile air a’ Ghàidhealtachd dhan do ràinig Paine is Deamocrasaidh san aon dòigh?

Co-dhùnaidhean

San t-18mh linn, bha litearrachd bitheanta agus aig ìre àrd am measg dhaoine cumanta air Galltachd na h-Alba. Dh’fhaodadh nach robh àite eile san t-saoghal aig an àm aig an robh mòr-shluagh cho foghlamaichte (9) – air sgàth sgoiltean sgìreil, leabharlannan agus a’ chultair de dh’fhèin-fhoghlam. Bha fèill mhòr dha-rìribh air foillseachaidhean radaigeach aig breabadairean is luchd-obrach eile, agus chaidh aithris gun robh na mìltean de lethbhreacan de Rights of Man (ann an cruth air choireigin) gan reic ann am meadhan na h-Alba mu dheireadh 1792. (10)

Tha fios gun robh an suidheachadh gu tur eadar-dhealaichte air a’ Ghàidhealtachd. Cha robh ach a’ mhion-chuid de dhaoine comasach air leughadh – ann an Gàidhlig no Beurla. A’ bruidhinn air aithisg air cor foghlaim na Gàidhealtachd ann an 1822, tha Charles Withers ag innse mar a bu treasa a’ Ghàidhlig ann an sgìre b’ ann a bu mhotha a bha neo-litearrachd. (11)  San aon aithisg chaidh a ràdh nach robh leughadh ach aig mu 50% de dhaoine os cionn 8 bliadhna a dh’aois, agus nach robh e aig mu 70% de dhaoine os cionn 8 bliadhna a dh’aois anns na h-eileanan agus air taobh an iar Shiorrachd Rois is Inbhir Nis. (12) Bha sin fhèin carthannach na mheasadh, agus bhiodh an suidheachadh na bu mhiosa anns na 1790an.

Bhiodh laigse na litearrachd air a’ Ghàidhealtachd – agus, mar sin, neart a’ chultair bheul-aithrisich – a’ cruthachadh chnapan-starra mòra do sgaoileadh theacsaichean. Ann an dòigh nach eil follaiseach uaireannan san dàrna litreachas, feumaidh sinn smaoineachadh air a’ cho-theacsa seo, agus air ceistean sòiseo-chànanach eile, ann a bhith a’ mìneachadh nan tùsan gu h-àrd.

Ann an ceann a deas, no taobh an ear na Gàidhealtachd – àitichean leithid Inbhir Nis no Cromba, a chaidh ainmeachadh roimhe – bhiodh làthaireachd na Beurla agus tomhais na bu mhotha de litearrachd a’ cruthachadh suidheachadh na bu choltaiche ris na bha anns a’ Mhachair-Ghallta. Bhiodh diofaran sgìreil ann cuideachd, a bharrachd air iomallachd agus ceanglaichean ris an fhìor-Ghàidhealtachd. Ann an tòrr mòr dhen Ghàidhealtachd, gu sònraichte san taobh an iar agus sna h-eileanan, bhiodh dìth na Beurla agus litearrachd air cuideam a chur air eadar-mheadhanairean: a’ mhion-chuid de dhaoine a bha comasach air teacsaichean Beurla bhon taobh a-muigh a leughadh agus a mhìneachadh do luchd-èisteachd ann an Gàidhlig. Tha fios againn gun robh seo cumanta san 18mh agus 19mh linn. Mar eisimpleir, tha Tòmas Pennant ag innse mu 1769 gun robh muinntir na Gàidhealtachd ‘most curious after the politics of the world, and when they can procure an old newspaper, will listen to it with all the avidity of Shakespeare’s blacksmith’. (13) Nach biodh ùidh aca ann a bhith a’ leughadh teacsa bho na h-ath-leasaichean, mu na bha a’ tachairt anns an Fhraing bho 1789an agus mu radaigeachd anns na bailtean?

