
bhrùchd thu air an talamh mar bholcàno
— Krakatoa poilitigeach
chuir thu air chrith leth an t-saoghail le do dhéineas
a’ leigeadh dheachdairean fa d’ chomhair mar chuilbh Phompeii;
sgeith thu ar-a-mach thairis air Eòrpa mar shruthan dòthach làbha
a’ sgaoileadh dùil na saorsa mar thòth gharg a’ phronnaisg
ach chuir do mhórchumhachd fo’n daorach thu
’s mhùchadh thu le dìobhairt do ghlóirmhiann féin;
ghradchruadhaich do chridhe caoirleaghte
’s chaochladh làbha d’ ar-a-mach ’na chlach fhuar
gidheadh shnàig thu fhathast air adhart mar éighshruth dhubh
a mhion-phronnadh chnàmhan nan cinneach;
’s an sàs nad bhroinn mar mhamot àrsaidh
chìthear corp rag-reòidhte Stàilinn
’s anaman nan nàisean teann-ghréimichte
’na fhiaclan mar chearbanan-feòir;
’s luaithre d’ shàrbheachdan a’ sìor-thuiteam air
d’ ìompaireachd shàmhach mar shneachd air cladh
bhrùchd thu air an talamh mar bholcàno
— ach thug thu ’m bith linn-eighe
~~~
Chaidh an dàn seo fhoillseachadh ri taobh ‘Laoidh nach e do Leninn’ (tdd 124-125) a tha a’ dol leis, ach saoilidh mi gu bheil ‘Marbhrann’ a’ seasamh leis fhèin. Chìthear gun do nochd iad sa bhliadhna 1977, 60mh ceann-bliadhna Rèabhlaid na Ruise.
Fearghas MacFhionnlaigh, ‘Dà Dhàn’, Gairm 98 (An t-Earrach 1977), tdd 124-126.
Tha an dàn-sa ga sgaoileadh air a’ bhlog seo le cead fialaidh a’ bhàird fhèin. Chan ann leamsa a tha na còirichean.
Faodar barrachd de bhàrdachd MhicFhionnlaigh a leughadh ann an Gairm, no sa chruinneachadh aige, Bogha-frois san Oidhche (Carberry: Handsel Press, 1997).

Hai.
Bu toigh leam a ràdh gu bheil mi làn thoilichte cead foirmealta a thoirt seachad an dàn “Marbhrann” a bhith a’ nochdadh air an làrach-lìn seo.
Cuideachd, a-thaobh dhaoine aig a bheil comas sam bith ann an Gàidhlig na h-Éireann, ghabhainn an cothrom an aire a stiùireadh dhan sàr-obair aig Aindrias Ó Cathasaigh:
DÀ BHIDEO:
“Labhraíonn muid leis an staraí agus scríbhneoir torthúil Aindrias Ó Cathasaigh faoina chuid saothar ar Shéamus Ó Conghaile, Máirtín Ó Cadhain, Karl Marx agus níos mó. Roinneann sé a chuid smaointe linn freisin ar an chaidreamh idir gluaiseacht na Gaeilge agus an eite chlé.“
***
‘Idir dhá chultúr: Impiriúlachas, Éirí Amach agus Teanga sa tréimhse réabhlóideach 1914-18’
***
LEABHRAICHEAN:
‘Réabhlóid na Rúise Leabhar 1’
https://www.litriocht.com/product/reabhloid-na-ruise-leabhar-1/
***
‘Karl Marx – Saothar a Shaoil’
https://www.litriocht.com/product/karl-marx-saothar-a-shaoil/
***
‘Friedrich Engels – Saothar a Shaoil’
https://www.litriocht.com/product/friedrich-engels/
***
Agus iomadach leabhar eile.
***
Mar chuideachadh a-thaobh leughaidh, tha DEAGH FHACLAIR GAEILGE AIR LOIDHNE an seo:
http://www.teanglann.ie/ga/fgb/
***
Is mise le meas,
Fearghas MacFhionnlaigh.
'S toilLiked by 1 duine
Mìle taing dhuibh, a Fhearghais.
Bha còir agam ur sireadh an toiseach. ‘S e dàn air leth a th’ ann.
Dh’aontaichinn leis na thuirt sibh mu obair Ui Chathasaigh. Tha mi leughadh na sgrìobh e mu Phadraic O Conaire an-dràsta. Ach cha robh fiosam gun do dh’fhoillsich e fear ùr. Iongantach!
Gach beannachd,
Tòmas
'S toil'S toil