Aimhreit-arain Ghlaschu, 6 Màrt 1848

Am-bliadhna, tha sinn a’ comharrachadh a’ cheudamh ceann-bliadhna de ‘Bhlàr Cheàrnag Sheòrais’ (31 Faoilleach 1919). Tha an tachartas sin, agus mar a chaidh a cheannsachadh le saighdearan agus tancaichean, a-nis a’ samhlachadh ‘Shrath Chluaidh Dearg’ agus air a dhol na phàirt bhunaitich de sgeulachd na làimh-chlì ann an Alba.

Ach tha tachartasan eile den aon seòrsa air an do rinneadh dearmad agus as fhiach an innse a-rithist. Fear dhiubh sin ’s e ‘Aimhreit-arain Ghlaschu’ (Glasgow Bread Riots, mar as trice a theirear ris ann am Beurla) a thachair 6 Màrt 1848 agus a mhair dà latha.

Thàinig diofar rudan còmhla airson seo adhbhrachadh. Bha Rèabhlaid na Frainge 1848 air briseadh a-mach corra sheachdain roimhe, a’ cur Rìgh Louis Philippe I far na cathrach agus a’ cruthachadh na Dàrna Poblachd. Bha cuid ann am Breatainn gu mòr air am misneachadh le seo.

Ged a bha iad lag gu leòr an Alba, bha na Cairtich (Chartists) fhathast ag eagrachadh airson ath-leasachadh poileataigeach agus sòisealta. Chruinnich na mìltean ann am ‘faiche mhór Ghlascho’ (Glasgow Green) airson èisteachd ris a’ Chairteach radaigeach, Peadar Moireach MacDhùghaill (Peter Murray McDouall, c. 1814-1854) uaireigin ro 6 Màrt.

Bha daoine dha-rìribh a’ fulang le gainnead bìdh, agus prìsean air nithean bunaiteach air èirigh. Bha na h-uiread gun chosnadh no dòigh air beòshlaint a dhèanamh. Nam measg, bha Èireannaich a bha air teicheadh bhon Ghort Mhòr, agus Gàidheil bho Ghaiseadh a’ Bhuntàta. 

Air Diluain 6 Màrt, tha e coltach gun tàinig caismeachd de dhaoine gun obair bho Fhaiche Ghlaschu gu Taigh a’ Bhaile ag iarraidh gun toireadh na h-ùghdarrasan biadh do dhaoine. Thòisich cuid dhiubh gan armachadh fhèin le rèilean iarainn, agus fiù ’s le gunnaichean. Chaidh bùithtean a spùinneadh, agus sgaoil aimhreit tron bhaile. Chaidh saighdearan a ghairm agus loisg iad air a’ ghràisg, a’ marbhadh corra dhuine. Do fheadhainn, cha robh ann ach grèim fhaighinn air biadh agus air sìon a ghabhadh reic. Do dhaoine eile, b’  e ‘Aran agus Aramach’ (Bread and Revolution) a bha aca mar shluagh-ghairm.*

Seo mar a chaidh an naidheachd aithris anns an iris chràbhaidh, Fear-tathaich nam Beann.

Glasgow Bread Riots 1848

 

AN AIMHREIT BHUAIREASACH A BH’ ANN AN GLASCHO BHO CHEANN GHOIRID

THA da rìreadh nàir’ oirnn labhairt mu’n ghnothach so, oir nì na bu na nàraiche, ’s na bu tàmailtiche cha do thachair riamh ’sa bhaile so. Tha e na chulaidh nàire dhoibh-san ris am bheil dìon, agus faire ‘bhaile ’n earbsa; agus tha e tàmailteach do luchd-riaghlaidh a’ bhaile nach do chuir iad cosg air ni bu tràithe — nì a dh-fheudadh beagan cheatharnach math le bata daraich an làimh gach fir dhiubh a dheanamh.

Co luath ’sa chualas anns an dùthaich so na thachair thall anns an Fhraing, smaointich cuid de sgaomairean truagh a tha ’n Glascho, mar anns gach baile mòr eile, gu’m bu mhath an nì aimhreit a chur air bonn, do bhrìgh nach robh ‘bheag aca féin r’ a chall, agus gu’m feudadh iad ni-eiginn fhaotainn ’s an ùpraid.

