‘An t-Ar-am-mach Rùiseach agus na Cumhachdan Sladach’ (Guth na Bliadhna, 1918)

An t-Ar-am-machMar is fhaide a mhaireas an cogadh is ann is soilleire tha e fàs gur e an t-Ar-am-mach Rùiseach an t-aon nì tha sruthadh am mach bhuaithe sin as am faodamaid uaill a thoirt, agus anns am faodamaid móran earbsa a chur. Aig an là an diugh, se an gniomh mór ud (an t-Ar-am-mach Rùiseach), a tha air uachdar inntinn anns gach ceàrn de’n t-saoghal chàlaichte, agus mur eil sinn gu mór air ar mealladh is ann air uachdar a bhios e fathast, an uair a thig an t-sìth.

Dé tha fàgail Ar-am-mach na Rùise cho sònruichte comharraichte, agus, a dh’aon àm, ga thogail an àird os ceann cho iomadh tachartas eile de’n t-seorsa ceudna air am bheil cunntas earbsach againn an eachdraidh na cruinne? Ma’s miann leinn freagairt iomchuidh fhaighinn do’n cheist a chuir sinn — freagairt a bhios cho ceart agus fìreannach sa tha a’ chùis i féin cudthromach agus làn tairbhe — chan ann idir an tùs agus an giùlan air aghaidh an ar-am-mach sin a dh’fheumas sinn sìreadh a dhèanamh air a son. Se an dubh fhòirneart comhla ri eucoir mhór — fòirneart agus eucoir a chaidh a leigeil gun tàmh air an t-sluagh mhi-fhortanach ud lìnn an déidh lìnn — a thug mu’n cuairt e; agus air son a ghiollachd agus a ghiùlain air aghaidh, chan eil an t-Ar-am-mach Rùiseach idir gu bhi air a mheasadh aon chuid dad na’s feàrr no na’s miosa na càch a thaobh a’ ghnothaich shònruichte sin. ’S ann do’n chlaidheamh, is do’n chlaidheamh a mhàin, a reir coltais, a rinn luchd-an-ar-am-mach tagradh, agus is mór is eagal leinn nach robh an fhreagairt do’n aslachadh a rinn iad cho sìtheil neo-fhuilteach san rathad sa dh’ fhaodadh e, ma dh’ fhaoidteadh, a bhi. Coma co dhiubh, cha ghabh e aiceadh nach do m[h]arbhadh iomadh aon (eadar chiontach agus neo-chiontach) ré a chùrsa-san, agus sin againn ni a bhios a’ fagail a chuimhne gu bràth car searbh le cuid, ge b’e air bith cho càirdeil taingeil do’n Ar-am-mach Rùiseach sa dh’ fhaodas sinn a bhi air iomadh alt cudthromach eile, is gach fear dhiubh sin na’s measaile na chéile leinn.

Se spiorad na Rùis ùire, mar a tha an comharradh foghainteach sin ga thaisbeanadh féin am briathran agus an gniomhan a luchd-treorachaidh, a tha fàgail an Ar-am-mach Rùisich cho comharraichte sònruichte, agus ga thogail an àird os ceann cho iomadh tachartas eile de’n t-seorsa ceudna.

Se spiorad na Rùis ùire, mar a tha an comharradh foghainteach sin ga thaisbeanadh féin am briathran agus an gniomhan a luchd-treorachaidh, a tha fàgail an Ar-am-mach Rùisich cho comharraichte sònruichte, agus ga thogail an àird os ceann cho iomadh tachartas eile de’n t-seorsa ceudna. Se an diubhras a th’eadar an t-Ar-am-mach Rùiseach agus gach spionadh á bun agus mór mhùthadh cuideachail eile a thachair riamh roimhe gu’m bheil na Rùisich deas gu cur an cleachdadh na bhios iad-san a’ teagasg agus ag earalachadh air càch a ghnàthachadh, am feadh nach robh luchd-treorachaidh nan ar-am[-]mach eile ach mar “shoitheachan briste” a thaobh na cùise so, a’chuid is mò dhiubh déidheil gu leor, gun teagamh, air an dara rud, ach gu ro shònruichte dearmadach surachail mu’n ghnothach eile.