A’ cumail seo air chuimhne, dè tha na tùsan ag innse dhuinn? An toiseach, tha e gu math eu-coltach gun deach Gàidhlig a-riamh a chur air Rights of Man, mar leabhar slàn. Chan eil ach dà thùs – litir Maxwell (A), agus litir Spencer (C) –  a’ cumail a-mach gu soilleir gun robh dreach Gàidhlig ann dhen leabhar. Ach tha (A) ag ràdh gum b’ e leabhran giorraichte, saor a bha ann. B’ urrainnear (C) a chleachdadh mar fhianais gun robh an leabhar air fad air eadar-theangachadh, ach a rèir na tha a’ cur an cèill dh’fhaodadh gun robh e a-mach air giorrachadh cuideachd. Tha e eu-coltach air adhbharan eile. Tha mu 90,000 facal anns an leabhar. Fiù ’s ged nach bite ag eadar-theangachadh ach Pàirt a h-Aon, mu 40,000 facal, ’s e euchd a bhiodh ann sin a choileanadh, bhiodh e cosgail a chlò-bhualadh, agus cha chreid mi gum biodh e cho goireasach do na leughadairean/luchd-èisteachd Gàidhealach ’s a bhiodh leabhran goirid.

Tha teans ann, ge-tà, gun robh giorrachadh Gàidhlig againn mu 1792 air Rights of Man agus gun deach sin a sgaoileadh. Chuireadh tùsan (A), gu h-àraid, agus (C) taic ri sin. Chan e fianais làidir a tha anns gach fear – ged a bu chòir coimhead nas dlùithe air (A) san tasglann – ach còmhla tha iad gu h-ìre a’ co-neartachadh a chèile faisg air an aon àm. (Am b’ ann bhon aon àite a thàinig am fiosrachadh aca, ge-tà?) Tha litir Thòmais Hardy (B) a’ dearbhadh gun robh a leithid de rud ann ri tionndadh Gàidhlig air teacsa rèabhlaideach deamocratach san fharsaingeachd. Bha ùidh aig Radaigich ann a bhith ag eadar-theangachadh chun a’ chànain, bha eadar-theangairean agus goireasan ann airson a ghabhail os làimh. Chan eil fhios againn le cinnt ciamar a chaidh an toradh sin fhèin a chleachdadh, ach tha teans ann gun rachadh a chuairteachadh, agus gum bu dòcha nach b’ e siud an aon eisimpleir. Mu dheireadh, tha (D) a’ sealltainn gun robh luchd-iomairt deamocratach ag iarraidh litreachas a chruthachadh ’s a chur don Ghàidhealtachd sna 1790an. Cha chreid mi gun robh iad nan aonar leis a’ bheachd sin. Chan eil luaidh ga dèanamh air eadar-theangachadh san rùn a chaidh aontachadh aig Treas Còmhdhail Charaidean nan Daoine, ach nam biodh sin mar phàirt de dh’iomairt foillseachaidh, dè na b’ fheàrr na Gàidhlig a chur air giorrachadh no co-dhiù earrannan de Thòmas Paine a bha cho measail aig daoine?

Ann an tùs (E) saoilidh mi gu bheil fianais mhath, làidir ann gun do ràinig Rights of Man, mar eagran saor no giorraichte, a’ Ghàidhealtachd. Ach b’ ann ann am Beurla a bhiodh e. B’ e sin prìomh chànan muinntir Inbhir Nis san 18mh linn. (14) Tha a h-uile coltas ann gum b’ ann ann am Beurla a bhiodh an leabhar/leabhran a chaidh ainmichte a bhith anns a’ bhaile. Ann an Steòrnabhagh, bha làmh an uachdair aig a’ Ghàidhlig gu meadhan an 20mh linn, ach bhiodh Beurla ga bruidhinn an sin cuideachd san 18mh linn. (15) A dh’aindeoin sin, saoilidh mi gu bheil e nas coltaiche gum biodh an litreachas radaigeach agus handbills air an do rinneadh luaidh, ann am Beurla cuideachd. Mura robh, ’s e annas a bhiodh ann agus rachadh aire a tharraing air. Bhiodh e cuideachd tòrr na b’ fhasa foillseachaidhean Beurla a chleachdadh, agus bhiodh iad sin feumail. Agus ’s e seo a’ phuing: chan fheumadh eadar-theangachadh Gàidhlig a bhith ann air sgàth ’s gun robh daoine cleachdte ri bhith ag èisteachd ri teacsaichean air an leughadh ’s air am mìneachadh le cuideigin sa choimhearsnachd a bha comasach air. Tha fiù ’s eisimpleir de theacsa radaigeach againn (san ath bhrath bhlog) a bha ag amas air saighdearan Gàidhealach – agus tha an lethbhreac sin, co-dhiù, ann am Beurla.

