Bithear a’ dèanamh gàirdeachas ri 6-7 Samhain 1917 gu bràth tuilleadh mar bhriseadh-latha do shaorsa nan tràillean-tuarastail — là-breith an t-saoghail ùir ag èirigh a-mach à sprùilleach an t-seann chomainn-shòisealta a bha bonntaichte air spùilleadh, aintighearnas agus air murt coitcheann. Le bhith a’ tighinn còmhla an latha ud agus a’ dì-shealbhachadh uachdarain is calpairean ìmpireachd na Ruise, b’ ann a fhreagair luchd-obrach agus tuath sàraichte na dùthcha gairm Manifesto a’ Phàrtaidh Chomannaich de 1848. Agus a dh’aindeoin ionnsaigh dhian calpairean an domhain dh’fhaodadh iad fiù ’s maireachdainn fada gu leòr airson ’s gum freagair an còrr den chlas-obrach an t-seann ghairm cheudna: “Luchd-obrach an t-Saoghail, Aonaichibh!”
Às dèidh don Fhraing cur às don fhiùdalachd na rèabhlaid chliùitich, thàinig cumhachdan uachdarain na Roinn-Eòrpa agus calpachas Bhreatainn còmhla airson an seann òrdugh a ghlèidheadh. Cha do rinn iad ach dàil a chur air latha buaidh luchd-ceàird agus cosnaichean a’ bhaile. Thàinig calpachas Frangach gu bith air sgàth an tuatha shaoir, air an saoradh mu dheireadh thall bho phlàigh nan uachdaran. A’ breithneachadh air suidheachadh na Ruise air an dòigh as dubhaiche, cha b’ urrainn dhuinn gun co-dhùnadh bho na thachair san Fhraing nach tèid aig siostam nan uachdaran agus calpachas air am freumhachadh fhèin a-rithist ann an ùir Ruiseach a chaoidh tuilleadh.
Bho spreadhadh rèabhlaideach 1905 air adhart gu Rìoghachadh na h-Oillte agus tron chiad leth den chogadh, b’ ann a chuimsich ar companaich Bhoilseabhach gun abhsadh air amas mòr nan daoine an aghaidh cumhachdan eagraichte is dìomhair an Tsàr, agus an aghaidh aineolas agus neo-litireachd sluaigh a bha dhà-rìribh sgapte agus sgaraichte mar thoradh air fìor dhroch dhòighean conaltraidh. Nuair a chaidh rèabhlaid phoileataigeach a’ Ghearrainn 1917 a bhrathadh an toiseach leis na Caideatan, agus an uair sin leis na Rèabhlaidich-Shòisealta agus leis na Meinseabhaich, fo cheannas Kerensky, chòmhraig na Boilseabhaich gus a’ bhuaidh a shàbhaladh, agus b’ e an duais gun do choisinn iad làn-taic nan saighdearan, seòladairean, luchd-obrach agus an tuatha.
Aon uair ’s gun robh iad ann an cumhachd, cha b’ ann a-mhàin gun do sguir iad an cogadh an aghaidh na Gearmailte, ach thòisich iad iomairt dhomhanta gus stad a chur air a’ chogadh uile gu lèir, airson ’s gum buannaicheadh luchd-obrach an t-saoghail cumhachd phoileataigeach agus eaconamach. Fad ’s a bha Trotsky a’ feuchainn ri sìth gun dòchas a rèiteachadh le a chuid nàimhdean-clas às a’ Ghearmailt, aig Brest-Litovsk, bha a chompanaich Ruiseach a’ lìonadh nan trainnsichean Gearmailteach le tagraidhean airson dlùthachd-chlas agus sgur de dh’fhèin-mhurt a’ chlas-obrach airson maith nan calpairean ’s nan uachdaran. Ghlac an tagradh dàna, uasal seo mac-meanma an luchd-obrach Ghearmailtich chun na h-ìre agus gun do bhris miutanaidhean agus stailcean a-mach anns a’ bhad. Sgaoil crìonadh ann am arm na Gearmailte bhon uair sin, agus nam biodh Pàrtaidh Làbarach Bhreatainn air tighinn a-mach às an riaghaltas co-bhoinn an uair sin bhiodh an cogadh air crìochnachadh na bu tràithe na mar a thachair, agus dh’fhaodadh gum biodh luchd-obrach air feadh an domhain air cumhachd a thoirt a-mach.