Tha mòran de ghràisg dhìomhanaich anns an àite so nach dúraichd saoithreachadh le fallas an gruaidhe.— Daoine fuasgailte, dalma gun suim do Dhia na do dhaoine — nach fuirgheadh air an ais bho na nithean a b’ uamhasaiche mar ‘biodh smachd an lagha, ’s a phriosainn thairis orra. Tha cuid diubh so ’nan daoine tapuidh, deas chainnteach, agus teòma ann am mealladh dhaoine socharach, gòrach, chum gach nì ‘thogras iad a chur mar fhiachamh orra, agus tha iad so do ghnà a smàdadh ’sa di-moladh agus a’ ruith a sìos luchd-riaghlaidh agus uachdrain na dùthcha. Thainig mar an ceudna ’nuas á Lunnain, ’s á Dunéidean, daoine ‘bha fior mhòr ’n am barail féin, agus ghairm iad coinneamh air faiche mhòr-Ghlascho, far ’na chruinnich air an latha ’shònruich iad, gach balach luideagach, salach—gach meirleach, ‘us bana-mheirleach — gach [s]laoightire ’s trusdar dìomhanach anns an àite. An déigh do na cinn-stuic am brosnachadh gu aimhreit, agus geallana mòr a thoirt doibh[,] ghrad sgaoil an cruinneachadh gràisgeil. Thug buidheann diubh mu dheas agus buidheann eile mu thuath le glaodhaich ‘us sgriachail—le maoidheadh ‘us mallachadh gu sgrios agus milleadh a’ bhaile. Bhrist iad mar a bha iad a’ gabhail air an aghart, callaid iaruinn (iron railing) leis an tug iad leò sgonnan de ’n iarunn mar bhataichean nan làmhan a’ spadadh gu làr a h-uile h-aon leis am bu dàna ’ràdh riu’ gu’m b’ olc, agus a’ bhrìsteadh uinneagan ‘us dorsan nam bùithean a bha mhiann orra ’spùinneadh. Bha mòran diubh so ’n an Eirionnaich—daoine ‘bha ro eòlach air a leithid so nan dùthaich féin. Ghrad thòisich an aimhreit —bhrist iad bùithean anns an robh gunnaichean agus airm-chatha eile, agus a bhàrr air a so bùithean anns an robh séudan prìseil—uaireadairean òir ‘us airgid, agus mar an ceudna bùithean anns an robh deoch ‘us biadh, agus cuid diubh so spùinn iad gu buileach. Mu dheireadh, agus bu mhithich dhoibh, dhùisg luchd-riaghlaidh a’ bhaile, agus chuir iad fios air na saighdearan dearga, agus air a mharc-shluagh. Thionndaidh mar an ceudna uaislean ‘us ìslean a mach mar mhaoir gu sìth an àite ‘ghleidheadh, agus gu cosg a chur air na béisdean, agus cha b’fhada gus an d’ rinn iad so. ‘Nuair a chunnaic luchd na h-aimhreit na trupairean-dearga a teachd nan coinneamh ’s a gearradh shùrdag air na sràidean gu bhì orra, ghrad sgaoil iad mar chaoirich ro’ na sionnaich. Thàr iad as, a’  tilgeadh ‘uatha gach nì a spùin iad, ’s ag iarraidh fasgaidh anns gach fosgladh a thigeadh nan rathad. Thugadh a mach seann laoich Waterloo, na Pensioners. Cha robh ach buidheann bheag dhiubh so ann agus bha iad ann an àite iomallach —chuartaich luchd na h-aimhreit iad so ’s dh-ėirich iad orra de na clachan. Loisg na Pensioners agus mharbhadh a dhà no ‘trì, agus leònadh cuid eile. Gu truagh, mharbhadh aon duine còir a bha ’dol a mach a chum casg a chur air an ùpraid, ach ged a bha so brònach chuir e grabadh air an aimhreit. Chuireadh fios do Dhunéidean air barrachd shaighdearan, agus ann an ùine ghoirid bha buidheann làidir dhiu’ ’sa bhaile.

Tha daoine’meas gu’n do mhilleadh fiach da mhìle dheug punnd Sasunnach de bhathar, ’s de ghnothaichean anns an iorghaill. Ghlacadh mòran dhiubhsan ‘bu choireach, agus tha na prìosain làn diubh; agus is dòcha gu’m faigh cuid diubh taobh eile ’n t-saoghail ann an ùine ghoirid. Mu’n cuir sinn crìoch air a so ’s còir dhuinn a ràdh nach robh sluagh mòr a bhaile riamh ni bu riaghailtiche agus ni bu togarraiche ‘chum riaghailtean agus sìth na rioghachd a sheasamh na bha iad air a cheart àm so. Thainig na mìltean dhiubh air an aghaidh le ’n toil féin gu tighinn fo cheann[as] mar mhaoir-shìth ‘chum casg a chur air a leithid so. Ma thachras e rithis—ach ’s cinnteach sinn nach feuchar e an cabhaig—ach nam biodh iad co amaideach agus an oidhirp a thoirt a rithis, gheibheadh iad nach rachadh a chùis leò co math ’sa chaidh i eadhoin air an àm so.

 

~~~

Dh’fhoillsicheadh an cunntas seo ann am Fear-tathaich nam Beann, Àir. IV (AN CEATHRAMH MIOS, 1848), 126-127. B’ e an t-Urr. Gilleasbuig Mac a’ Chlèirich (Archibald Clerk, 1813-1887), ministear Chill Mhàilidh, deasaiche na h-iris chràbhaidh seo.

Chan eil fhios againn cò dìreach a sgrìobh an naidheachd-sa, no an robh iad an làthair rè na h-aimhreit. B’ ann ann an Glaschu fhèin a chaidh am Fear-tathaich a chlò-bhualadh (ann an 145 Sràid Earra-Ghàidheal le William Gilchrist), ach chan eil e soilleir gun robh an sgrìobhadair na neach-fianais.

 

* Tha W. Hamish Fraser a’ dèanamh luaidh air an t-sluagh-ghairm seo ann an ‘Working Class’, ann an W. Hamish Fraser agus Irene Maver, Glasgow Vol. II: 1830 to 1912 (Manchester: Manchester University Press, 1996), td. 316.

Sgrìobh beachd