
Bardachd O Lamh-Sgriobhaidhean Cyril Dieckhoff
Air a deasachadh le ANNA NICCOINNICH (Obar-Dheadhain)
Rinneadh an t-òran a leanas le Sìne Nic Dhòmhnaill, seann bhean aig nach robh sgoil no Beurla. Rugadh i am Bràigh Uachdarath, agus an uair a bha i ceithir fichead bliadhna ’s a sia thainig a còir air a gabhail-fearainn gu ceann gun fhios dhi, agus b’ fheudar a dachaidh fhàgail. Dhiùlt an fheadhainn a bha an urra ri cùisean na sgìre cobhair sam bith a dhèanamh oirre. Nan gabhadh i cùil an Tigh nam Bochd gheibheadh i sin, nam pàidheadh i air a shon, ach cha robh guth air a bith-beò. B’ e sagart d’ am b’ ainm Weld-Blundell a fhreasgair oirr ’na h-éiginn, agus ’sann air a tha i a’ dèanamh iomraidh anns an t-seachdamh rann. Fhuair e àite dhi an Tigh nam Bochd an Cille Chuimein, agus an cois sin cuideachadh bho Bhòrd nam Bochd.
ORAN NAN COUNCILLORS
Fonn: Tha mise a nis a’ fàs liath
’S mi ceithir fichead ’s a sia,
Thug iad an gréim air mo bhial
’S gur iad a rinn gniomh nam Phairiseach.
1
Théid sinn uile sìos dh’ an uaigh
’S ruigidh sinn an dachaidh bhuan,
Gheobh gach aon againne an duais
’S mo thruaigh an neach gun aithreachas.
2
Cha dèan airgiod no òr,
Ged a bhiodh e againne le còir,
’N uair a thilgeas sinn an deò
Cha dèan e glòir a cheannach dhuinn.
3
Ged a bha ’m baigear bochd truagh
Fulang acras agus fuachd,
’N uair chaidh cholunn sìos do ’n uaigh
Chaidh anam suas gu flathanas.
4
Fhuair an duine saoibhir bàs
Ann an doruinn agus cràdh,
Tha e ’n lasraichean a’ cnàmh,
’S gu bràth chan fhaigh e lasachadh.
5
Ged a bha Rìgh Herod àrd
Chaidh a smachdachadh a bhàn,
Bha e ’n doruinn agus cràdh
’S an d’ fhuair e bàs nan cnuimheagan.
6
B’ e sud na daoine gun chiall :
Gheobhainn tigh ’s chan fhaighinn biadh,
Ann an doruinn agus pian
Gun fianuis ach na ballachan.
7
’N duine uasal aig an robh bàigh,
Feagal Dhia ann is gràs,
’N uair a chunnaic e mo chràdh
Gun d’ fhuair e fàrdach ’s dachaidh dhomh.
8
Am fear a thug ’nam aghaidh a shàil
Cha bhi sìth aige na tàmh,
Bidh e an aimhreit gu bràth
’S an tig air bàs is breitheanas.
9
Thig am Breitheamh mór a nuas,
Gheobh na h-aingidh an duais,
Thig an t-aibhistir fhéin mun cuairt,
Sguabaidh e gu dhachaidh iad.
10
Bhon a tha e air innse dhuinn le cinnt,
Tha e air fhàgail againn sgrìobht,
Luchd an uilc nach fhaigh iad sìth
Ach ann am prìosan maireantach.
11
Ged a tha mise so ’n diugh gu truagh,
Measg nan coigreach ’ga mo ruaig,
Chunnaic mi ’san àite sluagh
’Gam b’ aithne truas is carrantachd.

~~~~~
Fhuaireadh an t-òran seo ann an Anna NicCoinnich, deas., ‘Bàrdachd o Làmh-sgrìobhaidhean Cyril Dieckhoff’, Gairm 42 (1963), 189-192. Tha ‘Òran nan Councillors’ ri fhaotainn air 1891-191.
Chan eil fhios agam le cinnt cuine a chaidh an t-òran a dhèanamh, ach tha corra fhaisneis san ro-ràdh agus ann am faclan an òrain fhèin a chuidicheas sinn.
