‘Leasain a’ Chogaidh’ (1918), le T.D. MacDhòmhnaill

slum_in_glasgow,_1871

 

Bho àm gu àm do’n bhaile mhór
Bha na fir òg’ a’ triall,
’Nan dùthaich féin bha iad gun chòir
Le miannan bha gun chiall.

An clobhsaichean dubh, salach, fuar’
Bha iomadh aon diubh tàmh,
Ma dh’ fhaoidte, shuas air staidhrichean,
Le mosaiche a’ cnàmh.

Am baile mór — an saoghal mór —
Bha iad am fangan oillt,
Gun fharsuinneachd, gun tioraileachd,
Gun àite cluich aig cloinn.

Ach chual iad fuaim na trombaide
Is léum an deile ’n àird,
Is chuimhnich iad air tìr nam beann
’San dùsgadh bh’ aig na bàird.

An spiorad bha cho dìomhair annt’
Fad bhliadhnaichean a bha,
Ghluais e, ’s ghabh e spionnadh ùr
Gu éuchdan anns a’ bhlàr.

Tha iomadh cuisle a bha breòit’
A nis le neart air ghléus,
Is iomadh cliabh a bha gun chàil
A’ laomadh leis an éud.

Tha inntinnean a bha gun smuain
Mu chòir a’ chinne-daonn’
Ag aideachadh a nis cho dall
’S a bha na h-uile h-aon.

Mar thuiteas uisg’ á néamh a nuas,
Gun phrìs, gun chead o mhaor,
Mar dhearrsas grian air raon is chruaich
Is còir gach nì bhi saor.

’S e sin bhi saor bho smachd is sannt
A’ bheag-chuid de’n an t-sluagh,
Is rian a’ cheartais aig gach àm
A’ riarachadh gach buaidh.

Is creideamh so ’tha fàs an neart
Le deuchainnean na strì,
Rùn-suidhichte gach ni bhi ceart
’N uair choisneas sinn an Sìth.

 

T. D. MACDHOMHNUILL.

 

~~~~~

Foillsichte ann an Guth na Bliadhna (1918), 81-82.  Tha an dàn ri fhaighinn cuideachd anns a’ chruinneachadh de bhàrdachd aige, Dàin agus Dealbhan-Fhacail an Àm a’ Chogaidh (Glaschu: Archibald Sinclair, 1918).

Bha Tòmas Dòmhnall MacDhòmhnaill (T.D. MacDhomhnuill, 1864-1937) às an Eilean Sgitheanach. B’ e Rùnaire a’ Chomuinn Ghaidhealaich a bha ann eadar 1907 agus 1911.

Tha a chuid bàrdachd sa chruinneachadh shuas air leth inntinneach mar thùs eachdraidh. A’ measgachadh bheachdan a tha gu dìorrasach airson a’ Chogaidh Mhòir agus tìr-ghràdhach – mar a chìthear ann an dàin leithid ‘A’ Bhratach a tha Geal, Dearg, ’s Gorm’ (1914) – tha e nas anmoiche ag argamaid airson atharrachaidhean mòra sòisealta às dèidh a’ Chogaidh – mar a tha air an cur an cèill san dàn seo.

Sgrìobh beachd