
Tha e ceart gu leòr do chuid a bhi losgadh am brassieres ach dé ma tha e mì-chomhartail dhut a bhi ruith ás deidh bus ás aonais? A bheil sin a’ mionaigeadh nach eil àite dhutsa ann a’ Woman’s Lib?
Sin a seòrsa ceist, mas fhìor éibhinn, a chluinneas tu o fhireannaich air a bheil uallach roimh Woman’s Lib agus cuideachd bho na boireannaich nach tug fanear fhathast mar a tha na fir a’ gabhail brath orra. Mar nach biodh càil fanear do Woman’s Lib ach a bhi losgadh chorsaidean! ’Se tha Woman’s Lib ag iarraidh ach ceartas do na boireannaich: tha sinn air son a chur a sùilean dhaoine gu bheil aon leth de’n t-sluagh air a bhi dol am muinghinn a leth eile o chionn mhìltean bliadhna. A bheil thu fhéin a’ creidsinn nach eil de thùr na de thuigse aig boireannach ach na nì chùis air son obair taighe agus, is dòcha, rud beag de obair “part-time”: chan eil a sin ach breug a chum na fir a’ dol fad linntean air son gu robh iad air son searbhantan a bhith aca an asgaidh. Mura bheil thu creidsinn seo, iarr air an duine agad e thoirt bliadhna na dhà ’na fhear-taighe — a’ sgùradh ’s a’ deanamh biadh agus tusa muigh a’ cosnadh — agus chì thu dé do dhuais! Canaidh iad riut gur e rud “boireann,” rud banail a th’ann an obair taighe ach chan eil a sin ach mealltaireachd.
Tha a’ làn uair aig a h-uile boireannach tòiseachdainn a’ sabaid air son ceartas. Cùm do bhra ma thogras tu, ach dean do dhìcheall air son na rudan seo: barrachd de “nurseries” a ghabhas cùram chloinne fhads a bhios boireannach a-muigh ag obair; na h-aon chothroman air faighinn air adhart ann an obair ri na fir; agus an aon phàigheadh ri na fir.
Cairin Og.
~~~~~
Bha am pìos-sa mar phàirt de shreath inntinneach de dh’altan beaga, ‘Na Boireannaich: Corra Bheachd’ a nochd ann an Gairm 81 (1972), 52-65.
Bha an sreath mar fhreagairt air a’ ghluasad bhuadhach airson Saorsa Bhoireannach a mhair eadar 1960an agus 1980an. Chuir boireannaich – leithid Norma NicLeòid, agus Criosaidh Dick – ris an t-sreath, agus bha cuideachd beachdan measgaichte bho fhireannaich, bàrdachd air a’ chuspair, agus fiosrachadh mu chor nam ban air a’ Ghàidhealtachd agus san t-saoghal mhòr.
Chan eil fios againn cò b’ i an t-ùghdar, agus bhiodh e fìor mhath cluinntinn an do sgrìobh i tuilleadh.
An tras-sgrìobhadh seo le T. MacAilpein. Cha leamsa na còirichean.
