‘Deise Mheallta’ (1991), le Flòraidh NicPhàil

togail an airm3

 

Thàinig saighdear spaideil don sgoil an-dè
le dheise, ’s le bhutain ’s le bhonaid —
gille gasda.
Tharraing e dealbh dhomh
air tursan do thìrean cèin,
ciùirtean air mo chorraig
’s dòigh-beatha eireachdail —
dealbh cho soilleir ris a’ ghrèin.

Ach cha tug e diog fhathast air marbhadh,
air peilear chuireadh às
do ghillean eile cheart cho snasail.
Cha tug e dealbh dhomh
air deiseachan nan stròicean ragach
ruadh le fuil —
dòigh-bàis cho grànnda
dubh, doirbh is a th’ againn.

 

~~~~~

Chaidh an dàn seo fhoillseachadh ann an Gairm 155 (1991), td. 219. Nochd e a-rithist, còmhla ri dàn poileataigeach eile, ann an ‘Dà Dhàn’, Gairm 157 (1991), td. 85.

‘S ann à Tiriodh a tha Flòraidh NicPhàil (Flòraidh Nèill Sgibinis, 1944- ). Bha i ag obair na tidsear san eilean.

 

Sgrìobh beachd