
Rinn am Bàrd an t-òran a leanas nuair a bha an “Land League” aig àirde anns a’ Ghaidhealtachd
Air fonn: “Gun chrodh gun aighean.”
Séisd:
Ged tha sinn gun chrodh gun aighean
Gun chrodh-laoigh gun chaoraich againn,
Ged tha sinn gun chrodh gun aighean,
Gheibh sinn fhathast croitean grinn.
Gheibh sinn fhathast beagan chaorach,
Beagan ghabhar, beagan laosboc,
Beagan chruidh air srath nan caochan
Le’n cuid laogh ’gan cumail cruinn.
Bheir sinn uatha ’m bradan fìor-gheal,
’S olc an ceartas e bhith dhìth oirnn,
Theid na linn chur air na caolais
’S chan ann daor a bhios e dhuinn.
Bheir sinn uatha tràigh is maorach,
’S lochan uisge nach gabh taomadh,
Ni sinn iasgach air gach taobh dhiubh,
’S có dh’fhaodas a bhith ruinn?
Theid na féidh chur ás an dùthaich,
Marbhar iad le luaidh is fùdar;
Cha bhi sealladh air a h-aon diubh
Ruith le ’n caol chasan ri beinn.
Ged a bha sinn fo throm eallach,
Fo na siamarlanan carach,
Bidh sinn fhathast mar as math leinn
Ard ag amharc os an cinn.
Theid na forsairean a sgiùrsadh,
Le’n cuid glainneachan ’gan giùlan,
Bho nach léir dhaibh ceart le’n sùilean
Gheibh iad stràc an cùl a’ chinn.
Ged a bha sinn cùl nan clachan
Air nar crùbadh ris a’ chladach
Thig an t-àm mun cuairt gu h-aithghearr,
’S cha bhi ’n t-arcas ’ga nar claoidh.
Gheibh sinn fhathast feòil is aran,
Im is càis air chinn an earraich,
’S bidh sinn tighinn beò mar eòin na mara [*]
Fo na frasan air na tuinn.
Ach buaidh is piseach leis na h-àrmainn
Sheas cho dian air cùl nan Gàidheal;
Chuir iad bacadh air a’ ghràisg,
Bha deanamh fàsach dheth an tìr.
Cumaidh an talamh suas gu léir sinn,
’S sinn ’ga roinn air cach-a-chéile,
Chan eil duine ’s urrainn éirigh
Nach fhaigh fheumalachd ri ’linn.
Bidh sinn fialaidh, dìleis, càirdeil,
Fìrinneach a réir nan àithntean,
’S gheibh sinn cas air amhaich Shàtain
Dh’fhiach ri tràillean dheanamh dhinn.
~~~
Bhon chruinneachadh bheag de dh’òrain agus aon sgeulachd le Donnchadh MacCoinnich (1835-1907) a chaidh fhoillseachadh grunn bhliadhnaichean às dèidh a bhàis, ann an Coinneach Dòmhnallach, deas., ‘Bàrd Cheannlochiù’, Gairm 72 (1970), tdd 347-360.
Dh’innis Coinneach Dòmhnallach san fhacal-thoisich aige (td. 347): ‘Chaidh cuid dhe na h-amhranan aig Donnchadh MacCoinnich (c. 1835-1907), Bàrd Cheannlochiù, a chur an clò ann an leabhran a thàinig am follais ann an 1875. Chan eil móran sgial air an leabhran sin an diugh, agus bha am bàrd beò, ’s ri bàrdachd, deich bliadhna fichead an déidh dha nochdadh. Chaidh na h-amhranan a leanas a liubhairt le Mgr. Iain MacIllfhinnein nach maireann, á Bràigh Cheannlochiù, do Chomunn Gàidhlig Inbhirnis ann an 1944, ’s e air an cruinneachadh bho sheann daoine aig an robh iad air an teanga.’
B’ ann a-mach air Orain ann sa Ghailig le Donnchadh Mac Coinnich, “Bard Cheann-loch-iugh; air an sgriobhadh sios o’ aithris beoil a bhaird fein, agus air an cur an ordugh, le roi’-radh ann am Beurla, le Alastair Mac Coinnich” (Inbhir Nis: Uilleam B. & E. Forsyth, 1875) a bha an Dòmhnallach. Tha dreach den teacsa lom sin ri fhaotainn an seo.
Chan eil an dàn gu h-àrd – ‘Ged tha sinn gun chrodh gun aighean’ – anns a’ chruinneachadh sin. Agus, gu dearbh, bha Aimhreit an Fhearainn aige àirde anns na 1880an, às dèidh foillseachadh an leabhair.
Ach tha dàin air leth inntinneach ann, nam measg dà aoir an aghaidh bhàilidhean no shiamarlanan: ‘Di-moladh Mhic-Il-Aindreas’ agus ‘Aoir Mhicleoid‘.
Dh’innis Eachann MacCoinnich, à Geàrrloch, air Prògram Choinnich (Tobar an Dualchais) na leanas mun bhàrd agus na h-aoirean aige:
Bha e fhèin gu math eòlach air a’ seòrsa fòirneart a bha dol. Bha siamarlan aca an Geàrrloch aig an àm [Teàrlach MacLeòid, ged a dh’ainmich e MacIllAnndrais (TM)] agus dh’fheuch e ri athair a’ bhàird a chur a-mach às an dachaigh. Ach gu mì-fhortanach dhan factor thàinig Donnchadh e fhèin às a’ bhlàr-mòine agus chuir e teicheadh air.
Nis, bha e ris a’ bhàrdachd a bha seo… bha a’ chainnt aige gu math làidir uaireannan, agus cha robh mòran càil aig daoine a bhith gabhail gnothach ri cuid den a’ bhàrdachd aige ach tha cuid den a’ bhàrdachd aige is e ag innse dhuinn mar a thachair aig an àm. Gun teagamh ann an cainnt gu math làidir.
[…] Rinn e aoir dha siamarlan a bh’ againn ann an Geàrrloch, Teàrlach MacLeòid. Agus tha a’ chainnt cho làidir- chan e gu bheil droch chainnt- tha chainnt cho làidir cha mhòr nach cuireadh e feagal ort. Agus chaochail an duine sin às dèidh dha an aoir a chluinntinn. [Aoir MhicLeòid] […] Chaochail e gu math h-aithghearr às dèidh dha cuideigin an t-amhran a ghabhail dha.
[…] Cha robh ann dheth [Donnchadh MacCoinnich] ach breabadair is, fhios ‘ad, duine bochd. Ach bha e làidir na bheachd ’s na inntinn.
Thuirt Eachann MacCoinnich cuideachd gun deach am bàrd a ghairm gu cùirt Inbhir Pheofharain airson tuaileas an aghaidh an t-siamarlain MacIllAnndrais. Ach fhuair e às air sgàth gun do dh’ainmich an Siorram e mar bhàrd air beulaibh na bha an làthair. Tha e coltach nach b’ urrainnear bàird a dhìteadh airson tuaileas.
[*] No ‘cha bhi’? Nach dèanadh sin barrachd cèill?