Biodh sin mar a bhitheas, cha do dh’fhàg na Boilseabhaich leisgeul sam bith aig luchd-obrach eagraichte nan dùthchannan Caidreabhach gun taic a chur ri sìth agus ris an Ruis às dèidh mar a dh’fhoillsich iad gu glic tràthail na cùmhnantan dìomhair coirbte. Tha sinne a tha a’ leantainn ri Boilseabhachd moiteil à oidhirpean neartmhor ar companaich Ruiseach gus crìoch a chur air a’ chogadh agus air calpachas aig an dearbh àm. Anns gach nì a tha ar companaich air a dhèanamh ann am poileataigs dhomhanta tha iad air fìor spiorad an Eadar-nàiseanta a chur an cèill.
Tha an cuid phoileasaidhean taobh a-staigh na dùthcha air a bhith nas drùidhtiche buileach. Bhon toiseach chuir iad an aghaidh ri bhith a’ càradh rathaidean agus rèile gus biadh a ghiùlan bhon dùthaich chun nam bailtean-mòra, bho chrios-gràin a’ chinn a deas chun a’ chinn a tuath nach eil cho torrach. Dh’adhbhraich seo, sa chiad dhol a-mach, ionnsaigh Ghearmailteach air an Ugràin, agus a-nis an creachadh aig Denikin. ’S e amas a’ chordon sanitaire agus iom-chuartachadh Bhreatainn biadh, sìol agus innealan àiteachais a chasg bho bhith a’ faighinn a-steach don Ruis, agus mar sin a bhith a’ piobrachadh dhaoine a bhiodh mean air mhean a’ bàsachadh leis an acras gus tionndadh an aghaidh an riaghaltais Bhoilseabhaich. Tha feadhainn a tha dan rèir fhèin nan ùgharrasan a’ cumail a-mach gu bheil milleanan de chloinn gu slaodach a’ caitheamh air falbh le cion bìdh air sgàth nan gnìomhan diabhalta seo. Agus gu dearbh, bhon fhiosrachadh a tha againn ri làimh mu chàradh na h-Eòrpa agus nan Innseachan faodaidh sinn earbsa a chur gu bheil a leithid de chasaid an ìre mhath ceart.
A dh’aindeoin seo uile, agus ’s dòcha airson a’ chiad turais anns an eachdraidh, cha do dh’èirich sluagh a bha a’ fulang leis an acras nan aghaidh-san a bha ann an cumhachd, agus chan eil iad deònach an saorsa ìobairt airson na tha aig na Breatannaich de dh’aran anns a’ Bhaltic gu am mealladh. Carson? Air sàilleibh ’s gu bheil na daoine air an riaghaltas fhèin a chruthachadh agus gun deach an oideachadh gu domhain ann am prionnsabalan saorsa nan daoine, ge b’ oil leis na cnapan-starra aibheiseach, gum b’ fheàrr leotha an dùthaich fhèin a dhìon chun a’ bhàis na bhith a’ gabhail ri aran tràilleachd-thruaillte maoin-fhlaitheas Bhreatainn.
Tha luchd-ionaid Caidreabhach agus ceannaircich air feuchainn ri ceannardan Boilseabhach a mhurt agus frith-rèabhlaid a thòiseachadh. Tha mar a dh’fhàillig orra sin a dhèanamh na dhearbhadh gu bheil na daoine deimhinne gu bheil Boilseabhachd gu math dhaibh. Às dèidh sin, tha riaghaltasan calpach Caidreabhach air beachdan an t-saoghail a shalachadh le breugan nimheil mun Ruis. Tha iadsan, a tha a’ cumail biadh bho leinibh Ruiseach, le iom-chuartachadh, gus am bàsaich iad a’ cur às leth ar companaich gu bheil iad nam murtairean, bhon a chuireadh corra neach-brathaidh gu bàs! Tha fios gun robh còir aig an iomairt dhomhanta shuaraich seo taic fhaighinn airson mar a tha an Ruis ga mùchadh le dùthchannan cèine, gnothach a tha an-dràsta a’ tighinn gu àirde gun chiall. Ach leis nach eil na stàitean ri a taobh deònach ionnsaigh a thoirt air an Ruis — eadhon fo smachd Breatannach agus Gearmailteach — agus gum feum an t-sabaid a bhith ga dèanamh ann an dà-rìribh le saighdearan aindeonach, co-sgrìobhte nan “cumhachdan bèisteil”, is lèir gu bheil freumhaichean domhain agus bunait sheasmhach, leathann aig Boilseabhachd.
