’S e aonadh-rèabhlaideach eadar-nàiseanta a th’ ann an Luchd-obrach Gnìomhachail an t-Saoghail – Industrial Workers of the World (IWW), no na ‘Wobblies‘ mar as fheàrr a dh’aithnichear iad. Chaidh a stèidheachadh anns na Stàitean Aonaichte ann an 1905, agus sgaoil e air feadh na dùthcha ag eagrachadh gu sònraichte an luchd-obrach as bochda, as dorra eagrachadh (no a bha air an seachnadh leis na h-aonaidhean eile), agus in-imrichean. Bha e ainmeil airson cur an aghaidh an sgaraidh eadar luchd-obrach geala agus dubha, agus airson a bhith ioma-chultarach agus ioma-chànanach. Bha e an sàs ann an stailcean mòra anns na ciad dheicheadan den 20mh linn anns na Stàitean Aonaichte, agus dh’fhulaing e gu mòr airson seasamh an aghaidh a’ Chogaidh Mhòir. Ach sgaoil e cuideachd air feadh an t-saoghail – gu h-àraidh do dh’Astràilia, Afraga a Deas, Chile, agus do Bhreatann. A dh’aindeoin ceannsalachd agus crìonadh, tha an t-aonadh, agus a chuid poileataigs fìor dheamocratach, ana-chalpach, ann chun an latha an-diugh.
Chan eil an Ro-ràdh – am Preamble – air atharrachadh ach beagan bho chaidh aontachadh an toiseach aig a’ chiad chòmhdhail ann an Chicago, 1905.

An Ro-ràdh do Bhun-reachd an IWW
Chan eil nì ann an cumantas eadar an clas-obrach agus an clas-fastaidh. Chan urrainn sìth a bhith ann cho fad ’s a tha acras agus dìth air na milleanan de luchd-obrach agus ’s ann aig a’ chlas-fhastaidh a tha gach rud math ann am beatha.
Cha bhi ach strì ann eadar an dà chlas seo gus an eagraich luchd-obrach an t-saoghail ri chèile mar chlas, a’ gabhail thairis air na dòighean-cinneasachaidh, a’ cur às don t-siostam-thurastail, agus a bhith beò ann an co-chòrdachd ris an Talamh.
Aithnichidh sinn gu bheil stiùireadh nan gnìomhachasan aig àireamh de dhaoine a tha a’ sìor fhàs nas lugha agus nach tèid aig aonaidhean-ciùird air dèiligeadh ri cumhachd a’ chlas-fhastaidh is i a’ sìor fhàs nas motha. Tha na h-aonaidhean-ciùird a’ cruthachadh suidheachadh far am bi pàirt den luchd-obrach a’ sabaid an aghaidh pàirt eile den luchd-obrach anns an aon ghnìomhachas, a’ dèanamh cinnteach gun caill iad le chèile ann an cogaidhean-tuarastail. Gu dearbh, tha na h-aonaidhean-ciùird a’ cuideachadh a’ chlas-fhastaidh gus an luchd-obrach a mhealladh gu bheil ùidhean aig a’ chlas-obrach ann an cumantas len luchd-fastaidh.
Chan urrainnear an càradh seo atharrachadh agus math an luchd-obrach a sheasamh ach le eagrachadh a tha air a dhèanamh air dòigh ’s gum bi a h-uile ball a tha aige ann an gnìomhachas àraid, no anns a h-uile gnìomhachas ma bhios e deatamach, a’ sgur a dh’obair uair sam bith a bhios stailc no às-ghlasadh a’ tachairt ann an roinn sam bith den ghnìomhachas, a’ ciallachadh gu bheil ionnsaigh air aonan na h-ionnsaigh oirnn uile.
Seach an abairt ghlèidhteach, “Pàigheadh-latha cothromach airson obair-latha chothromach” ’s e a dh’fheumas sinn sgrìobhadh air ar bratach ach an sluagh-ghairm rèabhlaideach “Crìoch don t-siostam-thuarastail”.
’S e dleastanas eachdraidheil a’ chlas-obrach a bhith a’ cur às do chalpachas. Feumaidh airm a’ chinneasachaidh a bhith eagraichte, chan ann a-mhàin airson na strì làitheil an aghaidh chalpairean, ach cuideachd gus cinneasachadh a chumail a’ dol às dèidh do chalpachas a bhith air a thilgeil sìos. Le a bhith ag eagrachadh gu gnìomhachail tha sinn a’ cruthachadh structar a’ chomainn-shòisealta ùir ann an slige an t-seann chomainn-shòisealta.
~~~
Eadar-theangaichte le T. MacAilpein (2019).
Tha dreach nas tràithe ann den eadar-theangachadh seo ann an làrach-lìn an IWW. Chaidh corra rud a sgioblachadh a thaobh briathrachas agus gràmar bhon uair sin.
Tha an IWW beò, gnìomhach ann an Glaschu, Dùn Èideann agus Dùn Dè.
