‘An t-Soibheid’ is Eile (Guth na Bliadhna, 1919-1920)

Sòibhiat Chathair Pheadair

Anns a’ phost mu dheireadh, ‘An t-Ar-am-mach Rùiseach’ a chaidh fhoillseachadh as t-Earrach 1918, tha fear de na h-altan as tràithe againn ann an Gàidhlig air Rèabhlaid na Ruise. Ge-tà, cha b’ ann air tachartasan an Dàmhair 1917 no air sòisealachd fhèin a bha ùghdar Guth na Bliadhna a’ cnuasachadh, ach air co-rèiteachadh Brest-Litovsk eadar a’ Ghearmailt agus an riaghaltas ùr Boilseabhach airson crìoch a chur air a’ chogadh. An seo, leughar cuid de na beachdan a bha aig sgrìobhadairean na h-irise, foillsichte ann an 1919 agus 1920, air an dòigh-riaghlaidh ùr a bha air a chruthachadh san Ruis. Nochd na h-earrannan uile ann an ‘Analaidhean nan Ràithean’,  am measg naidheachd eile, agus tha iad a’ toirt sealladh iongantach dhuinn air deasbadan poileataigeach an ama, air a’  bhuaidh a bha aig tachartasan air Alba, agus air mar a dh’atharraich beachdan ri ùine.

 

An t-Soibheid.

Gach gnè Phàirteachd a ta ann aig an là ’n diugh, gabhaidh i sin lorgadh air a h-ais gu dà mhathair-aobhair air leth. Is iad an dà cheann-aobhair sin, na beachdan aig St. Simon, agus an fheadhainn a sheas Fourier. Bha St. Simon gu ro thograch déidheil air gach cumhachd agus facal fhaighinn an làmhan na Stàide, agus, mar sin, b’athair esan do’n a h-uile neach leis an àill agus leis am miann an Stàid a chur über alles. Bha Fourier, air an làimhe eile, air chaochladh beachd ri sud. B’aithreach leis an Stàid a dhèanamh ’na bana-mhaighstir air a h-uile ni is neach, agus thuirt e iomadh uair gur e an co-chomunn no a’ chuideachd air fad, is chan e idir an Stàid, an aon bhunait o’n bu chòir duinn teannadh am mach gus am pobull uile a thàthadh a chéile, agus a chur air deagh riaghailt mar cho-chruinneachadh de chreutairean beusach tuisgeach [sic] reusonta. Chan fhada gus an do sgaoil na beachdan aig Fourier gus an Rùis, far an d’fhuair iad fàilte bhlàth chridheil o iomadh neach, gu sònruichte bho Bhakunin, a bha ’na dheisciobul aig Proudhoun, am Frangach ainmeil air an fheumar sealltuinn mar prìomh-threise is mar fhear-stéidheachaidh na Mi-riaghailte. Chan eil teagamh nach ann as an dà aobhar so a thuirt sinn (Fourier agus Proudhoun), a fhuair na Rùisich an deothas agus an t-aomadh làidir sin gu beachdan Mi-riaghailteach air son am bheil iad cho comharraichte aig an là ’n diugh; agus gus an aona chrìoch shonruichte so a thoirt mu’n cuairt faodar a ràdh gu’m bu mhór an comhnadh a rinn aigne agus nòsan dùthchail a’chinnich sin. Tha na Boil-seabhaichean gu tur an-earbsach seachnach air pàrlamaidean. Is ann as na Soibheidean a ta iad a’ cur an earbsadh gus am pobull uile a tharruing gu leas, sonas, agus deagh riaghailt, agus, fo riaghladh an dream cheudna, cha leigear le ni no neach tighinn car aon mhionaid eadar na caochladh Shoibheidean a ta ann agus an fheadhainn a chaidh a chur an seilbh air a’ chumhachd is àirde anns an Stàid. Mar sin, ge b’e air bith cron no cionta a dh’fhaodas sinn le fìrinn a chur as leth nam Bol-seabhaiche, is buidheach agus is soirbheachail a ghabhas an rian-rìaghlaidh aca coimeas ris an fhear a ta againn féin. Tha na Soibheidean a’ tarruing nan ròp, agus is ann dìreach a réir is mar a bhios am pobull a’ toirt tarruing daibh so is fheudar do’n luchd-riaghlaidh an giùlan is an gnìomhan uile a réiteachadh. An comasach duinn a ràdh gu bheil na pàrlamaidean againn féin a leth cho luath teoma gu freagradh mar is còir air toil agus air miann a’ phobuill leis an deachaidh an cur air bonn?

