
Dhomhsa, b’ e an strì an aghaidh a’ chogaidh a bu chudromaiche do na sòisealaich. Bha mi a’ cur taic ris a’ ghluasad ghnìomhachail, ach dh’fheumte seasamh ri uabhas a’ chogaidh an toiseach: bha sinn a’ guidhe agus beò an dòchas gun rachadh againn air iomairt a chruthachadh a chuireadh stad air. Thug strì Iain MhicGhillEathain togail cridhe dhuinn; agus nuair a chaidh sgrìobhainn Zimmerwald a chur an clò a-rithist ann am Breatann, anns an tàinig Lenin agus càch a-mach an aghaidh a’ chogaidh, bha ar dòchas air a dhùsgadh às ùr. Cha robh sinne, ge-tà, ach ag amas air crìoch a chur air a’ chogadh. Cha tàinig e a-steach oirnn rèabhlaid a thogail a-mach às a’ chogadh. Dh’atharraich Rèabhlaid na Ruise ar saoghal gu lèir.
[…]
Fhuair sinn fios mun chiad Rèabhlaid san Ruis anns a’ Ghearran 1917 nuair a bha mi ag obair aig Ceàrdach Pharkhead. Leugh sinn a h-uile aithris mu deidhinn gu cùramach. Bha an fheadhainn a b’ fheàrr air an sgrìobhadh le Phillips Price anns a’ Mhanchester Guardian; b’ esan an co-sgrìobhadair aca air an Ruis agus glè thaiceil ris an Rèabhlaid. Bho na h-altan aige bha e comasach dhuinn obrachadh a-mach dè bha a’ tachairt. Chuir a h-uile duine ach na Tòraidhean a bu ghràineile fàilte air Rèabhlaid na Ruise, ach air iomadach adhbhar. Bha an aon uiread de dh’fhuath aig an Libearalach àbhaisteach air aintighearnas an Tsàr ’s a bha aig na sòisealaich, agus bha aoibhneas mòr orra nuair a chaidh a thilgeil sìos. Ach don Riaghaltas Libearalach ’s e adhbhar dòchais a bh’ ann gun cuirte spionnadh às ùr sa chogadh. Bha ‘roilear-smùide’ na Ruise air tuiteam às a chèile agus bha na saighdearan gun mhisneachd sam bith; bha e deatamach don Riaghaltas againne gum biodh ceannardan ùra os cionn ghnothaichean airson an Ruis a chumail anns a’ chogadh.
Airson cuid mhath den t-sluagh, ge-tà, bha an Rèabhlaid a’ ciallachadh gum faodadh an cogadh tighinn gu crìch. Cha b’ e sòisealaich rèabhlaideach a-mhàin a smaoinich a leithid. Bha fiù ’s an làmh-dheas den Phàrtaidh Làbarach a’ tuigsinn gun robh i mar phàirt de ghluasad na b’ fharsainge airson atharrachadh sòisealta a b’ urrainn ceanglaichean ùr a dhèanamh eadar stàitean agus sìth a rèiteach. Ach bha ùidh shònraichte aig na rèabhlaidich: b’ ann a bha sinne a’ cumail sùil air fear air an robh Lenin.
Thug Lloyd George òraidean seachad mun ‘duine òg iongantach Kerensky’. Chuir sin air shùilean dhuinn nach robh ann an Kerensky ach Lloyd George eile, fìor chealgair, agus gum feumamaid cuideigin eile a shireadh san strì. Fhuair sinn iomradh air Lenin bho Cho-labhairt Zimmerwald, ach cha robh sinn eòlach air gus an do mhìnich Petroff dhuinn tuilleadh mun ghluasad Ruiseach, agus an uair sin bha ainm Lenin a’ tòiseachadh air nochdadh ann an cuid de na h-aithrisean air an Rèabhlaid. Tha cuimhne agam air tionndadh gu Tommy Linden, a bha ag obair ri mo thaobh aig Ceàrdach Pharkhead, agus ag ràdh ris: ‘Sin agad an duine air am feum sinn coimhead’. Bha mòran shòisealach rèabhlaideach den aon bheachd. Bha fios againn nach robh an Rèabhlaid ullamh. Bha teagamhan againn fhìn mu ‘dheamocrasaidh’ na pàrlamaid, agus bha sinn cuideachd a’ dèanamh fiughair gun cuirte Kerensky à cumhachd.