Leis na bha ann de lethbhreacan saora is goirid de Rights of Man (agus foillseachaidhean radaigeach eile) a bha gan spagadh air a’ Ghalltachd – a dh’aindeoin oidhirpean an riaghaltais air a chasg – b’ iongantach nach tigeadh cuid dhiubh gu tuath. Bhiodh ùidh aig daoine ann a bhith a’ faighinn a-mach dè bha a’ dol bho leòb sam bith de sgrìobhadh agus bho naidheachd luchd-eòlaich. Chan eil sin a’ ciallachadh gum b’ e Radaigich a bha anns a h-uile duine a chleachdadh a leithid de litreachas, no gum biodh iad ag aontachadh leis a h-uile rud a bha ann. Ach, faodaidh sinn a bhith an ìre mhath cinnteach gun robh Paine is deamocrataich eile air an leughadh air a’ Ghàidhealtachd, agus air an eadar-theangachadh – ann an làrach nam bonn, mura robh cothrom air tionndadh Gàidhlig aig an eadar-mheadhanair.

A’ toirt sùil air breithneachadh Dhòmhnall MhicGillEathain – an às-earrann ann am (B) – sgrìobh Pàdraig MacAoidh:

[W]ithout an extant copy of the Gaelic Rights of Man, or contemporary accounts of its circulation, it is impossible to know how or if it influenced Gaelic culture in the 1790s (and there does not appear to be a contemporary discussion of ‘rights’ in the extant Gaelic material of the time).  (16)

Sa bhrath-bhloga seo, tha sinn air tighinn chun a’ cho-dhùnaidh gun robh buaidh aig litreachas Radaigeach, agus Rights of Man fhèin ann an cruth air choireigin, air a’ Ghàidhealtachd sna 1790an. Ach, fiù ’s ma ghabhas sinn ri sin, feumaidh sinn aithneachadh gun robh an roinn san fharsaingeachd gu h-ìre mhòr sgaraichte bhon chòmhstri phoileataigich mu dheas, agus gu dearbh gum b’ e tobar cudromach a bha innte airson shaighdearan a dh’adhartaich poileataigs ais-cheumnach thall ’s a-bhos. Ann Inbhir Nis, agus bailtean eile air a’ chrìch, ’s dòcha gun d’ fhuair cainnt air ‘còirichean’ is deamocrasaidh grèim anns a’ mhith-chultar, agus a dh’aindeoin ceannsalachd na stàite, gun lorgte Paine, mar gum b’ eadh, ann am breath àrc-eòlach  na mith-phoileataigs.

’S e sgeulachd eadar-dhealaichte a bhiodh ann san fhìor-Ghàidhealtachd. An sin, ’s iongantach mura robh a’ bhuaidh eu-domhainn, dìomain. ’S dòcha gun do chuir sgrìobhaidhean radaigeach ri mì-thoileachas nan daoine, mar a chunnaic sinn ann an Sgìr’ Ùige (E). Ach, às aonais bhuidhnean eagraichte leantainneach agus mòr-litearrachd, bhiodh e furasta an ceangal ri ath-leasachadh poileataigeach a bhriseadh tro cheannsalachd. Chaidh a’ chuibhle mun cuairt do ghluasad radaigeach na h-Alba ri linn a’ chogaidh an aghaidh na Frainge, agus dh’fhàs dìlseachd nan Gàidheal don rìgh agus don dùthaich le a bhith an sàs cho mòr ann an armailteachd. Bha aimhreit ann an-dàsta ’s a-rithist an aghaidh fhuadaichean bho dheireadh an 18mh linn, ach cha tug iad dùbhlan na bu shusbaintiche ris na h-uachdarain gu na 1870an.