 

An-earbsachd à Pàrlamaidean.

Thuirt sinn mar tha gu bheil na Bol-seabhaichean tur an-earbsach seachnach air pàrlamaidean. Dé ta gam fàgail mar sin? Is ceist i so air am fiù duinn beagan aire a bhuileachadh, is gur e is aobhar dha rud air leth neonach cudthromach. Thuirt Proudhoun (ni a dhaingnich a charaid Bakunin cuideachd) gu’m bu dìomhain a bhiodh am pobull a’ cur a bheag no mhór de earbsa á pàrlamaidean, o’n a ta eachdraidh uile nan rudan sin a’ leigeil ris duinn gur beag am feum chum leas agus sonas an t-sluaigh a chur am meud, agus gu bheil iad làn duaise, agus a h-uile seorsa coirbteachd. Chan eil teagamh nach deachaidh na beachdan so a tharruing, ann am pàirt co-dhiu, bho smuaintean sgrìobhte cuid de na feallsanaich Gréugach, a thàr iad féin air falbh, mar bu mhò a dh’ fhaodadh iad, bho chuideachd is bho chompanas an co-chreutairean féin, mar  a rinn, fada ’na dhéidh sin, aonaranan Criosdail an fhàsaidh Eiphitich, agus a theagaisg, ceart mar a rinn am muinntir mu dheireadh so, gur ann mar is mò a bhios sinn stuama seachnach air caidreabh is air cuideachd dhaoine is ann is fheàrr. Thuirt Seneca: “Cho tric sa chaidh mi am measg cuideachd, thill mi na bu lugha am dhuine”; agus chan eil cinnt nach ann am beachdan de’n t-seorsa so a dh’ fheumar sireadh gu aobhar fhaighinn do’n dath shònruichte sin a ta air na baralaichean aig Proudhoun, agus troimh-san, air an fheadhainn a leig an Rùiseach (Bakunin) seachad. Tha iad le chéile buileach an-earbsach á pàrlamaidean, agus co e an duine a their gu’n robh iad gun mhodh gun bharantas anns a’ bharail sin? Chan e gun reuson gun aobhar a thuirt Tearlach Stiùbhard Parnell nach maireann, “a few years of parliament is sufficient to corrupt the soundest party ever formed.” B’i a’ phàrlamaid Shasunnach a bha air aire dha an uair a labhair e mar sud; ach na tha ceart fìrinneach mu’n fhuaran coirbteachd ud, tha e sin ceart cho fìor mu gach leth-bhreac eile de a seorsa. Tha nàdur nam pàrlamaidean cumta chum duais agus coirbteachd; agus an fheadhainn is motha fiosrach orra, is iad an fheadhainn sin is motha an-earbsach mu’n déidhinn.

(Bho: ‘Analaidhean nan Ràithean’, Guth na Bliadhna (An t-Earrach 1919)).

 

Na Bol-seabhaichean.

Tha sinn fo chomain do’n Mhanchester Guardian air son cunntais gu maith fiosrach taitneach air na Soibheidean is air righladh Lenin air an Rùs. Chan fhaodar gabhail mar smior na fìrinne leis gach droch sgeul a bhios an fheadhainn sin ag aithris a ta an leas saoghalta no an aonadh-inntinn a’ comh-sheasamh air a bhi do ghnàth a’ cur riaghladh nan Bol-seabhaiche ann am fìor dhroch chliù aig an t-saoghal; agus so ni a ta na cunntasan roimh-ràite, a chaidh a chur ri chéile leis an Ollamh Goode, a’ daingneachadh anns gach rathad. Thachair gu’n deachaidh cothrom a leigeil do’n ollamh air seanachas a ghabhail ri Lenin e féin, agus an nis tha suim agus brìgh nan seanachas ud air an tarruing gu aona cheann, is air an cur fo dhreach air ar son anns a’ Ghuardian. Arsa Lenin: —

One of the central doctrines is work: everyone up to the age of 60, or until invalided, is supposed to be occupied in work that is useful to the State. This is one of the reasons of the bitter hostility of those who, under the former régime, lived without work of any kind, oblivious of the fact that, if he lived, someone must be working to supply the means.