An nis, chan eil ni a rinn na Rùisich is mò a thug de aire daibh féin is do’n ghluasad a sheas iad na na beachdan annasach a thilg iad an  céill an uair a chaidh na Gearmailtich agus iad-féin an ceann gnothaich gus sìth a bhiodh an dà chuid ceart agus cothromach a ghintinn eatorra. B’ ann air an fhàth chiogailteach ud a thàinig na Rùisich air an aghaidh, agus a liubhairt iad iad-féin seachad air cuid de na baralachan is iongantiche agus is neonaiche chaidh riamh a thagradh air beulaobh an t-saoghail. Dé thuirt iad? Thuirt iad (1) nach biodh aon chuid Glacaidh no Dìolaidh gan leigeadh leo idir, agus (2) gu’n robh iad sàsaichte ’nan inntinn gu’n robh còir dhlìtheil aig gach cinneach air Féin-shuidheachadh dùthchasach. ’S ann gun a bhi armaichte le ni ach na baralachan annasach so a dhlùthaich na Rùisich foghainteach am fagus do am fir-ceannsachaidh uaibhreach, na Gearmailtich, agus a thug iad de dhannarrachd orra seanachas a ghabhail riu anns a’ gheata.

SovietDelegatesAtBrestLitovsk
Luchd-ionaid Boilseabhach aig Còmhraidhean Brest-Litovsk, 15 Am Faoilleach 1918. Chìthear Trotsky na sheasamh sa mheadhan.

Ar leinn féin nach biodh ann duinn ach rud fìor thaitneach agus tairbheach feorachadh a dhèanamh an so air dé cho fad sa tha na rùintean a chuir na Rùisich an céill nodha agus annasach as is as. A thaobh a’ cheud rud a thug iad fa near air an fhàth a thuirt sinn (’s sin nach biodh Glacadh no Dìoladh sam bith gan leigeil do aon taobh seach an taobh eile), is gann a tha còrdadh no cùmhnant eadar-rioghachdail ann anns nach faicear aile no lorg air seors-eigin air làthair agus oibreachadh a’ cheart phrionsapail eireachdail so. Tha e cho sean ris a’ chleachdadh sin e féin, cinnich a bhi tighinn a chéile an dèidh daibh cur am mach gu searbh air a chéile air los co-chòrdadh a dhèanamh eatorra, agus iad uile deonach air an tairgse so a thug iad air adhart, no an t-iarrtas ud eile a chuir iad an céill, aon chuid a thoirt suas gu buileach, no, air a’ chuid is lugha dheth, a ghabhail ris an cruth agus an tomhas gu mór na’s lugha na bha iad toileach gabhail ris an tùs. Ach, mur e prionsapal uile gu léir ùr annasach a th’ anns an fhear a tha sinn a’ beantuinn ris an so ciod e, air an làimh eile, a theireamaid mu’n dòigh anns a bu mhiann leis na Rùisich e a làmhachadh agus a chur an cleachdadh? Chan eil cinnt nach robh an rud mu dheireadh so ùr agus annasach anns a h-uile car, agus, a thuilleadh air an sin, cho measail onorach do’n mhuinntir a bha ga bhreithneachadh sa tha i ionraic cubhaidh innte féin. Cha b’e bualadh no carachadh cuimte teann taobhail a bha na Rùisich a’ breithneachadh fa chomhair nan rùintean aca, ach bualadh agus gnàthachadh a bhiodh cho mór farsaing ris a’ Chriosdachd féin. Ma thuigeas sinn gach ni dheth so mar is còir co e an neach nach bi leomach as na Rùisich, agus taingeil thar thomhas daibh air son na rinn iad, gus spiorad grannda na féinealachd agus na spiolgaireachd eadar-rioghachdail a thoirt gu làr agus a mhucadh as?

Se an t-ath cho-dhùnadh gus an d’thàinig na Rùisich, agus a leig iad sios mar rud nach ghabhadh cur gu taobh, gu’m bheil aig an là diugh còir nach gabh cur ’na aghaidh aig gach cinneach, eadar mór is beag, air an ni sin ris an abrar “Féin-shuidheachadh.”

