
Tha cuisean a dol air aghart ’s an Fhraing n’ as fhearr na bha duil aig moran. Ghlac feachd an luchd riaghlaidh Paris; agus chaidh moran de ’n luchd-ceannairc a mharbhadh, agus ro mhoran diu a ghlacadh. Rinn na daoine coirbte sin moran dochainn do n bhaile-mhor, mus an do chuireadh sios iad. Mhort iad moran de ’n luchd aiteachaidh, agus thilg iad sios agus loisg iad iomad taigh-mor riomhach agus carn-cuimhne grinn. ’Na ’m measg bha cuid de luchairtibh seann righrean na Frainge, agus carragh ard [Colbh Vendôme, san deilbh shuas] a bha mar chuimhneachan air na buaidhibh a fhuair na Frangaich thair an naimhdibh an laithibh a cheud Bhonaparte, le iomhaigh fhein air a mhullach[.] ’Nuair a leag iad an carragh, chaidh an iomhaigh a bhriseadh, agus thilg cuid de na bha ’s an lathair smugaidean oirre, oir rinn an t-Iompaire mu dheire a lheithid a dh’ aintighearnas orra s’ gun robh iad lan feirg an aghaidh a luchd-dàimh gu leir, gun sgoinn do mhoralachd Bhonaparte ’nuair a bha e ’n aird a chumhachd agus iomad righ fo a smachd.
~~~~~
Chan eil an seo ach earrann bheag bho altan nas fhaide a tha a-mach air a’ Chogadh Fhrangach-Phruiseanach (1870-1871): ‘An Cogadh ’s an Fhraing’ ann an An Gaidheal; Paipeir-naidheachd agus Leabhar-sgeòil 1:1 (Dara Mìos an t-Samhraidh, 1871), 5-7, agus; ‘Naidheachdan’ ann an An Gaidheal (7c.) 1:2 (Dara Mìos an Fhoghair, 1871), 21-22.
Chaidh An Gaidheal a thòiseachadh agus a dheasachadh le Aonghas MacNeacail, à Leòdhas, ann an 1871. Chaidh na ciad thrì àireamhan fhoillseachadh ann an Canada agus, an uair sin, rinn an ràitheachan imrich a dh’Alba far an do chùm e a’ dol gu 1877. Tha e loma-làn beachdachaidh tharraingich air naidheachdan poileataigeach an latha fhèin – ’s cinnteach fo bhuaidh agus a’ tarraing air pàipearan-naidheachd Beurla.
An seo, tha an t-ùghdar a’ dèanamh gàirdeachas ri sgrios Chomann Pharis, an riaghaltas rèabhlaideach is sòisealach a mhair eadar 18 Màrt agus 28 Cèitean 1871. Nuair a ghlac arm nàiseanta na Frainge, fo Adolphe Thiers, am prìomh-bhaile chaidh na mìltean de Chomannaich a mhurt. An robh beachdan eile aig na Gàidheil air na thachair?