Bha an t-òran ann an làmh-sgrìobhaidhean an Athar Henry ‘Cyril’ Dieckhoff (1869-1950). B’ ann à Mosgo, san Ruis, a bha Dieckhoff ach chuir e seachad a bheatha ’na mhanach ann an Abaid Chille Chuimein bhon t-Samhain 1891 (an toiseach cha robh e ach ’na ‘phostulant’) gu a bhàs ann an 5 Lùnastal 1950. (Tha mi fada an comain an Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart airson a chuid rannsachaidh inntinnich mu bheatha Dieckhoff an seo).
Tha Dieckhoff gu sònraichte air a chuimhneachadh an-diugh airson na h-obrach chànanaich ionmholta a rinn e fad ’s a bha e air a’ Ghàidhealtachd. Ann an 1932, dh’fhoillsich e A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic – faclair fuaim-eòlach gu math mionaideach de Ghàidhlig Shrath Ghlais (agus den sgìre mun cuairt). Rinn e na h-uimhir de dh’agallamhan le muinntir an àite airson briathrachas agus fuaimneachadh dualchainnt an àite a thrusadh. ‘S e tùs air leth a tha ann airson dualchainnt a tha a-nis air a dhol à bith.
Bhiodh e cuideachd a’ cruinneachadh beul-aithris, leithid an òrain seo. Tha mi air co-dhiù còig diofar altan a lorg ann an Gairm, eadar 1958 agus 1971, anns am faighear cuid de na naidheachdan agus bàrdachd a bha anns na làmh-sgrìobhaidhean aige. Thug an t-Ath. Mark Dilworth, Abaid Chille Chuimein, a’ mhòr-chuid de na pìosan seo seachad do Ghairm. Gheibhear an liosta de dh’altan an seo.
Tha mi a’ dèanamh dheth gum b’ e Anna NicCoinnich a sgrìobh ro-ràdh an òrain gu h-àrd stèidhichte air fiosrachadh a dh’fhàg Cyril Dieckhoff.
An sin, chaidh innse gum b’ ann à Bràigh Uachdarath a bha Sìne NicDhòmhnaill. Cha do lorgadh an t-ainm-àite sin fhèin, ach tha Uachdarath (Auchterawe) gu math faisg air Cille Chuimein.
Chaidh Sìne, mu dheireadh thall, gu Taigh nam Bochd ann an Cille Chuimein. Tha fios againn nach deach sin a stèidheachadh ach ann an 1879 ann am Bun Omhaich, Cille Chuimein (a-rèir na làraich seo). Agus chaidh Abaid Chille Chuimein a thogail ann an 1880. Mar sin, dh’fheumadh gun deach Sìne NicDhòmhnaill a chur a-mach às an taigh uaireigin às dèidh seo.
Dè mu dheidhinn an t-sagairt ‘Weld-Blundell’ a chaidh ainmeachadh? Bha dithis ann leis an ainm sin: an t-Ath. Adrian (Alfred) Weld Blundell (1860-1949), agus an t-Ath. Benedict Weld Blundell (1857-1931). B’ ann de theaghlach uasal Caitligeach à Sasainn a bha iad seo, agus tha barrachd mu eachdraidh an teaghlaich an seo. Chan eil fhios agam, ge-tà, cuine dìreach a bha na sagartan aig Abaid Chille, agus bhiodh am fiosrachadh sin feumail.
An do chruinnich an t-Ath. Dieckhoff an t-òran bho Shìne NicDhòmhnaill fhèin? Nach robh e eòlach air an t-sagart ‘Weld-Blundell’? Cha robh Henry Cyril Dieckhoff ach a’ tòiseachadh aig Abaid Chille Chuimein anns na 1890an, agus tha teans ann mar sin gum b’ ann uaireigin aig toiseach an 20mh linn a fhuair e an t-òran – agus, ’s dòcha, a thachair an sgeulachd air a chùlaibh. Nam b’ urrainn dhuinn cunntasan a lorg mu Shìne NicDhòmhnaill – ann an Taigh nam Bochd, agus anns a’ chunntas-shluaigh – gheibheamaid a-mach.
An tras-sgrìobhadh agus na nòtaichean le T. MacAilpein (2019).