B’ e soisgeulachd an gluasad a sgaoil am measg nan Gàidheal bho na 1790an, cha b’ e radaigeachd. Thuirt an soisgeulaiche James Haldane a rinn cuairt air a’ Ghàidhealtachd ann an 1796 gun robh amharas air daoine mun litreachas aige: ‘leaflets were occasionally refused lest they should prove to be some of Paine’s’. (17) Dh’ionnsaich daoine leughadh ann an Gàidhlig agus Beurla, ann an deicheadan tràtha an 19mh linn, le bhith air am bogadh anns a’ Bhìoball agus sgrìobhaidhean cràbhaidh. Bha am mith-chreideamh seo comasach air daoine a stiùireadh air falbh bho bhuaidhean is sgrìobhaidhean mì-iomchaidh. A dh’aindeoin sin, ’s fhiach e a thoirt fainear an dragh a bha air an Urr. Tormod MacLeòid, am fear a stèidhich na ciad irisean is litreachas ‘saoghalta’ ann an Gàidhlig bho 1829: ‘when they [na Gàidheil] are taught to read, if they do not get good books they will get bad ones’. (18)

Agus bha e ceart a bhith iomagaineach. Sa Mhàrt 1817, sgrìobh am Morair Tagraidh gu Rùnaire na Dùthcha, Viscount Sidmouth, gun robh teacsa radaigeach eile, an Register aig Uilleam Cobbett, a’ cuairteachadh àiteigin air a’ Ghàidhealtachd agus a’ dùsgadh an t-sluaigh. (19)

