
Rinn Iain MacMhuirich no MacMhurchaidh (John Murdoch, 1818-1903) dlùth-cheangal eadar a’ Ghàidhlig agus iomairtean airson ceartas sòisealta ’na latha. Ach càite an leughar na sgrìobh e sa chànan? Càite a bheil am beachdachadh ’s an sgrùdadh air a bheatha ’na chànan fhèin? Seo co-dhiù cunntas luachmhor air le fear – Lachlann MacBheathain – a bha eòlach air agus a dh’obraich comhla ris air ‘An t-Àrd Albannach’. Air fhoillseachadh ann an 1920, tha e a’ daingneachadh a dhìleib am measg a’ ghinealaich ùir de radaigich Ghàidhealach.
IAIN MAC MHURCHAIDH
1818-1903
Fàilte do dh’ “Alba”! Agus fàilte ás ùr do anam làidir, neo-eisimeileach, neo-bhàsmhor nan Gàidheal! Is iomadh uair a ghabh e riochd fiùghanta, ach ’s e a thugadh gu m’ chuimhne an diugh an cruth iomchuidh a fhuair e ann an Iain Mac Mhurchaidh agus “an t-Ard Albannach,” anns na bliadhnachan o 1872 gu 1878.
B’ uallach air sràidean Ionbhairnis imeachd an fhir ud, a ghnàth anns a chulaidh Ghàidhealaich. Cha robh e glé àrd ’n a phearsa, ach ’n a fhéileadh uaine, le a churrachd leathann gorm air a cheann, a bhreacan thar a ghualainn, a bhrògan snasmhor, agus a cheum aotram, beothail, bu chuimir, fallain ’eugais.
Rugadh Mac Mhurchaidh aig Ardclach, faisg air Ionbhar-narrun ‘s a bhliadhna 1818. Nuair a bha è fhathasd ’n a phonach beag, dh’ imrich a theaghlach gu eilean bòidheach Ile — Lanndaidh a ghràidh. Cha robh e ach gle òg nuair a ghabh e muinntireas fo’n chrùn ann an cùram cìs na dìbhe làidir. Anns an dreuchd sin fhuair e iomadh dearbhadh nach robh seirbhis na bàn-righ saor o fhòirneirt, oir bu tric a chunnaic e an duine cumhachdach a’ deanamh tàir agus claoidh air an laigseanach, ceart mar a bha e a faicinn air feadh na dùthcha laghan leibideach an fhearainn ’n an inneal sgiursaidh air druim nam bochd. A thaobh nan ainneart so uile las corruich Mhic Mhurchaidh gu teth, agus araon le a ghuth agus le a sgrìobhaidhean anns na pàipearan-naigheachd thog e fianuis gun eagail ’n an aghaidh. Cha b’ fhada gus an robh a bhuil. Ma chuir e casgadh air a bheag no mhòr de’n droch-bheart cha b’ ann a nasgaidh da fhéin. Cha b’ainmig na casaidean mu thimchioll a chaidh a staigh gu àitean inbheach, agus an cos sin bu teann, faicilleach am faire a chuireadh air a cheuman. Cha d’ fhuaireadh cron sam bith ’na obair no ga [sic] ghiùlan. Coma co dhiù, chaidh a ghairm am fianuis na luchd-riaghlaidh agus fhuair e tairgse air àrdachadh mór ’na dhreuchd na’n cumadh e sàmhach mu nithibh nach buineadh dha. B’e sud an nì nach gealladh Mac Mhurchaidh idir; cha robh e riamh ro mhath air còrdadh réite de’n t-seòrsa sin. ’S e rinn e gu’n d’fhàg e a mhuinntireas, gu bhi beò ann an saorsa air an iocadh bheag bhliadhnail a bhuineadh dha airson nam bliadhnachan ’san do shaothruich e. An sin chuir e mu dheighinn pàipear-naigheachd a chur air bun gu bhith ag agair cùis nan anmhuinn, agus h-àraidh còireachan nan Gàidheal. Bha ainm aig Ionbhairnis gu’m b’e ceann-bhaile na Gàidhealtachd, agus gu Ionbhairnis chaidh Iain Mac Mhurchaidh chum a rùn a chur an gnìomh. B’ aithne dha nach robh e idir ’na aonar ’na bheachdan, agus bha dòchas aige gu’m faighte airgiod gu leòir airson an obair.
