‘Aoir nam Bolsheviks’ le Dòmhnall MacDhòmhnaill (ro 1919)

 

Le dìchioll math o là gu là,
Ag obair tràth is anamoch
’S a’ cur ma seach gach peighinn bhàn,
An àithn’ a dh’fhàg mo sheanamhair;
An uair bhiodh càch a’ pasgadh làmh,
’S a’ cànran taobh a’ ghealbhain,
Bha mise dèanadach a ghnàth;
Is shàbhail mi suim airgid.

An uair bhiodh geòcairean ri pòit
’An tighean-òsd’ ’s air margadh;
A’ cur an cuid ’an éirig stòb;
’S a’ bòilich mu na chaill iad,
Bha mis’ air luing a’ cosnadh stòir,
’S a’ toirt mo lòin bhar fairge:
Is uigh ar uigh, le cùram mór,
Gu’n d’ rinn mi móran airgid.

Thig fear fiasagach le aoibh,
Is foighneachdaich e ’n dràsd mi;
Aig iarraidh orm mo chuid a roinn,
Is leth a’ chroinn ’thoirt dhàsan.
Innsidh e dhomh mar bu chòir
Mo stòras chur a phàigheadh
Gach ainbhfhiach tha air daoine bochd
A tha gun chosnadh làitheil.

’S e chreud an diugh a th’ aig gu leòr
Bhi ’n tòir air cuid an nàbaidh;
Gach leisgean nach do rinn car riamh
Tha ’g iarraidh a bhi ’m pàirt rium;
Ach abaradh gach neach a thoil
Mu’n lòn a th’ anns an t-seòrs’ ud,
Chan abair mise ris na coin,
Ach “Robairean is Mèirlich.”

Rinn mi treabhadh air cùl seisrich,
Is leasaich mi buntàta;
Chuir mi seagal, coirc’, is eòrna,
Is rinn mi móran àitich;
Chuir mi cearcan air ghur
A chuideachadh a’ mhàil dhomh;
Is iarrar orm mo chuid a roinn
Ri sloinntearan gun nàire.

Cho fad ’s a dh’fhanas daoine glic
Bidh meas air fear an dìchill;
Is bidh an leisgean daonnan falamh,
Bochd, gun ràth, gun dìreadh.
Faodaidh am Bolshevik stad
D’ a charan is d’ a mhì-mhodh;
Choisinn mi mo chuid gu ceart,
’S na th’ agam, IS LEAM FHÌN E.

~~~

Dòmhnall MacDhòmhnaill  (1858-1919) à Baile a’ Mhuilinn, Caolas ann an Tiriodh. Chuir e seachad ùine mhath ann an Glaschu na shaor. Rinn e imrich gu Canada agus chun nan Stàitean Aonaichte, a’ tilleadh gu Tiriodh na b’ anmoiche mar chunnradair-togail, an uair sin a’ fuireach ann an Colbhasa. Na bhliadhnaichean deireannach, bha e na ailtire ann an Ottawa gus an d’ fhuair e bàs ann an 1919.

(Am fiosrachadh bho iomradh Eachainn Chamshroin, tdd 289-299).

Dh’fhoillsicheadh an dàn ann an Eachann Camshron, deas,  Na Bàird Thirisdeach: Saothair ar Co-Luchd-Dùthcha aig an Tigh ’s bho’n Tigh (Sruighlea: An Comunn Tirisdeach, 1932), tdd 292-294.

Chaidh corra stràc agus cromag a chur ris an dreach thùsail. [TM]

Sgrìobh beachd