Gu’m bheil na Rùisich air a’ chùis mu dheireadh so ceart mar a tha iad air na gnothaichean eile a dh’ainmich sinn (’s e sin ri ràdh ’nan luchd cur-an-cleachdadh bheachdan agus phrionsapalan is tric a chaidh a shearmonachadh roimh so, seach iad a bhi ’nam fìor fhir-dhealbhaidh rudan tur ùr agus annasach) sin againn ni tha deabhte gu soilleir leis gach dara comhdach a bhios eachdraidh na còrach a thuirt sinn a’ solar duinn. A dh’ aon ni dheth, chan eil teagamh nach deachaidh a’ cheart chòir sin a chur an céill aig àm an ar-am-mach Fhrangaich, ach, gu bhi leigeil an tachartais bhrighmhoir sin gu tur am mach á cunntas, cha bhiodh e duilich duinn barantas earbsach fhaighinn do’n ràdh gu’n robh e ann móran linntean roimh sud. Is gann a ruigear a leas a ràdh gu’m bheil a bhi ag aideachadh phrionsapalan air am bheil coltas car grinn earbsach rud tur air leth o bhi gan cur an cleachdadh mar is còir, olc air mhaith le càch e, agus a dh’ aindeoin dé theirear ’nan aghaidh. Anns a’ char so, co e nach bi cuimhneach air an ni nach deachaidh a’ chòir nàdurra sin a th’aig a h-uile fear againn air Dia a sheirbheasachadh agus aoradh a thoirt dha a réir is mar a bhios cridhe agus cogais a h-uile h-aoin againn a’sparradh oirnn sin a dhèanamh; tha sinn ag ràdh nach d’ fhuair eadhon a’ chòir nàdurra uile gu léir reusonta so frèamhachadh an laghannan nan caochladh dùthchannan air am bheil a’ Chriosdachd air a dèanamh suas gus o cheann fìor bheag ùine, ge a chaidh a’ chòir chubhaidh ceudna a tagradh sa cur an céill cho tràth an eachdraidh na Criosdachd ri lìnn Thertullian, neach a rugadh mu’n bliadhna 160 B.T. Is luath mar eun air iteag siubhal an t-sligeanaich no triall a’ chrùbain an coimeas ri gluasad neo-léirsinneach ach gann gach còrach agus ceartais is miadhaile na chéile a dh’ionnsaigh leabhar mór nan reachdan eadar-rioghachdail.

Ach, ceart mar a dh’éirich duinn a ràdh [m]u’n rud eile a bhean sinn ris, tha na Rùisich air a’ chùis mu dheireadh so ceart mar a tha iad a thaobh na corr de’n ghnothach air an d’thug sinn tarruing a shuas — se sin, nan luchd-cur-an-cleachdadh, is chan ann idir ’nam fìor fhir-cruthachaidh, phrionsapalan agus bharaileachan air am bheil, nar beachd, cruth agus coltas tur nodha agus annasach. Tha na prionsapalan agus na baraileachan sin a’ caitheamh coltais a tha sealltuinn glé neonach le cuid, chan ann idir do bhrigh gu’m bheil iad an ceart da rìreadh mar sin annta féin, ach direach a cheann nach deachaidh an cur an cleachdadh riamh roimh so. Ach, ciod e an t-aon de’n chàraid is mò airidh, agus is mò toillteanach air ar moladh fhaighinn, (se sin, co dhiubh is e ceud-ùghdar no ceud-fhear-cur-an-cleachdadh prionsapalan a tha gu beachdail chum leas agus sònas an duine is feumaile do chlann an duine), sin cruaidh-chàs do nach àill leinn féin ceann a thoirt an so. Biodh mata, ’fhuasgladh féin air a’ ghnothach sin aig a h-uile neach leis am maith oidhirp a thoirt air e a shocrachadh.

Tha, gun teagamh, a eachdraidh féin aig a’ phrionsapal chudthromach d’an ainm aig an là diugh “Féin-shuidheachadh,” no “Féin-shuidheachadh Chinnich[.]” Air son ar cuid féin de’n chùis, cha mhaith leinn dol na’s doimhne ’s a’ eachdraidh sin aig an àm na a bhi cantuinn nach robh seann shaoghal nan Gréugach is nan Ròmanach uile gu léir gun mhothachadh do’n phrionsapal a thuirt sinn, air cho suarach dearmadach air sa dh’ fhaodadh  iad le chéile a bhi an uair a chaidh iad an ceann gnothaich gus impearachd am fear a chosnadh daibh féin. Cha mhò is urrainn duinn a ràdh le fìrinn gu’n robh na linntean meadhonach uile gu léir gun umhail do’n cheart chòir; agus mar is faisge a dhlùthaicheas sinn air eachdraidh ghnothaichean ar n-aimsirean féin chithear gur ann mar is treasa a buaidh, agus is soilleire a luach. A réir gach coltais, is ann mu àm cur air bonn na Gréig’ ùire anns a’ bhliadhna 1822 a tha eachdraidh dheireannach na còrach mhóire so a’ tòiseachadh.