Cha b’fhada gus an do thuig e nach robh idir gu leòir de Ghàidheil bheartach ri’m faotainn a bhitheadh deònach am beartas a chur an cunnart ’s an deuchainn so. Cha robh a luchd-cobhair ach gann. Air an aobhar sin rinn e nì dàna. Ged a bha bean agus teaghlach air a chùram, reic e an iocadh bliadhnail a bhuineadh dha o’n chrùn agus, leis an airgiod a fhuair e air a shon, cheannaich e an airneas-clòdhaidh a bha a dh’ fheum air. Mar so anns a bhliadhna 1872 thàinig am pàipear a mach. Fhuair e ainm ’s a Bheurla, “The Highlander,” and [sic] o’n bha an t-ainm “An Gàidheal” mu thràth ceangailt ri deadh mhìosachan, fhuair am pàipear ùr an t-ainm Gàidhlig, “An t-Ard Albannach.”
Bha nis Iain Mac Mhurchaidh ’na làn uidheam gu feum a dheanamh do a luchd-dùthcha. An sgrìobhadh agus an labhairt, an Gàidhlig ’s am Beurla, bha e ealamh, duineil, gun fhiamh gun eismeil. B’ iomadh droch-bheart a chronuich e, agus b’ iomadh cùis chothromach d’ an d’ rinn e feum. Nì ni’s fhearr na sin, bu mhór a mhisneach a chuir e ann an cridheachan saidealta an t-sluaigh.
Anns a bhliadhna 1871 ged a bha Mac Mhurchaidh làn cùraim agus cabhaig a deanamh réidh airson a phàipeir, chuidich e gu caoimhneil easgaidh ann an tòiseachadh Comuinn Gàidhealaich Ionbhairnis. Aig coinnimh a ghairmeadh le Uilleam Mac Aoidh (a nis an t-Ollamh Mac Aoidh) ann am foghair na bliadhna sin, thuit e air Mac Mhurchaidh a cheud ghluasad a dheanamh a chum na crìche sin ann an òraid ro chomasach anns an d’ fhiach e ceartas agus dualchas a’ cheum sin airson ciùil agus cànain, feallsanachd agus seann eachdraidh. Cha do dhì-chuimhnich e sgròb a thoirt air a Ghàidhlig chlibidich a bha ri cluinntinn air sràidibh Ionbhairnis — gach treas focal air a ghoid o’n Bheurla Shasunnach. Anns a cheud bliadhna no dhà de’n Chomunn ùr fhuaireadh mór chòmhnadh o Mhac Mhurchaidh, araon ann a bhi cur ri chéile laghan is riaghaltan agus ann an gnothuchan litreachais aig na coinneamhan.
Anns a Chomunn agus anns an “Ard Albannach” rinn e soilleir gu’n robh dòigh-riaghlaidh nan Gàidheal o shean, le am fineachan agus an cinn-fheadhna, ni b’ fheàrr na an dòigh fiudalach a thàinig a Sasunn; gu’n robh móran ri dheanamh ann a bhi fosgladh agus a frithealadh le tuilleadh céill saoibhreas nàdurra na tìre; gu’m bu chòir tuilleadh a dheanamh de [sic] chànain na dùthcha ann an teagasg na cloinne, gu’m b’e ceud fheum agus dleasnas an fhearainn a bhi a togail agus a beathachadh ginealaich làidir fallain toinisgeach, agus gu’m b’e ceud dhlighe gach Gàidheil a bhi cuimhneach air a dhùthaich agus air a dhrèam. Ach cha robh ’inntinn idir ceangailte ro chumhang ri gnothaichean de’n t-seòrsa sin. Leugh e anns a Chomunn Pàipear briagh soillearach air am faireachdainn Gàidhealach a gheibhear ann an Raibeart Burns; agus, ann am paipear air mòine airson teine, fhuair e mór fhiosrachadh o ghnàthan gach rioghachd ’san Roinn Eorpa.
Is math mo chuimhne air madainn bhòidheach sàmhraidh ’s an d’ fhuaireadh Iain Mac Mhurchaidh ’n a shùidh ann an coille bhig le bìobull Greugais fosgailt air fhéile, ’s e a toirt freagairt do dhà ghiullan òg mu chreideamh agus mu eòlas nuadh an latha. B’e aon de’n dithis mac fhir-deasaiche pàipeir naigheachd anns a bhaile, agus b’e am fear eile an neach [a tha] sgrìobhadh a chuimhneachain bhig so.
