
Carragh-cuimhne Saighdear Neo-aithnichte an Revolution
(Das Grabmal des Unbekannten Soldaten der Revolution, le Bertolt Brecht. Eadar-th. le Iain MacDhòmhnaill agus Mairead Ryan.)
Tha saighdear neo-aithnichte an revolution air tuiteam.
Chunnaic mi a charragh-cuimhne ann an aisling.
Bha i air mòintich. Bha i ’na dà chnap cloiche
Bha i gun sgrìobhadh oirre. Ach thòisich aon chlach
air bruidhinn.
Esan a tha ’na laighe an seo, thuirt i, dh’fhalbh e
a thoirt buaidh, chan ann air tìr chian,
ach air a thìr fhèin. Chan eil aithne
air ainm, ach an leabhraichean na h-eachdraidh
tha ainmean na feadhainn a fhuair làmh-an-uachdair air.
A chionn gu robh e airson a bhith beò mar dhuine
chaidh a spadadh mar bheathach fiadhaich.
Cha robh anns na faclan mu dheireadh aige ach sainis,
oir thàinig iad à sgòrnan tachdte,
ach ghiùlain a’ ghaoth fhuar iad gach taobh
gu iomadh duine a bha a’ reothadh.
Ceistean Obraiche a Leughas
(Fragen eines lesenden Arbeiters, le Bertolt Brecht. Eadar-th. le Iain MacDhòmhnaill agus Mairead Ryan.)
Cò a thog Tèbe nan seachd geataichean?
Anns na leabhraichean gheibhear ainmean rìghrean.
An do shlaod na rìghrean suas na cnapan cloiche?
Agus Bàbailon, a sgriosadh iomadh uair
— cò a thog suas cho tric i?
Cò na taighean ann an Lìma dheàrrsach an òir
anns an robh an luchd-togail a’ fuireach?
Càite, am feasgar a chrìochnaicheadh
Balla Mòr Shìona, an deach
na clachairean? Tha an Ròimh mhòr làn
de thogalaichean nam buadh.
Cò a chuir suas iad? Co air
a thug na Ceusaran buaidh? An robh am Biosaintion,
air a luaidh ann an dàin, ach lùchairtean
airson a luchd-àitich? Fiù an Atlaintis an sgeòil,
air an oidhch’ a shluig an cuan i, bha iad
’s iad gam bàthadh ag èigheach
air an cuid thràillean.
Cheannsaich Alasdair na h-Innseachan ’s e òg.
Leis fhèin?
Bhuadhaich Ceusar air na Gallaich.
An robh idir fiù ’s còcaire còmhla ris?
Ghuil Philip na Spàinne nuair a chaidh a loingeas fodha.
An do ghuil duin’ eile?
Fhuair an dara Friedrich buaidh
ann an Cogadh nan Seachd Bliadhna. Cò eile?
Gach duilleag, buaidh.
Cò a dheasaich a’ chuirm dha na buadhaich?
Gach deich bliadhna, duine mòr.
Cò a phàigh a’ chùnntas?
A liuthad iomradh.
A liuthad ceist.
~~~
Nochd an dà eadar-theangachadh seo ann an Gairm 105 (An Geamhradh 1978-79), tdd 24-25. Chaidh am foillseachadh a-rithist ann an Ruaraidh MacThòmais, deas, Bàrdachd na Roinn-Eòrpa an Gàidhlig (Glaschu: Gairm, 1990), tdd 77-78. Anns an aon leabhar tha cuideachd eadar-theangachadh le Iain Mac a’ Ghobhainn air ‘A Bhith Teagasg gun Sgoilearan’ le Brecht, td. 79.
Tha mi fada an comain Iain MhicDhòmhnaill airson cead na dàin a sgaoileadh an seo.
Dhaibhsan aig a bheil ùidh, rinn Aindrias Ó Cathasaigh tionndadh Gàidhlig na h-Èireann air cuid de dhàin Bhrecht ann an Chucu siúd a rugadh ina dhiaidh: Rogha Dánta (Baile Átha Cliath: Coiscéim, 2006). Tha sin ri fhaotainn an seo.