Ach, ge b’e có e a b’ ùghdar do’n phrionsapal féin, is léir an gnothach gu’m bheil e fo chomain nach beag do na Rùisich, a ghlac ris, agus a tharruing e mach o dhorachadas gu sollus, gus e a chur gu sgairteil an cleachdadh. Chan fhaodar an t-sean chasaid ud a thilgeil air na Bolscabhaich co dhiubh, gu’m bheil iad déidheil air càch a tharruing gu bhi cur ùidhe am prionsapal air choreigin is caomh leo féin seasamh, ach a dh’aon àm, gun iad féin a bhi deonach air umhail a thoirt no striochdadh a dhèanamh dha. Nochd agus dhearbh, iad gu soileir nach cealgairean agus nach luchd-sgaoilidh bhriathran gun seadh a th’annta san, ach curaidhean foghainteach, leis am maith is leis an àbhaist am focal a bhi cho maith ri an gnìomh. Mar an ceudna, an uair a chaidh seann rian-riaghlaidh na Ruise a chur bonn os ceann agus a theann Dùthaich nam Finn agus an Ukraine ri dol fo ghluasad gus neo-eisimeil agus saorsa a chosnadh daibh féin, thuirt na Rùisich gu’m biodh an làmh leo anns a’ghnothach sin, agus gu’m b’e am beatha tighinn a steach san uair do’n Rùis ùr a chaidh a chruthachadh air son nan uile an cois an Ar-am-mach. Agus, mar bu dual fiughair a bhi, leis cho blàth caidreach sa bha a’ chainnt so a chleachd na Rùisich, is gann a bha an dà Phoballachd ùr air tighinn gu cor agus inbhe Stàide na chaidh làn “aithneachadh” a chur orra leis na Bolscabhaich, agus sin leis gach deagh-rùn agus deagh-ghean is urrainn a bhi. Ach, cha do rinn na Rùisich “ùra” stad eadhon aig an sin. Clùthmhor agus onarach thar tomhas sa bha gach ni dheth so a rinn iad, gidheadh cha do ruig sinn fathast gu fìor cheann an sg[e]òil thaitnich a th’ againn ri innseadh mu’n deidhinn. Ghabh iad gu dàicheil misneachail air an aghaidh anns an obair ionmholta ris an do chuir iad an làmh, a’ gealladh saorsa agus bràithreachais gun chrìch do gach cinneach a bhiodh miannach air briseadh a thoirt as na sean chuibhreachan, agus féin-riaghladh no “féin-shuidheachadh” a chur an cleachdadh air son an leas is am buannachd féin. Gu dearbh, cha gheallaidhean agus gnìomhan so de’n t-saorsa a théid a chur fo chron cho tric, do bhrìgh gu’m bheil iad le chéile air an truailleadh air fad roimh làimh le féinealachd, droch-mhèinn, no cùl-earalas air chor-eigin do nach fhaodar foillseachadh a thoirt. Agus ge is iomadh oidhirp a rinneadh air Trotzky agus a chàirdean a chur as an gabhail le tilgeil orra nach robh an gnìomh cho mór ri an geall, gidheadh cha b’e rud idir duilich no draghail do na Bolscabhaich a dhearbhadh gu’n robh na Gearmailtich gu trom air am mealladh sa’ chùis sin cuideachd. Cha bu rud leo riamh feum a thoirt á airm no éiginn ach a mhàin le sùil ri cùis na sìthe a dhìon, agus lagh agus deagh-riaghailt a chumail gun bhriseadh an taobh a staigh de na ceàrnan sin de’n dùthaich a chaidh a chur fo ùghdaras aca. Cha do shoirbhich leis na Gearmailtich rud beag anns an argumaid lag-bheartach so a thug iad air lom, agus b’fheudar daibh fa dheoidh striochdadh a dheanamh do ghuth an reuson agus na comhairle gun mheang.

Féin-riaghladh no Féin-shuidheachadh! Sin againn an leigheas is mò éifeachd do na creachdan goirta leis am bheil a’ Chriosdachd air a pianadh is air ciosnachadh cho cruaidh aig an àm. Chan eil ann ach e, agus mur téid gabhail ris, agus feuchainn gu h-ionraic onorach ris anns an ùine a tha romhainn is mór is eagal leinn féin nach bi anns a’ chogadh ghàbhaidh so a th’ann ach a mhàin seorsa de ullachadh fa chomhair iomad fir eile d’a sheorsa, is gach fear dhiubh a thachras mile uair na’s fuiltiche agus na’s duaichnidh anns a h-uile dòigh na an t-aon a thug ceum air thoiseach air.

