Chan eil an seo ach nòtaichean air na tha sgoilearan air faighinn a-mach mun iomairt airson cothrom bhòtaidh a bhith aig boireannaich, air a’ Ghàidhealtachd ron Chogadh Mhòr. Gu ruige seo, tha e dùbhlannach mòran a lorg ann an Gàidhlig air a’ chuspair bhon àm fhèin. Ach, tha fios againn gun deach bruidhinn air ann an Guth na Bliadhna, co-dhiù, agus bu mhath leam sin a chur suas uaireigin.