Glacadh Breatann Petrograd fhèin. Cha rachadh aice air a glèidheadh an aghaidh làn-bharail nan cinneach Ruiseach. Dh’fhàillig oirre Èirinn a smachdachadh an ath dhoras ged nach biodh ann den t-sluagh reubaltach ach mun dàrna leth de shluagh Lunnainn. Tha ar-a-mach ann an Èirinn a’ sìor fhàs a h-uile latha. Tha an aon ar-a-mach a’ sgaoileadh ann an Afraga a Deas, san Èiphit, agus anns na h-Innseachan. Nas cudromaiche, tha ar-a-mach a’ togail a chinn uasail fiù ’s ann am Breatann. Tha mar a dhiùlt Bonar Law a bhruidhinn mun eagrachadh dhìomhair sin air a bheil Geàird nan Saoranach (Geàird Dhubh Bhreatainn) mar fhianais gu bheil eagal am beatha a’ fàs air na spùinneadairean ron spiorad Bhoilseabhach a tha a’ sgapadh mar fhalaisgear bho fhuair an NUR buaidh air an riaghaltas ud aig a bheil gach beus calpach. Chan eil soirbheachadh Tom Mann agus ionnsaigh ùr nam mèinnearan ach nan comharran air spiorad an ar-a-mach agus na saorsa a tha ma sgaoil nar dùthaich dhùsalaich.
Tha luchd-obrach Aimeireaga a’ bagairt cuideachd, agus bidh iad tòrr nas luaithe air gluasad na luchd-obrach Bhreatainn, is iad gun uallach thraidiseanan agus leis mar a tha Gompers agus an AFL air feuchainn ri an neart a bhacadh gu ruige seo. Mar a bha nàdarra, fhuair an t-sabaid Albannach san Fhaoilleach a freagairt ann an Canada, dùthaich san do rinn na h-uiread de dh’Albannaich an dachaigh. Agus, mar a bha dùil, tha oibrichean Aimearaganach ri linn seo a’ tòiseachadh air an Iomairt Mhòir aca fhèin.
Anns gach àite ’s e eisimpleir na Ruise a tha a’ toirt spionnadh thar tomhais. Air feadh an domhain tha luchd-obrach a’ dèanamh cheanglaichean ri càch a chèile, tha iad ag ullachadh agus a’ dealbhachadh airson na còmhraig mu dheireadh de chogadh nan clasaichean. Tha sannt nan calpairean Breatannach, air a bhiathadh le farpais nan Aimearaganach airson margaidhean an t-saoghail, gan greasadh gus airgeadh a chur ann an gnìomhachas agus dearmad a dhèanamh air an dleastanasan don riaghaltas. Tha meudachadh fiachan na dùthcha a’ toirt air an riaghaltas tuilleadh bhilean agus nòtaichean a chur a-mach agus subsadaidh an arain a thoirt air falbh. ’S ann a tha prìsean ag èirigh agus leanaidh iad orra ag èirigh. Ann an ùine nach bi fada bidh màl agus ràtaichean a’ dìreadh chun nan speuran fhèin….
Gabhamaid misneachd mhòr, ma-thà, bho strì chalma ar companach anns an Ruis, agus bhon dlùthachd a tha a’ fàs am measg an t-sluaigh rèabhlaidich le Beurla. Geallamaid gun dèan sinn sabaid gun abhsadh gus an toir sinn a-mach a’ bhuaidh ann an àm airson an ath sheachdamh latha den t-Samhain a bhith air a chomharrachadh le muinntir an t-saoghail gu lèir fo bhratach dhearg saorsa, co-ionnanachd agus bràithreachas a’ chinne-daonna.
~~~
John MacLean, ‘On with the revolution!’ (The Call, 6 Samhain 1919), ann an John MacLean; Nan Milton deas., In the Rapids of Revolution: Essays, Articles and Letters, 1902-1923 (Lunnainn: Allison & Busby, 1978), tdd 211-214.
(Ri fhaighinn air-loidhne ann an cruth rud beag eadar-dhealaichte an seo.)
A’ Ghàidhlig le Tòmas MacAilpein (2017).