Féin-riaghladh no Féin-shuidheachadh! Sin againn an leigheas is mò éifeachd do na creachdan goirta leis am bheil a’ Chriosdachd air a pianadh is air ciosnachadh cho cruaidh aig an àm. Chan eil ann ach e, agus mur téid gabhail ris, agus feuchainn gu h-ionraic onorach ris anns an ùine a tha romhainn is mór is eagal leinn féin nach bi anns a’ chogadh ghàbhaidh so a th’ann ach a mhàin seorsa de ullachadh fa chomhair iomad fir eile d’a sheorsa, is gach fear dhiubh a thachras mile uair na’s fuiltiche agus na’s duaichnidh anns a h-uile dòigh na an t-aon a thug ceum air thoiseach air. Ciod e a th’anns a’ chòir eireachdail so a tha a h-uile dream agus cinneach an nis air thi gu bhi cosnadh daibh féin mur e meudachadh cubhaidh air còir nadurra eile air an deachaidh a’ chuideachd-daonna air fad a bhunachadh sa thogail suas o shean — còir nàdurra an duine gu bhi a’ caitheamh a bheatha, agus gu bhi a’ cur a chùisean pearsonta féin air dhòigh a réir is mar a bhios sin a’ sealltuinn iomchuidh agus goireasach dha. Is faoin an ni neach a bhi sireadh gus a chòir aosmhor so a chur an lughad, do bhrìgh gu’m bheil daoine ann a bhios air uairean cho faoin droch-mhèinneach agus a bhi ga mi-bhuileachadh is ga cur an cleachdadh gu fìor dhroch chrìochan. Gun teagamh cha bhi a h-aon againn nach bi deas gus na h-uiread sin co dhiubh a dh’aideachadh gu saor soilleir. Ach, dé dheth sin? Nach léir an gnothach gu’m bheil aig a’ chuideachd a leigheas freagarrach féin d’a leithid sin de olc? Dé is aobhar d’on rud gu’n deachaidh laghannan a dheanamh, agus am maor féin a sholar le tomhas iomchuidh de ùghdarras, mur e so e: gu’n robh e air a thoirt fa near leis a’ chuideachd-daonna air fad gu’m feum i solar freagarrach fhaighinn di féin a chum is nach biodh ise air a fàgail gu tur easbhuaidheach air dìonadh iomchuidh an aghaidh a’ cheart ghnè sin de an-gniomh? Chaidh aig an duine e féin a dhìon gu freagarrach mar so: an e, mata, gu’m bheil na caochladh chinnich a th’ann cho lag-bheartach agus cho neo-thorach a thaobh comas a[n] inntinne, is nach urrainn daibh solar freagarrach a dhèanamh leis am faigh sìth an t-saoghail di féin dìon agus teasraigin bith-bhuain o gach ionnsaigh agus briseadh a dh’fhaodas rioghachd no sluagh air bith a rùnachadh na h-aghaidh? Gu sealbhach, chan éigin duinn a leithid sin de bheachd bochd iosal a ghleidheadh mu dheidhinn nan cinneach. Tha nar seilbh an nis dòigh no innleachd leis am faigh sìth an t-saoghail di féin dionadh freagarrach agus gleidheadh gun bhriseadh am feasd, air chumhnant is gu ’m bi na cinnich iad féin toileach air an sean ghamhlasan a chur gu taobh, an sean amharuis an aghaidh a cheile a mhucadh as, agus tighinn an co-chordadh agus an co-aonadh a chéile air los leas an duine agus buanachd na cuideachd-daonna air fad a chur air aghaidh, is sin a dh’oirpeachadh gun dad de fhéinealachd no de chùl earalas inntinn a bhi ’na luib. Fàilt is furan, mata, air Connradh nan Cinneach. Suas e! Suas e! Na tigeadh am feasd tanachadh air fhaileas, no taise air a neart!

Rud eile gu ro chudthromach tairbheach: mar is mò a téid cumhachd cunnartach ana-cuimseach nan Cumhachdan sladach (na h-impireachdan, is na rioghachdan móra), a bhriseadh sios, a sgoltadh ’na bloighean bheaga, agus a riarachadh am measg nan uile, is ann is fheàrr, agus is luaithe a thig briseadh an là ghlòrmhoir sin anns nach bi cath no cogadh na’s mò tuilleadh agus anns am bi còir agus ceartas a’ riaghladh air an t-saoghal fo riochd Féin-shuidheachaidh agus bràithreachais eadar-dhaoine.

Deireadh

 

~~~

Gun Ainm, ‘An t-Ar-am-mach Rùiseach agus na Cumhachdan Sladach’, Guth na Bliadhna (An t-Earrach 1918), 21-31.

Tha mi eadar dà bheachd an e Ruaraidh Arasacain is Mhàirr, a bha os cionn an ràitheachain, a sgrìobh seo no Aonghas MacEanraig a bha tric a’ gleac ri cuspairean poileataigeach den t-seòrsa seo.

Sgrìobh beachd