Bha an spàirn air a neartachadh às ùr airson Iain MacGillEathain a shaoradh bhon phrìosan. Thàinig mòr-iomairt dhrùidhteach ri chèile. San Ògmhios 1917, mìos san robh Co-chruinneachadh Comhairlean an Luchd-obrach ’s nan Saighdearan ann an Leeds, chaidh Iain Mòr a leigeil a-mach às dèidh leth den bhinn trì-bliadhna aige a dhèanamh. Thill na h-eagraichean à Srath Chluaidh a chaidh fhuadachadh air an aon mhìos; fhuair Ó Gallchóir a-mach às a’ phrìosan sa Ghearran; agus mar a nochd iad uile a-rithist sa bhaile thug sin càil is treòir ùr don ghluasad.
[…]
Bha mi aig factaraidh A & W Smith nuair a thachair Rèabhlaid Ruiseach na Samhna 1917 agus ghabh na Boilseabhaich cumhachd tro na Sòibhiatan, an cumadh ùr de riaghaltas an luchd-obrach san Ruis. Chaidh na Libearalaich glan às an ciall. Ghabh Churchill cuairt air an dùthaich a’ bruidhinn an aghaidh nam ‘biastan’ Boilseabhach agus chaill an clas-obrach na bha aca riamh de mheas air. Cha sheasadh am Pàrtaidh Làbarach air taobh nam Boilseabhach na bu mhotha. Bha Ramsay MacDhòmhnaill agus a cho-oibrichean, cleas nan Libearalach, a’ cur taic ri Kerensky, ceannard buidheann Mheinseabhach nan sòisealach Ruiseach a bha ag iarraidh ‘Duma’ pàrlamaideach seach na Sòibhiatan.
Nuair a ghairm am Pàrtaidh Làbarach Co-labhairt de ‘Chomhairlean an Luchd-obrach agus nan Saighdearan’ ann an Leeds san Ògmhios 1917 cha b’ e an t-amas a bh’ ann idir rèabhlaid a chur air chois ann am Breatann no tacsa a thoirt do bharrachd atharrachaidhean san Ruis, ach atharrachadh sòisealta gun rèabhlaid. B’ ann a bha iad a’ coimhead air a’ chiad Rèabhlaid Ruiseach mar ghluasad deamocratach bhon bhonn a stèidhicheadh pàrlamaid shòisealach, cha b’ ann a bhith a’ toirt dùbhlan do phàrlamaidean bùirdeasach. Cha mhòr nach do sgaraich an ILP air sgàth na dàrna Rèabhlaid a thug cumhachd do na Boilseabhaich, agus bha iad eadar dà chomhairle mu bhith a’ cur taic ris na Sòibhiatan. Thuig grunn bhall den ILP gun robh an dàrna Rèabhlaid gu tur eadar-dhealaichte, gum b’ ann a bha i a’ cur às do Libearalachd, agus a’ cur às don t-seann seòrsa deamocrasaidh.
Thòisich an fheadhainn rèabhlaideach, a’ gabhail a-steach cuid den ILP, air grèimeachadh air deamocrasaidh an luchd-obrach airson a’ chiad turais. ’S e fosgladh shùilean dhà-rìribh a bha ann an rian nan Sòibhiatan do ghluasad sòisealach Ghlaschu. Bho na h-aithrisean le Phillips Price dh’fhàs sinn eòlach air an t-sluagh-ghairm ‘An cumhachd gu lèir do na Sòibhiatan’ agus fhuair sinn a-mach barrachd mun deidhinn. Thuig sinn gum b’ e comhairlean luchd-obrach agus shaighdearan a bha annta, seòrsa de dh’eagrachadh ùr nan gnàth-bhall, agus chuir na h-uile fàilte air Co-labhairt Leeds san Ògmhios. Ach b’ e an rud nach do thuig cuid an sin, gum b’ e an t-eagrachadh seo cumadh riaghaltas an ama ri teachd. Nuair a ghlaoidh Lenin airson ‘An cumhachd gu lèir do na Sòibhiatan’ b’ ann a bha seo a’ ciallachadh gun robh iad air siostam fèin-riaghladh a’ chlas-obrach a lorg leis am faigheadh iad cuidhteas den t-seann ghràisg. B’ ann an uair sin a thòisich sinn air gabhail a-steach dè bh’ ann an rèabhlaid. Roimhe sin, cha robh sinn eòlach ach air aimhreit an luchd-obrach: b’ urrainn dhuinn a-nis bruidhinn mu dheidhinn cumhachd a’ chlas-obrach.