Sin againn e: tha na daoine beartach nach dèan saothair is nach snìomh ’nan aobhar trioblaide, chan e mhàin do gach stàid a bhios a’ cumail suas riu ach daibh féin is d’an cuid chàirdean is ìochdaran; agus air an aobhar sin chan fhaodar leigeil le an seorsa leis an “deagh stàid” car aoin mhionaide. Rugadh an duine gu saothair mar a dh’éireas na sradan suas; is ma théid brìseadh air an lagh nàdurra so, théid ar peansachadh anns a’ cheart tomhas san d’rinn sinn peacachadh an tùs. Is còir agus is ion gu’m biodh an deagh bhun-stéidh so a leig Lenin sios gu teann fo ar beachd an uair a théid againn air ar “saoghal ùr” féin a chur air bonn an Albainn. Duine gun saothair d’a làimh (no d’a inntinn), is duine gun fheum e sin.

(Bho: Guth na Bliadhna (An Geamhradh 1919), tdd 389-90.)

 

Na Soibheidean.

Mar is mò a ta Lenin ga chur féin am fiachaidh anns an Rùis, is ann is mò a ta na Soibheidean a’ tighinn fo gheur-bhreithneachadh aig an fheadhainn do nach comasach nì maith sam bith fhaicinn annta. Se am britheamh is deireannaiche thug binn a mach orra Karl Kautsky, Pàirtear Gearmailteach. Chaidh an leabhar aige, d’an ainm Smachd nan Saothraichean, ’eadar-theagnachadh gu beurla nan Sasunnach, agus is ann do’n eadar-theangachadh sin a tha sinn fo chomain air son gach fios a th’againn mu na beachdan aig Kautsky. Si chasaid is truime tha an Gearmailteach a’ cur as leth Lenin nach eil an Ard-uachdranachd aige a’ riochdachadh sluagh na Rùise, ach a mhàin na buidhne sin d’am bheil an neach sin e féin, agus a chàirdean, a’ buntainn. Gun teagamh, tha so fìor — an cuid. Chan ionann na Bol-seabhaichean agus an Rùis uile; agus tha coltas gur e Lenin e féin an duine bu deireannaiche bhiodh a’ tagradh na h-uibhir sin air a sgàth féin is as leth a chàirdean. Is maith is aithne dha gu bheil a nàimhdean pearsonta féin, is nàimhdean na h-Ard-uachdranachd aige, lìonmhor agus cumhachdach, agus, cuideachd, gu bheil iad air an gluasad leis an aona déidh ann a bhith a’ toirt ionnsaigh air, co-dhiubh is i an Rùis i féin is àite-comhnuidh daibh no tìrean céin. Ach, tha coltas nach eil Lenin air so ach dìreach mar a tha a’ chòrr de’n t-seorsa d’am bheil e buntainn; se sin ri ràdh gu bheil esan fo chomain na codach is pailte de’n t-sluagh air son gach cumhachd agus uachdaras leis an deachaidh e féin agus an Ard-uachdranachd aige a sgeadachadh, dìreach mar a tha gach rìaghaladair is Ard-uachdranachd eile fo’n ghréin fo chomain do’n chuid is lionmhoire de’n phobull air son gach cumhachd agus uachdaras a ta iadsan a’ mealtuinn.

A thaobh “Smachd nan Saothruichean,” chaidh a thilgeil air Lenin le Kautsky nach eil ann an so ach inneal-riaghlaidh anabarrach mi-iomchuidh is gràineil do aigne agus spiorad na fìor Phàirteachd. “The atmosphere of the barracks (ars esan) is not conducive to Socialism; but that is the atmosphere which any dictatorship, which must rely upon an obedient army, is forced to introduce.” Aon uair eile, tha na briathran aig Kautsky ceart agus fìor; ach farraididh sinn so: co e thug air Lenin agus a chàirdean an uile earbsa a chur an “Smachd nan Saothraichean” mar mheadhon éifeachdach air an t-Ar-a-mach Chuideachail (agus an Rùis uile) a theasraiginn bho gharbh ionnsaighean nan aischeumach de gach seorsa agus dùthaich a thàinig ’nam miltean ’nan aghaidh, mur e sin an rud so féin gu’n robh iad air an co-éigneachadh gu sin a dhèanamh air tàille nan ionnsaighean a rinneadh air an dà chuid, se sin ri ràdh na Soibheidean agus an t-Ar-a-mach Cuideachail. Ma théid garbh ionnsaigh a thoirt air creutair sam bith, nach e e féin a dhìon a’ cheud gluasad a dh’fhaireachdas an creutair sin, is e, theagamh, an cunnart a bheatha?

(Bho: Guth na Bliadhna (An t-Earrach 1920), tdd 69-70.)

Sgrìobh beachd