O bhreth bha an “t-Ard Albannach” a fulang o’n bhochdainn. Airson [?ball] beachdachaidh mór-aigneach a bha a feuchainn ri a cho-thomhas ris an dùthaich gu léir, o Irt gu Peairt, b’ainneamh cho beag ’s a bha de dh’ airgiod air a chùl. Ach bha mór-chomas agus ciall ealamh Mhic Mhurchaidh a deanamh suas airson gach imcheist agus cruaidh-chàs. Bha e a ghnàth cho tlusail ‘sa bha e geanail. Airson bliadhna gu leth, o 1876 gu 1877, bha an t-urram agamsa, òg ’s mar a bha mi, a bhi a cur ri chéile agus a deasachadh duilleag Ghàidhlig anns an “Ard Albannach,” agus bu dìleas caoimhneil an taic a fhuair mi o m’ cheannard. Gach earrann a sgrìobh e fhéin bha e geur[,] tuigseach, fad-sheallach co dhiùbh a b’ ann air cor an rioghachd no air àiteachadh fearainn; air luach an iasgaich, air seann eòlas nan Gàidheal, no air laghan olc a bha a glaodh gu h-àrd airson leasachaidh.
Cha d’ aithnich a ghinealach fhéin mòrachd Iain Mhic Mhurchaidh, agus cha d’ fhuair e fhathasd aite féin ann am mea[s] a luchd-dùthcha. Ach cha b’ urrainn do neach sam bith a bhi dall do àrd mhisn[ich] a sheasmhachd neo-ghluasadach, a neo-eismeileachd agus fhìor ghràdh do chlann nan Gàidheal.
Cha do chleith Mac Mhurchaidh riamh nach bu toigh leis spiorad na marsantachd mhaol, shuarach, a bha ro chumhachdach ’na latha, agus cha d’ fhuair e teàrnadh [?o] dhìoltas an nì sin mu dheireadh. M[an] cuairt do mhios an déigh domh falbh [o a] thaobh fhuair nì-eigin a stigh do’n phàipear a thuig tighearna-fearainn air chor-eigin mar thuaileas ’na aghaidh féin. Chaidh a’ chùis gu Cùirt an t-Seisein, agus b’e sin crìoch an “Ard-Albannaich.” Rinn Mac Mhurchaidh oirdheirp eile air am pàipear ath-bheothachadh fo chaochla[dh] ainm, ach bha a mhanadh ro làidir air a shon. Dh’ imrich e gu coimhearsnachd Ghlaschu, far an do chòmhnuich e air [son] cuig-bliadhna-fichead, gu tric a togail a ghuth air taobh nan Gàidheal, agus an còmhnuidh dìleas, dìchiollach air [son] ceartais.
Chaochail e aig Saltcoats anns a bhliadhna 1903, agus chaidh clach[-]chuimhne a thogail do ainm [an] Ardrossan ’s a bhliadhna 1912. Ach [b’e] fhìor chuimhneachan soirbheachadh [gach] cùis ris an do chuir e a làmh. Cha d[’] fhàilnich riamh fìor-obair sam bith [air] taobh na còire, agus tha obair Mhic Mhurchaidh buan agus buadhmhor. Reubadh a phàipear naigheachd as a là[imh] nuair a bha e a tagair còir nan croitearan air an fhearann a rinn iad féin àiteachadh. Ach mu’n deachaidh aon bhliadhna [?eile] thar a chinn, b’ fheudar do’n Pharlamaid aontachadh ri Achd nan Croitearan a [dh’]aindeoin Adhartaich agus Athaisich. Ma tha againn an diugh an Comunn Gàidhealach, no ceadachadh beag sam bith do’n Ghàidhlig anns na sgoilean, is ann [gu] mòr an lorg ullachaidh agus tagair Iain Mhic Mhurchaidh.
Sith agus solus sìorruidh ’g a [shoill]seachadh gu bràth!
L. MAC BHEATHAIN
~~~
Bhon phàipear-naidheachd, Alba (Di-Sathuirne, 3 de’n Fhaoilteach, 1920), 2.
Bha Lachlann MacBheathain (Lachlan MacBean, 1853-1931), à Cill Taraghlain faisg air Inbhir Nis, na naidheachdair, deasaiche agus na sgoilear Gàidhlig. Faic: Lachlan MacBean, deas., The Celtic Who’s Who (Kirkcaldy: Fifeshire Advertiser Ltd., 1921), tdd 85-86.
An aon chruinneachadh a tha againn de sgrìobhaidhean Iain MhicMhurchaidh, ann am Beurla a-mhàin, ’s e: James Hunter, deas., For the People’s Cause: From the Writings of John Murdoch (Edinburgh: HMSO, 1986).
An sganadh agus tras-sgrìobhadh seo le T. MacAilpein (2019). Tha pàirtean den teacsa mì-shoilleir agus far an robh feum againn faclan a thomhas thathas air sin a chomharrachadh le camagan ceàrnagach.

One thought on “‘Iain Mac Mhurchaidh: 1818-1903’, le Lachlann MacBheathain (1920)”