B’ ann an uair sin a thòisich sinn air gabhail a-steach dè bh’ ann an rèabhlaid. Roimhe sin, cha robh sinn eòlach ach air aimhreit an luchd-obrach: b’ urrainn dhuinn a-nis bruidhinn mu dheidhinn cumhachd a’ chlas-obrach.
Tha fios nach robh a’ mhòr-chuid den luchd-obrach air taobh nam Boilseabhach. ’S e Libearalaich a bha ann am mòran dhiubh, agus bha na Libearalaich ag iomairt airson tilgeil sìos nam Boilseabhach agus tilleadh Kerensky. Ach airson a’ chiad turais bha e comasach do dh’oibrichean àbhaisteach faicinn gum faodadh nithean a bhith air am buannachadh ann an rèabhlaid — agus bha nàdar na sabaid a bha sinn a’ dèanamh ann an Glaschu airson eagrachadh na ceàrdaich ga fhàgail nas fhasa dhaibh a bhith a’ leantainn na bha a’ tachairt san Ruis. Rug sinn air beachd-smaointean Rèabhlaid na Ruise is sgaoil sinn iad, agus fhuair sinn èisteachd nach robh againn roimhe. Bha An Stàit agus Rèabhlaid le Lenin na chuideachadh mòr airson steam a dhèanamh de ghothaichean. Na bu tràithe, bha am beachd aig an SLP airson eagrachadh na ceàrdaich air a chur an aghaidh beachd airson gnìomh na pàrlamaid; bha e follaiseach dhuinn a-nis gum b’ urrainn gach seòrsa gnìomhachd a bhith a’ còrdadh ri chèile.
Às dèidh do na Boilseabhaich cumhachd a ghlèidheadh anns an Ruis dh’ainmich iad Iain MacGillEathain mar Chonsal Ruiseach ann an Glaschu, a’ chiad chonsal Boilseabhach a bha air a shuidheachadh. Bha Lenin mar-thà, anns an Dàmhair 1917, air luaidh a thoirt air Iain Mòr MacGillEathain mar fhear am measg buidheann bheag de dh’fhìor shòisealaich rèabhlaideach a sheas am prionnsabalan rè a’ chogaidh. Aig an aon àm a dh’fheumadh Riaghaltas Bhreatainn rudeigin a ghèilleadh do na Ruisich — le bhith a’ saoradh Petroff agus Tchternine bho bhraighdeanas às dèidh na h-iomairt fhada a bha aig MacGillEathain airson an leigeil a-mach — chuir iad gach bacadh a b’ urrainn dhaibh air a chuid dhleastanasan mar chonsal. Ach an uair ud bha an gluasad air fad air Cluaidh a’ tarraing còmhla a-rithist. Chuir gluasad nan stiùbhardan-ceàrdaich an cèill gu h-oifigeil gun robh iad an aghaidh a’ chogaidh san Fhaoilleach 1918, agus dh’fhàs MacGillEathain agus Willie Ó Gallchóir tòrr na bu dhlùithe ri chèile. Bha MacGillEathain air a mhisneachadh le co-dhùnadh nan stiùbhardan-ceàrdaich; thug sin agus Rèabhlaid na Ruise cruth-atharrachadh air a chuid gnìomhachd.
~~~
Bhon ‘fhèin-eachdraidh’ a sgrìobh Joan Smith stèidhichte air agallamhan a rinn i le McShane. Harry McShane agus Joan Smith, Harry McShane: No Mean Fighter (Lunnainn: Pluto Press, 1978), tdd 86; 89;-89; 93-95.
A’ Ghàidhlig le Tòmas MacAilpein (2017).
