
Anns a’ bhliadhna naoi ceud deug agus a h-ochd deug an toiseach a’ mhìos Mhàigh, bha mi anns a’ Fhraing ann an réiseamaid Ghaidhealach anns a’ chóigeamh roinn deug Albanach, de’n arm Bhreatannach. Bha mi air m’fhàgail a-mach ás an trainns an tùras so airson ionnsachadh “Lewis gun.” Air an la-arna-mhàireach an déidh m’fhàgail a-mach thàinig oifigeach do’n bhaile bheag anns a robh sinn. Agus fhuair sinn òrdugh bhith deiseil anns a’ mhionaid an déidh dhuinn air [sic] tea fhaotainn. Deichnear againn a bha air ar taghadh airson falbh. Cha robh nì a dh’fhios againne càite robh sinn a’ dol. Nuair a bha sinn mar leth an rathaid fhuair sinn òrdan bho’n oifigeach ar n-anail a ghabhail. Dh’innis e ’n uair sin dhuinn gur ann airson saighdear a bha anns a’ phrìosan a bha air teicheadh — barrachd agus aon uair ás an trainns adhartaich. Agus gu robh againne ri chur gu bàs anns a’ chamhanaich air an là màireach. Ged as e lagh cruaidh a bh’ann gum feumadh sinn air [sic] dleasdanas a dhèanamh.
Cha robh cothrom air. Bhà sinn anns an arm, ’s cha dèanadh feum diùltadh. Nuair a ràinig sinn an t-àite robh sinn a’ fuireach an oidhche sin bha na rìflichean air an toirt bhuainn.
Anns a’ mhadainn la-arna-mhàireach bha sinn air ar tabhairt chùm an àite anns an robh am prìosanach. Fhuair sinn òrdan “tionndadh mun cuairt”; bha sinn greis mar sin. Fhuair sinn an ath òrdan “tionndadh mun cuairt” a rithist. An uair sin bha ochd rìflichean air an talamh air ar beulaibh, ceithir ma dhà shlait air thoiseach air na ceithir eile. Fhuair sinn òrdan coiseachd air aghaidh chon na rìflichean agus an togail. Bha am prìosanach truagh an aodann bruaich air a cheangal ri posta agus clobhd geal m’a shùilean. Bha aon dhe na h-ochd rìflichean gun ann ach a chàrtridge fhùdair gun pheileir idir agus cha robh fhios aig fear seach fear co aige bha an gunna gun pheileir.
Nuair a fhuair sinn an comannd “loisgeadh” bho’n oifigeach, cha do choimhead mise air “sight,” cha b’urrainn mi, ach a ligeil air falbh taobh air choireiginn. Dh’fheumadh an t-oifigeach a dhol suas chum fhaicinn an robh e marbh; mar bitheadh, dh’fheumadh esan a revolver a chur ris — ach bha an duine truagh marbh gu leòr.
’Na mo bheachd-sa b’fheumach an truaghan bochd a bha sud air a bhith air a chur gu ruige ospadal a chionn ’se tinneas bu choireach nach robh “nerve” aige airson fulang a’ chulaidh-uabhais a bha m’a choinneamh na saighdearan bochd a bha anns a’ chogadh mhór.
~~~~~
Cunntas goirid a tha seo ris nach robh dùil. Chaidh fhoillseachadh ann an Gairm 63 (An Samhradh 1968), td. 223, le ‘SEANN SAIGHDEAR (Uibhist-a-deas)’.
Chan eil tuilleadh fiosrachaidh ann mun fhear a sgrìobh e no mun tachartas fhèin. Tha fiù ’s againn ri faighneachd a bheil am fiosrachadh seo fìrinneach no an e sgeulachd fhicseanail a tha againn air a bheil coltas na fìrinn. Stèidhichte air an teacsa fhèin, thathas den bheachd, ge-tà, gu bheil an t-ùghdar dha-rìribh a’ cuimhneachadh air gnothach brùideil san robh e an sàs agus mun do ghabh e aithreachas airson a’ chòrr dhe a bheatha. Air an adhbhar sin, ’s e ainm-pinn a tha e a’ cleachdadh.