T. MacAilpein (2020)

~~~

(1) Bha eagran Gàidhlig de Rights of Man ‘spreading rapidly through the Highlands’ a rèir Thomas Johnston, The History of the Working Classes in Scotland (Wakefield: EP Publishing, 1974, Ath-chlò-bhualadh den 4mh Eagran [1920]), td. 218. Ciamar a bha fios aige air seo? Feumaidh mi lethbhreac dhen leabhar fhaighinn airson seo a shoilleireachadh.

Agus tha an t-iomradh sgoinneil seo aig E.P. Thompson: ‘Paine’s book was found in Cornish tin-mines, in Mendip villages, in the Scottish Highlands, and, a little later, in most parts of Ireland.’ The Making of the English Working Class (Harmondsworth: Penguin Books Ltd., 1970 [1963]), td. 118. Cha robh tùs aig Thompson airson na Gàidhealtachd.

(2) ’S dòcha gum feumar a dhol air ais chun an eagrain as tràithe de The Scottish Insurrection (1970) aig Berresford Ellis agus Mac a’ Ghobhainn airson bonn-nòtaichean a lorg. Tha an glasadh-sluaigh gam bhacadh an seo cuideachd.

(3)  Chan ann a’ càineadh nan sgrìobhadairean seo a tha mi idir. Tha mi nan comain gu mòr, agus a’ dèanamh feum dhe na prìomh thùsan a lorg iad – mar a chìthear sa bhlog seo.

(4) Highland Resistance: The Radical Tradition in the Scottish North (Mainstream, 2000), td. 27.

(5) Brian Bonnyman, The Third Duke of Buccleuch and Adam Smith (Edinburgh: Edinburgh University Press, 2014), td. 172.

(6) Alexander Murdoch, ‘The Popular Press and the Public Reader: Literacy’, ann an Stephen W. Brown agus Warren McDougall, deas., The Edinburgh History of the Book in Scotland, Vol. 2 (Edinburgh: Edinburgh University Press, 2012), td. 294.

(7) Luaidhte – leis nach fhaigh mi air bonn-nòta Logue a leughadh an ceartuair – ann an John D. Brims, ‘The Scottish Democratic Movement in the Age of the French Revolution’, Tràchdas PhD Neo-fhoillsichte (Oilthigh Dhùn Èideann, 1983), td. 228.

(8) Diana Mary Henderson, ‘A Social and Domestic History of the Kilted and Highland Based Regiments of Foot, 1820-1920’, Tràchdas PhD Neo-fhoillsichte (Oilthigh Dhùn Èideann, 1986), tdd 36-37. Seo barrachd dhe na sgrìobh i:

‘Yet, in spite of social upheaval and the spread of Republican ideas there only seems to have been one incident involving recruiting to the Regular Army, that of the gathering of the tenants at Uig, Lewis, to oppose the recruiting of Seaforth’s Highlanders, the 78th Regiment, by Francis Humberstone Mackenzie in the Spring of 1793.

“Three hundred or so Lewisman had taken to a hill, where they had taken an oath to stand by each other and vow death to any Sergeant, Drummer or other Recruitor who dares enter the Parish and also threaten with death whosever dares Inlist.” (td. 36)

An tùs airson na h-às-earrainn mu dheireadh: ‘HO Corres. (Suppl) RH 2/4/207, p. 465. F.H. Mackenzie of Seaforth to Lord Adam Gordon 27.4.1793.’

(9) Jonathon Rose, The Intellectual Life of the British Working Classes (New Haven and London: Yale University Press, 2001), td. 16.

(10) Claire Grogan, deas.; Thomas Paine, Rights of Man (Canada: Broadview Editions, 2011), td. 32.

(11) Charles W. J. Withers, ‘“Moral Statistics”: A note on language and literacy in the Scottish Highlands in 1822’, ann an Local Population Studies 36 (Spring 1986), 44.

(12) Luaidhte ann an Sheila M. Kidd, deas., Còmhraidhean nan Cnoc: The Nineteenth-Century Gaelic Prose Dialogue (Glaschu: Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba, 2016), td. 12.

(13) Luaidhte ann an Ibid., td. 16. Gu dearbh, bhiodh naidheachdan, beachdan bhon taobh a-muigh ann am beul-aithris cuideachd. Agus ’s dòcha gum biodh leughaidhean den t-seòrsa seo a’ measgachadh chànanan, agus làn cheistean is deasbaid.

(14) Kurt C. Duwe, ‘Gàidhlig (Scottish Gaelic) Local Studies. Vol. 23: Inbhirnis & Taobh Loch Nis’ (2nd Edition April, 2012).

(15) Kurt C. Duwe, ‘Gàidhlig (Scottish Gaelic) Local Studies. Vol. 15: Eilean Leòdhais: Steòrnabhagh’ (2nd Edition April, 2006).

(16) Peter Mackay, ‘Lost Manuscripts and Reactionary Rustling: Was there a Radical Scottish Gaelic Poetry between 1770 and 1820?’ ann an John Kirk, Andrew Noble and Michael brown, deas., United Islands? The Languages of Resistance (London and New York: Routledge, 2012), tdd 133-134.

(17) Henry William Meikle, Scotland and the French Revolution (Glasgow: James Maclehose and Sons, 1912), td. 207; agus luaidhte ann am Murdoch, ibid., td. 294. An e fianais eile a tha seo gun robh an teacsa ann? ’S dòcha, ach tha e coltach san iomradh bheag seo gum b’ e eagal ro h-ùghdarrasan, seach teacsaichean radaigeach, a bha sgaoilte.

(18) Thuirt e seo na b’ anmoiche ann an 1841. Luaidhte ann an Kidd, ibid., td. 7.

(19) William N. Roach, ‘Radical Reform Movements in Scotland from 1815 to 1822’, Tràchdas PhD Neo-fhoillsichte (Oilthigh Ghlaschu, 1970), td. 326. B’ e an tùs a bha aig Roach: ‘H. O. 41.2 Sidmouth to Lord Advocate 20 Mar, 1817’.

One thought on “Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (2): An robh Tòmas Paine ann an Gàidhlig?

Sgrìobh beachd