‘Na Figheadairean Sileiseach’ (1844) le Heinrich Heine, Eadar-theang. le Niall B. MacFhionghain

Caismeachd nam Figheadairean ann am Berlin - Käthe Kollwitz 1897
‘Caismeachd nam Figheadairean’ (1897), le Käthe Kollwitz.

 

Die Schlesischen Weber / Na Figheadairean Sileseach

Le Heinrich Heine (1797-1856), Eadar-theangaichte bho Ghearmailtis le Niall B. MacFhionghain (1925- )

Is doilleir na sùilean aca gun deòir,
Tha iad ’nan suidhe aig a’ bheairt, am fiaclan nochta,
A Ghearmailt tha sinn a’ figheadh do mharbhfhaisg,
Tha sinn a’ figheadh a-steach innte a’ mhallachd thrì-fillte,
Tha sinn a’ figheadh. Tha sinn a’ figheadh!

Mallachd air an Dia dhan robh sinn a’ guidhe,
Am fuachd a’ gheamhraidh is an t-acras oirnn an àm na gorta.
Le briseadh dùil bha sinn a’ feitheamh,
Bha e a’ magadh oirnn uair is uair, uair is uair.
Tha sinn a’ figheadh. Tha sinn a’ figheadh!

Mallachd air an rìgh, rìgh nam beairteach,
Nach b’ urrainn faochadh a thoirt dhuinn nar truaighe,
A thug air falbh bhuainn air èiginn ar sgillinn deireannach,
Is a tha air toirt cead do chuideachd a bhith a’ losgadh oirnn mar choin.
Tha sinn a’ figheadh. Tha sinn a’ figheadh!

Mallachd air an dùthchas fallsa Gearmailteach,
Far nach teirig gu math ach masladh is nàire a-mhàin;
Far a bheil gach flùr briste brùite a dheòin neo a dh’aindeoin,
Far a bheil brèine is crìonadh ag ùrachadh na cuimhne –
Is ann a tha sinn a’ figheadh. Is ann a tha sinn a’ figheadh! Is ann – – –

An spàl a’ gluasad nas luaithe, tha a’ bheairt a’ dèanamh dìosgain,
A là is a dh’oidhche tha sinn a’ figheadh,
Seann Ghearmailt tha sinn a’ figheadh do mharbhfhaisg,
Tha sinn a’ figheadh a-steach innte a’ mhallachd innte a’ mhallachd thrì-fillte.
Tha sinn a’ figheadh, tha sinn a’ figheadh!

 

~~~~~

Nòta an Eadar-theangair:

‘Bha Heine a’ sgrìobhadh an dàin seo an dèidh ar-a-mach anns a’ bhliadhna 1844 anns an robh figheadairean Sileseach ag èirigh an aghaidh nam fastaidhearan aca a chionn is gu robh iad a’ fulang ana-ceartas aig an làmhan. Bha obair nam beart uabhasach tràilleil agus bha seòl-beatha nan oibrichean aig a’ bheart agus aig an taigh ro-bhochd. A bhàrr air sin bha slighe na còrach cho duilich is cha mhòr do-dhèanta. Cha mhòr nach robh na figheadairean agus an teaghlaichean air am marbhadh leis a’ ghoirt nuair a dh’ èirich iad.

Thàinig an tachartas gu àirde nuair a chuir Riaghaltas Pròighs (Prussia) cuideachd de shaighdearan Pròighseach dha na bailtean Langanbielau agus Peterswaldau far an robh na figheadairean ’nan seasamh ’nan aghaidh. Cha robh rùn air na daoine gluasad rompa agus cha b’ fhada gus an tàinig an gnothach gu crìoch. Loisg na saighdearan orra agus thuit feadhainn de na figheadairean sa’ bhad.

B’ e seo a’ chiad stailc den t-seòrsa a thachair sa’ Ghearmailt.

Ann an eachdraidh na h-Alba is ann a tha co-ionnanachdan eadar na thachair sa’ Ghearmailt agus èirigh nam figheadairean Albannach a thachair aig Bonnymuir faisg air Struighlea ann an 1820. Bha claoidhean ann agus bha oibrichean a b’ àbhaist a bhith ris an fhigheadaireachd gun obair agus bha an t-acras orra.

Chuir an Riaghaltas ann an Lunnainn cuideachd de Hussars a dh’ Alba far an tàinig iad mu choinneimh nam figheadairean ann an achadh faisg air an Eaglais Bhreac. B’e seo an t-ar-a-mach mu dheireadh den t-seòrsa ann an Alba. Bha dà cheann-feadhna de na figheadairean air an cur an grèim agus bha tuagh mhòr air a cleachdadh gus na cinn aca a ghearradh dhiubh. Tha an tuagh mhòr seo ri faicinn an-diugh ann an taigh-tasgaidh Mhic a’ Ghobhainn ann an Struighlea.

Bhon dàn aige is soilleir gun robh co-mhothachadh domhainn aig Heine airson cruaidh-chàis nam figheadair aig làmhan nam fastaidhearan aca. Bha iad air an sàrachadh le bochdainn agus duilgheadasan ceangailte ris an obair aca. Is cinnteach gun robh na fastaidhearan ’nan droch chinn dha na h-oibrichean aca.’

An tùs: Niall B. MacFhionghain (eadar-theang.), ‘Dà Dhàn le Heinrich Heine’, Gairm 191 (2000), 250-251. Rinneadh deasachadh aotrom air an eadar-theangachadh.

Sgrìobh beachd