
THA aobhar taing aguinn nach eil dortadh fola ’an Sasunn no ’n Albuinn; ach tha anabàrr de mhì-riaghailt air feadh iomad aon de na bailtean mora. ’An Lunnainn, ’an Dun-eidean ’s an iomad àite eile tha buidheannan lìonmhor de’n t-seòrsa ris an abair iad Chartists a’ cruinneachadh gun stad a sìor éigheach an aghaidh reachd, as Pàrlamaid — a’ sior iarraidh gnothaichean a thilgeadh bonn os ceann; agus tha gach meirleach, ’s gach sloightire daonnan ’n an gaoith sud agus ri mòran goid, as spuinnidh anns gach cruinneachadh a tha ’tighin cuideachd. Tha e ro mhi-fhortanach gu’m biodh na daoine so — na Chartists — a’ dol air an aghaidh mar a tha iad. Tha iad ri cron ’s ri creachadh air ioma dòigh. Cha’n e mhàin gu’m bheil iad a bleid mòran airgid o dhaoine bochda fo sgleo-bréige gnothaichean ciatach a dheanadh air an son — oir gun airgiod a chruinneachadh air an son cha dean iad teangaireachd no tagradh; ach tha iad a’ tarruing dhaoine o’n obair ’s o’n cosnadh ’hun an coinnimhean; agus nas miosa gu léir — tha iad leis a’ bhruaillein a tha iad a’ gleidheil air feadh na rìoghachd a’ cur eagail air na daoine airgiodach làmh a ghabhail ann am malairt; oir cò a theid a dh’fhosgladh mhuillean no thighean malairt an uair tha e ’n cunnart gach oidhche gun tig sgaoth de’n ghràisg ud agus gu’n loisg iad a thighean os a cheann. ’Se ’n cor neo-shocair so ’s am bheil an rìoghachd a tha ’deanamh mòran bacaidh air cosnadh ’s air ceirdean. Tha airgiod a’ fàs nas paillte. Tha lòn ro shaor. Tha ’m bàrr a tha ’s an talamh a’ coimhead ro ghealltanach: ach tha cosnadh fada fad, air ais.
~~~~~
Bho Fear-tathaich nam Beann (AN SEATHADH MIOS, 1848), .i. an t-Òg-mhios, 181-182. Chan eil ùghdar ainmichte an lùib an uilt bhig seo, a nochd mar phàirt den earrainn, ‘NAIGHEACHDAN’.
B’ e an t-Urr. Gilleasbuig Mac a’ Chlèirich (Archibald Clerk, 1813-1887), ministear Chill Mhàilidh, a dheasaich an iris. Tha fios againn gun do chuir leithid an Urr. Alasdair MacGriogair (Alexander MacGregor, 1806-81) rithe cuideachd.
Tha an t-iomradh shuas air a spìonadh bho cho-theacs de naidheachdan eile. Nuair a chanas e gu bheil ‘aobhar taing aguinn nach eil dortadh fola ’an Sasunn no ’n Albuinn’ tha e a’ tarraing air tachartasan eile a bha a’ dol aig an aon àm air an do rinneadh luaidh: a’ Chiad Chogadh Schleswig (1848-1851) eadar stàitean Gearmailteach agus an Danmhairg; dìteadh agus cur à tìr a’ Phoblachdaich Seán Mistéal (John Mitchel, 1815-1875) às dèidh Éiri Amach na nÉireannach Óg (Iuchar 1848); agus Rèabhlaid na Frainge 1848. An taca ris na h-àitichean seo bha Alba cuimseach sìtheil.
